Bàrdachd: Òran Laisgir | Liam Alastair Crouse

Le Liam.Alastair

Seo òran molaidh a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha am pìos a’ moladh a’ bhaile Laisgir, faisg air Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas, far a bheil e air a bhith a’ fuireach o 2018. ‘S e baile beag a th’ ann, le aon rathad beag a’ co-shìneadh ris an rathad mhòr agus a’ tighinn gu ceann aig clachan-coiseachd a-null gu Slighe Choinnich (neo an Dràibh mar as fhèarr a dh’aithnichear i), agus ’s dòcha nach saoileadh mòran gur e baile a bhiodh airidh air moladh a th’ ann.

Òran Laisgir

Thig a-nall air a’ chlachan
Gu baile nan cnocan ’s nam bàgh,
Baile Laisgir fo chaol-shràid
Loch Baghasdail air cladach an t-sàile;
Ged nach mòr mo chuid eòlais
Gun chòmhnaidh ach bliadhna no dhà,
Chuirinn rannan gu òran
Gu moladh a bhòidhchead do chàch.

Chì mi ’m Meall Dubh le caoraich
Gan sgaoileadh ’s gan trusadh le cù,
Leum nam feannagan-taomaidh
’S an cìobair gan saodachadh dlùth;
Air an taobh thall tha Pabaigh –
A bha leis na clèirich fad ùin’,
Agus Taobh Deas na Ceòlraidh
A-mach chun an t-Sròim chìte sùil.

Chì mi sgorran Beinn Choinnich
A’ stobadh gu corrach bhon cheò,
Bidh mi meòrachadh daonnan
Air imrich nan daoine fo sheòl,
Dh’fhàg gu deòraidh an dùrachd
Ri dùthaich an dùthchais ’s an òig’ –
Do shliochd Uibhist mar chrùisgean
Tha a’ bheinn ud na iùl dhaibh air chòrs’.

Siud an cala tha sàbhailt’
Gun chunnart ro bhàrcadh nan tonn
Ged a thigeadh an doineann
A ghonadh ’s a chreachadh am fonn
Beag a mhaoidheadh an strùladh
Leis an lùth ga mhùthadh na cheann
Bhiodh na sgothan gan tèarnadh
Ro ghàbhadh na mara ’na greann.

Chì mi eathar na cnàmhlach,
Mar sgàthan air làithean a bhà:
Far an robh uair na bodaich
Sa phort ud le dìcheall na spàirn’
A’ cur tearra air grìosadh
A’ tilleadh gu dìonachd an stràc,
Gu latha bogaidh gach bliadhna
Is saothair an iasgaich gun tàmh.

Far an tàlaidh a’ chuthag
An coilleag an rubha sa Mhàigh;
Far an sealbhaich an dreathan
A’ freastal seang-chòsag nan càrn;
Far an cluinnte am brìdean
A’ bìgeil ’s a’ sgiathlaich mun bhàgh,
’S corra-ghritheach na crùban
A’ rùrach san lìonadh a sàth.

Nuair a thig sochair samhraidh
’S gum buaint’ às an talamh am bàrr,
Saidhbhreas taisgte an earraich
An sreathan gu gorma a’ fàs
Bidh buntàta is uinnean
Is currain bheag’ bhuidhe is càl,
’S sgaoilidh ròsan a’ ghàrraidh
Am fàileadh glan cùbhraidh fo bhlàth.

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico