Dh’fhosgail rathad-iarainn ùr ann an Devon Disathairne sa chaidh.
Seo “Rathad-iarainn Dartmoor” eadar Exeter agus Okehampton ann am Pàirce Nàiseanta Dartmoor. Loidhne a tha 14 mìle a dh’fhaid.
Chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail bho chionn cha mhòr 50 bliadhna ach lean seirbheisean bathair gu na 2010an agus bha rathad-iarainn glèidhichte air pàirt den t-slighe cuideachd bho 1997 air adhart.

Bha a’ chomhairle ionadail agus ùghdarras na Pàirce Nàiseanta fada den bheachd gum bu chòir dhan loidhne ath-fhosgladh air adhbharan àrainneachdail agus eaconomach le cho dona ’s a tha an trafaig anns a’ Phàirce Nàiseanta agus mu dheireadh fhuair iad maoineachadh tro iomairt “Reversing Beeching” aig Riaghaltas na RA.
Chaidh an trac agus am bun-structar air fad ùrachadh agus tha an loidhne a cheart cho spaideil ‘s a bha i nuair a dh’fhosgail i an toiseach bho chionn 150 bliadhna.
Bidh an stèisean ùr gu math goireasach ma tha thu air ùr thighinn a-mach à Broadmoor no ma tha thu a’ teicheadh bho Chù nam Baskerville! Bidh e feumail cuideachd ma tha thu dìreach a’ dol dhan Phàirc Nàiseanta – ach chan eil sin buileach cho inntinneach….
Bha an loidhne seo mar phàirt de loidhne na b’ fhaide uair – a’ dol cho fada ri Bude air costa a tuath na Cùirne.

Tha iomairt a’ dol air adhart gus an loidhne a thoirt air ais fad na slighe gu Bude leis a’ bhuidhinn Connect Bude. Gur math a thèid leotha.
Alasdair

Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico