Soraidh slàn leis na trèanaichean as sine ann an Sasainn #gàidhlig #islandline

Le alasdairmaccaluim

Tha mi gu math dèidheil air an Island Line

Sin an rathad-iarainn ann an Eilean Wight ann an Sasainn. Tha an loidhne (Ryde Pier Head-Shanklin) na pàirt den lìonra nàiseanta ach chan eil i idir ceangailte ri tìr mòr.⁠⠀

Trèana Class 483 (Stoc 1938), Cidhe Ryde, Eilean Wight

Tha an loidhne na nàdar de Mhecca airson daoine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean.

Carson?

Tha seirbheisean rèile an eilein air an ruith le seann thrèanaichean tiùb bho Underground Lunnainn.

⁠Chaidh an loidhne a dhealanachadh ann an 1967 ach a chionn ’s gu bheil tunail gu math ìosail ann an Ryde, cha ghabhadh trèanaichean àbhaisteach a chleachdadh.

Gu tòiseach na bliadhna seo, bha an loidhne ga ruith le trèanaichean tiùb a thogadh 80 bliadhna air ais – “stoc 1938”. Bhiodh daoine a’ dol ann bho air feadh an t-saoghail gus am faicinn.

Chaidh mi fhèin ann gus na trèanaichean fhaicinn air ais ann an 2013. Bha mi an dùil aig an àm nach biodh na trèanaichean ann fada. Bha e follaiseach aig an àm gun robh an dà chuid trèanaichean agus bun-structar na loidhne feumach air ath-nuadhachadh ann an ùine nach biodh fada.

Gu dearbha, bha teagamh ann aig deireadh nan 2010an am maireadh an loidhne idir mar thoradh air an t-suidheachadh seo. Bha an riaghaltas a’ beachdachadh air an loidhne a thoirt a-mach às an lìonra nàiseanta agus a thoirt do dh’urras coimhearsnachd ach bha a’ choimhearsnachd fhèin den bheachd nach biodh sin seasmhach a chionn ’s nach robh dòigh sam bith aca gus an t-airgead a thogail airson trèanaichean ùra is obair ath-nuadhachaidh.

⁠Bhathar cuideachd a’ beachdachadh air tramaichean a chur an àite nan trèanaichean.

Aig a’ cheann-thall, ge-tà, cho-dhùin an riaghaltas gum bu chòir an rathad-iarainn a chumail fosgailte, a sgeadachadh agus trèanaichean ùra fhaighinn – an co-dhùnadh ceart nam bheachd.

Air an adbhar seo, ruith na seann thrèanaichean tiùb airson an turais mu dheireadh air 3 Faoilleach 2021 agus dhùin an loidhne. Gu mì-fhortanach, cha robh cothrom ann gus an suidheachadh seo a chomharrachadh mar bu chòir mar thoradh air a’ Chòrnonabhìoras.

Tha trèanaichean ùra air tighinn dhan eilean agus tha obair sgeadachaidh a’ dol air adhart. Fosglaidh an loidhne as ùr aig tòiseach a’ Ghiblein.

‘S e “D-trains” mar seo a bhios a’ ruith nan trèanaichean ann an Eilean Wight bho seo a-mach. Seo eisimpleir a tha bataraidh-dealanach air deuchainn ann am Bo’ness, Alba. Bidh trèanaichean treas-rèile ann an Eilean Wight.

⁠⠀
Bu chòir dhomh a ràdh nach eil na trèanaichean “ùra” buileach ùr, tha iad ath-chuairtichte – no suas-chuairtichte (up-cycled) bho Underground Lunnainn cuideachd – D-stock bho Loidhne an District ach chaidh an sgeadachadh chun na h-ìre is nach eil mòran air fhàgail den t-seann trèana agus tha iad tòrr na spaideile na bha iad riamh roimhe.⁠⠀

Agus tha na trèanaichean seo nas motha na na trèanaichean a bh’ ann roimhe – ach fhathast comasach air a dhol tron tunail ann an Ryde!

A bharrachd air na trèanaichean ùra, dh’fhaodte gum faigh an t-eilean rathaidean-iarainn ùra cuideachd – tha Riaghaltas na RA air pàigheadh gus sgrùdaidhean comais a dhèanamh mu bhith a’ leudachadh na loidhne a th’ ann mar-thà gu Ventnor agus mu bhith ag ath-fhosgladh na loidhne gu Newport (Casnewydd!!??) , prìomh bhaile an eilein.

Seo mapa:⁠

Agus seo mapa nas sìmplidhe a rinn mi fhèin. Tha na loidhnichean a th’ ann mar-thà ann an cyan agus tha loidhnichean a dh’fhaodadh a bhith ann san àm ri teachd ann an uaine.

Tha mi an dùil is an dòchas gum faigh mi cothrom a dhol ann gus na trèanaichean ùra nuair a bhios zombie apocolypse a’ Chorònabhìorais deiseil!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico