Bill Withers | Leig do chudthrom orm

Le Eoghan

Tha Eòghan Stiùbhart a’ cur clach air càrn Bill Withers, gaisgeach ciùil is sàr-dhuine.

Nuair a bha mi òg fhathast, bha deagh charaid agam Gillian. Thàinig sinn tron Fhèis còmhla, agus fhuair sinn an craic còmhla tric gu lèor anns na samhraidhean goirid buan sin eadar deireadh na sgoile agus mus do thòisich sinn a’ dol an-sàs gu cruaidh san t-saoghal.

Cha robh an eòlas ciùil agam ro fharsaing aig aon aois sin, cha robh e a’ dol beagan nas fhaide na Runrig is Meat Loaf is Jimmy Shand aig an àm sin (cò dh’iarradh an còrr? canaidh feadhainn) ach beag air bheag bha mi air ionnsachadh mu Bob Marley is Marvin Gaye, agus bha mi an còmhnaidh gu math deònach èisteachd ri beachdan o charaidean gu h-àraid iadsan a bha fada na bu “cool” na bha mise.

Mar sin nuair a bha sinn a-mach airson cuairt, ma dh’fhaoidte dhan Mharket Bar ann an Inbhir, thug Gillian orm ‘The Best of Bill Withers a cheannach ann an HMV Iairson £3.99. Cha robh mi air ainm a chluinntinn roimhe, ach bha i gu math làidir den bheachd gum bu chòir dhomh an clàr seo a cheannach agus sin a rinn mi. Bidh mi an-còmhnaidh taingeil airson sin, gun do chuir mi eòlas air an neach-ciùil onaireach, bhrìghmhor, ghasta seo.

Chan eil mi air Gillian (a tha na neach-ciùil onaireach, brìghmhor, gasta cuideachd) fhaicinn gu ceart o chionn fhada ach tha mi an-còmhnaidh a’ smaoineachadh oirre a h-uile turas a dh’èisteas mi ris a’ cheòl aig Bill Withers. ‘S mathaid gum bi

1. Ain’t No Sunshine

Tha siorraidheachdan anns an òran seo. Nan do dh’fhiosraich thu briseadh-cridhe riamh na do bheatha, tha a h-uile dìomb is eu-dòchas ri chluinntinn ann, ach cuideachd am mì-chìnnt agus an cràdh. Chan eil cus eile ri ràdh mu dheidhinn, tha e dìreach beagan nas fhaide na dà mhionaid ann am fad air a’ chlàr, agus tha e a’ cantail na dh’fheumas e. Bhriseadh e ann an dà leth thu nan robh e nas fhaide.

2. Grandma’s Hands

Airson clann nan naochadan, chuir a’ mhòr-chuid againn eòlas air an t-sampall a nochd anns an òran “No Diggity” le Blackstreet, air a riochdachadh le Dr Dre. Tha an cruth air a’ chlàr snog, a’ bruidhinn air cuimhneachan Bhill air a seanmhair a’ bualadh bois anns an eaglais, a’ toirt comhairle do bhoireannaich òga sa bhaile, agus a’ dìon Bill o smachd athar, ach airson am buaidh as motha fhaighinn às feumaidh tu èisteachd ris an tionndadh air Live At Carnegie Hall. On a chaochail mo sheanmhair Màiri, tha an t-òran seo a’ tighinn gu cuimhne glè thric. Mar a chanas Bill “A lot of people come up to me and say man, I dug my grandma too.”

3. Harlem/Cold Baloney

Tha an clàradh air fad o Charnegie Hall a’ nochdadh cho èirmseach, cho èibhinn agus cho math ’s a bha e mar neach-aghaidh air còmhlan-ciùil. Tha rudeigin cho cool mun dòigh sa bheil e a’ cantail ‘cat’ ri daoine. Tha e doirbh a chreid nach do thog e giotar mus robh e 29 (cha robh e seinn gu poblach no air òran a sgrìobhadh), bha e air a bhith sa chabhlach Ameireaganach agus ag obair a’ cur taigh-beaga a-steach gu pleanaichean, thàinig a’ chiad chlàr Just As I Am a-mach nuair a bha e 33, agus cha mhòr gun do dh’fhàg e gnìomhachas a’ chiùil gu tur ann an 1985 aig aois 47 nuair a dhiùlt e cùmhnant eile a shoighneadh le companaidh sam bith. Seo fear aig nach robh ùidh ann a bhith a’ ceannach an t-saoghail aig prìs sam bith. A-rèir coltais, ’s e a’ bhuille mu dheireadh a bh’ ann gun do chuir Columbia a-mach clàr le Mr. T an àite clàr Bhill!


4. Lean On Me

Ged nach biodh e a’ dol air chuairt ach glè ainneamh agus cha robh e a’ cur a-mach ceò lean cliù Bhill tro shampladh ann an R&B is Rap, daoine a’ dèanamh nan tionndaidhean aca fhèin agus Lean On Me a’ nochdadh anns a h-uile dara sanas-reice. Tha an t-òran seo air a bhith ga chlàradh leis a h-uile neach, fiù ’s Glee air ais anns na làithean dorcha sin. Tha a h-uile duine eòlach air achachan eil e air a chluich ro thric gu bheil thu searbh dheth, agus ann an dòigh, faodaidh tu an t-òran seo a chumail a’ dol airson uairean a thìde, tha e a’ togail ’s a’ togail agus a’ cur an cèill gu bheil sinn uile feumach taic àm air choireigin.

Mar a thug mo charaid dhomh eòlas air Bill o chionn bhliadhnaichean roimhe, bidh an t-òran seo nam chuimhne gu bràth o thuras rathaid eadar Glaschu agus Dùn Èideann, a’ toirt lioft do charaidean còire eile ’s iad a’ dol gu consairt Runrig. Sheinn sinn seo a-rithist ’s a-rithist, ged a bha Bruce is na Dòmhnallach ann an deagh fhonn, ’s e òran Bhill a thug toileachas as motha dhomh air an M8 agus gus an latha an-diugh. Seo Bill a’ nochdadh aig tribute dha o chionn bliadhna no dhà, a’ faicinn an spèis a tha aig daoine de gach aois dhan duine agus dhan cheòl aige. Tha an t-òran seo air beatha ùr fhaighinn uair eile leis an t-suidheachadh èiginneach aig a’ Chòrona-bhìorais agus bheir e comhfhurtachd do dh’iomadh neach airson iomadh bliadhna fhathast. ‘S e òran buan a th’ ann.

5. Still Bill

‘S e an rud as prìseilie dhomhsa mu dheidhinn ceòl Bhill gu bheil e a’ rannsachadh dè tha e a’ ciallachadh a bhith nad fhear san t-saoghal. Cò ris a tha e coltach a bhith nad dhuine, nad athair, nad leannan, nad ogha, nad shaighdear (I Can’t Write Left Handed), nad mhac – ann an cuid de na h-òrain, tha e ag innse sgeulachdan dhaoine àbhaisteach, agus cha mhòr gun fhiosta gan leudachadh is gan togail an-àird mar shailm. Chan eil an t-eagal air rudan dorch, rudan pianail a chur an cèill, (èist ri Better Off Dead! a bhios a’ crìochnachadh le fuaim urchair!) ach tron cheòl agus tro na briathran tha e follaiseach gu bheil sruthan làidir de cheartas agus gràdh a’ ruith tron duine is an obair aige. Nuair a bhruidhneas sinn air fireannachd agus na h-eisimpleirean bu chòir dhuinn sealltainn dhan t-saoghal, cha tèid sinn fada ceàrr le Bill Withers.

Ann an iomadh seadh ’s e a bheatha fhèin an t-òran a b’ fheàrr a rinn Bill riamh agus tha an dà chuid, ìrisleachd agus comas a’ nochdadh anns an fhiolm Still Bill o 2009. Bheir e blàthachadh dhan a’ chridhe as fhuaire.

Fhuair Bill Withers bàs le trioblaidean cridhe aig aois 81 ann an Los Angeles Diluain. Dh’ainmich a theaghlach e mar “Fear aonarach le cridhe a bha ga iomain gus ceangal ris an t-saoghal”. Anns na làithean seo far a bheil sinn uile aonranach, feumaidh sinn ar n-iomain fhèin gus na ceanglaichean sin a dhèanamh.

Tha mi an dòchas gun còrd na h-òrain seo riut, thoir an aire ort fhèin.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

New Gaelic videos online!

Le Gordon Wells

The Stòras Beò nan Gàidheal project has successfully met its target of producing 15 hours of new online community-based recordings of Scottish Gaelic, all fully transcribed! The collection comprises 31 videos of Gaelic speakers from four different islands in the Outer Hebrides talking about a wide range of subjects, including their upbringing in the islands and how they perceive things have changed during their lifetime. This project is led by the Language Sciences Institute (LSI) of the University of the Highlands and Islands, with Sabhal Mòr Ostaig and Soilllse, and is supported by Bòrd na Gàidhlig and Foras na Gaeilge. Irish partners are in the process of gathering together a parallel collection of recordings from the Irish Gaeltacht areas.

You can read more about the project on the LSI website here, or you can use the table below to go directly to the videos (on YouTube), with accompanying Clilstore transcripts and summary descriptions (in “Unit Info”).

South Uist Benbecula North Uist Lewis
Tòmas MacDhòmhnaill (1) Eairdsidh Caimbeul Alasdair MacDhòmhnaill (1) Pàdruig Moireach
Tòmas MacDhòmhnaill (2) Ailig Mac a’ Phì (1) Alasdair MacDhòmhnaill (2) Iain Greumach (1)
Hughena NicDhòmhnaill (1) Ailig Mac a’ Phì (2) Dòmhnall MacDhòmhnaill (1) Iain Greumach (2)
Hughena NicDhòmhnaill (2) Màiri Robasdan (1) Dòmhnall MacDhòmhnaill (2) Seònaid Mhoireach (1)
Alasdair Mac Asgaill Màiri Robasdan (2) Dòmhnall MacDhòmhnaill (3) Seònaid Mhoireach (2)
Catrìona Nic an t-Saoir (1) Seonag Smith (1) Aonghas MacPhàil (1) Christine Primrose (1)
Catrìona Nic an t-Saoir (2) Seonag Smith (2) Aonghas MacPhàil (2) Christine Primrose (2)
Seonag Smith (3) Gina NicDhòmhnaill (1)
Gina NicDhòmhnaill (2)

If viewers see resemblances in style to the earlier Saoghal Thormoid project, these are by no means coincidental! Stòras Beò nan Gàidheal builds on previous Island Voices experience of bringing this kind of recording practice into the community, in a way that is maximally user-friendly, and feels as natural as possible. Not every recording has a fully professional polish in technical terms, and the editing has been deliberately light-touch, but arguably that gives viewers a closer picture of genuine interaction in actual practice. The project will now pause its recording work in order to review and evaluate its progress to this point. This is not an end, but hopefully a beginning…


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Powered by WPeMatico

Pàrlamaid na h-Alba a’ cur stad sealach air com-pàirteachadh poblach air sgàth Corònabhìoras Covid-19 #gàidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Pàrlamaid na h-Alba air a ràdh gum bi iad a’ cur stad sealach air gnìomhan com-pàirteachadh poblach agus iad a’ cur prìomhachas air taic do ghnothach pàrlamaideach agus freagairt ri cùis a’ Chorònabhìorais. Tha na h-atharrachaidhean sin gan dèanamh gus a bhith cinnteach gu bheil a’ Phàrlamaid a’ coileanadh a cuid dhleastanasan deatamach a thaobh reachdas … Leugh an corr de Pàrlamaid na h-Alba a’ cur stad sealach air com-pàirteachadh poblach air sgàth Corònabhìoras Covid-19 #gàidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Greis-gnìomhachas ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Màiri Bell, a tha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, air greis-gnìomhachais ann am Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta. Anns a’ phost seo tha i ag innse dhuinn mu deidhinn agus mun obair aice sa Phàrlamaid. Is mise Mairi. Tha mi air greis gnìomhachais le Alasdair agus Marc na h-Oifigearan Leasachaidh Gàidhlig anns a’ Phàrlamaid. … Leugh an corr de Greis-gnìomhachas ann am Pàrlamaid na h-Alba #gaidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Bogadh Às na Freumhan an Dùn Èideann

Le lasairdhubh

RnA4

Bha fìor dheagh oidhche againn ann an Dùn Èideann Diluain aig Bun-Sgoil Taobh na Pàirce far an do chuir sinn an leabhar ùr agam air bhog. Seo cuid dhe na sgeulachdan a nochd anns na meadhanan:

Bhon taobh chlì: Marsaili NicLeòid, Leas-phrionnsabal na Colaiste; mi fhìn; Iain MacSuibhne, Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba; Anna NicPhàil, Ceannard Bhun-Sgoil Taobh na Pàirce; agus Aonghas MacLeòid, Cathairiche a’ Bhùird aig Sabhal Mòr Ostaig.

RnA1

Ministear MacSuibhne a’ bruidhinn:

RnA6


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

Powered by WPeMatico

2020 Am Màrt:Milseag Ubhail is Arain/Mar. Apple Bread Pudding

Le seaboardgàidhlig

Milseag Ubhail is Arain

Tha an tionndadh nas aotruime seo den mhilseag aran-is-ìm
freagarrach do latha fuar geamhraidh, is i cho blàth is sàsachail. Tha an
reasabaidh seo feumail cuideachd ma bhios aran air fhàgail agad.

Gritheidean (6 – 8 pòrsanan)

8 ùbhlan milis

3 roilichean seana, air neo ciabatta neo baguette

4 spàin-bhùird siùcair (is donn as fheàrr)

Spìosan measgaichte / caineal / dinnsear / clòbhan bleithte,
a rèir do mhiann

600 ml bainne

4 uighean

Geàrr na roilichean no an t-aran ann an ciùbaichean. Rùsg na
h-ùbhlan, thoir air falbh na cuairsgeanan, agus geàrr ann am pìosan beaga
iadsan cuideachd.

Measgaich aran is ùbhlan, cur ris spìosan gu do riar, agus
cuir a h-uile rud ann an soitheach-àmhainn a th’ air a shuathadh le glè bheag
de dh’ìm.

Buail na h-uighean le forca, cuir am bainne agus an siùcair
riutha, agus dòirt iad thairis air an aran ‘s na h-ùbhlan. Brùth sìos iad gu
socair, gum am bi gach pìos air a bhogadh. Leig leis seasamh fad mu 10
mionaidean.

Bruich san àmhainn e aig 160 C fad mu aon uair a thìde, gus
an tig dath òr-dhonn air, agus bi an t-ughagan tiugh. Tha an ùine an crochadh
air doimhneachd an t-soithich, mar sin thoir sùil air nas tràithe. Còmhdaich am
mullach le foidhle ma bhios e a’ fàs ro dhonn.

Gabh e teth le iogart Greugach, uachdar singilte, reòiteag
no sabhs faoineig.

Apple Bread Pudding

This lighter variation on the classic bread and butter
pudding is a warming and filling pudding for a winter’s day.  It’s good for using up leftover bread. 

Ingredients for 6 – 8 helpings

8 eating apples

3 stale bread rolls, OR equivalent amount of ciabatta or
baguette

4 tbsp sugar, pref. brown

mixed spice / cinnamon / ginger / ground cloves as preferred

600 ml milk

4 eggs

Cut the rolls or bread into small cubes. Peel, core and cube
the apples.

Mix bread and apples, add spice to taste, and put in a lightly
greased oven-proof dish.

Beat the eggs, milk and sugar together and pour over the
bread and apples, pressing these down slightly so they all absorb the liquid.
Leave for about 10 mins.

Bake in the oven at 160 C for about an hour, or until top is
golden brown and custard has just set – the time will depend on the depth of
the dish, so check earlier.  Cover the
top with foil if getting too brown.

Serve hot with Greek yoghurt, single cream, ice-cream or custard.


Tadhail air seaboardgàidhlig

Powered by WPeMatico

Oh the humanity! Trèana haidridein do dh’Alba #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Rinneadh deuchainnean air trèanaichean bataraidh-dealanach ann an Alba ann an 2018 mar phàirt de phlana Riaghaltas na h-Alba gus rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh.

Clas 230 no D-train – trèana battaraidh dealanach, Bo’ness, 2018

Chaidh ainmeachadh an t-seachdain seo gu bheil deuchainn de theicneòlas haidridein gu bhith againn cuideachd mar phàirt den targaid gus lionra-rèile gun charbon a bhith againn ro 2035.

Thèid uidheamachd haidridein a chur a-steach do sheann thrèanaichean Clas 314 a thàinig à seirbheis an-uiridh.

Clas 314, An Dùn Breac, 2019

Tha trèanaichean bataraidh dealanach gu math freagarrach airson tursan goirid far nach deach loidhnichean a dhealanachadh le uèirean  fhathast – no far nach eil coltas ann gun tèid an dealanachadh gu bràth. Tha iad saor a thogail agus a ruith. Nì iad mu 40 mìle eadar charge is mar sin, bhiodh iad freagarrach airson loidhnichean leithid Glaschu gu Cnoc Màiri, Glaschu gu Cill Mheàrnaig no Glaschu – Cille Bhrìde an Ear (a thèid a dhealachadh latha de na làithean) no Inbhir Ùige-Inbhir Theòrsa (nach tèid a dhealanachadh mar thoradh air cho beag de sheirbheisean a th’ ann).

Tha trèanaichean haidridein nas daoire ach nì iad astaran tòrr nas fhaide air tanca làn. Ghabhadh an cleachdadh airson nan loidhinichean fada uile far nach eil cumhachd an dealain ann, m.e Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath agus Loidhne a’ Chaoil agus cuideachd seirbheisean eadar-chatharach bho Ghlaschu/Dùn Èideann gu Inbhir Nis is Obar Dheathain agus Obar Dheathain gu Inbhir Nis.

Feumar tòrr dealain gus haidridean a dhèanamh ach le tuathanasan gaoithe, gabhaidh a dhèanamh ann an dòigh gu math uaine. Gu tric, bithear a’ cruthachadh cus dealain na tha a dhìth air an an lìonra agus gabhaidh an dealan seo a chleachdadh gus haidridean a dhèanamh.

Tha e gu math brosnachail gu bheil adhartas ga dhèanamh cho luath air lìonra rèile na h-Alba aig an àm seo.

Alasdair

 


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Cò tha a’ moladh Bòrd na Gàidhlig? Thà, aithisg bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig

Le Neil McRae

It’s not all bad for Bòrd na Gàidhlig … Bòrd’s own annual report lavishes praise on the Bòrd

A chàirdean, tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn nan ceumannan mòra a rinneadh gus taic is brosnachadh a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba, tha sinn a’ leughadh an seo ann am bràth-naidheachd ga thoirt seachad le Bòrd na Gàidhlig.

Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu


Tadhail air Gilleasbuig Aotrom

Powered by WPeMatico