Rèilichean gu port-adhair Ghlaschu mu dheireadh thall? #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha e coltach gum bi e comasach a dhol gu Port-adhair Ghlaschu air rathad-iarainn mu dheireadh thall ann am 2025.

-LW

Busaichean a’ Phuirt-adhair – dh’fhaodte gum faigh iad an cuid P45s ann an ùine nach bi ro fhada!  

Tha Ceannardan Comhairle Ghlaschu agus Comhairle Rinn Friù air aontachadh air pasgan maoineachadh gus slighe-trama a thogail eadar Stèisean Sràid MhicIlleMhòire ann am Pàislig agus Port-adhair Ghlaschu. Feumaidh na làn chomhairlean bhòtadh air seo fhathast, ach tha mi an dùil is an dòchas gun aontaich iad.

Ma thèid an loidhne a thogail, bhiodh daoine a’ dol gu Pàislig air an trèana agus an uair sin, a’ dol air trama bhon stèisean dhan Phort-adhair.

A bharrachd air an sgeama bheag seo, thathar gu bhith a’ dèanamh sgrùdadh comais (feasibility study) air slighe-trama nas motha a thogail bhon phort-adhair air adhart gu Rinn Friù (am baile as motha ann an Alba aig nach eil ceangal rèile), ionad seopadaireachd Braehead, ‘Rionnag a’ Bhàis’ (Osbadal  a’ Chinn a Deas) agus a-steach gu meadhan Ghlaschu taobh Bhaile Ghobhainn.

’S e slighe-trama gu math goirid a bhios ann dhan phort-adhair – nas lugha na dà mhìle. Bhiodh an loidhne air fad gu Glaschu air a bheilear a’ beachdachadh mu 12 mìle uile gu lèir.

San ùine fhada,  chanainn gum feumar an loidhne air fad a thogail airson a bhith ciallach gu h-eacanomaigeach.  Tha tòrr chosgaisean ruith ann airson siostam thramaichean a tha a cheart cho àrd airson siostam beag  biodach ’s a bhiodh iad airson siostam nas motha. Feumaidh depot, goireasan càraidh is glanaidh, luchd-obrach agus tòrr a bharrachd a bhith ann mar eisimpleir.  A bharrachd air seo, ged a tha ceanglaichean bus, rèile no tasgaidh gu puirt-adhair daonnan gu math daor dhan luchd-siubhail, chan urrainnear cus iarraidh airson turas trama cho goirid – gu h-àraidh ma bhios agad ri tiocaid trèana  a cheannach cuideachd no tiocaid a cheannach a bhios a’ gabhail a-steach an dà-chuid trèana is trama.

Tha seo a’ togail cheistean inntinneach mun sgeama.

Ma tha e coltach gum bi slighe-trama a’ phuirt-adhair na loidhne ghoirid air leth agus nach tèid i dad nas fhaide, ghabhadh teicneòlas nas sìmplidh is nas saoire a chleachdadh na teicneòlas. Tha sgeama ann an Coventry an-dràsta mar eisimpleir gus slighe-trama a chur air dòigh a’ cleachdadh teicneòlas Very Light Rail. Bhiodh seo gu math saor. Le VLR, tha na tramaichean agus an trac nas aotruime agus tha iad a’ ruith air bataraidhean seach air uèirichean mar eisimpleir.

0_Screenshot-2019-09-06-at-095823

Dealbh de na tramaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Coventry a dh’aithghearr

Ma tha ìre dè chinnt ann gun tèid an loidhne a leudachadh gu Glaschu, ge-tà, bhiodh e na b’ fheàrr a togail a’ cleachdadh teicneòlas àbhaisteach nan tramaichean.

Tha e cudromach gum bi cinnt ann air na ceistean seo mus tèid an sgeama air adhart. Bhiodh e daor is doirbh an loidhne a leudachadh ma thèid teicneòlas “Rèile Fìor Aotrom” a chleachdadh oir cha bhiodh e freagarrach airson slighe-trama mhòr fhada gu Glaschu agus dh’fheumadh iad cha mhòr tòiseachadh as ùr le trac ùr, tramaichean ùr, uèirichean ùra agus tòrr mòr obrach gus pìoban agus càballan a ghluasad. Air an làimh eile, mas e is gun rachadh an loidhne a thogail mar shlighe-trama àbhaisteach agus nach rachadh a leudachadh, bhiodh e gu math cosgail a ruith agus is dòcha gun cailleadh i tòrr mòr airgid.

Ged a tha na ceistean seo fhathast ann, tha mi gu math dòchasach gun tèid loidhne-trama air choireigin a thogail dhan Phort-adhair agus tha mi air mo dhòigh glan leis an naidheachd.

Cha robh mi daonnan cho cinnteach gun ruigeadh rèilichean am port-adhair, ge-tà, oir seo an treas sgeama.

An toiseach, bha GARL ann – Glasgow Airport Rail Link.  Chaidh bile tro Phàrlamaid na h-Alba ann an 2006 gus an loidhne seo a thogail ach chuir Riaghaltas na h-Alba às dhan phròiseact ann an 2009 mar thoradh air cor na h-eaconamaidh. ’S e rathad-iarainn àbhaisteach a bhiodh ann an seo le trèanaichean a’ ruith bho Stèisean a’ Mheadhain ann an Glaschu dhan Phort-adhair air meur-loidhne ùr bho Phàislig.

An uair sin, bha moladh ann gum biodh trèan-tramaichean ann. ’S e a th’ ann an trèan-trama ach carbad rèile a tha a’ comasach air ruith an dà chuid air rathaidean-iarainn agus air slighean-trama. An àite a bhith a’ togail rathad-iarainn ùr eadar Pàislig agus am port-adhair, bhiodh slighe-trama ùr ann na àite. Bhiodh an trèan-trama a’ dol air an rathad-iarainn àbhaisteach eadar Glaschu agus Pàislig agus an uair sin a’ dol air an loidhne trama dhan Phort-adhair. Cha deach seo aontachadh aig a’ cheann thall, ge-tà. Bha e na bu chosgaile na bhathar an toiseach, tha an teicneòlas fhathast caran ùr ann am Breatainn agus tha trioblaidean air a bhith aig an sgeama pìleat airson trèan-tramaichean ann an Sheffield. A rèir coltais, bhiodh e a’ ciallachadh cuideachd nach gabhadh an uiread de thrèanaichean àbhaisteach a ruith eadar Glaschu is Pàislig tuilleadh.

Cha bhi an loidhne ghoirid a thathar a’ moladh an-dràsta cho math ri GARL no ris an trèana-trama, ach mas e is gun tèid an loidhne air fad eadar Pàislig, am Port-adhair, Rinn Friù agus Glaschu air adhart, bidh e fada nas fheàrr.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Bliadhna mhath eile ’son na Gàidhlig. Well done everybody!

Le Neil McRae

Well a chàirdean, b’ e bliadhna mhath a bh’ ann an 2019 airson na Gàidhlig, cha ghabh sin aideachadh air dòigh sam bith.

Bidh an roghainn agaibh fhèin, tha Gilleasbuig deimhinne às, ach seo feadhainn dhe na fìor lowlights a bu mhò chòrd ri Gilleasbuig chòir ’sa bhliadhna a chaidh seachad …

Latha Chànain Eòrpach Sona Dhuibh!Tha Riaghaltas na h-Alba a chur fàilte

Plana


Tadhail air Gilleasbuig Aotrom

Powered by WPeMatico

Boris MacIain agus Bòrd na Gàidhlig – saoil a bheil iad càirdeach?

Le Neil McRae

Hey a chàirdean, is fhada bhon uair sin!

Bithidh fios agaibh uile, tha Gilleasbuig deimhinne às, gu bheil prìomh mhinistear ùr againn a tha cosnadh cliù nach beag is àrd-mholadh às leth na Rìoghachd Aonaichte.

Fear a tha uabhasach comasach air na meadhanan sòisealta a chur gu feum, tha e coltach. Ach bhuail e Gilleasbuig gu bheil an teachdaireachd aige a’ coimhead caran familiar na


Tadhail air Gilleasbuig Aotrom

Powered by WPeMatico

STEALL 05!

Le lasairdhubh

Steall5Tha mi toilichte a ràdh gu bheil STEALL 05 a-mach a-nis leis an ath chaibideil de An Luingeas Dorcha air Fàire na broinn! Gheibh sibh leth-bhreac an seo. B’ e deagh phrèasant Nollaige a bhiodh ann, ma tha sibh, coltach riumsa, ann an èiginn agus fhathast a’ lorg phrèasantan.

Cuideachd, bu chòir dhomh innse gum b’ e seo a’ chaibideil mu dheireadh de ALDAF a nochdas ann an STEALL. Tha mi ag iarraidh mo mhìle thaing a thoirt do mhuinntir CLÀR airson a’ chothruim seo a bhith a’ foillseachadh na nobhaile agam gu sreathach. B’ e probhadh inntinneach a bh’ ann gun teagamh, agus bhiodh e uabhasach math a chluinntinn bho leughadairean STEALL ciamar a bha e a bhith a’ leughadh nobhail anns an dòigh seo.

Ach na biodh dragh oirbh; tha mi fhathast ag obair air ALDAF! Tha mi suas gu caibideil deich ann an dreach, ach chan eil mi idir faisg air crìochnachadh. Tha i a’ dol a bhith mòr, ach ’s e deagh rud a bhios ann an sin, tha mi an dòchas. Cumaidh mi naidheachd ribh mun adhartas agam an seo.


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

Gaoth a Tuath

Le Alistair Paul

Duanag a fhreagras air an ràith.

Chaidh tìr fo gheas dhut
Reòth thu talamh
Reòth thu tìm
Gun fhiosta dhomh
Bha thu nam chuideachd
Èaladh air mo chùl
Meòir air m’ amhaich
Biorg nam chraicreann
Bheòthaich thu m’ aigne
Le cagar nam chluasan
Gealladh a’ gheamhraidh
Seanachas na faiche bàine
Mac-shamhla macanta
Do fhìor ghnè
Flinn riaslach
Mu mo chasan
Eòin air am pasgadh
Ris na creagan
Bileag a’ lubadh
Ro d’anail chranndaidh
Mac-talla na dìthreibh
Deò bhiastan cèin
Cuan glas-chridheach
Coigreach an fhàsaich
Air allaban gu deas
A chaidh air dìochùimhne
Bhon uiridh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Geama ùr: Valryia Tear

Le

‘S e geama cluich mas fhìor (RPG) air stoidhle Sheapanach 2D airson aon chluicheadair a th’ ann am Valyria Tear agus cluichidh tu ann an saoghal meadhan-aoiseach. Tha a’ chiad eapasod dheth deiseil a-nis.

Thèid thu an riochd Bhreannain, seo òganach ’s èiginn dha strì airson sealbh air criostal dìomhair. Le taic an nì chumhachdaich sin, gheibh e a-mach mun chunnart a thàinig air an t-saoghal aige ach cuideachd mu mhisneachd is gaol.

Sa gheama seo, gheibh thu sgeulachd tharraingeach, rùrachadh air mapa dathail, còmhragan, stiùireadh phearsachan, tòimhseachain is a bharrachd.

Source: Fòram na Gàidhlig


Tadhail air Fòram na Gàidhlig – Naidheachdan / News

Powered by WPeMatico

Cunnart an lùib a’ bhuannachaidh

Le Steaphan

Beachd air dè a tha “buannachadh” a’ ciallachadh do phàrtaidh le cion àireamhan ann am pàrlamaid chèin.

Le cead Creative Commons

Cofhurtachd Westminster – am fàs buill an SNP ro shocrach ri tìde?

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Thugadh teachdaireachd shoilleir le taghadraidh na h-Alba nuair a bhòt a’ mhòr-chuid airson a’ Phàrtaidh Nàiseanta ann an 48 de 59 roinnean Phàrlamaid Westminster. Tha sin a’ fàgail nach do bhuannaich air neo nach do ghlèidh na pàrtaidhean eile ach 11 seataichean ann an Alba uile gu lèir. Gidheadh, ged as e dearbhadh eile a th’ anns an toradh-taghaidh seo gum bu mhiann le Alba fuireach san Aonadh Eòrpach, chan eil e coltach gun toir buill-phàrlamaid na h-Alba suas an suidheachain aig Westminster, anns an aithghearrachd co-dhiù, airson sin a thoirt gu buil.

Ach, ciamar a rèiticheas iad an toil sin agus a bhith a’ tathaich pàrlamaid sa bheil an guthan air am mùchadh le cion àireamhan? Ged a chuireadh iad bile airson neo-eisimeileachd mìle turas fa chomhair nam ball, mar a dh’fheuch iad a-cheana, cha rachadh e troimhe. Ged a rachadh e troimhe, chan fhaigheadh e seachad na ceudan de chnapan-starra eile. Ged a bhòtadh a h-uile gin dhiubh an aghaidh nam poileasaidhean teannais a tha a’ slacadh air na bochd no air duine sam bith aig nach eil stòras mòr airgid ann am falachan air choireigin, cha sgathadh sin air an riaghaltas as coireach dhaibh. Cumaidh na Tòraidhean orra a’ glamhadh suas earras na h-Alba air leas an caraidean bronnach air cheann, no air cùlaibh, chompanaidhean beartach, agus se cnag na cnuise nach urrainn do na h-Albannaich hò-rò a dhèanamh an aghaidh mòr-chuid nan Tòraidhean agus nan 400+ ball Sasannach a tha air tì Alba a shlaodadh leotha às an AE ann an ùine gun a bhith fada.

Air an dàrna taobh, ’s fheàirrde 48 buill thogarrach an SNP a bhith ann an Westminster seach muinntir na dùthcha a bhith umhail don iomadh poileasaidh dealbhte ann an Sasainn a tha mì-fhreagarrach don dùthaich aca fhein. Air an taobh eile, ma bhios buill Westminster an SNP gan socrachadh fhein ro dhomhain ann an Lunnainn, dh’fhaodadh iad toirt air a’ phàrtaidh fiaradh air falbh bhon rùn daingeann airson neo-eisimeileachd do dh’Alba. Dhomhsa dheth, tha cunnart mor na lùib gum fan na buill SNP ann an Westminster tuilleadh is fada, a’ fàs ro chofhurtail agus am miann airson neo-eisimeileachd a’ lagachadh ri tìde.

Air dhomh sin a radh, tha mi an dòchas gu bheil a’ chòir air ar cùisean fhèin a riaghladh gu nàiseanta ‘s gu h-eadar-nàiseanta na mhàthair-adhbhar don phàrtaidh fhathast. Ma tha, ’s fheudar gur e roi-innleachd gheàrr-ùineach a th’ aca. Beart-èiginn, mar gum b’ eadh, gus an cuideam a chumail air cò air bith a tha anns a’ phrìomh-chathair Bhreatannach fhad ’s a thathar ag ullachadh aig an taigh airson an dùthaich a leigeil dha reir.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Cha toigh leam am plìon ud

Le Steaphan

Tomhas de bhàrdachd eile. Tha seo co-cheangailte ris na beachdan aig mòran de luchd-“cha bu chòir” air na meadhanan sòisealta nuair a thug iad mun aire droch-bhuil “Breat-a-mach”. Dhan sgrìobhadair seo, bha nàdar de “phlìonas” a’ tighinn tarsaing anns a’ bheòlagraich mhilis a bha a-nis a’ dol air ais ’s air adhart air Twitter eadar muinntir “bu chòir” agus “cha bu chòir”.

Cha toigh leam am plìon ud

Le Cead Creative Commons

 

Beul-bòidheach muinntir “nach bu chòir”
guth a ràdh tuilleadh,
oir cha toigh leam am plìon ud.
B’ e an-dé an latha agus an-sin an t-àm,
ach b’ e Lunnainn an taghadh
’s chan e Bhruiseal an roghainn,
is cha toigh leam am plìon ud.
“Cha ghabh an Roinn-Eòrp’ sinn
a-muigh no ’mach ,
is chan fhaighear an-dé
air ais an-diugh”, ars’ iadsan.
B’ e Lunnainn an taghadh
is cha b’ e Bhruiseal an roghainn.
cha toigh leam am plìon ud.
A’ gabhail orr’ an-diugh gun till an tìm
a thugadh air falbh leis na breugan mìn,
ged a b’ e Lunnainn an taghadh
’s nach b’ e ’Bhruiseal an roghainn. …
…Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Mur b’ e Murphy,  no Brown,
cò ach Darling nan àite?
 Ach, fhuair sinn Mundell beag
leis an fhaite-ghàire.
Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Chuir iad às an cuirp
mun t-suaile san domhain
“Dar a ruigeas sinn am bàrr,
se an sgeir a bhios fodhainn!”
…Cha toigh leam am plìon ud….
Gach neach ´s a thoil fhéin
“Och is ochan nan och éire!” …
… B’ e Lunnainn an taghadh
’s cha b’ e ’Bhruiseal a roghainn. …
.. Ubh, cha toigh leam am plìon ud.

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Gaelic 2030 conference – summary #gàidhlig #cleachdi

Le Oifigear Gàidhlig

The Scottish Parliament’s think-tank Scotland’s Futures Forum held a conference about Gaelic on the 6th of December. It was entitled ‘Buaidh is piseach – Scotland 2030: Gaelic – what would success look like?’ The aim of the conference was to look forward at the position that Gaelic could and should have in 2030 and further … Leugh an corr de Gaelic 2030 conference – summary #gàidhlig #cleachdi

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico