Tiùb Phàdraig Post – Mail Rail Lunnainn

Le alasdairmaccaluim

Tha Lunnainn ainmeil airson trèanaichean fo-thalamh – an Tiùb agus a-nis an Elizabeth Line cuideachd. Ach a bharrachd air sin, tha rathad-iarainn fo-thalamh nas lugha ann nach eil buileach cho cliùiteach ach tha a cheart cho inntinneach.

Eadar 1927 agus 2003, bha rathad-iarainn sònraichte fo mheadhan Lunnainn a’ ceangal Stèisean Paddington san Iar agus Stèisean Liverpool Street agus Ionad Puist Whitechapel san Ear. ⁠
⁠⠀
B’ e seo Rathad-iarainn Oifis a’ Phùist, Lunnainn no Mail Rail agus cha bhiodh e a’ giulan luchd-siubhail idir ach litrichean agus parsailean. Chaidh a thogail a chionn ’s gun robh an trafaig rathaid cho dona ann am meadhan a’ bhaile is gun robh e a’ cur maill air a’ phost.⁠⠀

Seo mapa den t-siostam. Gu h-iongantach, tha an t-slighe car coltach ris an Elizabeth Line ùr!

Dhùin an loidhne ann an 2003 mar thoradh air atharrachaidhean anns an t-siostam puist.⁠⠀
⁠⠀
Gu fortanach, ge-tà, tha pàirt den loidhne air ath fhosgladh do luchd-turais agus tha cothrom ann a-nis a dhol air an trèana bheag sgoinneil seo a tha mar phàirt de thaigh-tasgaidh a’ phuist.

steve_w, CC BY 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by/2.0, via Wikimedia Commons

Nuair a bhios mi ann an Lunnainn san Dùbhlachd, tha mi gu bhith a’ dol air an rathad-iarainn beag snog seo. Postaidh mi barrachd fios an seo.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Airgead a dhìth air an rathad-iarainn as Cuimriche ann an Sasainn! #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi gu rathad-iarainn beag snog air a’ chrìch eadar Sasainn is a’ Chuimrigh an-ùiridh. ‘S e an Tanat Valley Light Railway an t-ainm a th’ air. ⁠⠀
⁠⠀
Ged a tha e ann an Shropshire, Sasainn, tha na h-ainmean-àite san sgìre sa Chuimris – Nantmawr is Blodwell is eile.⁠⠀

⁠⠀
Air a’ mhapa, tha an loidhne uaine na pàirt den lìonra nàiseanta. Tha na loidhnichean dubha a’ riochdachadh nam planaichean leudachaidh aig loidhnichean glèidhte: The Cambrian Railway (Oswestry agus Llynclys) agus an Tanat Valley Light Railway. Tha trì loidhnichean beaga fa leth ann aig an àm seo – ann an Nantmawr, Oswestry agus Llynclys ach seo am plana aca san ùine fhada. ⁠⠀
⁠⠀
Tha an Tanat Valley Light Railway air iomairt a thoiseachadh gus airgead a thogail gus òrdugh fhaighinn fo Achd Còmhdhail is Obraichean (Transport and Works Act order) fhaighinn gus am bi cead aca trèanaichean a ruith air an loidhe aca air fad.⁠⠀
⁠⠀
Feumaidh iad £100,000 uile gu lèir airson seo. Ma tha thu airson not no dhà a thoirt dhaibh – mar a thug mi fhèin – faodar sin a dhèanamh air an làraich-lìn aca.

Tanat Valley Light Railway

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Tha an eala bhàn a’ dol fodha! Turas gu Inbhir Garadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air a’ chiad “safari-rèile” agam bhon Mhàrt bho chionn goirid.

Bha e math faighinn a-mach à Glaschu agus sgrìob a ghabhail dhan Ghàidhealtachd gu fear de na rathaidean-iarainn glèidhte as ùire ann an Alba: Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Chille Chuimein.

Inbhir Garadh

Tha mi gu math deidheil air Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimin. Cha robh an rathad-iarainn seo riamh uamhasach soirbheachchail – dh’fhosgail e ann an 1903 agus thàinig seirbheisean do luchd-siubhail gu crìch ann an 1933 agus dhùin an loidhne ann an 1947 mus robh sgeul air an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).

Ged nach robh beatha uamhasach fada no soirbheachail aig an loidhne, thathar ag ath-bheothachadh pàirt dhìth do luchd-turais ann an Stèisean Inbhir Garadh. Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nan cleachdadh barrachd dhaoine an rathad-iarainn ath-fhosgailte beag san latha an-diugh na chleachd i nuair a bha i fosgailte fad na slighe bho Dhrochaid an Aonachain gu Cille Chuimein.



Chaidh mi air turas dhan loidhne trì bliadhna air ais agus tha tòrr air atharrachadh bho bha mi ann mu dheireadh. Bha trac ri taobh àrd-ùrlar an stèisean ach tha e a-nis a’ dol nas fhaide gu tuath. Tha bothan beag le fiosrachadh mun loidhne le dealbhan agus rudan eachdraidheil. Tha bogsa-siognail air an àrd-ùrlar a-nis cuideachd agus thathar a’ deisealachadh gus barrachd trac a chur sìos cuideachd mar a chithear gu h-ìosal.


Bha an trèana a’ ruith cuideachd. Cha robh e ceadaichte a dhol air mar thoradh air a’ Chorònabhìoras ach bha an loco a’ ruith suas agus sìos an trac agus seo bhidio bheag a rinn mi.

Tha bhana-brèige (brake van) gu bhith a’ tighinn dhan rathad-iarainn air a’ mhìos seo cuideachd agus bi cothrom aig daoine turas trèana fhaighinn ann.

Chaidh mi air cuairt air làrach na seann loidhne às dèidh dhomh an trèana fhaicinn oir tuath air stèisean Inbhir Garadh, tha Slighe Baidsagal Nàiseanta 78 agus Slighe a’ Ghlinne Mhòir air làrach na seann loidhne.

Choisich mi mu thrì mìle air an t-slighe is chunnaic mi deagh sheallaidhean de Loch Omhaich.

Am measg rudan eile, chunnaic mi caisteal Inbhir Garadh agus bàta a bha air a dhol fodha! Fhuair mi a-mach às dèidh làimh gur e seo an Eala Bhàn a chaidh fodha còrr is 10 bliadhna air ais.

Às dèidh dhomh coiseachd air ais dhan stèisean, rinn mi air Cille Chuimein sa chàr gus faicinn an robh rud sam bith air fhàgail den rathad-iarainn. Lorg mi drochaid abhainn Omhaich a bha uair a’ giùlan na loidhne eadar stèisean Chille Chuimein agus stèisean Cidhe Chille Chuimein ri taobh Loch Nis.


An uair sin, bha an t-àm ann a dhràibheadh dhachaigh. Tha mi gu math eòlach air an A82 oir bha mi nam oileanach aig SMO anns na 1990an. Aig an àm sin, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a bha air na soidhnichean eadar Glaschu is an t-Eilean Sgitheanach. A’ dràibheadh dhachaigh, ag èisteachd ri roc is blues àrd, agus ag òl cofaidh làidir thug e misneachd dhomh gu bheil an uiread de Ghàidhlig a-nis ri fhaicinn air na soidhnichean rathaid.

Alasdair

Ag èisteachd ri: Peter Green’s Fleetwood Mac* Fleetwood Mac (1968). Sin agad roc blueseach!

*Nuair is e còmhlan blues a bh’ annta seach còmhlan pop caiseach a rinn cuid den cheòl a bu bhoring den 20mh linn!!


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico