Cha toigh leam am plìon ud

Le Steaphan

Tomhas de bhàrdachd eile. Tha seo co-cheangailte ris na beachdan aig mòran de luchd-“cha bu chòir” air na meadhanan sòisealta nuair a thug iad mun aire droch-bhuil “Breat-a-mach”. Dhan sgrìobhadair seo, bha nàdar de “phlìonas” a’ tighinn tarsaing anns a’ bheòlagraich mhilis a bha a-nis a’ dol air ais ’s air adhart air Twitter eadar muinntir “bu chòir” agus “cha bu chòir”.

Cha toigh leam am plìon ud

Le Cead Creative Commons

 

Beul-bòidheach muinntir “nach bu chòir”
guth a ràdh tuilleadh,
oir cha toigh leam am plìon ud.
B’ e an-dé an latha agus an-sin an t-àm,
ach b’ e Lunnainn an taghadh
’s chan e Bhruiseal an roghainn,
is cha toigh leam am plìon ud.
“Cha ghabh an Roinn-Eòrp’ sinn
a-muigh no ’mach ,
is chan fhaighear an-dé
air ais an-diugh”, ars’ iadsan.
B’ e Lunnainn an taghadh
is cha b’ e Bhruiseal an roghainn.
cha toigh leam am plìon ud.
A’ gabhail orr’ an-diugh gun till an tìm
a thugadh air falbh leis na breugan mìn,
ged a b’ e Lunnainn an taghadh
’s nach b’ e ’Bhruiseal an roghainn. …
…Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Mur b’ e Murphy,  no Brown,
cò ach Darling nan àite?
 Ach, fhuair sinn Mundell beag
leis an fhaite-ghàire.
Ò, cha toigh leam am plìon ud!
Chuir iad às an cuirp
mun t-suaile san domhain
“Dar a ruigeas sinn am bàrr,
se an sgeir a bhios fodhainn!”
…Cha toigh leam am plìon ud….
Gach neach ´s a thoil fhéin
“Och is ochan nan och éire!” …
… B’ e Lunnainn an taghadh
’s cha b’ e ’Bhruiseal a roghainn. …
.. Ubh, cha toigh leam am plìon ud.

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico