The results of the Aire Air Sunnd community survey in North Uist are going online. Jess Wood from the University of Aberdeen kicked off on Monday 19th June with an overview, split between two videos on a dedicated CEUT YouTube playlist, both of which are well worth watching to get a sense of the breadth and depth of the project. It’s been an ambitious collaborative exercise, turning out interesting and challenging findings for anyone interested in taking a rooted and holistic approach to community wellbeing across the board.
For those with a particular interest in Gaelic, Jess has devoted quite a bit of time in the first video to analysis of responses on this topic. We’ve picked out some headlines below.
The overall sample of 79 respondents divided themselves up roughly equally between Fluent Speakers, Learners, and Non-speakers of Gaelic.
The slide below shows a really strong level of agreement in the group overall with the notion that “Gaelic has an important symbolic value in the community as a vehicle for transmitting our island culture and heritage”.
Another immediately striking statistic is the 90% figure for those expressing concern over the declining trend in use of Gaelic, as shown in this slide:
And what may be particularly interesting about this figure is the way that similar sentiment is shared across all three groups – Fluent Speakers, Learners, and Non-speakers – with even 58% of those who have no Gaelic expressing concern about the decline in its use.
While Jess is duly cautious in her presentation, a topic eliciting a 90% level of concern might well be considered a community wellbeing issue worthy of further investigation…
If these figures pique your interest do take a look at the online presentation to find out more. The project also plans to run another face-to-face event in August at which Gaelic and other questions arising from the survey will be further discussed and developed. You can find full details and keep abreast of other events leading up to it on the CEUT Facebook page.
Here’s Part 1 of Jess’s presentation, in which she provides an update on the findings of Section 1 of the survey (including the questions on Gaelic):
In Part 2, Jess talks about the key findings of Section 2 – Use of the School, and Section 3 – Personal Wellbeing:
And coming soon, keep an eye out for an Island Voices video follow-up from Gordon Wells on “Recording Community Conversations”, to be followed shortly after by more detail on Digital Use and Activities with Alan Miller and Sharon Pisani from St Andrews University.
Tha Comataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs a’ feuchainn ri faighinn a-mach dè na prìomh cheistean a tha mu choinneamh sheirbheisean cùraim-shlàinte ann an sgìrean iomallach agus dùthchail na h-Alba. Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bhon phoball agus bho luchd-obrach mu na dh’fhiosraich iad de sheirbheisean cùraim-shlàinte iomallach agus dùthchail. Tha iad airson tuigsinn dè … Leugh an corr de Comataidh a’ sireadh bheachdan air cùram-slàinte ann an sgìrean dùthail is iomallach
Tha aon lus, gu ìre mhòr fiadhain, as toil leam gu sònraichte faicinn sa ghàrradh aig an àm seo den bhliadhna, le a fhlùraichean purpaidh cùbhraidh ‘s a dhuilleagan mòra biorach – an gealach-lus, no “honesty” sa Bheurla. Chanadh cuid luibheanach ris, ach dhomsa ‘s e lus brèagha a th’ ann, a bheir dath dhan ghàrradh tràth sa bhliadhna, agus ùidh a bharrachd as t-fhoghar ‘s sa gheamhradh leis na buinn-airgid àlainn air.
‘S ann à ceann a deas na Roinn Eòrpa a tha e bho thùs, agus is cinnteach gun tàinig e do Bhreatainn ro dheireadh an 16mh linn, an toiseach mar fhlùr-gàrraidh, ach san eadar-àm tha e ri fhaicinn air feadh na dùthcha far a bheil an aimsir measarra – nochdaidh e ann am faichean, ri taobh an rathaid, agus anns na gàrraidhean againn. Ach na gabh dragh mura h-eil thu ga iarraidh an sin – tha e glè fhurasta an lus còmla ris a fhreumhan a tharraing a-mach. Cha dèan mise sin ach nuair a bhios cus ann, no nuair a bhios e a’ fàs san àite cheàrr, is mi cho measail air.
Nuair a tha thu a’ coimhead air, cha bhiodh tu a’ saoilsinn gur ann dhan teaghlach brassica a bhuineas e, còmhla ri càl, snèap, raip no mustard, ach seall gu dlùth agus tha na fluraichean den aon chruth. A rèir coltais faodaidh tu seòrsa mustaird a dhèanamh às na sìl, agus na duilleagan òga (mus nochd na fluraichean) a chleachdadh ann an sailead.
Ach ‘s ann airson rèiteachadh fhlùraichean a cleachdar iad mar as trice. Fhad’s a tha na flùraichean air an lus fhathast chì thu na siliques a’ fàs – is iad seo seòrsa sligich cruinne còmhnaird anns a bheil meamran leis na sìl. As t-earrach tha iad fhathast beag agus an aon dath ris na duilleagan agus mar sin cha bhi thu cho mothachail orra, ach tha na sìl rim faicinn mar-thà tron t-sligeach thrìd-dhealrach – ‘s ann air an adhbhar sin (mas fhìor) a fhuair an lus an t-ainm honesty, fìrinnteachd, is e a sealltainn a shìl gu firinneach. As t-fhoghar, nuair a tha na sligeachan tioram is na sìl deiseil ri sgaoileadh, thuitidh am plaosg a-muigh air falbh agus às a dhèidh na sìl bhon mheamran, agus chan eil ach am meamran fhèin air fhàgail, geal-airgid agus cho tana ri pàipear-sìoda. Tha iadsan gu h-iongantach buan, agus gu tric tha cuid air fhàgail gus an earrach. Dìreach ann an gruaim a’ gheamhraidh tha iad feumail is brèagha mar sgeadachadh.
‘S e lunariaannua a th’ air an lus sa Laideann, bho luna, gealach, agus chì thu carson. Am measg nan ainmean Beurla tha cuideachd moonpennies, agus siniomradh air a’ choltas eile a th’ orra – ri buinn-airgid. Cluinnidh tu silver dollars orra cuideachd. Mar sin, le buaidh mhathasach na gealaich, geall soirbheachaidh nam bonn-airgid, agus a chliù firinnteachd, cò air talamh nach iarradh na lusan àlainn seo na ghàrradh? ‘S dòcha gum bi sibhse a’ coimhead orra le sùilean ùra a-nis. Tha mi an dòchas gum bi, co-dhiù!
++++++++++++++++++++++++++
Honesty
There’s one plant, more or less wild, which I particularly like to see in the garden at this time of year, with its fragrant purple flowers and its large pointed leaves – honesty (“moon-plant” in Gaelic). Some would call it a weed, but to me it’s a lovely plant which brings colour to the garden early in the year, and adds interest in autumn and winter with its beautiful silver “coins”.
It actually comes from southern Europe but has been in Britain since at least the end of the 16th century, first as a garden flower, and in the meantime all over the countryside, wherever the climate is moderate – it shows up in meadows, at the roadside and in our gardens. But don’t worry if you don’t want it there – it’s very easy to pull out, roots and all. Being so fond of it myself, I would only be doing that where there was too much of it, or it was in the wrong place.
When you look at it you wouldn’t automatically think that it’s in the brassica family, along with cabbage, turnip, rape or mustard, but look more closely at the flowers and you’ll see they’re the same form. Apparently you can make a kind of mustard out of the seeds, and use the young leaves (before the flowers come) in salad.
But it’s for flower arrangements that they’re most often used. While the flowers are still on the plant, you see the siliques appearing – they’re a kind of round, flat casing covering a membrane with the seeds attached inside it. In spring they’re still small and the same colour as the leaves, so you don’t notice them, but the seeds are already visible through the translucent casing – that’s allegedly the reason they’re called honesty, as they display their seeds so “truthfully”. In the autumn, when the siliques are dry and the seeds are ripe for spreading, the outer pod falls off, followed by the seeds dropping from the membrane, leaving the membrane itself in the round silique “frame”, silver-white and as thin as tissue-paper. These are amazingly long-lasting, and many often hang on until the spring. They’re especially useful and attractive as decoration in the gloom of winter.
The Latin name is lunaria annua, from luna, the moon, and you can see why. Among the many English names the term “moonpennies” also refers to another similarity – to silver coins. You also hear the name “silver dollars”. So, with the benign influence of the moon, the promise of prosperity of the coins, and the reputation for truthfulness, who wouldn’t want these beautiful plants in their garden? Maybe you’ll look at them with fresh eyes now – I hope so, anyway!
Bha mi ann an Inbhir Nis bho chionn ghoirid airson a’ chiad turas ann an trì bliadhna is còrr. Bha e fìor mhath a bhith air ais ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Bha coinneamh obrach agam ach bha tìde agam às dèidh na coinneimh airson a dhol air safari rèile beag.
Bha mi airson stèisean ùr Phort-adhair Inbhir Nis fhaicinn. Thathar air a bhith a’ bruidhinn air an stèisean seo bho chionn fhada agus tha e sgoinneil gun deach fhosgladh mu dheireadh thall.
Stèisean Inbhir Nis
Cha robh trèana ann aig àm freagarrach is mar sin, chaidh mi dhan stèisean air a’ bhus. B’ e bus dealanach a bh’ ann mar a tha fìor chumanta ann an Inbhir Nis a-nis – am Baile Mòr Dealanach – mar as còir!
Bha triùir bhalach aig cùl a’ bhus agam agus chuala mi fear aca ag ràdh “people are always going on about New York, but is there really anything there that you don’t get in Inverness?”
Ceist mhòr dhuinn uile!
Chòrd an turas rium glan agus cha b’ fhada gus an robh sinn a-mach às a’ bhaile, ann am pàirc nam bùithtean agus an uair sin a-mach air an dùthaich gus an do ràinig sinn baile ùr Tòrr na Grèine a tha dìreach mu choinneimh a’ phuirt-adhair.
Nis, chuala mi rud beag mu dheidhinn Tòrr na Grèine air Radio nan Gàidheal tro na bliadhnaichean ach cha robh eòlas sam bith agam mun chùis ach a-mhàin gun robh baile ùr gu bhith ann eadar Inbhir Nis is Inbhir Narann. Cha chuala mi dad a bharrachd mu dheidhinn agus mar sin, bha mi an dùil gum biodh e coltach ri fear de na sgeamaichean taigheadais ùr air iomaill bailtean mòra – taighean mòra grod gun anam do dhaoine le tòrr airgid ach gun taste sam bith – tòrr chàraichean, gun bhùithtean sam bith agus gun mòran àite uaine ann is gun ghoireasan sam bith.
Chan ann mar seo a tha Tòrr na Grèine idir.
Ged a tha càraichean gu leòr ann, tha iad air an cumail far an rathaid seach a bhith aig cridhe gach rud agus tha tòrr àite ùine ann am meadhan a’ bhaile. Tha lotaichean ann agus pàirc agus talla-coimhearsnachd agus a h-uile rud ann nach fhaigheadh tu ann an sgeama taigheadais mar seo mar as trice. Tha bùth ann cuideachd rud a tha gu math feumail oir mar as trice ann an àite mar seo, tha agad ri dhol air draibh 15 mionaidean gus pinnt bainne a cheannach.
Agus an rud eile a tha cur orm mu sgeamaichean thaighean ùra, ’s e nach eil iad a’ leantainn traidiseanan ailtearachd Albannach sam bith. Shaoil mi gun robh iad dìreach grod is gun a bhith coltach ri taighean nas traidiseanta an àite sam bith, ach an uair sin, chaidh mi air turas gu Norfolk agus mhothaich mi gun robh iad car coltach ri taighean ann an Sasainn a Deas.
Ann an Tòrr na Grèine, ge-tà, tha coltas Albannach air na taighean, car coltach ri taighean a chitheadh tu ann am Fìobha no Lodainn an Ear – taighean geala le uinneagan dubha is similearan.
Nan sgrìobhainn manifesto airson cò ris a bu chòir taigheadas ùr a bhith coltach, bhiodh e car coltach ri Tòrr na Grèine – àite uaine le goireasan coimhearsnachd agus taighean le coltas snog agus coltas Albannach agus faisg air stèisean rèile. Agus tha na soidhnichean dà-chànanach cuideachd!
Ach….. ’s e an rud inntinneach gun robh e a’ faireachdainn uamhasach fhèin fuadain. Thug e dhomh faireachdainn “uncanny valley” uamhasach làidir! Ann an dòigh tha e a’ faireachdainn caran coltach ri film set no Center Parcs no fiù’s Stepford bho Stepford Wives.
Is dòcha gun atharraich am faireachdainn sin le tìde ge-tà.
158 agus HST ann an Stèisean Phort-adhair Inbhir Nis
Às dèidh dhuinn Tòrr na Grèine fhàgail, chaidh am bus tarsainn air an A96 agus bha sinn ann an àrainn a’ Phuirt-adhair agus cha b’ fhada gun d’ ràinig sinn an stèisean as ùire ann an Alba.
Tha daoine air a bhith a’ gearan gu bheil am Port-adhair caran fad air falbh bhon stèisean. Tha sin fìor gu ìre. Cha bhiodh duilgheadas agad mur eil baga mòr agad agus tha mi cinnteach gun coisich thu astar nas fhaide taobh a-staigh Port-adhair Ghlaschu no Dhùn Èideann airson cuid de na seirbheisean adhair. Ach can ma tha clann agus bagaichean mòra agad, cha bhiodh e a cheart cho furasta.
‘S e an rud a chur dragh orm nach robh an t-slighe coiseachd eadar an stèisean agus am Port-adhair idir soilleir. Agus tha fhios agad cò ris a tha e coltach aig Port-adhair – ma thèid thu an taobh ceàrr, bidh feansa mòr ann ag ràdh “Na rach seachad air seo no thèid do chur gu bàs air adhbharan tèarainteachd / gus an dùthaich a dhìon an aghaidh rabies” no rudeigin mar sin!
Bha mi airson a dhol dhan Phort-adhair airson srùbag ach cha robh tìde agam is mar sin, dh’fhuirich mi aig an stèisean is thug mi deagh shùil air. Tha dà àrd-ùrlar agus drochaid ann. Ann an dòigh, tha e caran identikit leis na stèiseanan uile a chaidh a thogail an Alba bho chionn ghoirid – Robroyston, Reston agus Linton an Ear (a tha gu bhith a’ fosgladh a dh’aithghearr).
Ann an dòigh, tha mi a’ faireachdainn gu bheil stèiseanan ùra caran overengineered, gu sònraichte leis na drochaidean is lioftaichean mòra a th’ aca. Tha fhios agam gu bheil iad ann seo mar thoradh air an DDA – ach feumaidh gu bheil dòigh ann air ruigsinneachd a thoirt seachad dhan a h-uile duine air prìs nas ìsle?
Nuair a bha BR ann, dh’fhaodadh iad stèisean sìmplidh ùr a thogail air eadar cairteil is leth mhillean not ach san latha a th’ ann tha mar as trice a’ cosg £12M no barrachd – cosgais tòrr nas motha fiù ’s le atmhorachd. Saoilidh mi gum bu chòir dha a bhith na phrìomhachas dhan ghnìomhachas cosgaisean nan stèiseanan ùra ìsleachadh gus an gabh tòrr a bharrachd a thogail.
Ach chan eil mi airson gearan mun stèisean idir – tha e sgoinneil. Tha e mòr le dà àrd-ùrlar agus rùm airson trèanaichean fada.
Tha e air a fhrithealadh le trèanaichean matha cuideachd – fhuair mi Intercity 125/HST air ais. San latha a th’ ann, tha cus thrèanaichean le seataichean nach eil comhfhurtail agus gun rùm gu leòr. Nì tòrr de na h-aonadan dìosail cus fuaim cuideachd. Ann an HST, tha air-con math ann, tha suidheachan comfy agad agus rùm gu leòr airson do chasan agus do chuid bhagaichean. Dè eile a dh’iarradh tu?
Chan eil an stèisean ach 10 mìle air falbh air an trèana, tòrr nas luaithe na bus no càr leis cho fìor dhona sa tha an trafaig daonnan ann an Inbhir Nis. Agus ’s e turas brèagha a th’ ann cuideachd le seallaidhean àlainn de Linn Mhoireibh agus Drochaid Cheasaig.
Chan fhada gus an robh mi air ais ann an Inbhir Nis gus HST eile a ghlacadh air ais a Ghlaschu. Bha deagh thuras agam agus chòrd stèisean Port-adhair Inbhir Nis rium fìor mhath, agus tha e a’ togail na ceist – aon uair eile – cuine a bhios rathad-iarainn/trama ann gu Port-adhair Ghlaschu?
The beginnings of the Island Voices/Guthan nan Eilean project can be traced back to 2005 and the original European POOLS project in which Sabhal Mòr Ostaig (SMO) played a key co-ordinating role, with Gordon Wells appointed as Project Officer. It’s been a fascinating journey ever since, from the bilingual English and Gaelic recording of the first Craigard documentary video onward, in an ever growing and diversifying collection of “slices of life and work in the 21st Century Hebrides” combined with thoughts and reflections from both community members and interested observers.
“This article provides a comprehensive description of the Island Voices/Guthan nan Eilean language capture and curation project as it stood in Spring 2023. The introduction presents information on its main features and aims, the linguistic rationale focussing on the primacy of speech and the salience of bilingualism, and the Hebridean community context in which the project operates. This is followed by a detailed account of the project contents and chronology, divided into four separate sections or phases: Staff-led Production; Participatory Production; Multilingual Diversification; and Research Alignment. In conclusion, connections to further research and development projects and opportunities are sketched out, and some final reflections question a polarising juxtaposition of local versus global interests, while pointing towards responsibilities alongside the opportunities this kind of work entails.
Describing a primarily oral project through written text presents a challenge. Copious footnotes point to online samples of the materials discussed, and readers are encouraged to engage through screen as well as page in order to extract full benefit. The article is bookended by a preamble and postscript which offer written exemplification from short, transcribed extracts.”
And from the conclusion:
“There may be a lesson here for applied and socio-linguistic professionals. In a meaningfully socially aware mission, the development and display of academic and linguistic prowess should surely show and serve a genuine community connection and purpose. Such, at least, are the principles which the Island Voices project aspires to uphold. The project trajectory, while linguistically guided, thus aims at inclusiveness in content organisation and presentation, remains open to new inputs, and has an undefined end-point still over the horizon.”
Watch this space, a chàirdean! Agus cumaibh cluas ri claisneachd…
Bha mi gu math cruaidh air busaichean fèin-obrachail (autonomous) sa phost bloga mu dheireadh. Mar sin, an àite a bhith gan càineadh bhon mheur-chlàr agam san taigh, bha mi airson am feuchainn.
Mar sin, Dihaoine sa chaidh, rinn mi air Dùn Èideann airson a dhol air bus AB1 eadar Pàirce Dhùn Èideann agus Park & Ride Ferrytoll ann am Fìobh. Às dèidh turas trèana taobh Shotts agus turas trama, bha mi ann am Pàirc Dhùn Èideann.
Aig ceann na slighe – Pàirc Dhùn Èideann
Feumaidh mi a ràdh gun robh e caran doirbh am bus a lorg. Bidh e a’ falbh bho thaobh tuath Stèisean Edinburgh Park ach cha robh fiosrachadh sam bith aig an stad bus mu dheidhinn agus cha b’ urrainn dhomh dad fhaicinn air-loidhne mu far am biodh e a’ fàgail nas motha. Tha Pàirc Dhùn Èideann gu math mòr agus bha mi airson dèanamh cinnteach gun robh mi sna àite cheart.
Nuair a nochd am bus, chaidh mi air bòrd agus chaidh ceisteachan a thoirt dhomh mun t-seirbheis agus cheannaich mi tiocaid tillidh off-peak air £6.10.
Nis, ged is e seirbheis bus fèin-obrachail a tha seo, chan eil e fèin-obrachail fad na slighe. Bha aig an dràibhear ris a’ bhus a thionndadh aig a’ chearcall tionndaidh mar eisimpleir. Agus ’s ann a bha e air a dhràibheadh le làimh a-mach à Pàirc Dhun Èideann dhan mhòr-rathaid aig Hermiston Gait.
Thoisich am modh fèin-obrachail greis às dèidh dhan bhus a dhol air an am M8. Bha fios agam nach biodh an t-slighe air fad fèin-obrachail, ach feumaidh mi ràdh gun robh barrachd dhìth fèin-obrachail na bha mi an dùil. Tha slighe fa leth do bhusaichean bho iar gu ear ach chan eil slighe a’ dol an taobh eile agus bha mi an dùil nach biodh àm bus fèin-obrachail air a’ mhotorway àbhaisteach, ach ‘s ann a bha mi ceàrr. Bha am bus air lèin àbhaisteach air mòr-rathad an M8, am mòr-rathad as motha ann an Alba air an aon lèin ri trafaig àbhaisteach – busasichean is càraichean is làraidhean. Dh’obraich e fìor mhath – cha robh e ro fhaisg no ro fhada air falbh bhon trafaig eile agus dh’fhuirich e ann am meadhan na slighe.
A bheil e sàbhailte?
Nis, tha cuid air a ràdh gu bheil iad draghail a bheil na busaichean fèin-obrachail sàbhailte. Chan eil dragh sam bith orm – agus cha bu chòir dragh a bhith air duine sam bith a tha air a dhol air Subway Ghlaschu no an Victoria Line ann an Lunnainn (agus grunn loidhnichean eile aig London Underground) oir ’s ann a tha iad fèin-obrachail cuideachd. Tha dràibhear air na loidnichean seo ceart gu leòr, ach tha iad ann air adhbharan sàbhailteachd agus gus na dorsan fhosgladh. Nuair a bhios an trèana ann an seirbheis, mar as trice, tha an trèana ga dràibheadh fhèin.
Mar sin, chan e rud ùr a th’ ann – tha an Victoria Line air a bhith fèin-obrachail bho thùs ann an 1968 agus tha subway Ghlaschu air a bhith fèin-obrachail bho chaidh ùrachadh is ath-fhosgladh ann an 1980.
An Victoria Line, fèin-obrachail bho 1968
Cò ris a bha an dràibheadh?
Bha an dràibheadh fèin-obrachail a cheart cho math is pròifeiseanta ri dràibhear àbhaisteach mar as trice. Bha seo gu sònraichte fìor nuair a chaidh sinn air an rathad fìor lùbach aig Kirkliston. Chuir e iongnadh orm cho math ’s a bha am bus air an lùb – aig an astar cheart is gun a bhith a’ lìostadh idir.
San fharsaingeachd, bha e fìor mhath ach chunnaic sinn na laigsean cuideachd. Nuair a chaidh dràibhearan eile ro fhaisg oirnn, no nuair a bha iad ro fhaisg air na loidhnichean air an rathad, cha do chòrd sin ris a’ bhus idir agus chaidh na breigichean a chur an sàs – mar as trice nas cruaidhe na le dràibhear àbhaisteach. Sin duilgheadas – gu ìre tha cho math ’s a dh’obraicheas am bus a rèir cho math ’s a bhios carbadan àbhaisteach a’ dràibhadh – agus tha fios againn gu bheil gu leòr droch dhràibheran ann!
Bha ceann-rathad no dhà ann far an robh beagan mì-chinnt aig a’ bhus cuideachd.
Air an t-slighe ann, dh’ionnsaich sinn nach eil am bus fèin-obrachail air Drochaid Fhoirthe fhathast, ach gum bi a dh’aithghearr.
Aig Ferrytoll, thionndaidh am bus agus rinn sinn air Dùn Èideann a-rithist.
Fad na slighe, bha “dràibhear sàbhailteachd” agus “caiptean” ann. Reic an caiptein na tiocaidean, dh’innse e dhan t-sluagh mun t-seirbheis agus fhreagair e na ceistean uile againn.
Carson a tha dithis luchd-obrach ann?
Feumaidh dràibhear a bhith ann a rèir an lagh. Chan eil e ceadaichte bus fèin-obrachaill gun dràibhear a bhith ann aiair an rathad g an àm seo – agus cha ghabhadh an t-slighe seo air fad a dhèanamh às aonais dràibhear co-dhiù.
Tha an caiptein ann, saoilidh mi, gus sealltainnn cò ris a bhiodh e coltach bus a bhith ann a bhiodh gu tùr gun dràibhear san àm ri teachd. Fiù ’s mur a robh feum air dràibhear, bhiodh duilgheadasan mòra an lùib bus gun duine sam bith eile air bòrd air adhbharan togail airgid, sàbhailteachd is cur an aghaidh dol a-mach mì-shòisealta agus bhiodh neach-obrach a dhìth airson seo. Seo mar a tha an DLR ann an Lunnainn – chan eil dràibhear ann idir ach tha caiptein air gach trèana a bhios a’ cuideachadh, a’ coimhead air tiocaidean agus as urrainn an trèana a dhràibheadh ma bhios suidheachadh èiginn ann.
Bha ceist sa cheisteachan mu dheidhinn seo – am biodh tu deònach a’ dol (a) air bus gun dràibhear ach le caiptean, (b) air bus le dràibihear ach gun chaiptean no (c) air bus gun neach-obrach sam bith.
Mar sin, tha e coltach gu bheil iad a’ coimhead air a’ cheist seo airson an àm ri teachd.
Air an t-slighe air ais, chunnaic sinn laigse eile leis an t-sisotam. Bha slighe nam busaichean air an M8 dùinte mar thoradh air càraichean a bha air briseadh sìos agus bha droch thrafaig air an rathad. Cha bhi am bus a’ dèiligeadh ri trafaig slaodach stadach mar seo gu math idir agus bha aig an dràibhear ri gabhail thairis.
Uile gu lèir, chòrd an turas rium glan. Bha an caiptean uamhasach snog agus dh’obraich am bus gu math anns a’ mhodh cho-obraicheail.
Dè a-nis?
Chaidh innse dhuinn gu bheil planaichean gus an t-slighe a leudachadh gu meadhan Dhùn Phàrlain cuideachd.
An do dh’atharraich mi mo bheachd?
Dh’atharraich mi mo bheachd gu ìre – bha am modh fèin-obrachail na b’ fheàrr agus na bu shùbailte na bha mi an dùil.
Ach aig a’ cheann thall, chan eil mi air mo bheachd atharrachadh air carbadan fèin-obrachail san fharsaingeachd. Chan eil mi a’ faicinn argamaid sam bith air an son, fiù ‘s ann am prionnsabal. Chan eil iad dad nas fheàrr dhan àrainneachd, cha sàbhail iad airgead agus chan eil iad dad nas fheàrr na bus àbhaisteach. Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil latha air fàire nuair a bhios busaichean ann gun dràibhear aig an stiùir agus bhiodh e na b’ fhèarr an t-airgead a chosg air teicneòlas uaine seach air carbadan fèin-obrachail.
Gu dearbha, a thaobh na h-àrainneachd, feumar a ràdh gu bheil am bus fèin-obrachail na bhus dìosail! Bho chionn còig bliadhna, bha sinn uile a’ bruidhinn air carbadan fèin-obrachail agus cha robh guth air busaichean dealanach. A-nis, chan eil sgeul air carbadan fèin-obrachail mar rud chumanta fhathast ach tha an dàrna leth de na busaichean ann an Glaschu dealanach agus chan eil e coltach gum bi busaichean diosail air fhàgail sna bailtean mòra an ceann 10 bliadhna. Agus tha seirbheis coidse eadar-chathrach air tòiseachadh leis a’ chompanaidh Ember cuideachd eadar Glaschu/Dùn Dè agus Dùn Èideann. Seo an seòrsa adhartais a tha a dhìth, seach sgleò-bhathair aig nach eil mòran bhuannachdan.
Autonomous Bus – sgrìobh mi air an fhoirm feedback gum bu chòir beagan Gàidhlig a bhith ri fhaicinn seach ’s gun d’ fhuair am pròiseact maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba!
Tha drochaidean Fhoirthe gu math suaicheanta air feadh an t-saoghail agus iad a’ cur gu mòr ri cliù na h-Alba. Tha pròiseact còmhdhail ùr dìreach air tòiseachadh air Drochaid-rathaid Fhoirthe a dh’fhaodadh mì-chliù a chosnadh dhan dùthaich, mur a bi sinn faiceallach, ge-tà.
Seo AB1 – seirbheis bus fèin-obrachail (autonomous bus) a tha a’ ruith eadar Pàirc Dhùn Èideann agus Ferrytoll ann am Fìobha taobh drochaid Fhoirthe. Seo com-pàirteachas eadar Stagecoach, Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na RA, Oithigh Napier agus grunn bhuidhnean eile.
AB1 – no “Abbey” mar a chanas muinntir a’ phròisect rithe aig Pàirce Dhùn Èideann
Tha seo na dheuchainn air teicneòlas carbadan fèin-obrachail. An àite a bhith air a dhràibheadh le dràibhear, tha am bus ga ruith le bathar-bog a tha a’ cleachdadh sensoran, teicneòlas saideil, AI is eile. Bidh dràibhear ann ach dìreach air adhbharan sàbhailteachd air eagal ’s gun tèid dad ceàrr agus bi neach cuideachaidh air bòrd cuideachd – “caiptean” a’ bhus car coltach ri conductor.
Fhuair am pròiseact seo cinn-naidheachd air feadh an t-saoghail – chunnaic mi stuth ann an Canada, na Stàitean Aonaichte, san London Evening Standard, sna broadsheets agus tabloids Breatannach agus gu leòr pàipeirean nàiseanta is ionadal Albannach. “A’ chiad seirbheis bus fèin-obrachail san t-saoghal”. Tha e air feadh YouTube cuideachd.
Tha e air headlines gu leòr a ghlacadh ceart gu leòr, ach am bi am pròiseact cho math an da-rìribh?
Ann an dà fhacal: cha bhi.
Tha seo na eisimpleir de sgleò-bhathair no vapourware. Seo seòrsa de rud teicneòlasach a gheibh tòrr mòr haidhp, tòrr mòr mholadh bho luchd-poileataigs agus luchd-naidheachd agus a tha daonnan dìreach air impis tòiseachadh – gu tric fad bhliadhnaichean!
Chuala sinn beagan bhliadhnaichean air ais mu hyperloops, loops agus tòrr a bharrachd. Bha mi air prògram air rèidio nan Gàidheal beagan bliadhnaichean air ais ag ràdh nach robh feum sam bith san teicneòlas hyperloop aig Elon Musk agus nach tigeadh dad a-mach às. Bha mi ceart. Chaidh stad a chur air a’ phròiseact bhon uair sin agus chaidh an hyperloop fhèin a chur dhan scrap.
An aon rud leis an lùb sgoinneil a bha gu bhith aig Musk ann an Las Vegas. Gheall e lùb luath a bhiodh a’ toirt mòran dhaoine a-steach dhan bhaile ann am podaichean ùr-nodha. Aig an deireadh, cha robh anns an lùb seo ach tunail beag do thagsaidhean àbhaisteach nach do chuir mòran ri capacity a-steach dhan bhaile agus a chosg fortan. Chan eil an tunail fiù ‘s mòr gu leòr gus tramaichean no busaichean a chur ann.
Ach tha carbadan fèin-obrachail eadar-dhealaichte, nach eil?
Chan eil idir. Chan eil annta ach sgleò-bhathair.
Bho chionn beagan bliadhnaichean bha Musk agus eile ag ràdh gum biodh carbadan fèin-obrachail cumanta ro thoiseach nan 2020an. Thuirt Uber cuideachd nach biodh dràibhearan sna tagsaidhean aca ann an ùine nach biodh fada agus thasgaich VW agus Ford na billeanan mòra ann an càraichean fèin-dràibhidh.
“The future’s so bright, I gotta wear shades” mar a chanas iad!
Ach cha robh a h-uile duine a’ creidsinn na haidhp. Sgrìobh an neach-naidheachd còmhdhail Christian Wolmar leabhar ann an 2018 a’ cumail a-mach nach tigeadh mòran a-mach às an teicneòlas ann an leabhar goirid a sgrìobh e air an robh “Driverless Cars: Road to Nowhere”.
Carson?
Tha ceistean feallsanachdail eitigeach agus laghail mòra ann. Ma tha tubaist ann mar eisimpleir, cò as còireach gu laghail? An “dràibhear” daonna, a’ chompanaidh a rinn an carbad, a’ chompanaidh a rinn na sensors no an GPS? Agus tha an trolley problem air nochdadh uair is uair cuideachd. Ma tha tubaist gu bhith ann, feumaidh prògramadh a’ charbaid co-dhùnadh càite am bu chòir dha bualadh agus feumaidh rangachadh a bhith ann air dè na daoine no na nithean as cudromaiche. Ceist fheallsanachdail mhòr!
Agus is dòcha nas cudromaiche, tha ceistean practaigeach ann cuideachd mar a chanas mi nas fhaide air ais.
Nis, bho sgrìobh Wolmar an leabhar aige, chan eil an cruth-atharrachadh ann an càraichean fèin-obrachail air tighinn idir a dh’aindeoin mòr-fhàs ann an teicneòlas AI eile. Gu dearbha, tha Uber, Tesla, Ford agus VW uile air an cùl a chur gu carbadan fèin-obrachail – às dèidh dhaibh na billeanan mòra a chall air an teicneòlas.
’S ann anns a’ cho-theacsa seo a bu chòir dhuinn coimhead air pròiseact teicneòlas carbadan fèin-obrachail na h-Alba. Seo teicneòlas nach eil ro mhath agus a tha a’ dol à fasan gu ìre co-dhiù.
OK – dè na duilgheadasan practaigeach agus dè ghabhadh ionnsachadh bhon deuchainn ann an Dùn Èideann?
Aig an ìre seo, feumaidh na busaichean “fèin-obrachail” bun-structar cosgail a bharrachd air cosgaisean nan carbadan fhèin – cha ghabh bus fèin-obrachail a chleachdadh air slighe sam bith aig an ìre seo. Tha am bus a’ ruith air slighean fa leth airson tòrr den t-slighe, a’ gabhail a-steach drochaid a tha do bhusaichean a-mhàin. Agus chan urrainn dhut seirbheis a chur air dòigh gu luath fiù ’s leis a’ bhun-structar an sàs – feumar na ceudan de mhìltean de mhìltean a dhràibheadh air an t-slighe gus an t-eòlas a thogail san AI air a shon.
Ach fiù ’s leis a seo uile, chan eil an t-slighe air fad fèin-obrachail. Mar a tha mi a’ tuigsinn na cùise cuideachd, feumar am bus a thionndadh mun cuairt san dòigh àbhaisteach aig gach ceann den t-slighe cuideachd.
Agus feumar cuimhneachadh nach eil ann ach trì stadan air an t-slighe air fad – fear aig gach ceann den t-slighe agus aig an drochaid. Dè cho math ’s a bhios busaichean fèin-obrachail air dèiligeadh ri slighean far a tha barrachd stadan ann? Thug mi sùil air a’ bhus ionadail agam – an 59 eadar meadhan Ghlaschu agus Pàirc na Mòna. Tha 33 stadan ann.
Mar sin, ma bhios an deuchainn cho soirbheachail ri soirbheachail, seallaidh e gu bheil e comasach busaichean fèin-obrachail a ruith air bun-structair fa leth. Ach chan eil e coltach gum faighear cuidhteas an dràibhear air an t-slighe air fad. Mar sin, tha e a’ sealltainn gun gabh busaichean a ruith air bun-structar fa leth ann an suidheachadh far a bheil slighe shìmplidh aca far nach eil aca ri measgachadh le cus trafaig àbhaisteach. Agus fiù ’s nan rachadh am bus a ruith eadar park and ride taobh a-muigh Dhùn Èideann agus Ferrytoll, agus nach biodh dràibhear a dhìth, bhiodh conductor a dhìth air adhbharan sàbhailteachd, togail airgid agus cumail smachd.
Chan eil teagamh sam bith agam gun gabhadh rudeigin mar seo a dhèanamh ach an fhiach e? Chan eil mòran àiteachan ann an Alba a bhiodh freagarrach air a shon. Ann an suidheachaidhean mar seo, bhiodh e soirbheachail san aon dòigh ri can, pods eadar terminalan ann am puirt-adhair no deuchainnean air mini-busaichean gun dràibhearan aig puirt-adhair eadar pàrcaichean càir agus an terminal. No ri hovercraft no monorail. Tha feum orra ann an cuid de shuidheachaidhean ceart gu leòr – ach cha toir iad cruth-atharrachadh air còmhdhail. Agus cuimhnich, fiù ’s leis a sin, cha b’ fhiach e air adhbharan eaconamach. Bhiodh sàbhaladh beag ann an tuarastal – conductor seach dràibhear no dràibhear air tuarastal na b’ ìsle – ach ’s e airgead gu math beag a bhiodh ann an sin an taca ris an airgead mhòr a bhiodh a dhith air busaichean fèin-obrachail is bun-structair air an son. ‘S e an aon dòigh anns a dh’fhaodadh iad a bhith èifeachdach gu h-eaconomach seòrsa “trèanaichean rathaid” a ruith le trèilear no dhà – ach chuireadh seo ris na duilgheadasan le bhith a’ measgachadh le trafaig eile.
An gabhadh busaichean fèin-obrachail, agus gu dearbha, càraichean fèin-obrachail a sgaoileadh nas fharsainge?
Chan eil mi cinnteach. Is dòcha chanainn – ach cha bhiodh e idir furasta agus nas cudromaiche, chan eil adhbhar sam bith ann gus a dhèanamh.
Mar a thuirt mi, tha an tech seo air leth cosgail. Chaidh na ceudan de bhilleanan a chosg air seo mar-thà agus tha tòrr de na companaidhean a-nis den bheachd nach fhiach e. Tha e doirbh agus bi e daonnan doirbh measgachadh le trafaig àbhaisteach – rud a tha a’ ciallachadh dùblachadh ann am bun-structar. Agus ma tha sinn deònach sin a dhèanamh, bhiodh slighean-bus do bhusaichean àbhaisteach tòrr nas bu shaoire co-dhiù! Agus tha e coltach gu bheil adhartas le VLR – very light rail – a’ fàgail gum bi teicneòlas nan tramaichean nas saoire san àm ri teachd cuideachd.
Sgeama Coventry VLR – pìleat de thramaichean air cosgais tòrr nas ìsle
Gus faighinn seachad air na cnapan-starra laghail is eiticeil le carbadan fèin-obrachail, bhiodh tòrr airgead a dhìth ach ghabhadh sin a dhèanamh. Ach airson a bhith ann an suidheachadh far am biodh a’ mhòr-chuid de na busaichean fèin-obrachail agus air rathaidean àbhaisteach? No far a bheil na carbadan uile fèin-obrachail?
Dh’fhaodadh gun gabhadh a dhèanamh aig a’ cheann thall nan cosgamaid airgead gu leòr air ach tha sinn a’ bruidhinn air airgead do-chreidsinneach – na trilleanan de nòtaichean agus chanainn nach bu chòir dha a bhith na phrìomhachas.
Ma tha companaidhean prìobhaideach agus tech billionaires airson airgead a chosg air sgleò-bhathair mar seo, tha sin an urra riutha fhèin ach cha bu chòir dhan roinn phoblaich a bhith a’ toirt taic airgid dha ann an dòigh sam bith.
Agus chan e dìreach airgead a tha a dhìth ach tìde. Tha an teicneòlas fhathast aig ìre gu math neo-leasaichte agus bheir e ùine. ’S e glè bheag de rathaidean-iarainn a chaidh a dhèanamh gu tùr fèin-obrachail – ged a tha iad tòrr nas sìmplidhe na rathaidean – dìreach loidhnichean meatro an siud ’s an seo a tha gu math sìmplidh is self-contained. Agus cha bhi an tìde againn a bhios a dhìth gus carbadan rathaid fèin-obrachail a chur an sàs gu ìre mhòr sam bith mur a cuir sinn cuideam air teicneòlas uaine an-dràsta seach sgleò-bhathair.
A thaobh na h-àrainneachd, fiù ’s nan tigeadh haidhp nan carbadan fèin-obrachail gu bith, cha chuideachadh e le èiginn na gnàth-shìde idir agus cha choileanadh e dad ach na milleanan de dhràibhearan proifeiseanta a chur à obair – no a chur air tuarastal nas ìsle. Tha AI feumach air tòrr mòr dealain agus mar as motha de sgeamaichean a th’ ann, mar as motha de dhealan a bhios a dhìth.
Chan eil mòran tìde againn gus ar planaid a shàbhaladh. Thathar air airgead gun chiall a chaitheimh air carbadan fèin-obrachail, teicneòlas nach eil ro fheumail sa chiad dol a-mach, agus bu chòir dhan airgead sin a thasgadh ann an tramaichean, trèanaichean, busaichean-tràilidh, busaichean is càraichean dealanach is a leithid an àite a bhith ga chall air sgeamaichean sgleò-bhathair mar seo. Tha fianais ann mar-thà gun do chur cho beò-ghlaicte ’s a bha na companaidhean chàraichean le carbadan fèin-obrachail dàil air leasachadh teicneòlas carbadan dealanach.
B’ urrainn dhuinn tramaichean a thoirt air adhart anns gach baile aig an robh iad riamh, a h-uile rathad-iarainn a chaidh a dhùnadh le Beeching ath-fhosgladh, HS3 is 4 a thogail agus na ficheadan de bhàtaichean ùra a thogail do ChalMac leis an airgead a chosgadh e gus càraichean fèin-obrachail a dhèanamh nam mainstream ann an còmhdhail. Agus dh’fhaodamaid còmhdhail phoblach a dhèanamh an-asgaidh cuideachd!
Thathar ag ràdh gun tuirt Alexander Graham Bell mun fhòn: “one day every major city in America will have a telephone”. Tha fios againn gun robh e ceàrr agus fòn againn uile, ach chanainn gum biodh cuòt mar sin fìor a thaobh carbadan fèin-obrachail. Is dòcha gum bi siostaman ann an siud ’s an seo – rudan ann an suidheachaidhean sònraichte cuingichte ach cha tèid e mòran nas fhaide na sin – tha mi an dòchas co-dhiù.
Steach dhan Fhoirthe leis!
Alasdair
p.s. Tha mi air beachdan gu math làidir a chur an cèill an seo. Airson a bhith cothromach, tha mi an dùil a dhol air a bhus agus sgrìobhaidh mi lèirmheas an seo. Saoil an atharraich mi mo bheachd?
Sa bhloga mu dheireadh, dh’aithris mi air an turas agam gu Ceann Loch Chille Chiarain. Am measg rudan eile, chaidh mi air chuairt gu Eilean Dà Bhàrr.
Bho thill mi dhachaigh, tha mi air rudeigin inntinneach ionnsachadh mun eilean – gu bheil stampaichean aige. B’ àbhaist bogsa puist a bhith san eilean agus dh’fhaodadh tu litir no cairt-phuist a chur bhon eilean, ach dh’fheumadh tu stampa Eilean Dà Bhàrr a bharrachd air stampa àbhaisteach. A rèir coltais, sguir an t-seirbheis puist seo sna 1960an, ach lean iad orra a’ cruthachadh stampaichean fada às dèidh sin leis gun robh iad a’ còrdadh ri daoine.
Tha stampaichean mar seo meadhanach cumanta airson eileanan beaga. Tha traidisean fada de bhith a’ dèanamh stampaichean ann an eilean Lundy (no Ynys Wair sa Chuimris) ann an Devon. Ann an Alba, ’s e na h-Eileanan Samraidh as ainmeile airson a bhith a’ dèanamh stampaichean den t-seòrsa seo. Agus tha stampaichean mar seo aig a’ mheanbh-nàisean Sealand far costa Suffolk cuideachd.
Airson stampaichean mar seo, tha iad feumail gu ìre – is urrainn dhut rudeigin a chur bhon àite agus thèid a stampadh bho Ynys Wair no Tanara Mòr etc agus tha e mar chuimhneachan air an àite ged nach eil e cho cudromach ri cudromach cothrom a bhith agad litir a chur nuair a bhios tu air turas latha ann.
Fhuair mi a-mach nuair a bha mi a’ rannsachadh seo gu bheil cuid de dh’àiteachan no eileanan a’ dèanamh nan stampaichean dhaibh fhèin ged nach eil feum sam bith orra air adhbharan postachd. Nam measg Colbhasa agus Ìle. Agus tha e math fhaicinn gu bheil iad dà chànanach (ged a tha a’ Ghàidhlig ceàrr air stampaichean Ìle – tha “an t-Eilean Ìle” aca…..). Bidh cuid a dhaoine gan cruinneachadh agus tha iad nan dòighean math gus an t-àite a shanasachadh ma chuireas tu stampa air litir còmhla ris an stampa àbhaisteach.
Fhuair mi a-mach gu bheil ainm sònraichte air stampaichean mar seo: Stampaichean Cinderella. Tha iad a’ gabhail a-steach an fheadhainn air a bheil feum air choireigin leithid nan Eileanan Samraidh ach cuideachd stampaichean mar an fheadhainn ann an Colbhasa no Ìle aig nach eil ròl postaidh sam bith agus stampaichean sanasachd, leithid iomairtean poilitigeach. Mar eisimpleir, nuair a chaidh stampaichean a chruthachadh leis a’ Phost Rìoghail airson Alba, A’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a bha rud beag eadar-dhealaichte ri stampaichean Shasainn, cha deach stampaichean Còrnach a chruthachadh agus chur seo dragh air nàiseantaich na Cuirne agus chruthaich iad an stampa seo.
A bharrachd air seo, ge-tà, fhuair mi a-mach gu bheil an leithid de rud ann ri stampaichean rathad-iarainn cuideachd.
San àm a dh’fhalbh, dh’fhaodadh tu litir a phostadh air trèana no stèisean rèile agus bha agad ri stapma a cheannach bhon chompanaidh rèile a bharrachd air stampa àbhaisteach. Saoilidh mi gur e rud a bha seo a thòisich ann an làithean tràtha nan rathaidean-iarainn nuair nach robh siostam a’ phuist buileach cho leasaichte. San latha a th’ ann, tha bogsaichean puist anns na stèiseanan mòra uile, leithid Glaschu Mheadhain agus bidh bogsa puist gu math faisg air cha mhòr gach stèisean co-dhiù.
Lean seo air adhart gu làithean BR ach mu dheireadh thall, sguir iad. Ach chùm cuid de na rathaidean-iarainn glèidhcte orra le bhith gan dèanamh. San latha an-diugh tha an Talyllyn agus Rathad-iarainn Ffestiniog sa Chuimrigh, Rathad-iarainn Nene Valley ann an Sasainn gan dèanamh fhatathast. Tha iad rim faighinn ann an Eilean Mhanainn cuideachd agus gu dearbha, chuir mi litir dhachaigh le stampa bho mhullach Snaefell ann an Eilean Mhanainn uair.
Rud a tha inntinneach, ’s e gu bheil trèanaichean air tòrr de na stampaichean nach eil aig na rathaidean-iarainn. Mar eisimpleir, rinn Eilean Dà Bhàrr sreath de stampaichean de thrèanaichean – ged a tha an stèisean as fhaisg air san Òban!
Bha ùidh aig m’ athar nach maireann ann an stampaichean agus bhiodh rudan mar seo air còrdadh ris glan! Bhiodh e a’ cruinneachadh stampaichean co-cheangailte ri Esperanto – an cànan eadar-nàiseanta anns an robh e fileanta, agus stamapichean bho dhùthchannan beaga a b’ àbhaist a bhith anns an USSR leithid Latbhia is Lituania agus eileanan beagan leithid Eilean Ascension agus Alderney.
Tha eòlaichean ann an Oilthighean Dhùn Èideann agus Ghlaschu air £225,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus siostam fo-thiotalan Gàidhlig a chruthachadh a bhios freagarrach dhan BhBC.
Bheir am maoineachadh cothrom dhan sgioba tòiseachadh air obrachadh a dh’ionnsaigh a bhith a’ cruthachadh modail cànain mòr – coltach ri ChatGPT – airson luchd-labhairt na Gàidhlig.
Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mun phròiseact an-seo.