Chaidh mi gu rathad-iarainn beag snog air a’ chrìch eadar Sasainn is a’ Chuimrigh an-ùiridh. ‘S e an Tanat Valley Light Railway an t-ainm a th’ air. ⠀
⠀
Ged a tha e ann an Shropshire, Sasainn, tha na h-ainmean-àite san sgìre sa Chuimris – Nantmawr is Blodwell is eile.⠀

⠀
Air a’ mhapa, tha an loidhne uaine na pàirt den lìonra nàiseanta. Tha na loidhnichean dubha a’ riochdachadh nam planaichean leudachaidh aig loidhnichean glèidhte: The Cambrian Railway (Oswestry agus Llynclys) agus an Tanat Valley Light Railway. Tha trì loidhnichean beaga fa leth ann aig an àm seo – ann an Nantmawr, Oswestry agus Llynclys ach seo am plana aca san ùine fhada. ⠀
⠀
Tha an Tanat Valley Light Railway air iomairt a thoiseachadh gus airgead a thogail gus òrdugh fhaighinn fo Achd Còmhdhail is Obraichean (Transport and Works Act order) fhaighinn gus am bi cead aca trèanaichean a ruith air an loidhe aca air fad.⠀
⠀
Feumaidh iad £100,000 uile gu lèir airson seo. Ma tha thu airson not no dhà a thoirt dhaibh – mar a thug mi fhèin – faodar sin a dhèanamh air an làraich-lìn aca.

Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico