Thug sinn sùil air Taisbeanadh a h-Ìmpireachd ann am Baile Ùistein ann an 1938 bho chionn ghoirid. Cha b’ e sin a’ chiad taisbeanadh mòr ann an Glaschu, ge-tà, ach an ceathramh fear, às dèidh taisbeanaidhean a chaidh a chumail ann am Pàirce Kelvingrove ann an 1888, 1901 agus 1911.

Bha fios agam gun robh na taisbeanaidhean air a bhith ann ach cha robh fhios agam idir gun robh trèanaichean aca. Fhuair mi a-mach bho chion ghoirid ge-tà, gun robh trèana bheag shònraichte aig taisbeanadh 1901 agus gun robh trèana air leth fhèin neònach aig taisbeanadh 1911.
Seo an rathad-iarainn ann an 1901. ‘S e the American Minature Railway an t-ainm a bh’ air agus bha e sònraichte a chionn ’s gur e a’ chìad mheanbh rathad-iarainn poblach ann am Breatainn a bh’ ann.

Bha an loidhne 160 troigh a dh’fhaide agus bha gèidse de 15″ aice. Chaidh an loco agus an trèana a thogail leis a’ chompanaidh Cagney Brothers ann an New York agus sin as adhbhar gu bheil coltas Ameireaganach air an loco. Bhiodh Cagney Bros a’ dèanamh rathaidean-iarainn beaga a bha car coltach ri “train sets” a bhiodh fèiltean spòrs no pàircean a cheannach mar kit. Bha iad furasta a chur sìos agus a thoirt air falbh.

Chithear am mapa air fad aig: https://maps.nls.uk/view/103656955


Ged nach robh rathad-iarainn àbhaisteach aig Taisbeanadh 1911 ann an Kelvingrove, bha rathad-iarainn gu math neo-àbhaisteach aca: Hamilton’s Aerial Railway. ‘S e seòrsa càr càbaill a bha seo a bha a’ ruith air rèilichean àrd os cionn na h-Aibhne Ceilbhinn.



‘S e rud inntinneach mu thaisbeanadh 1911 gun deach a chur air dòigh gus airgead a thogail cus cathair Eachdraidh is Litreachas na h-Alba a stèidheachadh ann an Oilthigh Ghlaschu. Rinn mi ceum ann an Eachdraidh na h-Alba (agus sòiseolas) san Oilthigh mu 85 bliadhna às dèidh an taisbeanaidh agus mar sin, tha mi gum math taingeil gun deach a chumail!
Nuair a bhios an glasadh-sìos deiseil, feumaidh mi a dhol dhan Phàirc airson beagan rannsachaidh a dhèanamh, feuch a bheir rud sam bith air fhàgail a tha a’ sealltainn gun robh na loidhnichean inntineach sin ann uair!
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico