Mar a bhearras sibh ur falt aig an taigh

Le Liam.Alastair

Cha do bheàrr mi m’ fhalt fhìn roimhe riamh ach
an latha a bha siud is mi ’nam nighneag aig aois bun-sgoile agus mi a’
feuchainn ri m’ fhalt fhàs. Aig an àm ud, cha robh ach falt glè thana orm agus
às dèidh a shìneadh sìos mo mhaoil ’s thar mo mhala, thòisich e air stobadh
a-steach dha m’ fhradharc. Nise, cha toigh leam rudan nach eil prataigeach mu
m’ bhodhaig – can, sàilean àrd. Dhiamh; rachainn beul fodha nan cuirinn a
leithid orm. ’S fheàrr leam brògan coiseachd cofhurtail agus coma leam a bheil
iad a’ tighinn ri dath m’ aodaich.

Ged a bha mi ag iarraidh falt fada mar a bha
air gach uile nighneag eile, cha dug e fada gus an robh mi cho sàraichte leis
’s gun do ghabh mi grèim air an t-siosar figheadaireachd agam agus gun do
bheàrr mi fhìn e gun dàil – os cionn a’ bhiona-sgudail agam. San dorchadas.
Fhios agaibh, rud eile nach toigh leam ’s e a bhith toirt seachad ùine mhòr air
beulaibh sgàthain – dhomhsa dheth, chan e ach call ùine a tha seo sam b’
urrainn dhomh rudeigin na b’ inntinniche a dhèanamh!

Abair cadal sàsaichte sèimh a fhuair mise an
oidhche ud ach mo thruaighe air o mhàthair bhochd nuair a chunnaic i toradh mo
ghnìomha sa mhadainn. Ghabh i an dearg nàire agus rinn i a dìcheall air beagan
sgioblachaidh air m’ fhalt mus dùraig i dol dhan bhaile agus dhan ghruagaire
leam. Gu fortanach, dh’fhàs m’ fhalt tiugh nuair a chaidh mi ’nam inbheach agus
tha falt fada gun bhuaireadh orm a-nis.

Gun bhuaireadh gu ruige na seachdaine seo nuair
a laigh e air mo làimh is mi ri nighe nan soithichean. Tha mi a cheart cho
measail air obair-taighe ’s a tha mi air cur seachad ùine air beulaibh sgàthain
agus foghnaidh na dh’fhòghnas. Nise, seo an dàrna turas a bheàrr mi m’ fhalt
a-riamh ach le YouTube ri làimh dhomh, chaidh leam mòran na b’ fheàrr na chaidh
leis a’ chiad oidhirp ’nam òige!

Nise, tha mi ’n dùil gu bheil mòran agaibh san aon suidheachadh agus feumach air cliop. Mar sin, innsidh mi dhuibh mar a chaidh leam agus mu na dh’ionnsaich mi.

Na h-acainnean

Feumaidh sibh corra acainn airson ur falt a
bhearradh.

Siosar

Cleachdaibh siosar geur; am fear as gèire a th’
agaibh. Tha gach stiùireadh a’ lorg mi air an eadar-lìon a’ moladh siosar
guagaire ceart, ach saoil dè nach eil agam aig an taigh agus mi a’ feuchainn
gun a bhith a’ dol dha na bùithtean ro thric? Seadh, siosar gruagaire. Seo na
roghainnean a bh’ agam ’na àite:

  1. Siosar oifise. Na rachaibh faisg
    air; chan obraich e.
  2. Siosar cidsin. Caran coltach ri
    sgrìobh tron dlùth-choille le machete, ach nì e a’ chùis ann an èiginn.
  3. Siosar ìnean seann-fhasanta. Tha
    am fear agam geur gu leòr agus chleachd mi e, ach tha e crom.
  4. Dè th’ ann an clòimh ach falt
    caoraich? Ma tha sibh ri fuaigheal no fighe, feuchaibh am fear seo. Bha bhi e
    cho fada agus a tha siosar gruagaire, ach bu chòir dha a bhith dìreach agus
    geur gu leòr.

Ceangal fuilt

Bidh bann rubair no dhà feumail airson am falt
nach eil sibh ag obair air a chumail air falbh. Bidh bioran-fuilt feumail
cuideachd. Mur eil gin dhen leithid agaibh, cuiridh mi geall gu bheil
boireannach no dhà am badeigin air an eadar-lìon a tha ealanta air falt a
cheangal le bioran-ithe!

Lomadair

Airson fuilt glè ghoirid, lomadair le co-inneal
do bhearradh fhada. A-rèir mo cuid rannsachaidh, seo an aon dòigh airson falt
goirid a bhearradh gun taic o chuideigin eile. Cha bhi sibh feumach air ma tha
falt fada oirbh.

Cìr-mhìn

Mar as mìne a’ chìr a chleachdas sibh, ’s ann
as fheàrr an smachd a bhios agaibh air an obair agus ’s an as rèidhe am
bearradh. Chan eil an tè as mìne a th’ agam mìn gu leòr ach nì i a chùis ann an
èiginn.

Botal steallaidh

Nuair a bhios am falt a’ fàs ro thioram fhad ’s
a bhios sibh ag obair, bidh botal steallaidh feumail dhuibh. Chan eil gin
agamsa agus chìr mi m’ fhalt le cìr fhliuch ’na àite. Bheir an cleas sin
barrachd ùine agus feumaidh sibh a dhèanamh nas trice, ach obraichidh e
reusanta math.

Dà sgàthan no fòn tapaidh

Chan eil sùilean ann an cùl ar cinn, mar sin
bidh sgàthan-làimhe gu feum. Cha do dh’obraich e dhomh air an fhaide a tha air
m’ fhalt agus chleachd mi camara beulaibh an fhòn-làimhe agam ’na àite le
sgàilean mòr air mo chùlaibh. Can càise is tog fèineag!

Sìolachan since

Chan eil e furasta grèim fhaighinn air plumair
san t-saoghal a th’ againn agus bha an sìolachan since a th’ agam gu feum mòr
dhomh is mi a’ bearradh m’ fhalt os cionn na since. Mur eil sìolachan agaibh,
mholainn gun dùin sibh an drèana is gum faigh sibh uisge à badeigin eile, can
às an fhras no à bucaid.

Foighidinn

Ruigidh each mall muillean agus na tòisichibh
air bearradh mur eil sibh air 1-2 uair a thìde a thoirt seachad a’ coimhead air
videothan mìneachaidh. Fàsaidh mi fhìn glè an-shocrach le videothan gu tric
agus ’s fheàrr leam teacsa sgrìobhte far an urrainn dhomh leum dhan
fhiosrachadh a tha cudromach dhomh sa bhad. Chan obraich seo le bearradh fuilt
on as e measgachadh de dh’obair-chiùird is obair-ealain a th’ ann. Cuideachd,
chan obraich a t-aon dòigh dhan a h-uile duine agus dhan a h-uile seòrsa fuilt
agus feumaidh sibh measadh dè dh’obraicheas dhuibhse fhèin mus tòisich sibh air
an obair.

Cùram

Bithibh cùramach agus na bearraibh ach glè
bheag dhen fhalt air falbh. ’S e an cleachdadh a nì bòidheach agus mura beàrr
sibh cus dheth, bidh teans eile agaibh mur eil sibh toilichte leis a’ chiad
oidhirp! Bheàrr mise mu 10 cm on a tha falt glè fhada orm is cothrom agam air
10 cm eile ma thogras mi ach cha mholainn còrr is 10 mm do dh’fhalt
àbhaisteach.

Na dòighean-obrach

San earrann seo, bheir mi cruinneachadh de
videothan dhuibh a chleachd mi dha m’ ionnsachadh fhìn. Tha iad sa Bheurla ach
cha rachadh leamsa video cho math a dhèanamh. Cuiridh mi facal no dhà riutha
mun fheum a fhuair mi asta. Tha tòrr videothan is aistidhean stiùiridh eile ri
’m faighinn air loidhne ma nì sibh lorg air “how to cut your own hair”.

Falt fliuch no tioram?

Nuair a bhios falt dìreach oirbh, bidh falt
fliuch nas fhasa ri làimhseachadh. Le falt dualach, bidh e nas fheàrr a chumail
tioram on a dh’atharraicheas fhaide cus nuair a bhios e fliuch. Tha chan eil m’
fhalt fhìn buileach dìreach, mar sin rinn mi a’ phrìomh bhearradh air falt
fliuch agus beagan ceartachaidh às a dhèidh nuair a bha e air a thiormachadh.
Thaisich mi e beagan leis a’ chìr nuair a rinn mi sin.

Comhair an t-siosair

Nuair a bhios sibh a’ bearradh ur fuilt fhèin,
bidh e uabhasach doirbh bearradh tarsaing air gu dìreach ’s gun mhearachd. Air
an adhbhar sin, thathar a’ moladh bearradh biorach (“point cut” sa chànan
eile). Airson sin, tionndaidhibh an siosar an comhair an fhuilt agus dèanaibh
bearraidhean glè bheaga.

Ma tha siosar crom agaibh, can siosar ìne mar a
chleachd mi fhìn, tomhaibh gob an t-siosair air falbh uaibh airson bearraidh
bhioraich ghoirid agus an comhair ur bodhaige airson bearraidh bhioraich nas
fhaide. Leis an dàrna dòigh, thoiribh an aire ’s na leònaibh ur corragan.

Comharran-stiùiridh (le falt goirid)

Bidh comharran-stiùiridh feumail ach an dèid
leibh bearradh dìreach a dhèanamh. Na bearraibh cus dhen fhalt aig an aon àm on
a bhios e ro dhoirbh smachd a cumail air an uairsin ach cleachdaibh gu leòr
dheth ach am faic sibh comhair a’ bhearraidh.

Tha am fear sa video seo glè sgileil a’
bearradh falt fireannaich:

Ma tha sibh nur n-aonar agus falt goiridh
oirbh, cha ruig sibh cùl ur cinn ach le lomadair. Air an adhbhar sin, chan
urrainn dhuibh an stoidhle seo a chruthachadh gun chuideachadh o chuideigin
eile.

Smachd air an fhalt ’s an lomadair (le falt goirid)

Tha an tè sa video seo a’ mìneachadh gu bheil e
cudromach gun a bhith a’ bearradh seachad air dàrna alt nan corragan. Tha dà
adhbhar air sin: gun cùm sibh smachd air an fhalt agus nach dèid ur leòn. Tha
dòigh furasta aice air an lomadair cuideachd agus chì sibh gluasad a làimhe gu
math ann.

Seo dòigh nas toinnte leis an lomadair:

Comharran-stiùiridh le bannan / earball-eich (le falt fada)

Is earball-eich ri do mhala an dòigh as luaithe
airson falt fada iom-fhillte. Mholainn gum beàrr sibh gu dìreach air a’ chiad
oidhirp. Cha do rinn mi seo agus fhuair mi falt beulaibh ro ghoirid às.

Tha dòighean eile ann le bannan rubair aig a’
bhonn nach do dh’fheuch mi fhìn:

Timcheall air an aodann (le falt fada)

Seo videothan feumail airson a’ bheulaibh:

Dearbhadh gu bheil an aon fhaide air an dà thaobh (le falt
fada)

Seo cleas nach fhaca mi sna videothan ach bha
cuimhne agam air on àm a chaidh mi dhan ghruagaire. Bidh seo feumail ma tha
falt fada oirbh. Faighibh grèim air bàrr dual fuilt air gach taobh ur cinn le
ur n-òrdag, colgag is Màiri fhada (no Fionnlagh fada). Gluaisibh ur dà làmh
sìos agus beagan dhan mheadhan aig an aon astar gus an ruig sibh deireadh an
fhuilt is ur dà làmh taobh ri taobh. Ma ruigeas an dàrna tè deireadh an fhuilt
ron tè eile, cha bhi an aon fhaide air an dà dhual.

Deireadh na sgeòil

Air a’ chiad oidhirp, chleachd mi an
t-earball-eich ri mo mhaol le bearradh trastanach agus rinn mi sgeadachadh a
làimh timcheall air m’ aodann an uairsin. Cha robh mi buileach toilichte leis
an toradh on a fhuair mi falt ro ghoirid aig a bheulaibh. Chuir mi seachad mu
uair a thìde ’ga sgeadachadh ach cha robh e buileach glan agus dualan a’
stobhadh a-mach às.

Rinn mi oidhirp eile an làrna-mhàireach.
Chleachd mi an t-earball-eich a-rithist ach le bearradh dìreach is cha do
bheàrr mi ach am falt as fhaide dheth. Cha robh mi buileach toilichte leis an
toradh o nach eil e a’ tighinn rium nuair a bhios an cùlaibh nas fhaide sa
mheadhan. Gidheadh, sin na fhuair mi mar thoiseach-tòiseachaidh.

An uair sin, chleachd mi comharra-stiùiridh
coltach ris na rinn an duine sa chiad video leis an fhalt ghoirid, a’ tòiseachadh
air meadhan a’ chùil. Às dèidh a chìreadh gu cùramach, chleachd mi an dàrna
làimh airson am falt a ghreimeachadh an comhair a’ bhuinn gu teann air agus an
làimh eile airson slaighdeadh sìos air. Rinn mi sin làmh mu seach gus am b’
urrainn dhomh a thoirt dhan bheulaibh far an do ruig mi air. Chùm mi m’ fhalt
ri chèile le grèim làidir air agus gu cùramach ach nach caillinn an cruth. Às
dèidh am pìos sin a bhearradh, chaidh mi on deireadh dhan toiseach beag air
bheag, a’ feuchainn ris an comharra-stiùiridh a chumail.

Nuair a bha am bun-chruth deiseil, chìr mi m’
fhalt dhan beulaibh air mo bhroilleach airson ceartachaidh agus thog mi
fèineagan air a’ chùlaibh feuch an robh e ceart. Leig mi leis an fhalt
tiormachadh beag air bheag.

Mu dheireadh thall, chuir mi gleus air falt a’
bheulaibh agus cleachd mi mo chorragan airson dearbhadh gun robh an aon fhaide
air an dà thaobh. Tha mi toilichte gu leòr leis an toradh a-nis ged nach eil e
cho math ri bearradh a gheibhinn o ghruagaire ceart! Agus tha moit seach nàire
air mo mhàthair.

Catrìona NicUilleim

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Cuimhneachadh air na càirdean

Le Steaphan

Cead o Chreative Commons

Mun àm dhuilich seo, dh’fhaoidte gu bheil cuid againn a’ toirt beachd air cho geàrr is a tha ar saoghal, agus gur feàirrde sinn cuideam a chur air na pàirtean dhith a tha dha-rìribh tarbhach, seach air nithean tana a bhios a’ bòdhradh cluasan ar cinn gach latha. Ma tha an saoghal a’ laighe cho trom oirnn ’s nach urrainn sùil a bhith againn ri dad fiachail san àm ri teachd, nach e sin an uair as motha a tha ùrachadh a dhith oirnn? Mur dèan sinn fhìn atharrachadh air ar beatha, thig caochladh uair no uaireigin ge boil leinn.

Seo an t-àm ma-thà cuimhneachadh air na càirdean is luchd-dàimh againn. An fheadhainn as cuimhneach leinn o ar n-òige, uaireannan is fhada bhon chridhe iad mura bheil iad a’ fuireach faisg air làimh. Tha ar teaghlaichean, mar bu chòir, a’ gabhail prìomh àite, ach ro thric bheir sinn sin mar leisgeul gun an oidhirp a dhèanamh gus a dhol ann an cuideachd ar luchd-dàimh, ag innse dhuinn fhìn gur e ar cor is crannchur as coireach don dearmad. Is mòr am beud sin, oir is dòcha gur e an luchd-dàimh a dh’fheumas sinn, a bharrachd air ar teaghlaichean, gus an t-ùrachadh deatamach seo a thoirt gu buil nuair a bhios sinn fad às, sgapte air feadh na dùthcha no air feadh na cruinne.

Bhuail sin ormsa gu h-àraidh an-uiridh nuair a dh’eug co-ogha mo mhàthar a dh’aona-bheum le stròc. Bha e mu thuaiream 50 bliadhna a dh’aois, duine air leth còir is càirdeil agus bha e uair na cheannaiche chlàran-ciùil leis an robh bùth-ciùil beag, neo-eisimeileach. Air latha a bhàis bha e ag obair san àite-chosnaidh aige ann an Dùn Reatha.

Gus an latha a shiubhail e, bha e a’ còrdadh ri Seumas fios a chumail ri a cho-oghaichean, a bharrachd air na dlùth-chàirdean is caraidean aige fhèin. Tha cuimhn’ agam turas e bhith tighinn a choimhead air mo mhàthair ’s mo bhràithrean mu dhà bhliadhna an dèidh bàs m’ athar le tinneas-cridhe. Dh’fhalbh mise agus Seumas ann am bus a-steach do bhaile Dhùn Deagh agus ghabh sinn biadh ann an seann chafaidh ris an cante “The Leerie”. Is e “leerie” facal air neach a bha uair a’ saltairt nan sràidean agus a’ cur lòchrain a’ bhaile thuige mus robh dealan ann. Co-dhiù, dh’òrdaich sinn le chèile “pie, chips & beans” ach b’ fheudar do Sheumas bochd cur suas leamsa, gille òg a’ mìneachadh dè a bh’ ann an “Wallace Pie” dha, oir bha an t-amadan òg seo dhen bheachd nach robh pàidhean “Dùn Dèaghach” rim faighinn ann an Dùthaich MhicAoidh! An duine gasta mar a bha e, cha do leig Seumas air idir, seach a bhith a’ luaidh air pàidh a dh’ith e fhèin aig Pàirc Hampden “turas a bha seo” agus a bha fìor choltach ris an fhear a bha sinn ag ithe.

Sìth d’ a anam.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Teintean Astràilia: àbhaisteach no mì-àbhaisteach?

Le Steaphan

Falaisg àbhaisteach mu dheich bliadhna roimhe

As t-Sultain, bheothaich teine ann an Cuimrigh-a-Deas Nuadh agus cha b’ urrainn do luchd-smàlaidh a chur às. As t-Samhain, chaidh staid éiginn éigheachd ann an Cuimrigh-a-Deas Nuaidh agus bhon àm sin sgaoil na teintean troimh gach stàit Astràilianach, a’ cur faisg air naoi millean heactair deug agus barrachd air dà-mhìle taigh ’s a sia ceud nan smàl. Chaidh naoi daoine deug a mharbhadh. Tha an sgìre loisgte cho mór ri Albainn, Èirinn, agus a’ Chuimrigh ri chéile.

Mì-àbhaisteach

Tha an saoghal air fad a-nis a’ coimhead air Astràilia agus, leis na teintean a bh’ anns An Amason agus na Stàitean Aonaichte an-uiridh, tha iad a’ faighneachd, “A bheil seo mi-àbhaisteach? Dé cho mì-àbhaisteach? An e Astràilia a’ chiad shamhailt air an apocaileaps?”

Ann an da-rìribh, tachraidh falaisgean ann an Astràilia gach bliadhna, ach mar as trice, cuiridh an luchd-smàlaidh fo smachd gu luath iad, mar sin dheth, cha tèid taigh na theine agus cha mharbhar duine sam bith. Ach uaireannan bidh na falaisgean fada nas miosa, agus tha na bliadhnaichean sin an-diugh mar phàirt dhen bhriathrachas Astràilianach. Ann an 1983, shìn Teintean “Di-Ciadain na Luaithre” eadar Adelaide agus Meall Bùirne. Ann an 2009, chaidh ceud duine agus trì fichead ’s a trì-deug a mharbhadh le Teintean “Di-Sathuirne Dhuibh” ann am Bhioctòiria. Ann an 1974, chaidh cóig-deug ás a’ cheud cuid dhen dùthaich na smàl – a’ fàgail nach eil teintean na bliadhna sa ach anns an t-seachdamh àite a thaobh meud eachdraidheil.

Tiormachd

Mar sin, ciamar a tha na falaisgean seo mì-àbhaisteach? Cò ris a tha iad coltach an coimeas ri Teintean Di-Ciadain na Luaithre agus Teintean Di-Sathuirne Dhuibh? Uill, anns a’ chiad àite, thachair an dà theine seo ás déidh bliadhnaichean tiormachd. Tha an tiormachd eadar 1979-1983 air ainmeachadh mar an tiormachd as miosa san fhicheadamh linn, agus ann an Tiormachd nam Mìle Bliadhna (2001-2009) bha bacaidhean-uisge anns gach baile mór Astràilianach. Chan eil teintean 1974 air bile an t-sluaigh fhathast air sgàth ‘s nach do thachair iad ann an sgìre far a bheil daoine a’ fuireach – ach nuair a bhios tiormachd ann, tha na sgìrean aitreabhach fada nas tiorma agus mar sin tha iad a’ toirt buaidh air daoine. Am-bliadhna, dh’éirich na teintean san sgìre as sluaghmhoire dhen dùthaich. Cuideachd, san sgìre dheasach sin, bidh na falaisgean as miosa a’ tachairt anns a’ Ghearran – thachair Teintean Di-Ciadain na Luaithre agus Teintean Di-Sathuirne Dhuibh mun àm sin – ach am-bliadhna thòisich ràith nan teintean cus na bu tràithe agus tha i a’ mairsinn tuilleadh is fada.

Cuiridh iomadh duine a’ choire air na daoine “uaine” airson teintean na bliadhna sa – their iad gun do chuir luchd-àrainneachd stad air falaisgeadh rianail – ’s e sin nuair a thogas luchd-smàlaidh teintean anns na mìosan as fhionnaire, nuair as urrainn dhaibh na lasairean a chumail fo smachd, gus preaslach lasanta a ghlanadh às a’ bhuis. Is cinnteach nach do rinneadh gach falaisgeadh ‘s a bha sgìrean an dùil an-uiridh, ach an e luchd-àrainneachd as coireach dha sin? Chan è, ’s e an tiormachd as adhbhar dha – cha d’ rinn an luchd-smàlaidh uiread de losgadh rianail air sgàth ’s nach robh iad cinnteach gum b’ urrainn dhaibh an teine a chumail fo smachd leis cho tioram ’s a bha an talamh.

Smùid

Tha na falaisgean seo a’ toirt buaidh mhór air daoine air sgàth ‘s gu bheil iad a’ beothachadh ann an sgìrean sa bheil iomadh duine a’ fuireach. Ach cuideachd, tha iad a’ gabhail faisg air bailtean móra. Mar sin, tha daoine a’ faireachdainn buaidh neo-àbhaisteach. Fad mhìosan, bha smùid thiugh ann am Baile Mór Sidni agus bho àm na Bliadhn’ Ùir’ tha ceò tiugh air a bhith ann am Meall Bùirne agus sa Phrìomh-Bhaile cuideachd. Anns a’ chumantas, cha bhi na falaisgean ach mar smuain fad às do luchd nam bailtean móra – agus tha a’ chuid as motha de mhuinntir Astràilia a’ fuireach anns na bailtean móra, agus dà-fhichead ás a’ cheud ann am Baile Mór Sidni agus Meall Bùirne a-mhàin – ach am-bliadhna tha na teintean a’ tighinn gu math nas teinne orra.

Beathaichean

A-réir nan eòlaichean, thug na teintean buaidh air còrr is billean beathach.Tha feadhainn ann don urrainn teicheadh – cangaruthan, eòin, agus an leithid – ach tha na h-eòlaichean a’ gabhail cùram mu na gnèithean beaga – dearcan, pocanaich bheaga, agus an leithid – agus do na beathaichean slaodach. Anns na stàitean-an-ear, bha coàlaichean fhathast ann an cunnart, ach a-nis chaidh a’ mhòr-chuid dhiubh a mharbhadh agus an àite-còmhnaidh a mhilleadh. Tha eagal ann ro na linntean ri teachd airson nam beathaichean ud – fiù ’s ged a thàr iad ás, cha bhi dachaigh neo biadh aca am-bliadhna.

Bha coàlaichean fhathast ann an cunnart sna stàitean-an-ear, ach cha robh iad ann an cunnart ann an Astràilia-a-Deas. Bha tuineachas mór dhiubh ann an Eilean Cangurù, agus ‘s e seo an t-aon tuineachas choàlaichean san t-saoghal air nach eil chlamydia. Gu mì-fhòrtanach chaidh leth-chuid dhen eilean a losgadh, a’ toirt na pàirce nàiseanta leis far an robh a’ mhór-chuid dhe na coàlaichean a’ fuireach, agus mar sin chaidh cóig mìle coàla ’s a fichead a mharbhadh ann an Eilean Cangurù am-bliadhna. Tha aca ri cungaidhean fhaighinn air an eilean fhéin. Cuideachd, bha seòrsa de sheillean-meala àraidh anns an eilean, ach chaidh dà fhichead ás a’ cheud dhiubh a mharbhadh leis na teintean. Mar a tha a’ chùis, tha eagal air na h-eòlaichean nach bi biadh gu leòr ann dhaibh anns an eilean, agus gum bàsaich an t-iarmad dhiubh am-bliadhna.

Luchd-poilitigs

Is iomadh Astràilianach a tha am beachd nach eil luchd-poilitigs a’ dèanamh saothair gu leòr. Tha iad crosda nach eil poileasaidh shoilleir ann mu atharrachadh na gnàth-shìde, agus gu bheil Astràilia fhathast a’ tochladh agus a’ reic guail. San Dùbhlachd nuair a chaidh staid éiginn a ghairm ann an Cuimrigh-a-Deas Nuadh, chaidh am Prìomh-Mhinistear cuairt gu Hawaii, gun ghuth a ràdh ris an t-sluagh agus gun “Phrìomh-Mhinistear an gnìomh” na àite. Fad dà mhìos cha bu mhiann leis cobhair fheadarail a thoirt do na stàitean gus sabaid an aghaidh nan teintean.

San Fhaoilteach dh’atharraich sin, thòisich an t-arm air cobhair a thoirt don luchd-smàlaidh agus chaidh poileasaidhean a chur an gnìomh gus am pàigheadh. Ach an ann “ro bheag, ro fhadalach” a bha seo? Chì sinn san àm ri teachd.

Le Raghnaid Anna NicGaraidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Toil-inntinn ann an Saoghal gun Dòchas: Teachdaireachdan nam Anam Dorcha

Le Liam.Alastair

“Bha fhios a’m gun robh còir agam stad a bhith a’ cluiche Dark Souls nuair a thòisich mi miannachadh crìoch a chur air a’ gheama.” Aithris mun gheama-choimpiutair Dark Souls, le ceithir pìosan comhairleachaidh don neach leis am bu mhiann buannachadh, le Robbie MacLeòid.

Bha fhios a’m gun robh còir agam stad a bhith a’ cluiche Dark Souls nuair a thòisich mi miannachadh crìoch a chur air a’ gheama.

Beachd àraid a tha sin ri leughadh, tha fhios, ach tha e fìor. Beagan fiosrachaidh airson toiseach tòiseachaidh:

‘S e geama-coimpiutair bho 2011 a th’ ann an Dark Souls, a chaidh a dhèanamh le FromSoftware fo stiùir lèirsinneach Hidetaka Miyazaki. ‘S e a’ chiad geama Dark Souls a bh’ ann, agus an dàrna anns an sreath Souls. Choisinn an geama cliù mar gheama diabhalta doirbh, peanasachail, le bossaichean mòra fuathmhor a chuireadh às dhut ann am priobadh. Geama a nochdadh annad fearg, a bharrachd air sìon sam bith eile. Mar a thuirt Miyazaki fhèin ann an agallamh le Wired, ‘Tha mi air cur romham geamaichean a dhèanamh a bheireas deagh fhaireachdainn do chluicheadairean tro iad a bhith a’ dèanamh a’ chùis air èiginn.’

Tha buaidh nach gann air a bhith aig na geamaichean Souls; tha a h-uile neach a chluicheas geamaichean-coimpiutair san latha an-diugh eòlach air an ainm. Tha fiù ’s genre ùr air fàs às na geamaichean — ‘Soulslike’. (Ràmh eile: ann an aon de na geamaichean ‘Soulslike’, Nioh, tha aon de na caractairean Èireannach agus cha bhi i ach a’ bruidhinn na Gaeilge!)

 

Sgeulachd agus Spionnadh

A thaobh sgeulachd, tha Dark Souls stèidhichte ann an tìr den ainm Lordran. Tha thu fhèin neo-marbh, agus a’ feuchainn ri solas a’ tilleadh dhan tìr thìamhaidh seo, gun a bhith a’ fàs Falamh, no ‘Hollow’ — d’ inntinn a chall gu tur. Air feadh an t-saoghail tachraidh thu ri caractairean a tha air fàs Falamh, nach eil a-nis ach nan creutairean feirge, no ri daoine a tha air an spionnadh aca a chall gu tur.

’S ann mar seo — gun spionnadh — a tha aon de na ciad charactairean ris an coinnich thu sa gheama, seann ghaisgeach nach tèid a-mach a-rithist, fear a tha buileach gun dòchas. “Dè tha ceàrr?” canaidh e riut. “An do ghabh thu feagal? Na gabh dragh. Gabh suidhe is fàs comhfhurtail. Bidh an dithist againn Falamh a dh’aithghearr.” Tha an saoghal eu-dochasach, is làn feirg.

Ach fhuair mi fhèin lorg air nàdar de shìth am measg nam bàsan, agus toil-inntinn ann an saoghal a tha na dheann-ruith gu crìoch gach nì.

 

Teachdaireachd a h-Aon: Gabh air do Shocair

Anns a’ mhòr-chuid de gheamaichean, chan fheum thu gabhail air do shocair. Stiùiridh an geama thu gu ìre mhòr, agus fàsaidh thu cho cumhachdail is nach urrainn dha na nàmhaidean a nochd tràth anns a’ gheama cron a dhèanamh ort. ’S urrainn dhut ruith tromhpa.

’S urrainn dhut cuideachd feuchainn ri dhol nad dheann tro Dark Souls, a’ feuchainn ri ruith seachad air a h-uile càil.

Cha tèid gu math leat.

Feumar gabhail air socair ann an saoghal Dark Souls.  Ann an Dark Souls, fiù ’s às dèidh 20 uair de chluiche, thèid aig na sòmbaidhean bho thoiseach a’ gheama do mharbhadh mura gabh thu cùram. Tha gach neach cunnartach agus a dhìth air do làn aire.  Tha seo gu h-àiridh fìor a thaobh nam bossaichean. Tha agad ri bhith cùramach agus dàna ma tha thu airson a bhith soirbheachail. Feumaidh tu bhith, ma faod mi beagan Beurlachais a chleachdadh, beò anns a’ mhòmaid.

Ò, cuideachd, chan eil putan ‘pause’ idir ann an Dark Souls.

Mar sin, dhomh fhèin, ’s ann mar a bhith ri nàdar de mheditation a bha Dark Souls. Bha agam ri aire a chumail air gach nì: gach oisean anns am b’ urrainn nàmhaid falach; gach criomag còmhraidh anns am b’ urrainn fiosrachadh a bhith na falach; gach sabaid, gach tìr ùr, gach pìos uidheim. Le bhith a’ sealltainn air an t-saoghal le aire, ghabh mi luach ann barrachd na tha mi ann an iomadach gheam’ eile.

Nuair a chrìochnaichinn seisean Dark Souls, bhithinn a’ faireachdainn mar gun robh mi dìreach air suidhe làn-aire airson greis. Bha mi nas cùramaiche nam bheatha fhèin, nas puingeile, nas taingeile. Bhithinn beò anns a’ mhòmaid — ged nach robh dùil agam gun leumadh uilebheist air choreigin às a’ phreas.

 

Teachdaireachd a Dhà: Na dèan coimeasan ri faileasan

Fhad ’s a tha thu a’ gabhail air do shocair, bidh aire agad air dè cho luath is a tha daoin’ eile air dhol. Chì thu faileasan nan daoine seo anns a’ gheama fhèin. Cuimhnichidh tu gu bheil cuideigin ann a tha air crìoch a chur air na trì geamaichean Dark Souls ann an ochd uair a thìde uile gu lèir. Cuimhnichidh tu seo nuair a tha an aon sòmbaidh ud air do mharbhadh airson an treasamh turas ann an sreath.

A bharrachd air sin, bidh aire agad air dè cho luath ’s a bu mhiann leat dol. Cha bhi thu airson feuchainn ris an Deamhan-Tairbh a mharbhadh a-rithist. Bidh thu airson crìoch a chur air a’ phàirt seo, tiog a chur sa bhogsa, gluasad air adhart aig astar.

Cha ghabh Dark Souls truas riut.

Tha agad ri gabhail ris. Tha agad ri gabhail ris gu bheil daoin’ eile ann a tha nas comasaiche aig a’ gheama, no nas fortanaiche, na tha thu fhèin; tha agad ri gabhail ris nach eil thu buileach far a bheil thu ag iarraidh a bhith, nach eil thu air an adhartas a tha thu ag iarraidh dèanamh a dhèanamh fhathast.

Ach thig sin. Cuiridh thu às dhan Deamhan-Tairbh, agus, nas fhaide air adhart anns a’ gheama, nuair a tha agad ri dà no trì dhiubh a shabaid aig an aon àm, bidh e eagalach, gun teagamh sam bith, ach bidh earbsa agad annad fhèin. Bidh thu, uair agus a-rithist, air do chuid fhoighidinne a chleachdadh, agus bidh e mar fhèith a tha air fàs làidir le chleachdadh.

An-dràsta ge-tà, a’ faicinn nam faileasan a tha a’ ruith seachad ort, tha agad ri gabhail ris. Gabh earbsa gun dèan thu a’ chùis le foighidinn, agus nach toir coimeasan riut ach mì-thoileachas.

 

Teachdaireachd a Trì: Nàmhaid mu seach

Chan fhiach feuchainn ri barrachd na dà nàmhaid a-mhàin a shabaid aig aon uair ann an Dark Souls. Aon (uill, dà) de na bossaichean as doirbhe a tha ri lorg anns a’ gheama ’s iad Ornstein agus Smough, dithist seann ghaisgeach a th’ agad ri sabaid aig an aon àm. Leotha fhèin, chan eil iad mòran nas miosa na bossaichean eile a’ gheama; ach còmhla, ’s e sabaid dhuilich a tha romhad.

Ach tha seo fiù ’s fìor airson nàimhdean beaga a’ gheama cuideachd. Thèid aig creutair sam bith a’ chùis a dhèanamh ort ann an Dark Souls ma tha grunnan aca ann. Ma bhios tu a’ feuchainn ri cus a dhèanamh aig an aon àm, cuiridh e fodha thu.

Nàmhaid mu seach. Aon rud aig aon àm. Bidh dàna, seadh, agus dèan oidhirp; ach na feuch air cus a dhèanamh.

 

Teachdaireachd a Ceithir: Iarr air taic

Cuimhnich air a’ Ghaisgeach Ghruamach air an robh mi a-mach na bu thràithe? Fhad ’s a tha thusa a’ dol a-mach dhan t-saoghal agus a’ feuchainn, a’ strì, bidh esan na shuidhe ri taobh a’ ghealbhain, a’ gearan, a’ magadh, agus cha bhi e ri mòran eile a bharrachd air sin. Tha e air a mhisneachd a chall buileach; chan eil dòchas idir aige, agus tha e a’ magadh air daoin’ eile a tha a’ feuchainn ri cùisean atharrachadh.

Ach, aig cridhe Dark Souls, tha teachdaireachd làidir a’ dealradh mar lasair: chan eil thu nad aonar. A dh’aindeoin doilleireachd an t-saoghail, a dh’aindeoin bàis is feirg is eu-dòchais, ’s urrainn dhut iarraidh air taic. Aig amannan thig an taic seo bho chluicheadairean eile: ’s urrainn dhut tron eadar-lìon cluicheadairean eile a thoirt a-steach don gheama agad. Uaireannan eile, ’s urrainn dhut na caractairean ris an do thachair thu a thoirt còmhla riut airson greis, gu h-àraidh faisg air bossaichean doirbhe. Tha dìreach agad ri iarraidh air taic.

Agus beiridh an fheadhainn a tha cumail taic riut buaidh ort. Ma leughas tu sìon mu dheidhinn Dark Souls, chìthear iomraidhean air Solaire, caractar toilichte is dòchasach a bhios ag adhradh na grèine. Tha solas ann fiù ’s aig àm bàs an teine.

Dhomh fhèin ’s e an caractair Laurentius a tha glaiste nam chuimhne, fear a ionnsaicheas breò-dhraoidheachd dhut, .i. draoidheachd an teine. Bidh Laurentius a’ gabhail ùidh annad, gu h-àraidh an coimeas a’ Ghaisgich Ghruamaich. Nuair a chuireas tu crìoch air còmhradh le Laurentius, canaidh e san dealachadh, “Na fàs Falamh a charaid.”

Ann an saoghal Dark Souls, tha e nas fhasa fàs Falamh, no fàs eu-dòchasach, na cumail ort. Ach san uair sin, tha na dàimhean againn nas cudromaiche. Na fàs Falamh, a charaid.

 

Co-dhùnadh

An-dràsta ge-tà, tha mi airson ruith seachad air gach nàmhaid. Tha mi airson crìoch na sgeòil a ruigsinn, dìreach airson crìoch a chur air. Agus tha sin gu tur an aghaidh mo thuigse fhèin de Dhark Souls.

Is mar sin, às dèidh mo chiad 20 uair san t-saoghal, às dèidh diofar deamhain agus bossaichean (fiù ’s Ornstein is Smough!) tha mi ag ràdh soraidh ri Dark Souls, airson greis co-dhiù. Fàgaidh mi an saoghal ud an-dràsta, làn earbsa gum bi na Ceithir Tighearnan, agus taghadh mu dhàn na cruinne-cè, fhathast gam fheitheamh nuair a thilleas mi. Agus tha mi an dòchas nuair a thilleas mi gun gabh mi ris na tha an geama a’ toirt orm chur an cèill: foighidinn, fèin-mhathanas, càirdeas, agus aire.

– Robbie MacLeòid

 

Corra fhacal fheumail

Anman Dorcha — Dark Souls

Falamh — Hollow

Mol a’ Ghrian! — Praise the Sun!

Dh’eug thu. — You died.

An Gaisgeach Gruamach — The Crestfallen Warrior

Breò-dhraoidheachd — Pyromancy

‘Shin thu. Fanaidh mis’ an seo, airson sealltainn air a’ ghrèin. ’S e nèamhach àlainn a th’ anns a’ ghrèin. Mar athair mhiorbhailteach!  Ach gum bithinn fhèin cho mòr-dhealrach!’ —  ‘Oh, hello there. I will stay behind, to gaze at the sun. The sun is a wondrous body. Like a magnificent father! If only I could be so grossly incandescent!’ (Solaire)

‘Mar sin leat, ma-thà. Gabh cùram, a charaid. Na fàs Falamh.’ — ‘‘Goodbye then. Stay safe friend. Don’t you dare go hollow.’ (Laurentius)

 

Beagan Ghaeilge an Nioh: https://www.youtube.com/watch?v=nRLsyv8cEmk

Agallamh le Miyazaki: https://www.wired.co.uk/article/dark-souls-3-hidetaka-miyazaki-interview

 

 

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico