An trèana as sona an Alba! Turas do rathad-iarainn Inbhir Gharadh is Chille Chuimein

Le alasdairmaccaluim

Tha fios agad daonnan cò na daoine a tha a’ feitheamh ri trèana 08:21 eadar Glaschu, an t-Òban/An Gearasdan agus Malaig.

An 08:21 dhan Òban/dhan Ghearasdan is Malaig
An trèana 08:21 dhan Òban, dhan Ghearasdan/Malaig

Airson a’ mhòr-chuid de thrèanaichean aig an àm sin den latha, tha drèin agus aodach obrach air daoine. Tha muinntir trèana na Gàidhealtachd an Iar gu math eadar-dhealaichte – cluinnidh tu iomadh cànain, tha daoine ann le botannan coiseachd agus bagaichean droma, ùidheamachd spòrs, slatan iasgaich, sgithean, teantaichean, bataichean coiseachd agus coin! Tha mi a’ smaoineachadh gum faca mi fiu ’s canù air bòrd uair!

Tha na daoine sona agus tha e follaiseach gu bheil tòrr de na daoine a’ dèanamh rudeigin a tha air “liosta na lice” aca – Slighe na Gàidhealtachd an Iar no Slighe a’ Ghlinne Mhòir no a’ dol air turas mòr air feadh na Gàidhealachd no eile.

Agus ’s ann tric a chluinneas tu a’ Ghàidhilg air an trèana sin cuideachd.

Is toil leam cuideachd mar a bhios an trèana a’ sgaradh sa Chrìon-làraich leis an dàrna leth a’ dol dhan Òban agus an leth eile dhan Ghearasdan agus an uair sin gu Malaig.

A' Crìon-làraich - Loidhne na Gàidhealtachd an Iar
Trèana a’ dol gu deas, a’ Chrìon-làraich

An turas seo, bha mi a’ dèanamh air a’ Ghearasdan airson a dhol gu Rathad-iarainn Inbhir Gharadh.

Seo an treas turas agam dhan rathad-iarainn agus tha rudan air atharrachadh gu mòr bho bha mi ann an toiseach mu 10 bliadhna air ais.

Sa chiad dol a-mach, tha seirbheis bus ùr aig Ember eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis (taobh Inbhir Gharadh) a tha a’ fàgail ann an deagh àm airson coinneachadh ris an trèana à Glaschu.

An turas mu dheireadh a bha mi ann, cha robh amannan nam busaichean math idir agus bha agam ri bus air leth tràth fhaighinn fad nas slighe bho Ghlaschu agus bha agam ri èirigh aig 04:30 sa mhadainn! An turas seo, b’ urrainn dhomh èirigh aig àm reusanta agus trèana 08:21 fhaighinn agus bus fhaighinn bhon Ghearasdan an uair sin le tìde gu leòr a dhol dhan bhùth agus dhan taigh-bheag  Leig seo leam cuideachd obair a dhèanamh air an trèana – obair gu leòr airson pàigheadh airson an turais!

Chaidh an turas seachad gu luath leis gun robh mi ri eadar-theangachadh agus chan fhada gus an robh mi sa Ghearastan airson bus Ember a ghlacadh gu Inbhir Gharadh. Canaidh mi barrachd mun turas bus agam san ath bhloga.

Bus Ember, Stèisean Bus a' Ghearastain
Am bus dealanach agam, stèisean bus a’ Ghearasdain

Bha Stoirm Dave gu bhith ann ach a rèir aithris na sìde, bha e gu bhith OK gu 3:30 no mar sin agus mar sin, cha robh cus dragh orm.Tha stad a’ bhus aig doras a’ Great Glen Water Park agus tha an rathad-iarainn dìreach dhà no trì mionaidean air falbh air chois.

Tha Rathad-iarainn Inbhir Gharadh is Chille Chuimein na phròiseact gus pàirt den t-seann rathad-iarainn eadar an dà bhaile ath-fhosgladh mar rathad-iarainn glèidhte. Tha am pròiseact stèidhichte ann an Stèisean Inbhir Gharadh, a tha anns an Lagan pìos beag a-mach à Inbhir Gharadh fhèin.

Dhùin an rathad-iarainn air 31 Faoilleach 1946 (6 latha mus do rugadh m’ athair nach maireann!), dìreach 43 bliadhna bho dh’fhosgail e – agus cha do mhair na seirbheisean do luchd-siubhail ach 30 bliadhna.

Cha robh an loidhne thùsail soirbheachail idir ach tha na daoine a tha an sàs sa phròiseact an dùil gum bi loidhne ghoirid do luchd-turais soirbheachail agus gun tarraing e daoine chun an àite.

Thoisich am pròiseact bho chionn 10 bliadhna agus leis gun robh an rathad-iarainn air a bhith dùinte fad 60 bliadhna, cha robh an stèisean idir ann an deagh staid. Chan fhada, ge-tà gus an robh na lusan, preasan is craobhan air falbh is gun robh beagan trac sìos agus shunter beag agus seada beag mar thaigh-tasgaidh ann.

An turas seo, an treas turas agam ann, bha atharrachaidhean mòra rim faicinn. Tha an trac a-nis nas fhaide le mu ¼ mìle ann a-nis agus le taobh-loidhne le seada einnsein ann.

Rathad-iarainn Inbhir Garadh
Acton shot ann an Inbhir Gharadh. Chithear an trac sìos dhan t-seada einnsin ri taobh clì an deilbh.

Tha an loidhne air a dhol cho fada is as urrainn dhi gu tuath air an down line (a dh’ionnsaigh Cille Chuimein) ach tha planaichean aig an sgioba a-nis trac a chur sìos gu Lagan air an up line agus aig a’ cheann thall bu chòir gum bi mu mhìle de thrac ann uile gu lèir.

A bharrachd air adhartas leis na trèanaichean mòra, tha meanbh-rathad-iarainn ann cuideachd.

Meanbh rathad-iarainn Inbhir Garadh
Meanbh rathad-iarainn, Stèisean Inbhir Ghàradh

Tha coltas gu math eadar-dhealaichte air an làraich a-nis cuideachd oir chaidh na craobhan uile air a’ bheinn ri taobh an stèisean a ghearradh sìos le Coimisean nan Coilltearachd bho bha mi ann mu dheireadh, a’ fàgail coltas caran maol air an àite! Chithear an t-eadar-dhealachadh an seo ann an dealbhan a thog mi ann an 2022 agus 2026.

Bha mi ann airson latha fosgailte na Càisge agus bha gu leòr an làthair. Rud brosnachail, b’ e gun robh a’ mhòr-chuid an làthair às a’ choimhearsnachd fhèin. Tha e math gu bheil taic muinntir an àite ris a’ phròiseact. Ach bha gu leòr anaragan rèile ann cuideachd mar mi fhèin!

Fhuair mi cothrom a dhol air an trèana bheag agus air an trèana mhòr agus gus deagh shùil a thoirt air an làrach air fad agus gus cabadaich le cuid de na saor-thoilich.

Ma tha thu a’ dràibheadh seachad air an A82, no a’ coiseachd no a’ rothaireachd air Slighe a’ Ghinne Mhòir, is fhiach e a dhol ann is sùileag bheag a thoirt air an làraich. Tha e dìreach deas air Loc Canàil an Lagain.  

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Salad gun chrìoch! Turas dhan Stephenson Railway, Tyne and Wear

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ dol air safari rèile gu loidhne nach fhaca mi riamh roimhe gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr. Tha mi air a dhol gu Wrecsam is Liverpool, Barrow in Furness, Lunnainn, Manchester, Contae an Dùin is eile thar nam bliadhnaichean.

Blyth Harbour Commissioners Number 2, 0-4-0ST, Taigh-tasgaidh/Rathad-Iarainn Smùid Stephenson, An Caisteal Nuadh

Am-bliadhna, chuir mi romham a dhol gu Rathad-iarainn Stephenson (no an North Tyneside Railway) beagan a tuath air a’ Chaisteal Nuadh. 

Gu fortanach, tha an loidhne seo furasta a ruigsinn air còmhdhail phoblach.

Bha trioblaidean ann le droch thìde agus bha an trèana agam eadar Glaschu is Carlisle le TPE air a chur dheth, ach bha e ceadaichte a dhol ann slighe eile, le ScotRail/LNER taobh Dhùn Èideann agus mar a thachair e, bha sin na bu luaithe co-dhiù. Mar sin, chan fhada gus an robh mi sa Chaisteal Nuadh far an do ghlac mi am bus gu North Shields far a bheil an rathad-iarainn.

Air an t-slighe ann, chaidh sinn tro Wallsend far a bheil soidhnichean dà-chànanach ann air an t-slighe a-steach dhan bhaile – ann am Beurla agus Laidinn – a’ comharrachadh eachdraidh Ròmanach na sgìre.

Tha eachdraidh inntinneach aig Rathad-iarainn Stephenson cuideachd. ‘S e rathad-iarainn fìor aosta a tha seo, agus ’s e slighe-carbad no wagonway a bh’ ann mus robh trèanaichean smùid ann.

Chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna airson obair guail is gnìomhachais ach ann anns na 1970an, chaidh a chleachdadh airson rud gu math eadar-dhealaichte – bha e na thrac deuchainn airson an Tyne and Wear Metro nuair a bhathar a’ togail an t-siostaim, a dh’fhosgail ann an 1980.

Mapa de mhetro Tyne is Wear agus de loidhne ùr Northumberland

Nuair a dh’fhosgail am meatro is nuair a bha na trèanaichean ùra uile deiseil airson seirbheis, dhùn an loidhne deuchainn ach rinneadh taigh-tasgaidh agus rathad-iarainn glèidhte de na seadaichean agus den trac. Tha fòcas sònraichte air an sgìre fhèin agus air eachdraidh shòisealta is gnìomhachais an àite.

 Tha an taigh-tasgaidh beag ach fìor mhath. Tha eisimpleirean de shunteran den t-seòrsa a bha gan cleachdadh anns na mèinnean agus loco bho 1816 nuair a bha Ear-thuath Shasainn aig cridhe nan rathaidean-iarainn. Seo Billy, a tha cha mhòr 10 bliadhna nas sine na Stephenson’s Rocket. Seo an treas loco maireannach as sine san t-saoghal.

Billy, Taigh-tasgaidh Stephenson

A bharrachd air seann thrèanaichean smùid, tha gu leòr trèanaichean dealanach ann cuideachd mar an loco seo a chaidh a thogail ann an 1909.

Loco dealanach E4 bho 1909

Às dèidh dhomh sùil a thoirt air an taigh-tasgaidh, bha an t-àm ann a dhol air an trèana. Air an t-slighe dhan stèisean aig Middle Engine Lane, mhothaich mi gu bheil an rathad-iarainn tòrr nas spaideile na tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte eile a chunnaic mi. Tha e follaiseach gu bheilear a’ coimhead às a dheth gu math leis an t-seada is an stèisean agus na beingean is na feansaichean uile ann am fìor deagh staid agus air am peantadh gu math. Agus gu sònraichte, bha na locotohan uile a’ coimhead air leth spaideil.

Shunterean dìosail aig Rathad-iarainn Stephenson

Tha an loidhne mu dhà mhìle a dh’fhaide agus tha i gu math diofraichte ri rathaidean-iarainn glèidhte àbhaisteach. An àite a bhith a-mach air an dùthaich, tha e ann an ionad gnìomhachais is ionad bhùithean – càr coltach ris the Fort ann an Glaschu.

A’ chiad rud a chì thu bhon trèana smùid nuair a a dh’fhàgas tu an stèisean, ’s e meur de Phizza Hut. Saoilidh mi gur e deagh rud a bhiodh ann salad gun crìoch ithe bhon t-salad bar aca agus a bhith a’ dèanamh beagan trainspotting aig an aon àm!

‘S e talamh post-industrial a tha seo agus aig taobh-tuath na loidhne, tha ionad gnìomhachais is ionad bhùithean agus an uair sin taighean-bathair is an uair sin taighean ùra. Leis an taigh-tasgaidh agus an turas trèana, chì thu na h-atharrachaidhean uile sa chomann shòisealta agus san eaconamaidh bho na 1980an air adhart.

Ma tha thu eòlach air Glaschu, tha e car coltach ri bhith a’ dèanamh rathad-iarainn glèidhte den t-seann rathaid-iarainn ri taobh an slip-road eadar an M8 agus Braehead a tha an uair sin a’ dol tron ionad-gnìomhachais!

Bha an trèana air a tharraing le einnsean smùid beag dearg agus bha i loma-làn de phàrantan is seann-phàrantan a bha airson rudeigin spòrsail a dhèanamh le an cuid chloinne eadar an Nollaig agus Oichche Challainn. Agus bha e follaiseach gunh robh turas air trèana smùid a’ còrdadh ris an fheadhainn bheaga.

Cha bhi an loidhne seo a’ faighinn mòran sanasachd agus is bochd sin oir tha i sgoinneil agus furasta a ruigsinn bho Alba.

Mholainn Rathad-iarainn agus Taigh-tasgaidh Stephenson gu mòr.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Airgead a dhìth air an rathad-iarainn as Cuimriche ann an Sasainn! #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi gu rathad-iarainn beag snog air a’ chrìch eadar Sasainn is a’ Chuimrigh an-ùiridh. ‘S e an Tanat Valley Light Railway an t-ainm a th’ air. ⁠⠀
⁠⠀
Ged a tha e ann an Shropshire, Sasainn, tha na h-ainmean-àite san sgìre sa Chuimris – Nantmawr is Blodwell is eile.⁠⠀

⁠⠀
Air a’ mhapa, tha an loidhne uaine na pàirt den lìonra nàiseanta. Tha na loidhnichean dubha a’ riochdachadh nam planaichean leudachaidh aig loidhnichean glèidhte: The Cambrian Railway (Oswestry agus Llynclys) agus an Tanat Valley Light Railway. Tha trì loidhnichean beaga fa leth ann aig an àm seo – ann an Nantmawr, Oswestry agus Llynclys ach seo am plana aca san ùine fhada. ⁠⠀
⁠⠀
Tha an Tanat Valley Light Railway air iomairt a thoiseachadh gus airgead a thogail gus òrdugh fhaighinn fo Achd Còmhdhail is Obraichean (Transport and Works Act order) fhaighinn gus am bi cead aca trèanaichean a ruith air an loidhe aca air fad.⁠⠀
⁠⠀
Feumaidh iad £100,000 uile gu lèir airson seo. Ma tha thu airson not no dhà a thoirt dhaibh – mar a thug mi fhèin – faodar sin a dhèanamh air an làraich-lìn aca.

Tanat Valley Light Railway

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Tha an eala bhàn a’ dol fodha! Turas gu Inbhir Garadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air a’ chiad “safari-rèile” agam bhon Mhàrt bho chionn goirid.

Bha e math faighinn a-mach à Glaschu agus sgrìob a ghabhail dhan Ghàidhealtachd gu fear de na rathaidean-iarainn glèidhte as ùire ann an Alba: Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Chille Chuimein.

Inbhir Garadh

Tha mi gu math deidheil air Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimin. Cha robh an rathad-iarainn seo riamh uamhasach soirbheachchail – dh’fhosgail e ann an 1903 agus thàinig seirbheisean do luchd-siubhail gu crìch ann an 1933 agus dhùin an loidhne ann an 1947 mus robh sgeul air an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).

Ged nach robh beatha uamhasach fada no soirbheachail aig an loidhne, thathar ag ath-bheothachadh pàirt dhìth do luchd-turais ann an Stèisean Inbhir Garadh. Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nan cleachdadh barrachd dhaoine an rathad-iarainn ath-fhosgailte beag san latha an-diugh na chleachd i nuair a bha i fosgailte fad na slighe bho Dhrochaid an Aonachain gu Cille Chuimein.



Chaidh mi air turas dhan loidhne trì bliadhna air ais agus tha tòrr air atharrachadh bho bha mi ann mu dheireadh. Bha trac ri taobh àrd-ùrlar an stèisean ach tha e a-nis a’ dol nas fhaide gu tuath. Tha bothan beag le fiosrachadh mun loidhne le dealbhan agus rudan eachdraidheil. Tha bogsa-siognail air an àrd-ùrlar a-nis cuideachd agus thathar a’ deisealachadh gus barrachd trac a chur sìos cuideachd mar a chithear gu h-ìosal.


Bha an trèana a’ ruith cuideachd. Cha robh e ceadaichte a dhol air mar thoradh air a’ Chorònabhìoras ach bha an loco a’ ruith suas agus sìos an trac agus seo bhidio bheag a rinn mi.

Tha bhana-brèige (brake van) gu bhith a’ tighinn dhan rathad-iarainn air a’ mhìos seo cuideachd agus bi cothrom aig daoine turas trèana fhaighinn ann.

Chaidh mi air cuairt air làrach na seann loidhne às dèidh dhomh an trèana fhaicinn oir tuath air stèisean Inbhir Garadh, tha Slighe Baidsagal Nàiseanta 78 agus Slighe a’ Ghlinne Mhòir air làrach na seann loidhne.

Choisich mi mu thrì mìle air an t-slighe is chunnaic mi deagh sheallaidhean de Loch Omhaich.

Am measg rudan eile, chunnaic mi caisteal Inbhir Garadh agus bàta a bha air a dhol fodha! Fhuair mi a-mach às dèidh làimh gur e seo an Eala Bhàn a chaidh fodha còrr is 10 bliadhna air ais.

Às dèidh dhomh coiseachd air ais dhan stèisean, rinn mi air Cille Chuimein sa chàr gus faicinn an robh rud sam bith air fhàgail den rathad-iarainn. Lorg mi drochaid abhainn Omhaich a bha uair a’ giùlan na loidhne eadar stèisean Chille Chuimein agus stèisean Cidhe Chille Chuimein ri taobh Loch Nis.


An uair sin, bha an t-àm ann a dhràibheadh dhachaigh. Tha mi gu math eòlach air an A82 oir bha mi nam oileanach aig SMO anns na 1990an. Aig an àm sin, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a bha air na soidhnichean eadar Glaschu is an t-Eilean Sgitheanach. A’ dràibheadh dhachaigh, ag èisteachd ri roc is blues àrd, agus ag òl cofaidh làidir thug e misneachd dhomh gu bheil an uiread de Ghàidhlig a-nis ri fhaicinn air na soidhnichean rathaid.

Alasdair

Ag èisteachd ri: Peter Green’s Fleetwood Mac* Fleetwood Mac (1968). Sin agad roc blueseach!

*Nuair is e còmhlan blues a bh’ annta seach còmhlan pop caiseach a rinn cuid den cheòl a bu bhoring den 20mh linn!!


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico