Cunnart an lùib a’ bhuannachaidh

Le Steaphan

Beachd air dè a tha “buannachadh” a’ ciallachadh do phàrtaidh le cion àireamhan ann am pàrlamaid chèin.

Le cead Creative Commons

Cofhurtachd Westminster – am fàs buill an SNP ro shocrach ri tìde?

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Thugadh teachdaireachd shoilleir le taghadraidh na h-Alba nuair a bhòt a’ mhòr-chuid airson a’ Phàrtaidh Nàiseanta ann an 48 de 59 roinnean Phàrlamaid Westminster. Tha sin a’ fàgail nach do bhuannaich air neo nach do ghlèidh na pàrtaidhean eile ach 11 seataichean ann an Alba uile gu lèir. Gidheadh, ged as e dearbhadh eile a th’ anns an toradh-taghaidh seo gum bu mhiann le Alba fuireach san Aonadh Eòrpach, chan eil e coltach gun toir buill-phàrlamaid na h-Alba suas an suidheachain aig Westminster, anns an aithghearrachd co-dhiù, airson sin a thoirt gu buil.

Ach, ciamar a rèiticheas iad an toil sin agus a bhith a’ tathaich pàrlamaid sa bheil an guthan air am mùchadh le cion àireamhan? Ged a chuireadh iad bile airson neo-eisimeileachd mìle turas fa chomhair nam ball, mar a dh’fheuch iad a-cheana, cha rachadh e troimhe. Ged a rachadh e troimhe, chan fhaigheadh e seachad na ceudan de chnapan-starra eile. Ged a bhòtadh a h-uile gin dhiubh an aghaidh nam poileasaidhean teannais a tha a’ slacadh air na bochd no air duine sam bith aig nach eil stòras mòr airgid ann am falachan air choireigin, cha sgathadh sin air an riaghaltas as coireach dhaibh. Cumaidh na Tòraidhean orra a’ glamhadh suas earras na h-Alba air leas an caraidean bronnach air cheann, no air cùlaibh, chompanaidhean beartach, agus se cnag na cnuise nach urrainn do na h-Albannaich hò-rò a dhèanamh an aghaidh mòr-chuid nan Tòraidhean agus nan 400+ ball Sasannach a tha air tì Alba a shlaodadh leotha às an AE ann an ùine gun a bhith fada.

Air an dàrna taobh, ’s fheàirrde 48 buill thogarrach an SNP a bhith ann an Westminster seach muinntir na dùthcha a bhith umhail don iomadh poileasaidh dealbhte ann an Sasainn a tha mì-fhreagarrach don dùthaich aca fhein. Air an taobh eile, ma bhios buill Westminster an SNP gan socrachadh fhein ro dhomhain ann an Lunnainn, dh’fhaodadh iad toirt air a’ phàrtaidh fiaradh air falbh bhon rùn daingeann airson neo-eisimeileachd do dh’Alba. Dhomhsa dheth, tha cunnart mor na lùib gum fan na buill SNP ann an Westminster tuilleadh is fada, a’ fàs ro chofhurtail agus am miann airson neo-eisimeileachd a’ lagachadh ri tìde.

Air dhomh sin a radh, tha mi an dòchas gu bheil a’ chòir air ar cùisean fhèin a riaghladh gu nàiseanta ‘s gu h-eadar-nàiseanta na mhàthair-adhbhar don phàrtaidh fhathast. Ma tha, ’s fheudar gur e roi-innleachd gheàrr-ùineach a th’ aca. Beart-èiginn, mar gum b’ eadh, gus an cuideam a chumail air cò air bith a tha anns a’ phrìomh-chathair Bhreatannach fhad ’s a thathar ag ullachadh aig an taigh airson an dùthaich a leigeil dha reir.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico