Chan eil annam ach cowboy….. Turas gu Lunnainn 3

Le alasdairmaccaluim

Air an darna latha agam ann an Lunnainn, dhùisg mi tràth sa mhadainn is mus do dh’fhosgail mi mo shùilean smaoinich mi “a bheil mi ag obair an-diugh? A bheil agam ris a’ chlann a dheisleachadh airson na sgoile?”

Agus an uair sin, chuimnich mi gun robh mi ann an Lunnainn air safari rèile!

B’ e am plana agam a dhol air pàirtean den Underground nach d’rinn mi riamh roimhe. Bha fios agam mar-thà gun robh an District line agus an Hammersmith and City gu bhith dùinte ach nuair a thug mi sùil air app TfL, fhuair mi a-mach gun robh pàirtean de loidhne a’ Phicadilly gu bith dùinte cuideachd.

Mar sin, bha an t-àm ann ann airson cofaidh is planadh.

Chaidh mi gu cafaidh faisg air stèisean tiùb Goodge Street agus bha mi ag òl cofaidh a-muigh agus a’ coimhead air mapaichean.

Ri mo thaobh, bha fear òg a bha a’ smocadh. Stad cailleach gus bruidhinn ris.

“Ah son, I wish I could still smoke. I used to smoke. A lot. But now I’ve got asthma. It’s because I smoked low quality fags.”

Mise, a’ smaoineachadh dhomh fhèin: “Hmm, saoil an e uiread nan toitean bu chòireach seach càileachd nan toitean bu chòireach”.

Às dèidh caffeine agus cluich le aplacaid TfL, cho-dhùin mi gun robh mi a’ dol a chur crìoch air an Northern Line (Edgeware Branch) agus gun robh mi an uair sin a dol a dh’fhaighinn bus gu Stanmore aig deireadh an Jubilee Line.

Agus sin na rinn mi! Sin dà loidhne a tha a-nis dèanta air an liosta agam! Tha Stanmore fìor mhath oir tha tòrr thrèanaichean air an cumail ri taobh an stèisein agus fhuair mi dealbh no dhà.

SSS

Chaidh mi air an tiùb agus air an Overgound an uair sin gu Richmond. Às dèidh cofaidh, chaidh mi air misean cudromach – chaidh mi a lorg an taighe a bh’ aig Phil Lynott nach màireann aig Thin Lizzy!

‘S e Pagoda House an t-ainm a th’ air oir tha e gu math faisg air Kew Gardens agus chithear am pagoda. Thog mi dealbh luath agus dh’èist mi ri beagan Lizzy fhad’s a bha mi a’ feitheimh ris a’ bhus dhachaigh.

Pagoda House - Taigh Phil Lynott, Kew Garden

An uair sin, bha mi airson a dhol gu Tottenham, oir leugh mi gum faicear depot a’ Victoria line an sin – an t-aon àite far am bi na trèanaichean os cionn na talmhainn. Mar sin, fhuair mi an tiùb, trèana, tiùb eile agus bus gu stad bus aonarach air a bheil “Northumberland Park Rail Depot”. Lorg mi drochaid thairis air an rathad-iarainn agus mhothaich mi gun robh mesh ga chuairteachadh. Gu fortanach, b’ urrainn dhomh lionsa an iphone agam faicinn tron mhesh agus fhuair mi dhealbh no dhà!

Agus leis a sin, bha an t-àm ann dèanamh air Glaschu a-rithist – fear de na trèanaichean Azuma spaideil ùr aig LNER.

Abair turas a bh’ agam – 27 tursan trèana, 7 tursan bus agus turas air càr-càbail agus beagan eachdraidh Thin Lizzyach!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico