Gach bliadhna, thèid mi air safari rèile eadar an Nollaig agus a’ Bliadhna Ùr. Am-bliadhna, tha mi a’ dol a lorg big game aig gala diosail an Severn Valley Railway ann an Warwickshire.
Cho-dhùin mi a dhol ann a chionn ’s nach robh mi aig an rathad-iarainn roimhe agus a chionn’s gum bi locothan dìosail mòra ann – Deltic agus Peak (Clas 46) am measg eile. A bharrachd air sin, tha e a’ toirt dhomh leisgeul a dhol air a’ Chadalaiche – an Caledonian Sleeper – gu Birmingham, seirbheis a thòisich aig toiseach 2026.
Deltic ann an Inbhir Theòrsa
Tha an SVR a’ ruith eadar Kidderminster agus Bridgnorth le ceangal ann ris an lìonra nàiseanta agus Kidderminster. Tha e air aon de na rathaidean-iarainn glèidhte as fhaide (c14 mìle) agus as clùitiche ann an Sasainn.
Tha rèile-beinne ainmeil ann am Bridgenorth cuideachd agus tha mi airson sin fhaicinn cuideachd.
Thug mi sùil air duilleag Wiki Kidderminster feuch an robh rud sam bith ri fhaicinn no ri dhèanamh ann no an robh eachdraidh inntinneach aig a’ bhaile. Às dèidh dhomh a leughadh, tha e coltach nach eil dad inntinneach, cudromach no eachdraidheil mun bhaile idir. Feumaidh gur e Eaglais Bhreac Shasainn a th’ ann!
A’ bruidhinn air bailtean gun tur, bidh agam ri dhol gu Dail Mhòr gus an Cadalaiche a ghlacadh gu deas. ‘S e Cadalaiche na Gàidhealtachd a-mhàin a tha a’ dol gu Birmingham agus mar sin, ma tha thu ag iarraidh a dol eadar Glaschu is Birmingham, feumaidh tu a dhol air bòrd ann an stèisean eile nas fhaide a tuath. ’S e Sruighlea no an Dail Mhòr as fhaisg agus as fhasa. Cha robh rùm sam bith air fhàgail ann an Sruighlea air an t-slighe ann agus bha e tòrr na bu daoire air an t-slighe air ais is mar sin, tha mi a’ dol ann taobh na Dalach Mòire.*
Tha An Dail Mhòr daonnan a’ toirt orm gaireachdainn mar thoradh air ainm. Nuair a chaidh soidhnichean Gàidhlig a chur suas air loidhine na Gàidhealtachd an iar an tòiseach anns na 90an, ‘s e Dail Mhoire a bh’ air. An uair sin, dh’atharraich Ainmean-àite na h-Alba an t-ainm dhan Dail Mhòr nuair a chaidh na soidhichean ùrachadh. Bha an co-dhùnadh stèidhichte air rannsachadh air tùs an ainm ach ma bha thu riamh faisg air stèisean Dail Mhòr (a tha air iomall Bruach Chluaidh ann an àite garbh am measg flataichean high rise) bidh fios agad nach eil coltas naomh air an àite idir! Gu dearbha, ’s e an seòrsa àite a th’ ann far nach biodh tu airson a bhith nad shuidhe a’ feitheamh ri trèana caidil anmoch air oidhche dhorcha fhuar mar a bhios mi fhèin a dh’aithghearr!
Duilich do bhròinean/bròineag sam bith a tha a’ leughadh seo san Eaglais Bhric!
Alasdair
* Cha bhi an aon trèan a’ dol tron Dàil Mhòr agus Sruighlea. Tha aon mheur den trèana a’ tighinn às a’ Ghearasdan, le meur eile a’ tighinn a’ Inbhir Nis agus meur eile à Obar Dheathainn. Bidh iad a’ tighinn còmhla ann an D.È agus an uair sin a’ dol sìos gu Lunnainn mar aon trèana. Bha rùm air an trèana às a’ Ghearasdan ach chan ann air an trèana à Inbhir Nis.
Rè àm a’ ghlasaidh-sluaigh bho chionn 5 bliadhna no mar sin, bha mi an dùil sreath de bhlogaichean a sgrìobhadh mu na rathaidean-iarainn ann am Ibrox is Baile a’ Ghobhainn. Tha mi a’ fuireach faisg air an sgìre agus choisich mi ann gu math tric air na cuairtean-làitheil agam, gu h-àraid leis gun robhar a’ dèanamh deuchainnean air trèanaichean ùra an t-Subway aig an àm.
Trèanaichean ùra air trac deuchainn an t-subway, Ibrox 2023. A’ coimhead gu tuath bho Dhraibh Edmiston
Aig a’ cheann-thall, bha mi cho trang le obair agus le bhith a’ cuideachadh mo nighean le obair sgoile is nach robh cothrom agam cus a sgrìobhadh agus leis an fhìrinn innse, bha “an cù dubh” – trom-inntinn – a’ cur orm cuideachd aig an àm. Mar sin, cha do sgrìobh mi aig a’ cheann thall ach aon phost mu thramaichean smùid Bhaile a’ Ghobhainn.
Ach cheannaich mi seann iris no dhà de Scottish Transport agus seann mhapa de Bhaile a’ Ghobhainn bho 1909 agus chuir mi grunn teachdaireachdan suas air buidhnean Facebook coimhearsnachd ann am Baile a’ Ghobhainn. Agus Disathairne sa chaidh, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Rathaidean-iarainn na h-Alba ann am Bo’ness gus dealbh a thogail a chuideachadh mi gus crìoch a chur air a’ phost bloga mu dheireadh thall!
Tron ghlasadh-sìos, bhithinn a’ coiseachd suas is sìos Helen Street, a’ coimhead eadar na h-ionadan gnìomhachais feuch am faighinn sgeul air na trèanaichean ùra agus iad a’ gluasad!
Uaireannan chunnaic mi na seann trèanaichean cuideachd!
Chan fhaicear trèanaichean Subway Ghlaschu os cionn na talmhainn cho tric sin – ach bha cothroman air leth ann eadar 2020 agus 2024 nuair a bhathar a’ dèanamh deuchainnean air na trèanaichean subway ùra.
Rinn iad deuchainnean air na trèanaichean air trac deuchainn an t-subway, eadar an depot sa Bhroomloan agus seada ùr faisg air an rathad-iarainn mòr eadar Glaschu is Pàislig.
Trac deuchainn an t-subway bhon drochaid air Draibh Edmiston, 2008
Chaidh an trac seo a chur air dòigh an tòiseach aig deireadh nan 1970an gus deuchainnean a dhèanamh air na trèanaichean ùra nuair a chaidh an siostam ùrachadh eadar 1977 agus 1980. Nuair a bha mi a’ fuireach san sgìre an toiseach, cha robh e ga chleachdadh tuilleadh, mar a chithear bhon dealbhan seo a thog mi bho chionn 17 bliadhna.
Chithear an t-eadar-dhealachadh leis an dealbh seo bho 2021.
Sealladh bhon aon drochaid, 2021Chithear trac deuchainn an subway san latha an-diugh an seo.
Ach chan ann leis an fho-thalamh a bha an loidhne seo bho thùs, agus gu dearbh, bha e ann mus robh an subway fiù ’s ann! Eadar 1868 agus 1966 bha rathad-iarainn àbhaisteach ann. B’ e seo meur-loidhne Bhaile a’ Ghobhainn a chaidh a thogail mar phàirt de Cho-rathaid-iarainn Ghlaschu is Phàislig.*
Bha an loidhne seo gu math goirid, mu mhìle a dh’fhaide eadar ceann-rèile ann an Ibrox (Ibrox East agus Ibrox West) agus Baile a’ Ghobhainn le dà stèisean – Ibrox agus Baile a’ Ghobhainn – agus grunn taobh-loidhnichean a’ frithealadh diofar ghnìomhachasan.
Seo mapa den loidhne:
Cha robh stèisean Bhaile a’ Ghobhainn ro shoirbheachail a thaobh luchd-siubhail. ‘S e an duilgheadas a bu mhotha a bh’ ann gun deach fhosgladh dìreach beagan bhliadhnaichean mus deach tramaichean agus am fo-thalamh a thogail. Bha an dà chuid a’ toirt seachad slighe nas dìriche do mheadhan a’ bhaile air cosgais na b’ ìsle.
A rèir wikipedia, bha stèisean Baile a’ Ghobhainn dùinte do luchd-siubhail eadar 1 Iuchar 1875 and 1 Màrt 1880, eadar an Giblean 1899 agus an Cèitean 1902, agus eadar an Cèitean 1906 agus am Faoilleach 1911. Dhùin i do sheirbheisean luchd-siubhail mu dheireadh air 9 Cèitean 1921.
A dh’aindeoin sin, bha an loidhne na bu shoirbheachaile airson seibheisean bathar agus mhair stèisean Bhaile a’ Ghobhainn mar stèisean bathair gu 1966. Bha an loidhne a’ frithealadh grunn diofar ionadan gnìomhachais. Nam measg, bha gàradh-iarainn Fairfield agus bha ceangal rèile eadar Fairfield’s agus an stèisean. Bhiodh einnsein beag dealanach a’ ruith air Rathad Bhaile a’ Ghobhainn air an t-slighe trama eadar an gàrradh-iarainn agus an stèisean. Tha dealbhan de stèisean Bhaile a’ Ghobainn gu math tearc. Lorg mi an dealbh seo agus chuir mi tro AI e gus a dhènamh na bu shoilleire. Chithear loco Fairfields san dealbh.
Seo e às dèidh beagan obair sgeadachaidh:
Tha an loco beag seo a-nis air a ghleidheadh ann an Taigh-tasgaidh nan Rathaidean-iarainn Albannach ann am Bo’ness agus chaidh mi ann gus fhaicinn bho chionn beagan làithean.
Chan eil e furasta obrachadh a-mach dìreach far an robh an stèisean leis gu bheil an sgìre air atharrachadh an uiread bhon uair sin. Ach a’ cleachdadh seann dealbhan, tha e follaiseach gun robh e ri taobh Rathad Bhaile a’ Ghobhainn faisg air Crois Bhaile a’ Ghobhainn.
Chithear far an robh cinn nan àrd-ùrlaran air a’ mhapa seo. ‘S e an loidhne a tha a’ leantainn air adhart dhan iar-deas an t-slighe trama gu Fairfields a bhiodh an loco beag dealanach a’ cleachdadh airson a dhol air an rathad.
Làrach àrd-ùrlaran an stèisean an-diugh
San dealbh seo, chithear an aon tùr air talla na h-eaglais sa chithear san dealbh gu h-àrd. Tha stèisean bus agus an t-slighe a-steach ùr dhan stèisean subway a chaidh a thogail sna 1970an air an làraich a-nis agus chaidh rathad a thogail a tha a’ dol tarsaing air an làraich bho iar gu ear bhon uair sin (Sràid Ghoillspidh).
Chithear cho mòr ’s a bha stèiean bathair Bhaile a’ Ghobhainn bho na dealbhan adhair seo a fhuair mi air urbanglasgow:
Ach ged a tha àrd-ùrlaran an stèisean air falbh a-nis, tha tòrr de na toglaichean agus tòrr den bun-structar ceangaitle ris fhathast ann agus fhathast ga cleachdadh airson rathaidean-iarainn ach leis an t-subway. seach leis an rathad-iarainn nàiseanta.
San t-seann subway, cha robh ceangal rèile ann eadar na tunailean agus an t-uachdar agus airson trèanaichean a thoirt a-mach às na tunailean, bha iad air an togail bhon trac le crann. Chan e siostam ciallachach no èifeachdach. Mar sin, aig deireadh nan 1970an nuair a bhathar ag ath-thogail an t-subway, chaidh rampaichean a thogail gus na trèanaichean a thoirt a-mach is a-steach do na tunailean agus chaidh depot a thogail os cionn na talmhainn a tha a’ cleachdadh tòrr den làraich aig seann stèisean Bhaile a’ Ghobhainn.
Abair sgeulachd! Rathad-iarainn a chaidh a thogail ach a dhùin, a chaidh ath-fhosgladh mar phàirt de ath-nuadhachadh an t-subway fichead bliadhna às dèidh sin agus a bha sàmhach airson 40 bliadhna, a bha gu math trang airson 3 no 4 bliadhna airson trèanaichean ùra bho chionn ghoirid agus a tha a-nis sàmhach a-rithist!
Bidh e inntinneach faicinn dè thachras le meur loidhne Bhaile a’ Ghobhainn a-nis.
Alasdair
*Tha co-rathad-iarainn no joint railway a’ ciallachadh rathad-iarainn a tha air a ruith le còrr is aon chompanaidh. Tha tòrr co-rathaidean-iarainn ainmeil ann, leithid an Somerset and Dorest Joint Railway. Bha Co-rathad-iarainn Ghlaschu is Phàislig air a ruith leis a’ Chaledonian agus an Glasgow is South Western.
Ann an 1960, chaidh an trèana smùid mu dheireadh a thogail airson lìonra rèile Bhreatainn – an Evening Star. Ochd bliadhna às dèidh sin, ruith an trèana smùid mu dheireadh aig BR.
Tha linn nan dìosalan a-nis a’ tighinn gu crìch cuideachd. Ann am beagan bhliadhnaichean, tha a h-uile coltas ann nach bi ach trèanaichean dealanach againn.
Saoilidh mi gu bheil sinn a-nis air 1960 a ruigsinn ann an sgeulachdan nan dìosalan agus nach tèid an còrr a thogail, ged a bhios iad againn fad iomadh bliadhna fhathast.
Dh’fhaodte gun tèid beagan trèanaichean dà-mhodhach a thogail fhathast a bhios dealanach agus le einnsein dìosail cuideachd – ach le cho luath ’s a tha an teicneòlas a’ tighinn air adhart, chan eil e idir cinnteach gum bi feum orra ro fhada.
Dh’fhoillsich an Riaghaltas gun deach trèanaichean dealanach dà-mhodhach ùr a cheannach airson Trans Pennine Express bho chionn ghoirid. Seo sgeulachd a’ BhBC mu na trèanaichean ùra. Bidh an dà chuid pantografan agus bataraidhean aig na trèanaichean spaideil ùra seo agus cha bhi einnseanan dìosail aca idir.
Dealbh aig Alstom air a’ choltas a dh’fhaodadh a bhith air na trèanaichean ùra
Tha Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn air a bhith ag amas air lìonra beag-carboin fad greis a-nis ach bha aon rud a’ cur bacadh orra – cho daor ’s a tha e uèirean dealain a chur an àird.
Tha iad an dòchas a-nis gun lìon na trèanaichean ùra le bataraidhean na beàrnan far nach eil loidhnichean dealain ann. Togaidh iad iad teàirrds fon na uèirean agus ruithidh iad air na bataraidhean ann an àiteachan eile.
Thathar air deuchainnean a dhèanamh air trèanaichean bataraidh sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus tha iad a-nis a’ ruith seirbheisean air pàirt de loidhne a tuath aig Merseyrail, agus meur-loidhne Greenford ann an Lunnainn (GWR). ’S e a th’ annta seo uile, ge-tà ach meur-loidhnichean goirid le trèanaichean gu math slaodach.
Gu ruige seo, cha robh an teicneòlas math gu leòr airson seirbheisean fada luath air a’ phrìomh loidhne. Tha an teicneòlas a’ sìor dhol am feabhas, ge-tà agus bidh na bataraidhean a’ lìonadh nas sgiobalta agus bidh na trèanaichean a’ dol nas fhaide is nas luaithe na bha agus tha iad a-nis comasach air seirbheisean prìomh loidhne a ruith.
Ged nach do dh’òrdaich ScotRail trèanaichean bataraidh dealanach fhathast, tha Còmhdhail Alba trang a’ dealanachadh loidhnichean ann am Fìobh agus loidhne nan Crìochan air an son. Is e dealanachadh breac no partial electrificaton a chanar ri seo. Thèid uèirichean a chur suas ach cha bhi an loidhne air fad air a dhealanachadh agus bidh na trèanaichean a ruith air bataraidhean eadar na uèirean.
’S e deagh naidheachd a tha seo gun teagamh – ach tha e a’ togail ceist no dhà.
Sa chiad dol a-mach, tha eagal air cuid gun cuir seo bacadh air a bhith a’ cur uèirean dealain suas agus air a bhith a’ lìonadh bheàrnan air an lìonra far am biodh uèirean feumail.
Tha e nas saoire a bhith a’ cleachdadh bhataraidhean an àite a bhith a’ dealanachadh nan loidhnichean ach chan eil e buileach cho uaine; agus nas cudromaiche chan eil bataraidhean freagarrach airson trèanaichean bathair fhathast. Tha trèanaichean bathair gu tric tòrr nas truime agus chan eil bataraidhean air an ìre sin a ruigsinn fhathast. A bharrachd air sin, aig an àm seo co-dhiù, tha trèanaichean bataraidh tòrr nas daoire na trèanaichean a tha a’ cleachdadh uèirean agus às dèidh greis, bidh an Riaghaltas air barrachd a chosg air trèanaichean bataraidh na bhiodh e air cosg gus na uèirean a chur suas agus gus trèanaichean dealanach àbhaisteach a cheannach.
Tha ceist ann cuideachd mu loidhnichean fada a tha fad air falbh bho dhealanachadh sam bith. Seo loidhnichean mar Loidhne na Gàidhealtachd an Iar, Loidhne a’ Chaoil agus Loidhne a’ Chinn a Tuath. Chan eil bataraidhean comasach na seirbheisean seo a ruith fhathast. Agus tha na trèanaichean air na loidhnichean seo uile gu math sean a-nis – chaidh an togail aig meadhan/deireadh nan 80an agus tha iad feumach air ùrachadh ach chan eil planaichean aig an Riaghaltas gus trèanaichean ùra fhaighinn fhathast.
Saoil am bi teicneòlas nam bataraidhean nas fheàrr mus tuit na 156s agus 158s air a’ Ghàidhealtachd às an cèile no am bi aig an riaghaltas ri trèanaichean dà-mhodhach le bataraidhean agus einnsean dìosail a cheannaich san eadar-àma?
Clas 158 aig Georgemas, Loidhne a’ Chinn a Tuath – dè cho fada ’s a mhaireas na seann ghaisgich seo?
Bhathar a’ moladh trèanaichean haidridein airson nan loidhnichean seo uair, ach ann an deuchainnean tha trèanaichean haidridean air a bhith gu math cosgail agus neo-earbsach agus mar sin, tha a h-uile coltas ann nach tachair sin. Air an làimh eile, ma thèid againn air a h-uile trèana aig ScotRail agus Great British Rail ann an Alba a ghluasad gu dealain, ach a-mhàin an fheadhainn air na loidhnichean fada air a’ Ghàidhealtachd a dh’ainmich mi gu h-àrd, sin dìreach mu 12 – 20 trèanaichean dealanach san latha agus tha iad a’ cleachdadh nas lugha de dhìosail an urra na làraidhean co-dhiù. Cha bu chòir dhuinn cus dragh a dhèanamh mu dheidhinn nan eimiseanan sin – chanainn gur e an rud as cudromaiche gum bi trèanaichean tarraingeach, ùr-nodha agus earbsach againn air na loidhnichean sin agus oidhirpean a dhèanamh gus carbon a ghearradh ann an raointean eile.
Ged a b’ fheàrr leam tòrr a bharrachd loidhnichean làn-dhealanach a bhith ann, ’s e adhartas mòr a th’ anns na trèanaichean bataraidh agus tha mi a’ cur fàilte orra. Tha mu 76% de na tursan rèile ann an Alba nan tursan dealanach agus nuair a bhios Cearcall Fìobh agus Loidhne na Crìochan dealanach, feumaidh gun cuir sin na figearan pìos nas àirde na 80%.
Bha an turas rèile smùid mu dheireadh ann an 1968. Saoil cuine a bhios an turas dìosail mu dheireadh ann am Breatainn – 2038 airson trèanaichean dìosal? 2058 airson trèanaichean dà-mhodhach le dìosal is dealain? Chì sinn!
Thòisich an latha agam gu math gu math tràth le tagsaidh aig 03:40. Bha mi a’ dol dhan phort-adhair ach an àite a bhith a’ dol ann gu direach, dh’obraich mi a-mach gum biodh e na bu shaoire a dhol gu Stèisean Bus Bhochannan agus am bus fhaighinn a-mach dhan phort-adhair.
Bus puirt-adhairt Ghlaschu
Tha mi seachd sgìth de mar a tha e a’ cosg tòrr a bharrachd a dhol dhan phort-adhair – air modh còmhdhail phoblach sam bith na turas sam bith eile den aon astar. Agus gu dearbha, chan eil e saor a dhol ann sa chàr nas motha!
A rèir Google, tha 5.7 mìle ann eadar an taigh agus stèisean nam bus agus 6.4 mìle eadar an taigh agus am port-adhair. Chosg an tagsaidh gu stèisean nam bus £15 ach bhiodh e air £34 a chosg dhan phort-adhair – eadar-dhealachadh mòr ann an cosgais airson turas dìreach 0.7 mìle nas fhaide! Mar sin, bha e na bu shaoire a dhol cha mhòr 6 mìle an taobh ceàrr gus bus fhaighinn na bhith a’ dol ann gu dìreach. Le faradh a’ bhus aig £11, chosg e £26 seach £34. Tha an t-àm ann rudeigin a dhèanamh mu na companaidhean puirt-adhair prìobhaideach agus an sgiùradh prìs (price gouging) aca.
Nuair a ràinig mi stèisean nam bus, bha e loma-làn daoine a bha air tighinn a-mach às na clubaichean oidhche agus bu mhise cha mhòr an t-aon duine a bha sòbarrach agus air an robh aodach gu leòr. Fhuair mi bus luath 500 dhan phort-adhair aig 04:00, a tha a-nis air a ruith le busaichean dealanach spaideil ùra.
Cha b’ fhada gus an robh mi sa phort-adhair le cofaidh agus leabhar (Bho Pheairt gu Hiort le Iain Mac an Tàilleir – abair leabhair!) Dh’fhalbh an plèana agam air an uair aig 06:05. Bha sinn uile air bòrd gu math tràth ach bha am pìleat a’ gearan mu luchd-obrach Smachd Trafaig Adhair ann an Cathair Bheul Feirste air an intercom – “cha bhi iad a’ tòiseachadh gu 06:30 agus ma bhios sinn ann tràth, bheir iad oirnn a dhol timcheall is timcheall uair is uair gus am bi iad deiseil ar leigeil sìos!“
A’ dol air bòrd
Ri mo thaobh bha buidheann de bhoireannaich a bha air splaoid. Cheannaich iad dà bhotal beag de phrosecco an urra. Leis nach robh iad a’ reic rudan gus an robh am plèana aig àirde cruising, cha robh ach mu 10 mìonaid aca gus an òl – ach ’s ann a rinn iad a’ chùis aig a’ cheann thall!
Mar a bha e, bha sinn os cionn a’ phuirt-adhair aig mu 06:30 agus thug Smachd Trafaig Adhair Bheul Feirste oirnn a dhol timcheall co-dhiù agus bha am pìleat a’ gearan mu dheidhinn sin cuideachd!
Nis, tha dà dhòigh ann airson a dhol eadar Port-adhair Bheul Feirste agus meadhan a’ bhaile air còmhdhail phoblach. Tha bus ann gu meadhan a’ bhaile agus tha trèana ann bho Stèisean Shuideanam (Sydenham) faisg air làimh.
Tha meanbh-bus an-asgaidh ann eadar doras a’ phuirt-adhair agus an drochaid thairis air Seach-rathad Shuideanam ri taobh an stèisean. Gus a ghairm, tha putan ann aig stad a’ bhus. Phut mi e thuirt an duine gum biodh e ann taobh a-staigh 5 mionaidean – agus is e a bha.
Stèisean Shuideanam – thog mi an dealbh air ais ann an 2019
Tha mi toilichte gu bheil am bus sin ann oir tha e doirbh do slighe a lorg ann – chan eil an t-slighe coiseachd uamhasach fhèin furasta ri lorg no snog. Tha i air a chuairteachadh le feansaichean cuideachd le soidhnichean rabhaidh orra (“na rach thairis air seo no thèid do chur an greim mar cheannairceach”, “cunnart rabies” is mar sin air adhart!)
Is dòcha nach bi an trioblaid seo ann fada, ge-tà, oir mar phàirt de sgeama gus am port-adhair a leudachadh is a sgeadachadh, tha planaichean ann gus stèisean ùr a thogail aig a’ phort-adhair fhèin, mu 1km air falbh bho stèisean Shuideanam.
Bha sinn ri taobh na drochaid aig 07:06 agus bha mo thrèana gu bhith ann aig 07:07. Ruith mi thairis air an drochaid aig peilear mo bheatha is ghlac mi an trèana – dìreach! Beagan mhionaidean às dèidh sinn, bha an trèana a’ tighinn a-steach gu Mórstáisiún Lárnach Bhéal Feirste no Belfast Grand Central.
Seo stèisean spaideil mòr ùr a dh’fhosgail ann an 2024. Chaidh e an àite Stèisean Mòr-shràid Bhictoria agus an Eorpa Bus Centre. Tha co-òrdanachadh nas fheàrr ann eadar bus agus trèana agus tha barrachd àrd-ùrlaran bus agus trèana ann. Tha 26 àrd-ùrlaran bus agus 8 àrd-ùrlaran rèile ann uile gu lèir. Bidh na trèanaichean eadar Beul Feirste agus Baile Atha Cliath a-nis a’ cleachdadh Grand Central ann am meadhan a’ bhaile seach a bhith a’ cleachdadh Lanyon Place (air an robh Belfast Central roimhe) a tha caran iomallach.
Clas C3K, Grand Central
Ciamar a bha mi a’ pàigheadh airson seo uile? Le cairt iLink Zone 4 “Freedom of Northern Ireland” is urrainn dhut a dhol air a h-uile seirbheis còmhdhail phoblach ann an Èirinn a Tuath air fad. Fhuair mi cairt airson Èirinn a Tuath air fad airson latha – ach gheibhear iad airson diofar shònaichean no diofar amannan. Chosg e £19 agus leis a sin, chaidh mi air 4 tursan bus agus 4 tursan trèana. Mar sin, chanainn gur e bargan a th’ bh’ ann.
Carson a bha mi ann an Èirinn? Airson a dhol gu Gala nan Dìosailean aig Iarnród Dhún Pádraig agus Chontae an Dúin. Ach leis nach robh an tachartas gu bhith a’ tòiseachadh gu 11:30, bha mi airson beagan a bharrachd den dùthaich fhaicinn.
Cha robh mi riamh san Iúr (Beurla: Newry) is mar sin, chuir mi romham a dhol ann air an trèana agus an uair sin, bus fhaighinn eadar an An Iúr agus Dùn Pàdraig.
Ghabh mi an trèana eadar Beul Feirste agus Baile Ath Cliath aig Grand Central agus bha i gu math làn. Aig Port an Dúnáin thàinig tòrr dhaoine eile air bòrd agus nuair a ràinig sinn an tIùr fhèin, chaidh tòrr a bharrachd dhaoine eile air bòrd.
Tha stèisean an rathad-iarainn pìos a-mach às an Iùr fhèin agus tha an rathad dhan bhaile caran cas is mar sin, tha bus shuttle an-asgaidh aig Translink a bhios a’ dol eadar stèisean nam bus ann am meadhan a’ bhaile agus an stèisean rèile gus coinneachdh le gach trèana. Tha an aon rud fior ann an Doire cuideachd far a bheil bus an-asgaidh ann bho stèisean nam bus agus an stèisean rèile a tha pìos air falbh. Bhiodh busaichean mar seo air an taobh seo den mhuir math cuideachd. Gu tric, nì daoine turas fada ann an càr an àite còmhdhail phoblach mar thoradh air mìle aig deireadh na slighe nach eil goireasach le còmhdhail phoblach. Mus tàinig na busaichean Ember air a’ Ghàidhealtachd, mar eisimpleir, bhiodh iomadh duine a’ dràibheadh fad na slighe eadar meadhan na h-Alba agus Arcaibh a chionn ‘s nach robh ceanglaichean bus goireasach ann airson an turas goirid eadar stèisean Inbhir Theòrsa agus port nan aiseagan ann an Sgrabastal.
Bha mi ann an Doire bho chionn ghoirid agus shaoil mi gun robh an tIùr gu math coltach ri Doire na choltas – le toglaichean eachdraidheil brèagha agus abhainn ann am meadhan a’ bhaile. Cha robh gu leòr tìde agam ann gus deagh shùil a thoirt air a’ bhaile, ach chòrd na chunnaic mi rium gu mòr – feumaidh mi a dhol air ais.
Gu tric, nuair a tha daoine a-mach air stèiseanan bus, chan eil ann ach àiteachan pàrcaidh do na busaichean agus fasgaidhean ma tha thu fortanach. Mar as trice, tha iad fuar is fliuch agus chan iad idir tarraingeach. Ann an Èirinn a Tuath, tha iad gu tric nan stèiseanan ceart le toglaichean agus goireasan agus tha sin fior mu Stèisean Bus an Iùir – tha togalach mòr spaideil ann le cafaidh, suidheachain, book swap, taighean-beaga glan, oifis nan tiocaidean agus clàran fiosrachaidh dealanach mu na seirbheisean bus uile. Bha an aon rud fìor ann an Aontroim agus Dùn Phàdraig far an robh mi nas anmoiche air an latha cuideachd. Nam biodh stèiseanan bus ceart mar seo ann am barrachd bhailtean ann an Alba, tha fios gun cleachdadh barrachd dhaoine còmhdhail phoblach.
Bha e a-nis mu 10:30 sa mhadainn agus bha mi air leth feumach air cofaidh. Chaidh mi dhan chafè san stèisean agus feumaidh mi ràdh gur e sin an dàrna cupa cofaidh as miosa a bh’ agam riamh nam bheatha, gu mì-fhortanach. Gu h-iongantach, bha an cupa cofaidh a bu mhìosa agam riamh ann an Èirinn a Tuath cuideachd. Tha deagh chuimhne agam air – bha mi ann am Beul Feirste ann an 2011 agus bha mi a’ dol a ghlacadh trèana ann am Belfast Central. Cheannaich mi cofaidh aig a’ chafaidh san stèisean agus abair thusa gun robh e dona. Bha e coltach ri tì le spent cofaidh grounds ann no rudeigin mar sin. Bhon uair sin, tha ainm an stèisean air atharrachadh bho Bhelfast Central gus Lanyon Place agus nam bheachd, rinn iad sin mar thoradh air mì-chliù a’ chofaidh aca!
Anns an Iùr agus a-mach air an dùthaich faisg air làimh, bhuail e orm cho coltach ris a’ Phoblachd ’s a bha an t-àite a thaobh coltas nan togalaichean, nam feansaichean is a h-uile rud eile. Ann an cuid a dh’àiteachan ann an Èirinn a Tuath, cha bhiodh fios agad gun robh thu ann an Èirinn le cho Breatannach ‘s a tha coltas an àite, ach an seo, bha an caochladh fìor agus bhiodh e furasta dìochuimhneachadh gun robh thu san RA.
Tha tòrr aig Alba is Èirinn sa chumantas, agus am measg sin tha uisge. Bha cuisean tioram gu leòr ann am Beul Feirste ach air an t-slighe a-mach às an Iùr thòisich an t-uisge a’ tuamadh. Bha mi a’ dol gu Dùn Pàdraig an taobh seo gus am biodh cothrom agam a dhol seachad air an Caisleán Nua is Sliabh Dónairt fhaicinn ach bha an t-uisge cho dona ge-tà is nach robh sgeul air na beanntan no air a’ mhuir!
Ràining mi Dùn Phàdraig aig 11m deiseil airson latha de thrèanachas.
Shaoil mi gum biodh e math sreath a sgrìobhadh mu chuid de na leabhraichean as fheàrr mu rathaidean-iarainn, leabhraichean a bu choir a bhith aig a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean, tramaichean is tràilidhean.
Tòisichidh sinn leis an leabhar as cudromaiche!
Ma tha ùidh agad ann an rathaidean-iarainn, tha e feumail leabhar a bhith agad a tha a’ sealltainn a h-uile rathad-iarainn a th’ ann.
Bho chionn 50 bliadhna no mar sin, thòisich SK Baker air pròiseact gus atlas a dhèanamh leis a h-uile rathad-iarainn ann am Breatainn is Èireann, a’ gabhail a-steach loidhnichean air an lìonra naiseanta, loidhnichean glèidhte, slighean trama agus meatrothan. Chuir e diofar dhathan air na diofar sheòrsaichean rathaid-iarainn – dubh airson rathaidean-iarainn air an lìonra naiseanta, dearg airson rathaidean-iarainn air an lìonra naiseanta airson bathar a-mhàin, gorm airson rathaidean-iarainn glèidhte agus uaine airson slighean-trama no meatrothan. Bha e a’ sealltainn trèanaichean de gach gèidse cuideachd (ach a-mhàin meanbh-rathaidean-iarainn le gèidse nas lugha na 12”).
Eisimpleir de mhapa ann an leabhar Baker bho chost a deas Shasainn.
A bharrachd air loidhnichean a th’ ann aig an àm seo, tha e cuideachd a’ sealltainn loidhnichean a tha gan togail, no planaichean airson loidhnichean ùra. Agus tha mapaichean air sgèile nas motha de na cathair-bhailtean far a bheil tòrr rathaidean-iarainn ann, leithid Lunnainn, Glaschu is Baile Atha Cliath.
Thòisich an leabhar aig deireadh nan 1970an agus rinn Baker 15 eagrain dheth.
Tha an leabhar cho cumanta is cliùiteach am measg trainspotters – agus daoine ann an gnìomhachas nan rathad-iarainn – is gun can cuid “the Baker Bible” ris. Fhuair mi a’ chiad eagran agam sna 1980an agus tha gu leòr air a bhith agam bhon uair sin.
Gu mì-fhortanach, chaochail Stuart K Baker ann an 2020 ach tha neach-deasachaidh ùr aig an atlas a-nis: Joe Brown, sàr-chartographer eile – agus chì sinn cuid de na rudan eile a rinn e san t-sreath seo fhathast.
Tha Joe air beagan leasachaidhean a chur ris an leabhar, a’ gabhail a-steach clàr-innse le ainmean Gàidhlig, Cuimris is Gaeilge nan stèiseasanan aig a bheil soidhnichean dà-chànanach.
Bidh tòrr dhaoine a’ comharrachadh nan loidhnichean uile air an robh iad le highlighter air a’ Bhaker aca, mi fhèin nam measg. Agus tha e daonnan math comas a dhèanamh eadar diofar eagrain den leabhar.
Ma tha thu a’ tòiseachadh leabharlann rèile, seo an t-àite tòiseachaidh agad!
Alasdair
Gheibhear an leabhar bhon fhoillseachair an seo air £20.
Tha fios agad daonnan cò na daoine a tha a’ feitheamh ri trèana 08:21 eadar Glaschu, an t-Òban/An Gearasdan agus Malaig.
An trèana 08:21 dhan Òban, dhan Ghearasdan/Malaig
Airson a’ mhòr-chuid de thrèanaichean aig an àm sin den latha, tha drèin agus aodach obrach air daoine. Tha muinntir trèana na Gàidhealtachd an Iar gu math eadar-dhealaichte – cluinnidh tu iomadh cànain, tha daoine ann le botannan coiseachd agus bagaichean droma, ùidheamachd spòrs, slatan iasgaich, sgithean, teantaichean, bataichean coiseachd agus coin! Tha mi a’ smaoineachadh gum faca mi fiu ’s canù air bòrd uair!
Tha na daoine sona agus tha e follaiseach gu bheil tòrr de na daoine a’ dèanamh rudeigin a tha air “liosta na lice” aca – Slighe na Gàidhealtachd an Iar no Slighe a’ Ghlinne Mhòir no a’ dol air turas mòr air feadh na Gàidhealachd no eile.
Agus ’s ann tric a chluinneas tu a’ Ghàidhilg air an trèana sin cuideachd.
Is toil leam cuideachd mar a bhios an trèana a’ sgaradh sa Chrìon-làraich leis an dàrna leth a’ dol dhan Òban agus an leth eile dhan Ghearasdan agus an uair sin gu Malaig.
Trèana a’ dol gu deas, a’ Chrìon-làraich
An turas seo, bha mi a’ dèanamh air a’ Ghearasdan airson a dhol gu Rathad-iarainn Inbhir Gharadh.
Seo an treas turas agam dhan rathad-iarainn agus tha rudan air atharrachadh gu mòr bho bha mi ann an toiseach mu 10 bliadhna air ais.
Sa chiad dol a-mach, tha seirbheis bus ùr aig Ember eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis (taobh Inbhir Gharadh) a tha a’ fàgail ann an deagh àm airson coinneachadh ris an trèana à Glaschu.
An turas mu dheireadh a bha mi ann, cha robh amannan nam busaichean math idir agus bha agam ri bus air leth tràth fhaighinn fad nas slighe bho Ghlaschu agus bha agam ri èirigh aig 04:30 sa mhadainn! An turas seo, b’ urrainn dhomh èirigh aig àm reusanta agus trèana 08:21 fhaighinn agus bus fhaighinn bhon Ghearasdan an uair sin le tìde gu leòr a dhol dhan bhùth agus dhan taigh-bheag Leig seo leam cuideachd obair a dhèanamh air an trèana – obair gu leòr airson pàigheadh airson an turais!
Chaidh an turas seachad gu luath leis gun robh mi ri eadar-theangachadh agus chan fhada gus an robh mi sa Ghearastan airson bus Ember a ghlacadh gu Inbhir Gharadh. Canaidh mi barrachd mun turas bus agam san ath bhloga.
Am bus dealanach agam, stèisean bus a’ Ghearasdain
Bha Stoirm Dave gu bhith ann ach a rèir aithris na sìde, bha e gu bhith OK gu 3:30 no mar sin agus mar sin, cha robh cus dragh orm.Tha stad a’ bhus aig doras a’ Great Glen Water Park agus tha an rathad-iarainn dìreach dhà no trì mionaidean air falbh air chois.
Tha Rathad-iarainn Inbhir Gharadh is Chille Chuimein na phròiseact gus pàirt den t-seann rathad-iarainn eadar an dà bhaile ath-fhosgladh mar rathad-iarainn glèidhte. Tha am pròiseact stèidhichte ann an Stèisean Inbhir Gharadh, a tha anns an Lagan pìos beag a-mach à Inbhir Gharadh fhèin.
Dhùin an rathad-iarainn air 31 Faoilleach 1946 (6 latha mus do rugadh m’ athair nach maireann!), dìreach 43 bliadhna bho dh’fhosgail e – agus cha do mhair na seirbheisean do luchd-siubhail ach 30 bliadhna.
Cha robh an loidhne thùsail soirbheachail idir ach tha na daoine a tha an sàs sa phròiseact an dùil gum bi loidhne ghoirid do luchd-turais soirbheachail agus gun tarraing e daoine chun an àite.
Thoisich am pròiseact bho chionn 10 bliadhna agus leis gun robh an rathad-iarainn air a bhith dùinte fad 60 bliadhna, cha robh an stèisean idir ann an deagh staid. Chan fhada, ge-tà gus an robh na lusan, preasan is craobhan air falbh is gun robh beagan trac sìos agus shunter beag agus seada beag mar thaigh-tasgaidh ann.
An turas seo, an treas turas agam ann, bha atharrachaidhean mòra rim faicinn. Tha an trac a-nis nas fhaide le mu ¼ mìle ann a-nis agus le taobh-loidhne le seada einnsein ann.
Acton shot ann an Inbhir Gharadh. Chithear an trac sìos dhan t-seada einnsin ri taobh clì an deilbh.
Tha an loidhne air a dhol cho fada is as urrainn dhi gu tuath air an down line (a dh’ionnsaigh Cille Chuimein) ach tha planaichean aig an sgioba a-nis trac a chur sìos gu Lagan air an up line agus aig a’ cheann thall bu chòir gum bi mu mhìle de thrac ann uile gu lèir.
A bharrachd air adhartas leis na trèanaichean mòra, tha meanbh-rathad-iarainn ann cuideachd.
Meanbh rathad-iarainn, Stèisean Inbhir Ghàradh
Tha coltas gu math eadar-dhealaichte air an làraich a-nis cuideachd oir chaidh na craobhan uile air a’ bheinn ri taobh an stèisean a ghearradh sìos le Coimisean nan Coilltearachd bho bha mi ann mu dheireadh, a’ fàgail coltas caran maol air an àite! Chithear an t-eadar-dhealachadh an seo ann an dealbhan a thog mi ann an 2022 agus 2026.
Bha mi ann airson latha fosgailte na Càisge agus bha gu leòr an làthair. Rud brosnachail, b’ e gun robh a’ mhòr-chuid an làthair às a’ choimhearsnachd fhèin. Tha e math gu bheil taic muinntir an àite ris a’ phròiseact. Ach bha gu leòr anaragan rèile ann cuideachd mar mi fhèin!
Fhuair mi cothrom a dhol air an trèana bheag agus air an trèana mhòr agus gus deagh shùil a thoirt air an làrach air fad agus gus cabadaich le cuid de na saor-thoilich.
Ma tha thu a’ dràibheadh seachad air an A82, no a’ coiseachd no a’ rothaireachd air Slighe a’ Ghinne Mhòir, is fhiach e a dhol ann is sùileag bheag a thoirt air an làraich. Tha e dìreach deas air Loc Canàil an Lagain.
Airson a’ chiad turas riamh, chaidh mi air trèana first class às dèidh dhomh rùp a bhuannachadh air Seatfrog airson àrdachadh bho thiocaid àbhaisteach.
Bha mi a’ dol eadar Liverpool Lime Street agus Glaschu le Trans Pennine Express. Fhuair mi fìor fìor bhargan airson na tiocaid sa chiad dol a-mach air dìreach £10.
Fhuair mi àrdachadh air £15 a bharrachd, is mar sin, chosg an turas air ais a Ghlaschu £25 uile gu lèir. Tha na gheibh thu ann an 1d clas eadar-dhealaichte le diofar chompanaidhean rèile is mar sin, cha robh mi cinnteach cò ris a bhiodh e coltach agus am faighinn luach an airgid.
Chaidh mi air bòrd an trèana aig Lime Street agus bha bòrd spaideil ann le solas agus botal uisge an-asgaidh. Ach na b’ fheàrr na sin, fhuair mi cathair a bha tòrr na bu chofhurtaile na na cathraichean àbhaisteachd agus a nì tilt cuideachd – car coltach ris an fheadhainn air an trèana caidil.
Bha sin uile OK, ach bha clàr-bidh air a’ bhòrd cuideachd agus bha a h-uile rud air an-asgaidh!
Fhuair mi cothrom air aran goirid no pretzels agus air deoch. Thagh mi fìon dearg. Air an trèana, bha clàr-bidh dinneir ann agus thugh mi coiridh lentil vegan a bha gu math blasta. Às dèidh dinneir, fhuair sinn deoch eile agus cothrom air barrachd bhriosgaidean. Agus eadar Carlisle agus Glaschu, fhuair sinn deoch eile.
Bha an tè a bha a’ coimhead às ar dèidh uamhasach laghach agus cuideachail agus bha sinn gu math feumail oir bha imposter syndrome orm gu mòr – cha robh mi idir a’ faireachdainn spaideil gu leòr airson a bhith 1d clas!
’S ann a bha an earrann 1d Clas air an trèana gu math sàmhach. Cha robh ann ach ochdnar ann aig a’ char as trainge. Chan eil fhios agam cò ris a bha standard class coltach air an trèana seo, ach an turas mu dheireadh a bha mi air trèana Trans Pennine Express, eadar Manchester agus Glaschu, bha pàrtaidh de dheugairean a’ suidhe ri mo thaobh a bha a’ dèanamh air Barrow, air an robh an dà chuid fancy dress agus smùid a’ chofaidh …
Mar sin, dh’fhaodainn obair eadar-theangachaidh a dhèanamh air an t-slighe – agus rinn mi barrachd air an £15 a chosg an t-àrdachadh bhon eadar-theangachadh.
Fhuair mi dìnnear, greimein bìdh dà thuras agus trì glainnichean fìona uile taobh a-staigh an àrdachaidh air £15. Nam bithinn air rudeigin a cheannaich a-mach à Marks & Engels no Sainsburys, bhiodh e na bu daoire na sin. Mar sin, chanainn gum b’ fheuch e seatfrog fheuchainn – chan eil e a’ cosg dad gus tagradh a chur a-steach agus ma bhios thu soirbheachail, glè mhath, ach mur eil, cha do chaill thu dad agus faodaidh tu carry-out fhaighinn sna bùithtean!
Bhithinn deònach sin a dhèanamh a-rithist ma tha a’ phrìs OK.
Alasdair
Ag èisteachd ri: Rolling Stones: Get Yer Ya-Ya’s Out (Live), 1970. 8/10.
Tha mi air coimhead air grunn làraichean-lìn is aplacaidean an seo roimhe – cuid airson a bhith a’ clàradh tursan adhair is rèile is bus agus feadhainn eile le mapaichean is bharrachd. Cha robh làrach ann, ge-tà, a dhèanadh mapa dhut den a h-uile rathad-iarainn air an robh thu.
Cha robh gu beagan mhìosan air ais, co-dhiù!
Tha làrach-lìn ann a-nis air a bheil Viaduct.world far am faod thu a h-uile turas trèana a rinn thu a chlàradh agus a nì mapa dhut. Nas fheàrr na sin, tha i eadar-nàiseanta agus mar sin, faodar turas trèana sam bith san t-saoghal a chur ann. Agus tha i an-asgaidh cuideachd!
Cruinnichidh Viaduct.word stats cuideachd. Tha fios agam a-nis, mar eisimpleir, gun do shiubhail mi air 52% de lìonra rèile na RA agus 9% de lìonra na Beilge!
Na rathaidean-iarainn uile a rinn mi san RA
A bharrachd air na rathaidean-iarainn, faodar aiseagan a chur ris cuideachd.
Chithear na rathaidean-iarainn agus cuid de na h-aiseagan a ghabh mi ann an Èirinn is Manainn an seo:
Agus chan e a-mhàin rathaidean-iarainn sna lìonraidhean nàiseanta a ghabhas a chur ris oir tha tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte ann cuideachd.
An seo mar eisimpleir, chithear rathaidean-iarainn glèidhte Srath Spè, Baile nan Dubhach is Baile Chè agus Rathad-iarainn Cailleanbach Breichin.
San fharsaingeachd, chan eil na siostaman meatro no trama ann, leithid Underground Lunnainn no Subway Glaschu, ach tha an Tyne and Wear metro ann.
A bharrachd air loidhnichean, faodar na stèiseanan san robh thu a chlàradh cuideachd. Seo eisimpleir bho Shiorrachd Lannraig.
Chithear cuideachd na companaidhean rathaid-iarainn uile a chleachd thu:
Agus tha combaist ann de na turasan rèile agad:
Ma tha thu ag iarraidh mapa mòr de na tursan agad airson a dhol air a’ bhalla agada, nì iad sin dhut air prìs reusanta cuideachd.
Tha cothrom agad beachdan a chur a-steach air an làraich cuideachd agus tha na daoine leis a bheil Viaduct.world air leth cuideachail is deònach èisteachd ri molaidhean.
Seo làrach-lìn sgoinneil. ‘S e an aon rud a tha dona mu dheidhinn gu bheil e furasta cus tìde a chur seachad air….
Ma tha ùidh agad sna tursan rathad-iarainn agam, faodar am mapa agam fhaicinn an seo.
Bha mi ann am Manchester bho chionn ghoirid agus fhad ’s a bha mi ann, chunnaic mi Thumper, Wonderloaf, Teddy Bear, Rat, Hoover, Gronk, Whistler, Tractor, Warship agus Western!
A bheil fhios agad dè a th’ annta?
Trèanaichean! Diofar sheòrsaichean locothan. Airson adhbhar air choireigin, bidh trainspotters a’ cur far-ainmean orra uile.
Agus a bharrachd air an fheadhainn a dh’ainmich mi gu h-àrd, tha Grids, Sheds, Supergronks, *MacRats, Deltics, Baby Deltics, Peaks, Bones, Bodysnatchers, Cromptons agus Duffs.
Bha mi air turas dhan East Lancashire Railway airson an latha fosgailte aca aig deireadh an Fhaoillich. A bharrachd air cothrom a dhol air na trèanaichean, bha tursan threòraichte ann agus bha mi airson dà rud fhaicinn gu sònraichte – an Wonderloaf agus an Thumper.
’S e an wonderloaf an Clas 28 agus airson adhbhar air choireigin, tha grunn diofar ainmean air – Wonderloaf, Co-Bo, Condor agus Metro-vick.
Tha Wonderloaf a’ tighnn bho chruth na trèana a tha caran coltachd ri lofa. Tha Condor air a chionn ’s gum biodh na 28s uair a tarraing trèana-bathair luath leis an ainm Condor gach oidhche. Chaidh dealbh ainmeile a tharraing de 28 air a’ Chondor leis an ainm “Night Freight”. Chaidh an loco dhèanamh leis a’ chompanaidh Metropolitan Vickers agus tha trì sheataichean de chuibhlichean air aon cheann dheth (Co-) agus dà aig a’ cheann eile (Bo-) – sin as adhbhar gu bheil “Metro-vick” agus Co-bo air.
Chan eil mi cinnteach carson a tha an uiread de dh’fhar-ainmean air an Clas 28 oir cha robh mòran aca ann – dìreach mu 20 – agus tha iad mì-chliùiteach mar fhear de na seòrsaichean loco as miosa riamh aig BR! Cha robh iad ro shoirbheachail agus cha robh iad ann an seirbhis ach fad 10 bliadhna. Gu fortanach, mhair aon chlas 28 a chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna gus caraistean a bhlàthachadh leis a’ ghoileadair aige sa mhadainn mus tòiseachadh iad ann an seirbheis.
Chaidh an Clas 28 a shàbhaladh ach cha do ruith e fad cha mhòr 50 bliadhna agus mar sin, tha tòrr obair a dhìth! Bha e math fhèin fhaicinn.
An Clas 28, D5707, Bury, East Lancashire Railway
Tha an 28 ga sgeadachadh le buidheann de shaor-thoilich a tha cuideachd a’ sgeadachadh an Clas 15 mu dheireadh. Bha an aon seòrsa eachdraidh aig na 15s, cha robh iad ro shoirbheachail is cha do mhair iad ro fhada ach chaidh cuid aca a chleachdadh gus trèanaichean a bhlàthachadh.
Bha an Clas 15 san t-seada cuideachd is bha cothrom fhaicinn.
Class 15
Tha an East Lancs Railway am measg nan rathaidean-iarainn glèidhte as cudromaiche agus as fheàrr ann an Sasainn. Tha e gu math fada – c12 mìle uile gu lèir agus tha e ann an àite le sluagh mòr agus a tha faisg air cathair baile. Tha e suidhichte ann am Bury, ann am Mòr-sgìre Manchester agus tha e furasta a ruigsinn air an trama à meadhan Mhanchester.
Agus tha cruinneachadh fìor mhath de thrèanaichean dìosail aige cuideachd. Tha tòrr rathaidean-iarainn ann a tha a’ cur fada a bharrachd cuideam air smùid, ach aig an ELS, tha fear de na cruinneachaidhean as motha de shean thrèanaichean dìosail san dùthaich.
San t-seada, chunnaic sinn cho mòr is cho math ’s a tha an cruinneachadh agus chunnaic mi Western agus Warship airson a’ chiad turas – trèanaichean anns an robh ùidh agam bho bha mi nam bhalach bheag ach nach fhaca mi roimhe a chiohnn ’s gun robh iad stèidhichte ann an Iar-dheas Shasainn agus sa Chòrn fhad ’s a bha iad ann an seirbheis.
Tha ùidh mhòr agam ann an trèanaichean Èireannach cuideachd agus bha fios agam gu bheil Thumper 80 Class aig Rathaidean-iarainn Èirinn a Tuath aca. Chaidh seo a cheannaich airson pàirtean a bhiodh air an cleachdadh airson trèanaichean eile agus cha ghabh a ruith ann an Sasainn co-dhiù leis gu bheil gèidse eadar-dhealaichte aca. Tha e ga chleachdadh mar bhothan leis na daoine a tha ag obair air na trèanaichean diosail. Tha e taobh a-muigh an t-seada agus ged nach robh e slighe an turais, bha an saor-thoileach a bha a’ gabhail an turais na ghaisgeach agus thug e mi gus sùileag a thoirt oirre agus dealbh fhaighinn.
NIR 80 Class Thumper
Bha na trèanaichean gan ruith le Class 14 – Teddy Bear cuideachd.
Class 14 – Teddy Bear
Às dèidh an turais agam, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Còmhdhail Bury a tha ri taobh an rathaid-iarainn agus far a bheil tòrr carbadan rathad agus rèile eachdraidheil.
Drey rèile aig BR – nach biodh e math nan robh an leithid ann a-rithist!
Mus deach mi air ais gu Manchester air an trama, chaidh mi airson cofaidh agus chunnaic mi an soidhne seo sa chafè!
Mar sin, ’s e an Daingean a tha e a’ ciallachadh, coltach ri Daingean Uí Chúis ann an Èirinn!
Gu h-iongantach, bha fear a’ suidhe faisg orm sa chafè a bha na mhac-shamhail de dh’Aonghas Pàdraig Caimbeul ach mus do thoisich mi bruidhinn ris mu litreachas na Gàidhlig, mhothaich mi gun robh blas Manchester seach blas Uibhisteach air.
Bho chionn ghoirid, bha mi ann an Lunnainn airson taistealachd roc is rèile – le beagan fortea cuideachd!
Às dèidh dhomh tadhal air Sràid nan Càball, rinn mi air Stèisean Aldgate an Ear gus an Underground a ghlacadh agus stad mi air an t-slighe aig comharra ionadail suaicheanta – the Aldgate Pump.
Pumpa AldgateAm Madadh-allaidh mu dheireadh an Lunnainn
Gu h-eachdraidheil, bha am pumpa air fhaicinn mar a’ chrìoch eadar Cathair Lunnainn agus Lunnainn an Ear. Nas cudromaiche na sin, tha deagh sgeulachd ann mu dheidhinn!
A rèir Wiki:
Served by one of London’s many underground streams, the water was praised for being “bright, sparkling, and cool, and of an agreeable taste”. These qualities were later found to be derived from decaying organic matter from adjoining graveyards, and the leaching of calcium from the bones of the dead in many new cemeteries in north London through which the stream ran from Hampstead
’S ann a bha muinntir an àite ag òl sùgh nan zombie!
Tha ceann madadh-allaidh air a’ phumpa cuideachd oir a rèir beul-aithris, ’s ann an seo a chaidh am madadh-allaidh mu dheireadh ann an Lunnainn a mharbhadh – ged nach eil luchd-eachdraidh a’ smaoineachadh gu bheil seo fìor idir.
Leis a sin bha an t-àm ann a dhol air safari rèile an latha. Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn san RA agus a rèir na làraich-lìn viaduct.world, tha mi air 52% den lìona a dhèanamh gu ruige seo (a’ gabhail a-steach Alba agus Èirinn a Tuath air fad agus mu 50% den Chuimrigh). Tha mi a’ feuchainn ris a h-uile rathad-iarainn a dhèanamh ann an Lunnainn a-nis agus tha mi air an Underground agus London Tramlink air fad a dhèanamh agus tha mi a-nis a’ cur crìoch air an Overground.
Chaidh ainmean ùra a chur air na loidhnichean Overground bho chionn ghoirid. Bha mi a’ dol air an loidhne air an robh am far-ainm “The Goblin line” roimhe – Gospel Oak – Barking Line”. A-nis, ‘s e an Suffragette Line a th’ oirre
Bha molaidhean eile agam airson ainmean nan loidhnichean, stèidhichte air a’ Chlash agus Big Audio Dynamite (an còmhla aig Mick Jones às dèidh a’ Chlash) ach cha deach gabhail riuth gu mì-fhortanach!
Bha mi ag èisteachd ris a’ Chlash air an trèana nuair a rinn mi air Gospel Oak gus an trèana Overground a ghlacadh.
Cha robh mi riamh air Loidhne nan Suffragette (no Loidhne Topper Headon mar a th’ agam air) roimhe agus bha ùidh mhòr agam san loidhne leis gun deach a leudachadh bho chionn bliadhna no dhà.
B’ àbhaist dhan loidhne a bhith a’ crìochnachadh ann am Barking, ach chaidh a leudachadh gu stèisean ùr Barking Riverside a dh’fhosgail ann an 2022.
Bha stèisean ùr a dhìth oir thathar a’ togail nam mìltean de thaighean ùra ann, air talamh fàs far an robh stèisean cumhachd Barking uair. Tha an rathad-iarainn ùr uile air drochaid àrd leis gum feum e a dhol thairis air a’ phrìomh rathad-iarainn aig Barking.
Stèisean Barking Riverside air latha fuar, fliuch geamraidhTrèana Overground aig Barking Riverside deiseil airson a dhol air ais gu Gospel Oak
Bha mi letheach slighe tron latha agus bha mi airson stad airson cofaidh ach a rèir coltais, tha meadhan a’ bhaile piosag air falbh bhon stèisean. Tha soidhnichean mòra air feadh an àite le “A place to be, become and belong” agus tha mi cinnteach gum bi sinn fìor uair no uaireigin ach an-dràsta, tha e a’ faireachdainn nach eil e idir deiseil agus tha e caran coltach ri baile spaideil ùr ann am meadhan Inbhir Ghrèinnse!
Leis gun robh e fuair is fliuch, chaidh mi air ais dhan stèisean agus fhuair mi an trèana gu Gospel Oak, far an do ghlac mi trèana eile gu Clapham Junction agus tè eile gu Barnes.
‘S ann ann am Barnes a chaidh an rionnag roc Marc Bolan a mharbhadh ann an 1977 ann an tubaist càr. Tha carragh-chuimhne a-nis ann far an d’ fhuair am Bolanach bàs agus ’s e “the Bolan Rock Shrine” a chanar ris air na soidhnichean agus air google maps.
Bha mi riamh deidheil air T-Rex, gu h-àraid nuair a bha iad rocmhor! Tha sinn builteach a bhith a’ smaoineachadh air a’ Bholanach mar sgrìobhadair òrain seach mar chluicheadair giotàir ach seall air a’ bhideo seo gus faicinn cho math ‘s a bha e!
’S e àite snog a th’ ann an le tiodhlacan beaga a dh’fhàg luchd-leantainn T-Rex à air feadh an t-saoghail, gu sònraichte ealachan (“Ride a White Swan”) agus losgannan (bhon òran “New York City”: “Did you ever see a woman coming out of New York City/With a frog in her hand?”)
Nis, bidh fios aig daoine a tha a’ leantainn a’ bhloga seo nach eil mi idir air an Kool Aid òl a thaobh AI. Dhearbhaich Marc Bolan fhèin gu bheil mi ceart a bhith amharrasach mu dheidhinn aon uair eile!
Ciamar? Bha an cluicheadair giotàr cliùiteach Peter Green (1946-2020) a stèidhich Peter Green’s Fleetwood Mac mun aon aois ri Bolan, bha an dithis aca à Lunnainn an Ear agus bha an dithis aca nan Iùdhach agus iad an sàs ann an cèol sa bhaile aig an aon àm.
Ghooglaich mi “Did the musicians Marc Bolan and Peter Green know each other”.
Thuirt freagairt AI Google “There is no recorded evidence to suggest that Marc Bolan and Peter Green knew each other but they were involved in the London music scene at the same time so may have known each other”.
Bha trioblaid agam leis a’ choimpiutair is bha agam ri reboot a dhèanamh. Chuir mi an aon cheist a-staigh a-rithist agus thuirt freagairt AI Google:
“Yes, the musicians Marc Bolan and Peter Green did know each other…..” agus bha fiosrachadh a bharrachd ann mun dàimh eadorra.
A-steach dhan mhuir le AI.
Peter Green’s Fleetwood Mac, “Rattlesnake Shake”, 1970
Às dèidh cnuasachadh air Bolan is cho cudromach ’s a bha e dhomh, agus do chomhlain roc air a bheil mi dèidheil, ghlac mi an trèana gu Waterloo airson beagan spòrs mion-chànanach!
Air an t-slighe, fhuair mi an Waterloo and City Line, “an drèana” – loidhne bheag ach brèagha – gu Bank, is choisich mi gu Cannon Street gus an trèana a ghlacadh gu Blackheath. Tha “an drèana” car coltach ri Subway Ghlaschu, beag agus quirky.
Trèana Waterloo and City
Às dèidh dhomh coiseachd eadar Bank agus stèisean Cannon Street, ghlac mi an trèana gu Blackheath.
Carson a bha mi a’ dol an sin? Gus eachdraidh na Cùirne a chomharrachadh!
‘S ann an sin a rinn arm Shasainn a’ chùis air Ar-a-mach Còrnach 1497 agus chaidh plac a chur an àirde gus a chomharrachadh ann an 1997 gus 500 bliadhna a chomharrachadh.
Tha e a’ comharrachadh tachartas bronach ach tha e math Còrnais fhaicinn agus tha e daonnan na bhrosnachadh dhomh cho math ’s a tha ath-bheòthachadh na Còrnais a’ dol.
A’ bruidhinn air mion-chànanan, bha mi airson a dhol gu Twickenham far an do rugadh Dwelly gus dealbh a thogail den taigh san do rugadh e. Cheannaich mi lethbhreac den teisteanas breith aige agus rugadh e ann an Crown Crescent. Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha b’ urrainn dhomh a lorg idir. Chan eil e ann tuilleadh a rèir coltais ach cha b’ urrainn dhomh a lorg air seann mhapaichean OS nas motha – ged a tha Crown Street agus taigh-seinnse “the Crown” ann. Feumaidh mi beagan a bharrachd rannsachaidh a dhèanamh!
Choisich mi tro phàirc àlainn Greenwich an uair sin a’ smaoineachadh air Dwelly agus Còranis agus ghlac mi an trèana air ais gu meadhan a’ bhaile airson biadh deochag agus an trèana dhachaigh.