Seo dàn spioradail a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha am pìos a’ suidheachadh dìleab agus làthaireachd na Crìostachd an cois nàdar is cruthaidheachd Uibhist, a’ tarraing air cuid de bheul-aithris na sgìre, can, mu Choinneach no mun bhrìdean. Aig bonn na duilleige, tha clàradh dheth a’ gabhail an dàin (agus na rainn ann an òrdugh eadar-dhealaichte).
Nach cluinn thu an ceòl ud a dheònaicheas gràs Dhè?
O èist ris an laoidh tha gun chaochladh gun àicheadh:
Air osag na gaoithe thar aodann nan àrd-bheann,
Air gàirich a’ chuain tha bith-bhuan air na tràighean.
Gur fada is cian bha an Trianaid na làthair
An ceàrnaidhean tuath air an cuairtich an sàile;
Tha eachdraidh na Crìosdachd gu dìomhair san àrainn
Mar neamhnaid co-shìnte ri mìorbhailean nàdair.
Le spiorad na Cruthaidheachd gu ciùin anns an àite
Tha tighinn fa-near dhomh mar bheannaich gu gràdhmhor
Am brìdean thug dìon don mhac, Ìosa, o nàmhaid –
Rìgh Herod ’s an t-eachraidh – fon fheamainn rinn shàbh’ladh.
O stèidhicheadh tràth ann nuair thàinig an cràbhach,
Air taisteal gu crìochan na rìoghachd fo aidmheil,
Chuir Coinneach air leathad an eaglais an càradh
Gu sgaoileadh na fàisneachd aig fàidhean air Pàrras.
An Soisgeul rinn fàs às an làrach sa bhàgh ud,
An làthair na Trianaid bha riamh anns na h-àirdean:
Fo sgàil na Beinn’ Mòire tha còmhnaidh le ’gràsan –
Mar chaithris an Aoin air A chaoraich gun fhàilneadh.
Tha sòlas na sìthe san tìr seo an-còmhnaidh,
Le beannachd an Triath a tha riarachadh dòchais,
O mhullach nam beanntan gu gleanntan ar n-eòlais,
Tha m’ anam gu mùirneach an ùmhlachd Do thròcair’.
Powered by WPeMatico