Ciamar am bu chòir déiligeadh ri Covid-19?

Le Steaphan

An nì as cudromaiche ri thuigsinn a thaobh Covid-19, ’s e nach eil ann gu bunaiteach ach dà dhòigh  air déiligeadh ris aig ìre nàiseanta.  Dà innleachd a tha ciallach, airidh air beachdachadh orra.  Agus gu bheil an dà innleachd seo gu tur an aghaidh a chéile.  Mar as motha a thathar a’ dèanamh adhartais …


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis

Le Liam.Alastair

Le
foillseachadh an leabhar rannsachaidh The
Gaelic Crisis
, tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle air na meadhanan.
Tha taobhan gan comharrachadh agus campaichean gan lìonadh ann an saoghal na
Gàidhlig.

“Nuair a
chluicheas tu geamannan faoin, glèidhidh tu duaisean faoin” mar a thuirt Taylor
Swift, tè-labhairt mo ghinealaich fhèin, anns a’ chlàr as ùire aige, ‘The Lover’.
Thàinig an clàr a-mach ann an 2019, an teas-meadhan aimhreit a’
chomainn-shòisealta anns Na Stàitean Aonaichte. Clàr mu ghaol a th’ ann, eadar
gach cruth, cluth is ciùrradh a tha na chois.

Uil, a dhaoine còire, tha sinn uile ann an gaol ris a’ Ghàidhlig. Dè, ma-thà, a th’ aig Taylor chòir ri ionnsachadh dhuinn mun strì ghaolach againn às leth na Gàidhlig? Oir, mar a chanas iad, is fheàrr an saoghal ionnsachadh na sheachnadh.

‘The Archer’

Combat, I’m ready for combat
I say I don’t want that, but what if I do?
‘Cause cruelty wins in the movies
I’ve got a hundred thrown-out speeches I almost said to you

‘The Archer’, Taylor Swift

Thairis air a’ chola-deug a dh’fhalbh, tha sinn air dà fhreagairt don leabhar fhaicinn – daoine ag iomairt agus daoine a’ sabaid. Rud nach coisinn modh cha choisinn mì-mhodh.

Tha sinn uile nar caraidean a bu chòir a bhith a’ tarraing air an aon ràmh. Chan eil duine againn a’ dol às àicheadh gu bheil a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh èiginneach anns Na h-Eileanan. (Agus ma tha, b’ fheàirrde iad sùil a chur san leabhar eadar Caibidealan 2-6.)

’S e a’ cheist gu dè tha sinn dol a dhèanamh mu dheidhinn. Chan amais sinn air fuasgladh ach tro chòmhradh is deasbad fosgailte modhail dòigheil.

Tha an t-sabaid a-muigh an sin, agus chan ann eadrainn. Tha àite ann do gach guth agus gach duine.

‘Daylight’

I’ve been sleepin’ so long in a twenty-year dark night
(Now I’m wide awake)
And now I see daylight (I see daylight)
I only see daylight (oh)

‘Daylight’, Taylor Swift

Coltach ri ‘Lover’ an dèidh ‘Reputation’, an clàr mu dheireadh aig Taylor, thèid dorchadas na h-aimhreit seo seachad agus thig glasadh an latha. Tha an leabhar The Gaelic Crisis air clisgeadh a thoirt dhuinn uile. Dh’fhaoidte gun robh fios againn air na bha dol, ach cha mhòr nach b’ e trom-laighe a bh’ ann. Far an robh sinn air slighe aig nach robh ach aon cheann-uidhe.

Chaidh ar crathadh nar dùisg le ultach bhrathan-naidheachd a bha ag innse dhuinn gum b’ fhìor an trom-laighe, ach gun robh slighe eile a dh’fhaodamaid a ghabhail. Slighe anns am faod guth nas làidir a bhith aig muinntir nan Eileanan anns an ‘leasachadh’ aca fhèin. Ach, an toiseach, feumaidh sinn ‘na sgèinean a chaitheamh sìos oir tha a’ mhadainn air tighinn’.

‘Soon You’ll Get Better’

And I hate to make this all about me
But who am I supposed to talk to?
What am I supposed to do
If there’s no you?

This won’t go back to normal, if it ever was
It’s been years of hoping, and I keep saying it because
‘Cause I have to

Ooh-ah, you’ll get better
Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, you’ll get better soon

Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, you’ll get better soon
‘Cause you have to

‘Soon You’ll Get Better’, Taylor Swift

Bhiodh e na call do-labhairte nam biodh a’ Ghàidhlig beò às aonais nan Gàidheal, agus cha seas a’ Ghàidhlig às aonais coimhearsnachd Ghàidhlig. Tha mi deimhinnte nach eil roghainn eile againn, feumaidh sinn gach oidhirp a dhèanamh gus an suidheachadh seo a chur ceart.

Seadh, chan e aiseirigh nan seann làithean a bhios ann – chan urrainn dhuinn a dhol air ais gu na 1950an, agus cò tha ag iarraidh sin co-dhiù? Bha an seann siostam briste. Bha làmhachas-làidir, cuir-sìos, suarachas agus eilthireachd a’ gànrachadh nan làithean ud. Cha robh cumhachd bhrìoghmhor aig na daoine iad fhèin. Bidh an siostam ùr cus nas fheàrr. Thig piseach air a’ ghnothach, ’s fheudar gun tig.

‘The Man’

I’m so sick of running
As fast as I can
Wondering if I’d get there quicker
If I was a man
And I’m so sick of them
Coming at me again
‘Cause if I was a man
Then I’d be the man
I’d be the man
I’d be the man

‘The Man’, Taylor Swift

Tha a’
Ghàidhlig sna coimhearsnachdan eileanach a’ fàs sgìth is aosda is anfhann. Tha gualainn
nan Gàidheal fo uallach anacheartas nan linn agus tha i sna buillean mu
dheireadh anns a’ choimhearsnachd agus anns an dachaigh.

Ach, mura robh an eaconamaidh cho lag, mura robh an sluagh a’ crìonadh cho mòr no na h-inbhich òga a’ falbh chun na Galltachd a dh’iarraidh obair; mura robh an cànan ga thàchdadh o bheatha an t-sluaigh, ’s e brod nan coimhearsnachdan Gàidhlig a bhiodh anns Na h-Eileanan an uair sin. Dh’fhaoidte gu bheil Taigh-òsta a’ Phàirc ann Glaschu, ach tha bothan ann an Nis is Taigh-stàile gu bhith ann an Iollaraigh.

‘Death By A Thousand Cuts’

‘Cause saying goodbye is death by a thousand cuts
Flashbacks waking me up
I get drunk, but it’s not enough
‘Cause the morning comes and you’re not my baby
I look through the windows of this love
Even though we boarded them up
Chandelier still flickering here
‘Cause I can’t pretend it’s okay when it’s not
It’s death by a thousand cuts

‘Death By A Thousand Cuts’, Taylor Swift

Gabhaidh bàs cànain a shealltainn ann am figearan, àireamhan,
grafaichean is measaidhean. Ach chan e sin a th’ ann.

’S e tòrradh gach seachdain a th’ ann.

’S e na sgeulachdan agus na naidheachd ris nach d’ fhuair
thu cothrom èisteachd.

’S e mothachadh bliadhna air bhliadhna gu bheil cailleach –
a bha cho ainneamh a’ bruidhinn na Beurla – air fàs cho cleachdte rithe.

’S e cruit a’ dol fàs, is an t-ogha a bu leis e a’ fuireach
àiteigin ann an Sasann.

’S e gainnead dhaoine òga a chuidicheas an àm a bhith a’ losgadh an fhraoich.

’S e dùnadh sgoiltean beaga dùthchail.

’S e pàrant a tha ag iarraidh pàiste a thogail tro mheadhan
na Gàidhlig aig nach eil am misneachd no an taic.

Tha e goirt agus tha e tric agus tha e àbhaisteach dhuinn. Tha mise air seo a mhothachadh, agus chan eil mi ach air ùine glè ghoirid a chur seachad ann an coimhearsnachd eileanach. Do Ghàidheil, sin fìorachd an sgeòil. Gann gun gabh a chur ann am faclan cho duilich ’s a tha bàs nam mìle gearradh.

‘Only The Young’

Don’t say you’re too tired to fight
It’s just a matter of time (can run)
Up there’s the finish line
So run, and run, and run
Don’t say you’re too tired to fight
It’s just a matter of time (so run)
Up there’s the finish line
And run, and run, and run
Only the young
Only the young

‘Only The Young’, Taylor Swift

Liam Alastair Crouse

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Beatha na Gàidhlig, beatha strì | Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

Le Liam.Alastair

Tha an t-alt seo le Màrtainn Mac a’ Bhàillidh a’ toirt freagairt neo-dhìreach air cuid de na smuaintean a nochd ann an “Bi beò ann an Gàidhlig: bith-beò goirt?” le Criostóir Piondargás a chaidh fhoillseachadh air an làraich seo o chionn seachdain.

Chan urrainn dhomh a ràdh nach e briseadh-dùil a th’ ann gach turas a chluinneas mi cuideigin is iad a’ call an cuid dòchais, agus ’s e nàdar strì a th’ ann gun tachair e. Cha tàinig mi fhèin chun na Gàidhlig an dùil rudeigin fhaighinn aiste, bha fios a’m gun robh an cànan ann an cunnart dol à bith, is nuair a chaidh mo cheasnachadh mu dheidhinn sin, is mi ag obair an oifis ailtireachd am Berlin, bha dearg nàire orm. Bha mo chuid aineolais agam fhèin mun chùis, bha ro-bheachd caran farsaing agam gur i a’ Ghàidhlig cànan nàiseanta na h-Alba, ged ’s i Doric, Beurla Ghallta Shiorrachd Obar Dheathain, a bhruidhneadh mo sheanair. Ach, ’s e gun robh mi a’ faireachdainn dleastanas orm an cànan ionnsachadh, gus cur an aghaidh a bhàis, is an aghaidh cruinneachas, a chuireadh às do gach rud anns nach eil prothaid.

Bha mi sa bhliadhna mu dheireadh agam aig an oilthigh, is gu mòr an sàs le rannsachadh air co-luadar iar-chalpach, beagan bhliadhnaichean an dèidh do eaconamaidh an t-saoghail a dhol air na creagan an 2008. Bha, agus tha e follaiseach dhomh gur b’ e sannt calpachais, siostam colonachd ìmpireileis, a dh’fhàg a’ Ghàidhlig, is iomadh mion-shluagh eile air feadh an t-saoghail sgriosta is fo fhulangas. Thug Pàdruig Geddes buaidh mhòr orm aig an àm sin cuideachd, is an fheallsanachd aige, smaoinich gu cruinneil, dèan gnìomh gu h-ionadail. Mar sin, bhon fhìor-thoiseach bha mise a’ tuigsinn gur e strì anns an robh mi an sàs, aig gach ìre dem bheatha a thug orm Gàidhlig ionnsachadh. Cha robh mi an dùil gum biodh e furasta, coltach ris an strì ’son ceartas is co-ionnannachd, an aghaidh gràin-chinnidh is ana-ceartas, b’ fhiach an gnìomh air a shon fhèin, b’ fhiach an strì leis gur e an rud ceart a th’ ann.

’S e co-theacs Èireannach a bh’ agam fhèin nuair a thàinig mi chun na Gàidhlig an toiseach. Bha cèile agam à Èirinn fad co-dhiù seachd bliadhna, ’s sinn a’ dol ann gu cunbhalach. Tha caraidean Èireannach agam cuideachd bhon oilthigh, agus cuid ris an do thachair mi an dèidh dhomh Gàidhlig ionnsachadh. Chan eil teagamh nach e suidheachadh nas fheàrr a th’ aig ar caraidean Èireannach, ach ’s ann samhlachail neo-sheasmhach a tha a’ mhòr mhòr chuid den ‘adhartas’ a rinneadh an Èirinn. A thaobh luchd-labhairt dùthchasach, is luchd-labhairt taobh a-muigh an t-siostam fhoghlaim, chan eil càs na Gàidhlig Èireannaich mòran nas fheàrr dheth na cruaidh-chàs na Ghàidhlig againn fhèin. Gu dearbh, thug an Dr Padraig Ó Riagáin rabhadh seachad air cho cugallach ’s a tha lìonraidhean neo-sheasmhach nam bailtean, is gun robh iad an-còmhnaidh fo chunnart gun cailleadh iad luchd-labhairt a dh’fhàsadh searbh den chùis!

Chan eil teagamh nach eil barrachd òigridh an Èirinn a tha dealasach don chànan, barrachd a tha airson tighinn beò tron chànan, ach ’s e fìor bheag-chuid a tha sin fhathast. Cluinnidh tu na h-aon gearanan a thaobh cleachdadh ann an Èirinn, an t-aon gearan mu Ghàidheil Phroifeiseanta a chleachdas an cànan nan cuid obrach a-mhàin. Ged as e briseadh-dùil a th’ ann dhomh air cho lag ’s a tha Gàidheil Albannach a thaobh cleachdadh cànain, tuigidh mi gur i cùis ioma-fhillte a th’ innte. Tuigidh mi gun togadh Gàidheil dhùthchasach na h-Alba ann an coimhearsnachdan a bha ag atharrachadh, air an cuairteachadh le daoine dhan deach innse nach robh luach sa Ghàidhlig, is gur i a’ Bheurla cànan an adhartais. Tuigidh mi gu bheil iomadh duilgheadas eile aig coimhearsnachdan eileanach is dùthchail is gu bheil e a’ faireachdainn do-dhèanta dhaibh a dhol an aghaidh atharrachadh cànain. Chan e dìreach gu bheil Gàidheil na h-Alba a’ taghadh Beurla seach Gàidhlig, ach gu bheil siostam eacanomaigeach is poileasaidhean ga dhèanamh doirbh dhaibh an coimhearsnachdan fhèin a chumail beò.

Tha leasachadh cànain an dà chuid ann an Èirinn is Alba, stèidhichte air poileasaidhean samhlachail nàiseanta den dearbh sheòrsa a mhol Fishman a bu chòir dhuinn seachnadh. Tha sinn, anns na faclan aig an fheallsanaiche ainmeil sin Bilbo Baggins, a’ sgaoileadh beagan ìm thairis air cus arain, neo anns na faclan aig Fishman, a’ feuchainn ri toglaichean a thogail gun bhunaitean.

build institutions without foundations, as well as institutions that must constantly be revitalised anew (and as Second Language institutions to boot) from the ground up, generation after generation, rather than instituting any self-priming intergenerational momentum.

Joshua Fishman, Can Threatened Languages be Saved?

Seo an duilgheadas leis an t-suidheachadh anns a bheil sinn an-dràsta, an Èirinn cho math ri Alba, a’ leantainn phoileasaidhean nach eil a’ toirt feart do choimhearsnachdan cànanach. ’S e sealladh nua-libearalach a th’ againn air togail cànain, neach-labhairt fa-leth a’ taghadh na Gàidhlig leis gum faighear obair aiste, neo mar chur-seachad tlachdmhor. Feumar sòisealtas, coimhearsnachd dhaoine a’ fuireach faisg air a chèile agus a chleachdas an cànan, chan ann mar thaghadh pearsanta no gairm phoileataigeach, ach leis gur e sin na nì iad, gu nàdarra.

Tha e soirbh misneachd is dòchas a chall ann an cùis sam bith. Bha mo phàrantan riamh searbh leis cho dona ’s a bha cùisean a’ fàs sna sgoiltean is iad nan tidsearan. Chan eil an suidheachadh a thaobh ailtireachd mòran nas fheàrr ann an Alba, le ùidhean coimearsalta a’ dèanamh sgrios air bailtean, coimhearsnachdan is an àrainneachd. Ged ’s i abairt shìmplidh ro-bhitheanta a th’ innte, chan eil mòran nas fhìrinniche ann na Is aoibhneas an t-aineolas. Mas e duine cùramach mothachail a th’ annad is tu a’ gabhail gnothach ri cùisean nas motha na a’ bheatha agad fhèin, bidh goirteas is briseadh-dùil na lùib. Chan eil mòran dòchais ann a thaobh na h-àrainneachd nas motha, ach cha bu chòir dhuinn an saoghal leigeil a dhol na theine gun strì. Cumaidh mise orm ag iomairt airson ceartas agus airson saoghal nas fheàrr, tlachd is soirbheas ann no às.

Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Teintean Astràilia: àbhaisteach no mì-àbhaisteach?

Le Steaphan

Falaisg àbhaisteach mu dheich bliadhna roimhe

As t-Sultain, bheothaich teine ann an Cuimrigh-a-Deas Nuadh agus cha b’ urrainn do luchd-smàlaidh a chur às. As t-Samhain, chaidh staid éiginn éigheachd ann an Cuimrigh-a-Deas Nuaidh agus bhon àm sin sgaoil na teintean troimh gach stàit Astràilianach, a’ cur faisg air naoi millean heactair deug agus barrachd air dà-mhìle taigh ’s a sia ceud nan smàl. Chaidh naoi daoine deug a mharbhadh. Tha an sgìre loisgte cho mór ri Albainn, Èirinn, agus a’ Chuimrigh ri chéile.

Mì-àbhaisteach

Tha an saoghal air fad a-nis a’ coimhead air Astràilia agus, leis na teintean a bh’ anns An Amason agus na Stàitean Aonaichte an-uiridh, tha iad a’ faighneachd, “A bheil seo mi-àbhaisteach? Dé cho mì-àbhaisteach? An e Astràilia a’ chiad shamhailt air an apocaileaps?”

Ann an da-rìribh, tachraidh falaisgean ann an Astràilia gach bliadhna, ach mar as trice, cuiridh an luchd-smàlaidh fo smachd gu luath iad, mar sin dheth, cha tèid taigh na theine agus cha mharbhar duine sam bith. Ach uaireannan bidh na falaisgean fada nas miosa, agus tha na bliadhnaichean sin an-diugh mar phàirt dhen bhriathrachas Astràilianach. Ann an 1983, shìn Teintean “Di-Ciadain na Luaithre” eadar Adelaide agus Meall Bùirne. Ann an 2009, chaidh ceud duine agus trì fichead ’s a trì-deug a mharbhadh le Teintean “Di-Sathuirne Dhuibh” ann am Bhioctòiria. Ann an 1974, chaidh cóig-deug ás a’ cheud cuid dhen dùthaich na smàl – a’ fàgail nach eil teintean na bliadhna sa ach anns an t-seachdamh àite a thaobh meud eachdraidheil.

Tiormachd

Mar sin, ciamar a tha na falaisgean seo mì-àbhaisteach? Cò ris a tha iad coltach an coimeas ri Teintean Di-Ciadain na Luaithre agus Teintean Di-Sathuirne Dhuibh? Uill, anns a’ chiad àite, thachair an dà theine seo ás déidh bliadhnaichean tiormachd. Tha an tiormachd eadar 1979-1983 air ainmeachadh mar an tiormachd as miosa san fhicheadamh linn, agus ann an Tiormachd nam Mìle Bliadhna (2001-2009) bha bacaidhean-uisge anns gach baile mór Astràilianach. Chan eil teintean 1974 air bile an t-sluaigh fhathast air sgàth ‘s nach do thachair iad ann an sgìre far a bheil daoine a’ fuireach – ach nuair a bhios tiormachd ann, tha na sgìrean aitreabhach fada nas tiorma agus mar sin tha iad a’ toirt buaidh air daoine. Am-bliadhna, dh’éirich na teintean san sgìre as sluaghmhoire dhen dùthaich. Cuideachd, san sgìre dheasach sin, bidh na falaisgean as miosa a’ tachairt anns a’ Ghearran – thachair Teintean Di-Ciadain na Luaithre agus Teintean Di-Sathuirne Dhuibh mun àm sin – ach am-bliadhna thòisich ràith nan teintean cus na bu tràithe agus tha i a’ mairsinn tuilleadh is fada.

Cuiridh iomadh duine a’ choire air na daoine “uaine” airson teintean na bliadhna sa – their iad gun do chuir luchd-àrainneachd stad air falaisgeadh rianail – ’s e sin nuair a thogas luchd-smàlaidh teintean anns na mìosan as fhionnaire, nuair as urrainn dhaibh na lasairean a chumail fo smachd, gus preaslach lasanta a ghlanadh às a’ bhuis. Is cinnteach nach do rinneadh gach falaisgeadh ‘s a bha sgìrean an dùil an-uiridh, ach an e luchd-àrainneachd as coireach dha sin? Chan è, ’s e an tiormachd as adhbhar dha – cha d’ rinn an luchd-smàlaidh uiread de losgadh rianail air sgàth ’s nach robh iad cinnteach gum b’ urrainn dhaibh an teine a chumail fo smachd leis cho tioram ’s a bha an talamh.

Smùid

Tha na falaisgean seo a’ toirt buaidh mhór air daoine air sgàth ‘s gu bheil iad a’ beothachadh ann an sgìrean sa bheil iomadh duine a’ fuireach. Ach cuideachd, tha iad a’ gabhail faisg air bailtean móra. Mar sin, tha daoine a’ faireachdainn buaidh neo-àbhaisteach. Fad mhìosan, bha smùid thiugh ann am Baile Mór Sidni agus bho àm na Bliadhn’ Ùir’ tha ceò tiugh air a bhith ann am Meall Bùirne agus sa Phrìomh-Bhaile cuideachd. Anns a’ chumantas, cha bhi na falaisgean ach mar smuain fad às do luchd nam bailtean móra – agus tha a’ chuid as motha de mhuinntir Astràilia a’ fuireach anns na bailtean móra, agus dà-fhichead ás a’ cheud ann am Baile Mór Sidni agus Meall Bùirne a-mhàin – ach am-bliadhna tha na teintean a’ tighinn gu math nas teinne orra.

Beathaichean

A-réir nan eòlaichean, thug na teintean buaidh air còrr is billean beathach.Tha feadhainn ann don urrainn teicheadh – cangaruthan, eòin, agus an leithid – ach tha na h-eòlaichean a’ gabhail cùram mu na gnèithean beaga – dearcan, pocanaich bheaga, agus an leithid – agus do na beathaichean slaodach. Anns na stàitean-an-ear, bha coàlaichean fhathast ann an cunnart, ach a-nis chaidh a’ mhòr-chuid dhiubh a mharbhadh agus an àite-còmhnaidh a mhilleadh. Tha eagal ann ro na linntean ri teachd airson nam beathaichean ud – fiù ’s ged a thàr iad ás, cha bhi dachaigh neo biadh aca am-bliadhna.

Bha coàlaichean fhathast ann an cunnart sna stàitean-an-ear, ach cha robh iad ann an cunnart ann an Astràilia-a-Deas. Bha tuineachas mór dhiubh ann an Eilean Cangurù, agus ‘s e seo an t-aon tuineachas choàlaichean san t-saoghal air nach eil chlamydia. Gu mì-fhòrtanach chaidh leth-chuid dhen eilean a losgadh, a’ toirt na pàirce nàiseanta leis far an robh a’ mhór-chuid dhe na coàlaichean a’ fuireach, agus mar sin chaidh cóig mìle coàla ’s a fichead a mharbhadh ann an Eilean Cangurù am-bliadhna. Tha aca ri cungaidhean fhaighinn air an eilean fhéin. Cuideachd, bha seòrsa de sheillean-meala àraidh anns an eilean, ach chaidh dà fhichead ás a’ cheud dhiubh a mharbhadh leis na teintean. Mar a tha a’ chùis, tha eagal air na h-eòlaichean nach bi biadh gu leòr ann dhaibh anns an eilean, agus gum bàsaich an t-iarmad dhiubh am-bliadhna.

Luchd-poilitigs

Is iomadh Astràilianach a tha am beachd nach eil luchd-poilitigs a’ dèanamh saothair gu leòr. Tha iad crosda nach eil poileasaidh shoilleir ann mu atharrachadh na gnàth-shìde, agus gu bheil Astràilia fhathast a’ tochladh agus a’ reic guail. San Dùbhlachd nuair a chaidh staid éiginn a ghairm ann an Cuimrigh-a-Deas Nuadh, chaidh am Prìomh-Mhinistear cuairt gu Hawaii, gun ghuth a ràdh ris an t-sluagh agus gun “Phrìomh-Mhinistear an gnìomh” na àite. Fad dà mhìos cha bu mhiann leis cobhair fheadarail a thoirt do na stàitean gus sabaid an aghaidh nan teintean.

San Fhaoilteach dh’atharraich sin, thòisich an t-arm air cobhair a thoirt don luchd-smàlaidh agus chaidh poileasaidhean a chur an gnìomh gus am pàigheadh. Ach an ann “ro bheag, ro fhadalach” a bha seo? Chì sinn san àm ri teachd.

Le Raghnaid Anna NicGaraidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Cunnart an lùib a’ bhuannachaidh

Le Steaphan

Beachd air dè a tha “buannachadh” a’ ciallachadh do phàrtaidh le cion àireamhan ann am pàrlamaid chèin.

Le cead Creative Commons

Cofhurtachd Westminster – am fàs buill an SNP ro shocrach ri tìde?

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Thugadh teachdaireachd shoilleir le taghadraidh na h-Alba nuair a bhòt a’ mhòr-chuid airson a’ Phàrtaidh Nàiseanta ann an 48 de 59 roinnean Phàrlamaid Westminster. Tha sin a’ fàgail nach do bhuannaich air neo nach do ghlèidh na pàrtaidhean eile ach 11 seataichean ann an Alba uile gu lèir. Gidheadh, ged as e dearbhadh eile a th’ anns an toradh-taghaidh seo gum bu mhiann le Alba fuireach san Aonadh Eòrpach, chan eil e coltach gun toir buill-phàrlamaid na h-Alba suas an suidheachain aig Westminster, anns an aithghearrachd co-dhiù, airson sin a thoirt gu buil.

Ach, ciamar a rèiticheas iad an toil sin agus a bhith a’ tathaich pàrlamaid sa bheil an guthan air am mùchadh le cion àireamhan? Ged a chuireadh iad bile airson neo-eisimeileachd mìle turas fa chomhair nam ball, mar a dh’fheuch iad a-cheana, cha rachadh e troimhe. Ged a rachadh e troimhe, chan fhaigheadh e seachad na ceudan de chnapan-starra eile. Ged a bhòtadh a h-uile gin dhiubh an aghaidh nam poileasaidhean teannais a tha a’ slacadh air na bochd no air duine sam bith aig nach eil stòras mòr airgid ann am falachan air choireigin, cha sgathadh sin air an riaghaltas as coireach dhaibh. Cumaidh na Tòraidhean orra a’ glamhadh suas earras na h-Alba air leas an caraidean bronnach air cheann, no air cùlaibh, chompanaidhean beartach, agus se cnag na cnuise nach urrainn do na h-Albannaich hò-rò a dhèanamh an aghaidh mòr-chuid nan Tòraidhean agus nan 400+ ball Sasannach a tha air tì Alba a shlaodadh leotha às an AE ann an ùine gun a bhith fada.

Air an dàrna taobh, ’s fheàirrde 48 buill thogarrach an SNP a bhith ann an Westminster seach muinntir na dùthcha a bhith umhail don iomadh poileasaidh dealbhte ann an Sasainn a tha mì-fhreagarrach don dùthaich aca fhein. Air an taobh eile, ma bhios buill Westminster an SNP gan socrachadh fhein ro dhomhain ann an Lunnainn, dh’fhaodadh iad toirt air a’ phàrtaidh fiaradh air falbh bhon rùn daingeann airson neo-eisimeileachd do dh’Alba. Dhomhsa dheth, tha cunnart mor na lùib gum fan na buill SNP ann an Westminster tuilleadh is fada, a’ fàs ro chofhurtail agus am miann airson neo-eisimeileachd a’ lagachadh ri tìde.

Air dhomh sin a radh, tha mi an dòchas gu bheil a’ chòir air ar cùisean fhèin a riaghladh gu nàiseanta ‘s gu h-eadar-nàiseanta na mhàthair-adhbhar don phàrtaidh fhathast. Ma tha, ’s fheudar gur e roi-innleachd gheàrr-ùineach a th’ aca. Beart-èiginn, mar gum b’ eadh, gus an cuideam a chumail air cò air bith a tha anns a’ phrìomh-chathair Bhreatannach fhad ’s a thathar ag ullachadh aig an taigh airson an dùthaich a leigeil dha reir.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Cha toigh leam am plìon ud

Le Steaphan

Tomhas de bhàrdachd eile. Tha seo co-cheangailte ris na beachdan aig mòran de luchd-“cha bu chòir” air na meadhanan sòisealta nuair a thug iad mun aire droch-bhuil “Breat-a-mach”. Dhan sgrìobhadair seo, bha nàdar de “phlìonas” a’ tighinn tarsaing anns a’ bheòlagraich mhilis a bha a-nis a’ dol air ais ’s air adhart air Twitter eadar muinntir “bu chòir” agus “cha bu chòir”.

Cha toigh leam am plìon ud

Le Cead Creative Commons

 

Beul-bòidheach muinntir “nach bu chòir”
guth a ràdh tuilleadh,
oir cha toigh leam am plìon ud.
B’ e an-dé an latha agus an-sin an t-àm,
ach b’ e Lunnainn an taghadh
’s chan e Bhruiseal an roghainn,
is cha toigh leam am plìon ud.
“Cha ghabh an Roinn-Eòrp’ sinn
a-muigh no ’mach ,
is chan fhaighear an-dé
air ais an-diugh”, ars’ iadsan.
B’ e Lunnainn an taghadh
is cha b’ e Bhruiseal an roghainn.
cha toigh leam am plìon ud.
A’ gabhail orr’ an-diugh gun till an tìm
a thugadh air falbh leis na breugan mìn,
ged a b’ e Lunnainn an taghadh
’s nach b’ e ’Bhruiseal an roghainn. …
…Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Mur b’ e Murphy,  no Brown,
cò ach Darling nan àite?
 Ach, fhuair sinn Mundell beag
leis an fhaite-ghàire.
Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Chuir iad às an cuirp
mun t-suaile san domhain
“Dar a ruigeas sinn am bàrr,
se an sgeir a bhios fodhainn!”
…Cha toigh leam am plìon ud….
Gach neach ´s a thoil fhéin
“Och is ochan nan och éire!” …
… B’ e Lunnainn an taghadh
’s cha b’ e ’Bhruiseal a roghainn. …
.. Ubh, cha toigh leam am plìon ud.

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

An leadraigeadh mu dheireadh

Le Steaphan

San Dàmhair am-bliadhna, dh’aontaicheadh lagh ùr ann an Alba a tha a’ casg dèiseagan le neach sam bith, pàrantan ann no às, do chloinn. Bha sgleogadh air a thoirmeasg mu thràth. Seo agaibh sùil air an lagh ùr agus an t-àite aig Alba gu h-eadar-nàiseanta a thaobh staid nan laghan a tha a’ cumail dìon air clann is òigridh.

Chan fhada o bhiodh gillean beaga Albannach ag ràdh “gheibh mi mo leadraigeadh” ri an caraidean agus iad an dèidh bhith air an glacadh ri miastadh san sgoil no àiteigin anns a’ bhaile. Uaireannan, thilleadh fear dhiubh o ‘Latha Mòr na Cunntais’ aig an dachaigh a dh’innse an naidheachd mun pheanas a fhuair e – ge be an e leadraigeadh, sgoladh teanga, no èirig a bh’ aige ri phàigheadh ann an riochd obair-taighe no peanas eile.

An-diugh, tha mi an dùil nach eil, air neo, nach bi gillean Albannach cho eòlach air “leadraigeadh” mar pheanas airson mì-mhoidh no miastaidh o seo a-mach ri linn ’s gun deach sgleogadh cloinne a thoirmeasg ann an Alba bho chionn greis. Is fhada o bha strap na sgoile air a chasg fon lagh, agus ged a tha cuimhne agam gum b’ e mo bhràthair (a tha 5 bliadhna nas sine na mi fhìn) fear dhen fheadhainn mu dheireadh a fhuair sràcan ann an àrd-sgoil a’ bhaile againne, nuair a ràinig mi fhìn ’s mo bhràthair as òige an sgoil na dhèidh, cha robh sgeul air tàthas, strap no beilt agus chan aithne dhomh fhìn cò ris a bha e coltach.

Chaidh sgleogadh don cheann a bhacadh ann an Alba roimhe seo, ach bha dèiseagan ceadaichte gus  Dàmhair na bliadhna seo mus do chuir riaghaltas na h-Alba às don t-saorsa aig pàrantan boiseag a thoirt air màsan an cuid cloinne. Leugh mi an ceann-naidheachd ag ràdh gum b’ e Alba “a’ chiad phàirt dhen R.A.” gus dèiseagan a chasg fon lagh. Cha robh na faclan seo feumail ge-tà, oir chan iongnadh idir e ged a b’ e Alba “a’ chiad phàirt” dhen rìoghachd gus lagh sìobhalta eile a chur an sàs air thoiseach air riaghaltas na làimhe-deise shìos ann an tòin Shasainn.

Bha mi fhìn ag iarraidh fiosrachadh air dè an t-àite aig Alba ann an seagh eadar-nàiseanta a thaobh peanasan corporra; agus fhuair mi a-mach gur e Alba an 58mh dùthaich air an t-saoghal a-nis gus gach seòrsa sgleogadh cloinne a chrosadh do phàrantan fon lagh. Tha sgleogadh cloinne de sheòrsa sam bith air a thoirmeasg gu laghail le 22 à 28 de nàiseanan Eòrpach a-cheana. Bhac an Fhraing dèiseagan air cloinn san Iuchar am-bliadhna. Ach, se an t-Suain a tha am broilleach na cuideachd bhon a bhac iadsan peanasan corporra do an cuid cloinne ann an 1979!

Sann caran fadalach a tha Alba an coimeas ri gu leòr nàiseanan eile. A dh’aindeoin sin, sann air thoiseach air Sasainn agus a’ Chuimrigh a tha an dùthaich againn, oir tha iadsan a’ ceadachadh sgleogadh no dèiseagan ma thèid an cleachdadh le “neart reusanta” – rud a tha gam fàgail air dheireadh air dùthchannan ann an Afraga, Ameireaga a Deas agus na h-Innseachan ´s Àisia. Agus, dè th’ ann an “sgleogadh reusanta” co-dhiù do phàiste no do sgoilear nach do ruig inbhe fhathast far am faod iad reusanachadh leis an duine mhòr a tha air tì sgleog a thoirt dhaibh?

Ma sgleogas mise neach – inbheach – a tha ri mì-mhodh no a chuir diomb orm airson adhbhar air choireigin, chan fhaigh mi às ann an cùirt-lagha leis an leisgeul gur e “sgleog reusanta” a bh’ ann. Thog pàrantan airson “Bi reusanta, Albainn” a’ phuing gun robh clann air an dìon o dhroch-dhìol le inbhich orra mar-thà agus nach robh e ceart boiseag aotrom don mhàs le pàrant cùramach a shuidheachadh aig an aon ìre ri dòrn ann an toll na cluaise, breaban is dochannan eile dhen t-seòrsa sin. Ach cò a chuireadh an aghaidh a’ Phrìomh Mhinistear agus a ministearan san riaghaltas, nuair a thuirt iad gum biodh “an aon dìon cheudna air clann fon lagh ´s a tha air inbhich an-drasta” leis an achd ùr seo? Nuair a chuirte an cèill mar sin e, chan eil a dha dhòigh air nach eil iad ceart a dh’aindeoin ’s gu bheil a’ mhòr-chuid de phàrantan a bheireadh dèiseag aotrom do am pàiste cùramach, coibhneil, gràdhach.

San Iapan, far a bheil mi a’ fuireach agus fhad ´s as aithne dhomh, chan eil lagh sònraichte ann a’ casg sgleogadh no boiseagan do chloinn no do sgoilearan le pàrantan agus tidsearan. Gidheadh, bho sgaoil naidheachdan o chionn ghoirid mu chùisean san robh pàrantan ri fòirneart air pàistean beaga truagha, agus cùisean san robh luchd-teagaisg sradagach a’ cumail smachd air sgoilearan le làmhachas-làidir is burraidheachd, tha an riaghaltas a-nis a’ beachdachadh air sgleogadh cloinne sam bith a thoirmeasg fon lagh.

Seallamaid air clàr eadar-nàiseanta de na dùthchannan a chaisg a h-uile peanas corporra agus dè a’ bhliadhna:

• Bhon 1mh latha dhen Dàmhair, 58 dùthchannan
o 1979:An t-Suain
o 1983:An Fhionnlann
o 1987:Nirribhidh
o 1989:An Òstair
o 1994:Cìopras
o 1997:An Danmhairg
o 1998:Croatia, Latvia
o 2000:A’ Ghearmailt, Bulgaria, Israel
o 2002:Turcmanastàn
o 2003:Innis-tìle
o 2004:Romàinia, an Ugràin
o 2005:An Ungair
o 2006:A’ Ghrèig
o 2007:Na Tìrean Ìsle, Sealann Nuadh, a’ Phortagail, Uruguaidh, Venezuela, An Spàinn, Togo
o 2008:Costa Rìcea, A’ Mholdobha, Lugsamburg, Lichtenstein
o 2010:A’ Phòlainn, Tuinisea, Ceinia, Poblachd Dheamocratach na Congo, Albàinia
o 2011:Sudàn a Deas
o 2013:Masadonia, Honduras, Cape Verde
o 2015:Benan, Èirinn, Pearù
o 2016:Mongòilia, Paraguaidh, An t-Slòbhain, Am Monadh Neagrach
o 2017:An Liotuain
o 2018:Neapàl
o 2019:A’ Chosobho, An Fhraing, Afraga a Deas, A’ Chairtbheil (Georgia)
 (Iomradh)ALBA(2019)

 

•Iomradh:Susan H. Bitensky, Corporal Punishment of Children: A Human Rights Violation, Transnational Publishers, New York, 2006 agus Global Initiative to End All Corporal Punishment of Children

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico