It’s electric! A’ dì-charbonachadh rathaidean-iarainn na h-Alba #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha Còmhdhail Alba, buidheann còmhdhail Riaghaltas na h-Alba air fìor dheagh naidheachd fhoillseachadh an t-seachdain seo.

Thèid rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh (decarbonised) ro 2035.

Thèid cha mhòr a h-uile loidhne rèile ann an Alba a dhealanachadh (electrified). Thèid an còrr a ruith le trèanaichean bataraidh no haidridein.

Seo mapa de shuidheachadh an latha an-diugh.

Alba 2020

 

Mar a chithear bhon dealbh, tha a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann am meadhan na h-Alba air an dealanachadh ach chan eil iad a’ dol a tuath air Sruighlea aig an àm seo. Tha 75% de na tursan aig luchd-siubhail an Alba air an dèanamh air trèanaichean dealanach mar-thà ach le planaichean an riaghaltais, bhiodh seo fada na b’ àirde – is dòcha mu 95% uile gu lèir.

Seo mar a bhios an suidheachadh ann an 2035 nuair a bhios an dì-charbochadh deiseil ach nuair a bhios obair dealanachaidh fhathast a’ dol air adhart.

Alba 2035

Agus seo mar a bhios cùisean aig a’ cheann thall ann an 2045.

lionra 2045

Cha tèid na loidhnichean fada dùthchail a dhealanachadh – Loidhne a’ Chaoil, Loidhne a Chinn a Tuath, Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Sròin Reamhair – ach thèid trèanaichean hydrogen no bataraidh a chleachdadh orra a bhios tòrr nas uaine na diosal salach.

Aon rud a tha inntinneach mun Ghàidhealtachd, ’s e gu bheilear a’ moladh gun tèid an loidhne a dhealanachadh cho fada ri Baile Dhubhthaich.

Tha an riaghaltas an dùil mu 130 km de thrac singilte a dhèalanachadh gach bliadhna gus an tèid an targaid a ruighinn.

Bithear a’ tòiseachadh air obair dealanachaidh le Loidhne Chnoc Màiri agus Loidhne Chille Bhrìde an Ear ann am Mòr-sgìre Ghlaschu.

Alasdair

Cò as a thàinig tiotal a’ phuist-bloga seo? Bhon òran sgoinneil aig Diamond Head – rinn Metallica fìor dheagh chover dheth. Seo bhideo de Metallica agus Diamond Head ga cluich còmhla!

Air m’ ipod: Peter Green’s Fleetwood Mac (RIP Peter Green!)


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Sùil air ais air trainspotting sna 80an #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha 34 latha ann bho bha mi air trèana mu dheireadh agus bidh greis ann fhathast mus bi cothrom agam a dhol air turas rèile a-rithist.

Tha mi air leasan inntinneach ionnsachadh san àm sin – is iongantach an obair a nì duine ma tha e stuicte san taigh fad mìos. Tha mi air na faidhlichean agam uile a sgioblachadh, tha mi air na h-uinneagan a ghlanadh, tha mi air na faidhlichean coimpiutair agam a sgrioblachadh, tha mi air iomairt Gàidhlig no dhà a dhèanamh agus tha mi fiù ’s air toiseachadh air an lobht a sgioblachadh.

Clas 120, Glaschu Mheadhain c1986

Nuair a bha mi san lobht, lorg mi bogsa de na dealbhan trèana a thog mi sna 1980an nuair a bha mi san sgoil. Tha mi a-nis air a’ chuid as fheàrr aca a sgannadh a-steach dhan choimpiutair agus a chur suas air Flickr.

Bha mi beò-glaicte le trèanaichean eadar mu 1985 agus 1987/88. An uair sin, fhuair mi ZX Spectrum agus ghabh mi ùidh na bu mhotha ann an geamaichean coimpiutair agus ceòl agus chan ann airson 10 bliadhna eile a thog mi ùidh ann an rathaidean-iarainn a-rithist.

Clas 104, Stèisean Sràid na Banrighinn (bliadhnaichean mus robh sgeul air soidhnichean dà chànanach ann)

Air ais ann an 1985, bha mi ann an clas 7 sa bhun-sgoil agus clas 1 san àrd-sgoil ann an Stepps, faisg air Glaschu. Cha mhòr gach deireadh seachdain, bhithinn a’ dol dhan bhaile Disathairne no Didòmhnaich le mo charaid Cailean air a’ bhus gus trainspotting a dhèanamh.

Bhiomaid a’ tòiseachadh ann an Stèisean Sràid na Banrighinn – High Level is Low Level, agus an uair sin a’ dol gu Central – High Level is Low Level. Rachamaid air an t-Subway gach turas cuideachd – mar as trice airson dà chuairt den t-siostam air fad!

Nuair a bha airgead gu leòr againn, gheibheamaid burgair bho Casey Jones Burgers ann an Stèisean a’ Mheadhain agus is dòcha lethbhreac den iris Modern Railways cuideachd.

casey jones

Casey Jones Burgers – BR a’ feuchainn ri bhith coltach ri McDonalds!

Bha camara beag 110 size agam a thug m’ athair dhomh agus bhithinn a’ togail dealbhan de na trèanaichean leis. Bha e caran coltach ris a’ chamara san t-sanas spaideil (?!) seo ach bha e na bu shine agus cha robh flash air! Bha na dealbhan a thog e math ach beag biodach!!

a7e7ab92ba4893b574abbd2953f05b3a--instamatic-camera-vintage-cameras

Airson mo cho-latha-breith ann an 1986, fhuair mo phàrantan camara-disc dhomh! Eil cuimhne agaibh orra? Bha e na bu spaideile AGUS bha flash air!

337e5a649232441f69e7e6317ade8128

Camara-disc! 

Bhiomaid a’ dol bho Stèisean a’ Mheadhain gu Stèisean Sràid na Banrighinn uair is uair air an aon latha, uaireanan air a’ bhus shònraichte a bha a’ cosg dìreach 10sg! ‘S e bus double-decker ‘Corpy’ àbhaisteach a bh’ ann leis a’ mhullach air a gheàrradh dheth!

85213706-GG838

Am bus sònraichte eadar an dà stèisean. Cheannaich mi an dealbh seo bho: https://www.philt.org.uk/

Bha na rathaidean-iarainn rud beag eadar-dhealaichte sna 80an. Ann an Alba san latha an-diugh, tha sinn cleachdte ri trèanaichean gu math ùr is glan agus tha tòrr a bharrachd trèanaichean dealanach ann. Ann am meadhan nan ceithir ficheadan, bha a mhòr-chuid de na trèanaichean bho na 1950an. Bha tòrr charactar aca ach gu tric, bha iad gu math salach agus bha na stèisesanan loma làn smuid diosail agus bhiodh ceann goirt agad às dèidh cus tìde ann!

A bharrachd air seo, bha tòrr de na trèanaichean air an tarraing le locothan. San latha an-diugh, tha cha mhòr a h-uile trèana ann an Alba na Iom-aonad no multiple unit – càraichean-rèile.

Loco clas 27 ann an Sràid na Banrighinn (GLQ)

Agus bha Glaschu na àite inntinneach airson iom-aonadan ann am meadhan nan ochdadan. Bha gainnead thrèanaichean ann an Alba – gu sònraichte air loidhne Inbhir Air – agus chaidh tòrr dhìofar sheòrsaichean aonad a chur a dh’Alba mun àm seo. Bha trainspotting car coltach ri safari rèile – cha robh fhios agad dè a chitheadh tu is cuine.

Clas 107, Glaschu Mheadhain (GLC)

‘S e àm inntinneach a bha seo airson rathaidean-iarainn. Bliadhna no dhà às dèidh seo, thàining tòrr mòr thrèanaichean ùra a-steach. Tòrr chàraichean-rèile ùra – na Sprinters agus Supersprinters a bha spaideil agus ùr-nodha agus mean air mhean, chaidh an cur an àite nan seann aonadan agus nan locothan. Mar sin, chunnaic mi cùisean dìreach mus robh mòr atharrachadh ann.

Clas 156 ‘Supersprinter’ – ginealach ùr nan aonadan rèile

‘S e deagh àm a bha seo airson a bhith beò agus a bhith a’ leantainn rathaidean-iarainn ann an Alba!

Alasdair

Air an Sony Walkman agam aig an àm: Big Country, the Alarm

 

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Rathaidean-iarainn na h-Alba – sùil air ais air na 2010an #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha deichead ùr air tòiseachadh agus tha seo a’ toirt dhomh deagh leisgeul sùil a thoirt air ais air na thachair sna rathaidean-iarainn ann an Alba sna 2010an.

Fosglaidhean

Ann an 2010, chaidh an loidhne eadar Bathgate agus an Àrd Ruigh ath-fhosgladh. Chaidh 13 mìle ùr de thrac a chur sìos uile gu lèir. Sgur seirbheisean do luchd-siubhail eadar an dà bhaile anns na 1950an agus chaidh an trac a thoirt air falbh ann an 1982. Chaidh ath-fhosgladh mar loidhne dhealanach dhùbailte.

Làrach Stèisean Caldercruix, 2008, goirid mus do thoisich obair gus a ath-thogail

Ann an 2015, chaidh Loidhne nan Crìochan ath-fhosgladh eadar Dùn Èideann agus Bruach Thuaidh beagan a deas air Galasheils. Sin còrr is 30 mìle de thrac ùr. Bha an loidhne seo air dùnadh ann an 1969 agus dh’fhàg e na crìochan air fad gun stèisean rèile sam bith. Tha an iomairt a leantainn gus an rathad-iarainn a leudachadh gu Maol Ros, Hawick is Carlisle.

Mo theaghlach a’ dèanamh air trèana do na Crìochan airson a’ chiad turais 2015

Dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba ann an 2019 gun rachadh Rathad-iarainn Inbhir Lìobhann ath-fhosgladh eadar Ceann-rèile Thornton agus Inbhir Lìobhann. Thathar ag amas air an loidhne seo, a tha 5 mìle a dh’fhaide, fhosgladh ann an 2024.

Agus bha adhartas ann le rèile aotrom cuideachd le tramaichean Dhùn Èideann a’ tòiseachadh – mu dheireadh thall – ann an 2014 eadar Port-adhair Dhùn Èideann agus Plàs York. Shoirbhich gu mòr leis na tramaichean agus chaidh aontachadh an siostam a leudachadh gu Lìte is Newhaven ann an 2019.

Stèiseanan ùra

A bharrachd air na loidhnichean ùra agus na stèiseanan ùra orra, chaidh stèiseanan fhosgladh no ath-fhosgladh air grunn loidhnichean a bha fosgailte mar-thà. B’ iad:

  • Drochaid Sguideil, Roinn na Gàidhealtachd, 2013
  • Slighe Dhùn Èideann (Edinburgh Gateway), Dùn Èideann, 2016
  • Robroyston, Glaschu, 2019.

Dealanachadh

Is dòcha gur e an t-atharrachadh as motha a bh’ ann sna 2020an gun deach tòrr de na rathaidean-iarainn a dhealanachadh (electrified).

Comar nan Allt mus deach an loidhne a dhealanachadh

Sna 2010an, chaidh na loidhichean a leanas a dhealanachadh:

  • Glaschu – Canàl Phàislig
  • Glaschu – Whifflet
  • Glaschu – Comar nan Allt – Dùn Èideann
  • Tobar na Màthar – Comar nan Allt
  • Glaschu – Bràigh na h-Eaglais Brice – Dùn Èideann
  • Glaschu – Shotts – Dùn Èideann
  • Inbhir Grèinnse – An Eaglais Bhreac (airson bathair)
  • Glaschu/Dùn Èideann – Sruighlea – Dùn Bhlàthain/Almhaigh

A-nis, tha 25% den lìonra rèile air a dhealanchadh agus tha Coimisean Bunstructar na h-Alba a’ meas gu bheil 75% de na tursan rèile ann an Alba a-nis air trèanaichean dealanach.

Bha na 2010an gu math soirbheachail airson rathaidean-iarainn ann an Alba agus chaidh àireamh nan tursan rèile le luchd-siubhail suas 3!% eadar 2010 agus 2019.

Anns an ath phost, bheir mi sùil air adhart ris na 2020an.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Agenda rèile airson Seanadh Èireann a Tuath #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha mi uamhasach fhèin toilichte gu bheil Seanadh Èireann a Tuath air fhosgladh as ùr mu dheireadh thall. Tha mi air mo dhòigh glan gu sònraichte gu bheil reachdas Gaeilge gu bhith ann mu dheireadh thall.

A bharrachd air taic dhan Ghaeilge, tha aon rud eile a bu toil leam fhaicinn gu mòr bhon t-Seanadh san ùine ghoirid – leasachadh air na rathaidean-iarainn.

Tha an lìonra rèile ann an Èirinn a Tuath gu math beag aig an àm seo agus chan eil seirbheisean idir ann gu cuid de na bailtean as motha agus as cudromaiche.

Seanadh Èireann a Tuath, Stormont

Tha fèin-riaghaladh ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Èireann a Tuath air na rathaidean-iarainn a leasachadh gu mòr bho dh’fhosgail Pàrlamaid na h-Alba agus Seanaidhean na Cumirigh is Èireann a Tuath.

Ann an Alba agus sa Chuimrigh, chaidh tòrr loidhnichean ath-fhosgladh. Anns a’ Chuimrigh cuideachd, chaidh an dùthaich aonachadh fon aon fhranchise rèile airson a’ chiad turas riamh cuideachd, an àite a bhith air a roinn eadar dìofar franchises Sasannach. Agus ann an Èirinn a Tuath, aig toiseach nan 2000an, chaidh an lìonra rèile a shàbhaladh leis an t-Seanadh ùr.

Bha na rathaidean-iarainn uile aig NIR ann an cunnart dùnadh aig an àm. Cha deach mòran airgid a chosg air an lìonra fad uine mhòr agus aig deireadh an 20mh linn, bha na loidhnichean agus na trèanaichean uile feumach air ùrachadh dhan ìre is gun robh ceistean ann a thaobh sàbhailteachd.

Cho-dhùin an Seanadh ùr gum bu chòir an lìonra a chumail agus gun robh feum air trèanaichean ùra agus tòrr obair leasachaidh. Nam biodh Èirinn a Tuath fhathast air a ruith gu dìreach le Westminster, tha deagh sheansa ann nach biodh loidhne sam bith air mairsinn, ach a-mhàin an t-seirbheis eadar Béal Feirste agus Baile Átha Cliath is dòcha.

Seo an lìonra rèile ann an Èirinn a Tuath mar a tha e aig an àm seo.

NIR sa Ghaeilge

Bho chaidh na rathaidean-iarainn a shàbhaladh is ùrachadh, tha àireamhan an luchd-cleachdaidh air àrdachadh gu mòr. Mus do thuit Riaghaltas Èireann a Tuath, bhathar a’ coimhead air planaichean leasachaidh a’ gabhail a-steach molaidhean gus loidhnichean ath-fhosgladh.

Bhathar a’ coimhead gu sònraichte air trì loidhnichean ath-fhosgladh. Sa chiad dol a-mach, tha Aontroim – Lios na gCearrbhach (Antrim-Lisburn). Tha an loidhne seo fhathast ann ach chan eilear ga cleachdadh aig an àm seo. Tha i a’ dol gu math faisg air Port-adhair Eadar-nàiseanta Bhéal Feirste agus bhiodh stèisean ùr an sin.

Tha dà loidhne eile ann le iomairtean làidir gus an ath-fhosgladh, ’s iad sin Port an Dúnáin (Portadown) gu Ard Mhacha (Armagh) agus Port an Dúnáin gu Dún Geanainn (Dungannon).

Nuair a thuit an Riaghaltas trì bliadhna air ais, chuir e dàil is bacadh air adhartas sam bith leis na rathaidean-iarainn ach leis an t-Seanadh a’ coinneachadh a-rithist, tha cothrom ann piseach a thoirt air cùisean ma bheir iad prìomhachas dhan chuspair.

Seo an lionra a dh’fhaodadh a bhith aig NIR an ceann 10 no 20 bliadhna eile ma bhios Seanadh Èireann a Tuath lèirsinneach agus uaine:

NIR san am ri teachd

Agus tha mi an dùil is an dòchas gum bi na soidhnichean aig stèisean ùr sam bith dà-chànanach mar as còir!

Alasdair

Seo a’ Bheurla na h-ainmean-àite Gaeilge gu h-àrd:

Aontroim Antrim
Ard Mhacha Armagh
Béal Feirste Belfast
Beannchar Bangor
Cúil Rathain Coleraine
Dún Geannain Dungannon
Doire Derry
An tIúr Newry
Latharna Larne
Lios na gCearrbhach Lisburn
Port an Dúnáin Portadown
Port Rois Portrush

 

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Rathad-iarainn Gibraltar

Le alasdairmaccaluim

Fhuair mi leabhar inntinneach a-mach às an leabharlann bho chionn goirid mu thrèanaichean caol-ghèidse (narrow gauge).

narrow gauge

Nuair a smaoinicheas sinn air rathaidean-iarainn caol-ghèidse, mar as trice, bidh sinn a’ smaoineachadh air thrèanaichean beaga brèagha a-mach air an dùthaich – a’ Ffestiniog, an Talyllyn, an Corris agus mar sin air adhart.

Anns an leabhar Narrow Gauge Locomotives le Anthony Coulls, tha an t-ùghdar a’ coimhead air loidhnichean is locothan nach eil a cheart cho ainmeil no romansach – loidhnichean bathair ann am mèinnein is cuaraidhean agus eile.

San leabhar, ionnsaich mi gu bheil Taigh-tasgaidh Caol-ghèidse ann an Irchester, Northamptonshire anns a bheil tòrr eisimpleirean de na locothan den t-seòrsa seo.

Thug mi sùil air an làraich-lìn aca agus tha fiosrachadh mu loco a th’ aca air a bheil ‘An Rock’.

img_1066

‘The Rock”, Taigh-tasgaidh Caol-ghèidse Irchester (Bho Wikipedia commons)

Fhuair mi a-mach gun d’fhuair e a ainm bhon Rock of Gibraltar far an robh e ag obair uair.

Ged a tha ùidh mhòr agam ann an rathaidean-iarainn agus Tìrean Breatannach Thall-thairis (British Overseas Territories), cha robh càil a dh’fhios agam gun robh rathaidean-iarainn ann an Gibraltar uair.

img_1067

Bha lìonra gu math mòr de rathaidean-iarainn caol-ghèidse ann an Gibraltar airson bathair uair le còrr is 17 mìle de thrac anns na docaichean.

Cha robh trèanaichean luchd-siubhail no ceangal-rèile leis an Spàinn ann riamh.

Ach ged nach eil rathad-iarainn sam bith air fhàgail, tha “an Rock” fhathast a’ ruith ann an Northamptonshire.

1280px-Flag_of_Gibraltar.svg

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Carson nach eil barrachd rathaidean-iarainn glèidhte ann an Èirinn? #Gàidhlig #gaelic #cleachdi

Le alasdairmaccaluim

Gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr bidh mi a’ dol air turas rèile sònraichte. Am-bliadhna, bidh mi a’ dol gu Rathad-iarainn Dhún Phádraig agus Chontae an Dúin (the Downpatrick and County Down Railway) ann an Èirinn.

Tha mi uamhasach dèidheil air Èirinn agus rathaidean-iarainn na h-Èireann agus tha mi air a bhith air gach rathad-iarainn ann an lìonra Northern Ireland Railways agus air beagan ann an Lìonra Iarnród Éireann. A-nis, tha mi airson a dhol air an aon rathad-iarainn gèidse-choitcheann (standard gauge) ann an Èirinn air fad.

80 Class Thumper – tha fear aca glèidhte ann an Dún Pádraig a-nis

Tha e caran iongantach nach eil ach aon dhiubh ann an Èirinn. Rinn mi beagan rannsachaidh air àireamh nan rathaidean-iarainn gèidse-chotcheann glèidhte ann am Breatainn is Èirinn agus seo  mar a tha an suidheachadh:

1024px-Flag_of_England.svg Sasainn 68
A;ba bratach Alba

 

7
1200px-Flag_of_Wales_(1959–present).svg A’ Chuimrigh

 

5
800px-Flag_of_Cornwall.svg A’ Chòrn

 

2

Tha sluagh tòrr nas motha ann an Sasainn agus mar sin, bhiodh tu an dùil gum biodh tòrr a bharrachd ann an Sasainn ach tha e daonnan a’ cur iongnadh orm gu bheil nas lugha ann an Èirinn na ann an Alba,  a’ Chuimrigh no fiù ’s a’ Chòrn.

Seo cuid de na h-adhbharan airson seo nam bheachd:

Chaidh tòrr de na rathaidean-iarainn a dhùnadh na bu thràithe ann an Èirinn na ann am Breatainn. Chaidh an sgrios as miosa air rathaidean-iarainn Bhreatainn a dhèanamh eadar meadhan agus deireadh nan 1960an ach chaidh tòrr de na gearraidhean ann an Èirinn a dhèanamh na bu thràithe, gu sònraichte ann an Èirinn a Tuath far nach robh riaghaltas Stormont idir taiceil ris na rathaidean-iarainn. Thachair seo mus robh eisimpleir ann de rathaidean-iarainn glèidhte agus aig àm nuair nach robh cus airgead saor aig daoine ann an Èirinn no Breatainn.

Cha b’ ann gus na 1950an a chaidh a’ chiad rathad-iarainn glèidhte ann am Breatainn ath-fhosgladh – an Talyllyn sa Chuimrigh – agus b’ e loidhne phrìobhaideach chaol-ghèidse bheag a bha sin. Cha b’ ann gus na 1960an a chaidh a’ chiad rathad-iarainn gèidse-choitcheann a ghlèidheadh ann am Breatainn. B’ e seo am Bluebell Railway, ann an Sussex, Sasainn. Dh’fhosgail e ann an 1960 – a’ chiad rathad-iarainn gèidse-choiteann glèidhte san t-saoghal!

Gèidse – tha gèidse-choitcheann na h-Èireann (5’3”) eadar-dhealaichte ri gèidse-coitcheann sa chòrr den t-saoghal (4’8 ½“). Bha sin a’ fàgail nach gabhadh trèanaichean a cheannach bho dhùthchannan eile airson loidhnichean ann an Èirinn.

Cha robh Dai Woodman Èirinneach ann – Nuair a chaidh tòrr de na h-einnseanan smùid san RA a chur a-mach à seirbheis, chaidh tòrr aca a cheannach le gàradh-scrap Dai Woodman anns Y Barri anns a’ Chuimrigh. Cheannaich e na ceudan de locothan agus an uair sin, an àite a bhith gam briseadh sìos, chùm e iad agus dh’fhàg e iad sa ghàrradh aige fad iomadh, iomadh bliadhna. Cheannaich luchd-glèidhteachais iad uile thar nam bliadhnaichean. Bha seo uamhasach cudromach ann am fàs nan rathaidean-iarainn glèidhte ann am Breatainn.

Ann an Èirinn, chaidh cur às do locothan smùid na bu thràithe na ann am Breatainn cuideachd, a’ fàgail nach robh cus locothan smùid rim faighinn airson pròiseactan glèidhteachais.

An NCB – bha tòrr einnseanan smùid aig Bùird Nàiseanta a’ Ghuail ann am Breatainn a bha a’ fàgail gun robh tòrr locothan beaga smùid is diosail rim faighinn air deagh phrìs – cha robh sinn fìor ann an Èirinn far nach eil gual ri lorg.

Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin as adhbhar nach eil barrachd loidhnichean glèidhte ann an Èirinn. Tha beagan loidhnichean caol-ghèidse (narrow gauge) ann, ach a-rithist, tha tòrr nas lugha ann na bhiodh tu an dùil bhon lìonra mòr chaol-ghèidse a bh’ ann an Èirinn uair.

A bheil adhbhar eile ann? A bheil mi ceàrr? Dè ur beachd?

Alasdair

 

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico