From mighty Okes….. Iomairtean rèile ann an Kernow agus Devon

Le alasdairmaccaluim

Dh’aithris mi bho chionn ghoirid air ath-fhosgladh rathad-iarainn Dartmoor bho Exeter gu Okehampton. Chaidh seo a mhaoineachadh tro phrògram “ath-thionndadh Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Ach gu h-eachdraidheil, chùm an loidhne a’ dol dhan iar-thuath gu Porthbud (Bude) anns a’ Chùirn agus gu deas gu Tivertson agus Plymouth ann an Devon.

Seo mapa de chùisean mar a tha iad a-nis:

Agus seo mapa le cùid de na molaidhean leudachaidh.

(Ainmean Còrnais an toiseach sa Chùirn, ainmean Beurla an toiseach ann an Sasainn_

Tha deagh sheansa gun tèid an loidhne gu Tiverton ath-fhosgladh sa mheadhan-ùine. Tha taic na comhairle ris agus tha iad an dùil airgead fhaighinn bho luchd-leasachaidh thaighean ùr air a shon. Cuideachd, chan eil loidhne ro fhada a bhios innte – dìreach 5.5 mìle.

Chosgadh e tòrr a bharrachd an loidhne bho Thiverton gu Okehampton ath-fhosgladh ach dh’fhaodte gum feumar fhosgladh a-rithist latha de na làithean mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Aig an àm seo, feumaidh trèanaichean eadar Exeter agus Plymouth a dhol air an Dawlish Wall, far a bheil an loidhne air balla an cois na cladaich. Chaidh a sgrìos ann an stoirm ann an 2014 agus thug e mìosan mòra ath thogail. A bharrachd air seo, ’s ann tric a bhios an loidhne dùinte nuair a tha a’ mhuir àrd. San fhad ùine ma tha, tha a h-uile coltas gum bi feum air loidhne Okehampton-Tiverton-Plymouth mar diversion oir tha fios gum bi a’ mhòr-loidhne dùinte nas trice san àm ri teachd.

A bharrachd air na loidhnichean seo ann an Sasainn, tha iomairt ann gus loidhne Okehampton ath-fhosgladh gu seann cheann na loidhne ann am Porthbud/Bude anns a’ Chòrn. ‘S e pròiseact mòr cosgail a bhiodh seo – rathad-iarainn de mu 20 mìle a dh’fhaide. Chosgadh seo na ceudan de mhìltean agus chan eil ach 10,000 duine a’ fuireach ann am Bude fhèin (agus 2,500 air an aon stèisean eile air an loidhne – Holsworthy) is mar sin, ‘s e “iarraidh mòr” a th’ ann mar a chanas iad.

Ach chan eil sin a’ cur dragh air Connect Bude, an iomairt airson ath-fhosgladh. Chan eil a’ Chòrn a Tuath air an lìonra rèile a tuath aig an àm seo agus bhiodh seo air leth feumail airson ceann a tuath na dùthcha san fharsaingeachd. Nam biodh Seanadh Còrnach ann – mar a tha tòrr dhaoine ag iarraidh, tha fios gum biodh seo àrd air an liosta de leasachaidhean bun-structar.

Nollaig Chridheil a h-uile duine!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Tha Loidhne Dartmoor air fosgladh – tha iomairt air tòiseachadh gus a leudachadh dhan Chòrn

Le alasdairmaccaluim

Dh’fhosgail rathad-iarainn ùr ann an Devon Disathairne sa chaidh.⁠⁠
⁠⁠
Seo “Rathad-iarainn Dartmoor” eadar Exeter agus Okehampton ann am Pàirce Nàiseanta Dartmoor. Loidhne a tha 14 mìle a dh’fhaid.⁠⁠
⁠⁠
Chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail bho chionn cha mhòr 50 bliadhna ach lean seirbheisean bathair gu na 2010an agus bha rathad-iarainn glèidhichte air pàirt den t-slighe cuideachd bho 1997 air adhart.

Bha a’ chomhairle ionadail agus ùghdarras na Pàirce Nàiseanta fada den bheachd gum bu chòir dhan loidhne ath-fhosgladh air adhbharan àrainneachdail agus eaconomach le cho dona ’s a tha an trafaig anns a’ Phàirce Nàiseanta agus mu dheireadh fhuair iad maoineachadh tro iomairt “Reversing Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Chaidh an trac agus am bun-structar air fad ùrachadh agus tha an loidhne a cheart cho spaideil ‘s a bha i nuair a dh’fhosgail i an toiseach bho chionn 150 bliadhna.
⁠⁠
Bidh an stèisean ùr gu math goireasach ma tha thu air ùr thighinn a-mach à Broadmoor no ma tha thu a’ teicheadh bho Chù nam Baskerville! Bidh e feumail cuideachd ma tha thu dìreach a’ dol dhan Phàirc Nàiseanta – ach chan eil sin buileach cho inntinneach….
⁠⁠
Bha an loidhne seo mar phàirt de loidhne na b’ fhaide uair – a’ dol cho fada ri Bude air costa a tuath na Cùirne.

An t-seann loidhne eadar Okehampton agus Bude

Tha iomairt a’ dol air adhart gus an loidhne a thoirt air ais fad na slighe gu Bude leis a’ bhuidhinn Connect Bude. Gur math a thèid leotha.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Tramfordh Kambronn ha Rysrudh! #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha ùidh mhòr air a bhith agam ann an cànan is eachdraidh na Cùirne fad mo bheatha. Tha mi air grunn leabhraichean a leughadh mu rathaidean-iarainn na dùthcha, beag is mòr, fosgailte is dùinte, an lìonra nàiseanta agus loidhnichean glèidhte. A dh’aindeoin seo, cha robh fhios agam gu seachdain no dhà air ais gun robh slighe-trama anns a’ Chòrn uair.

Fhuair mi a-mach mu dheidhinn ann an dòigh inntinneach. Bha mi gu bhith a’ dol air turas gu Pensans/Penzance aig toiseach na mìos seo ach bha agam ri a chur dheth mar thoradh air a’ chorònabhìoras. Bha mi gu math brònach mu dheidhinn agus mar sin, cheannaich mi leabhar mu thramaichean mar phrèasant dhomh fhèin agus mhothaich iomradh air an Cambourne and Redruth Tramway.

Bha mi air mo bheò-ghlacadh agus chan fhada gus an robh mi air leabhar a cheannach mu dheidhinn.

Trama aig ceann na loidhne, Redruth.

Dh’fhosgail an t-slighe-trama ann an 1902 agus ’s e loidhne caol-ghèidse (narrow gauge) a bh’ innte, le gèidse de 3’6″ a bha 3 mìle dh’fhaid. A bharrachd air a bhith a’ ceangal an dà bhaile ri chèile do luchd-siubhail, bha an loidhne cuideachd a’ giùlan bathar bho mheinnean ionadail gu ionad-leaghaidh meatailt tro na sràidean. Mar sin, bha locothan dealanach aig an loidhne a bhiodh a’ tarraing trèanaichean tro na sràidean.

Coltach ri tòrr loidhnichean trama eile ann am bailtean beaga, cha do mhair i ro fada. Às dèidh a’ Chogaidh Mhòr, dh’fhàs an t-einnsean-losgaidh inntearnail (internal combustion engine) agus an taidhr pneumatach agus bha busaichean tòrr na bu saoire ri ruith na tramaichean.

Dhùin an loidhne do luchd-siubhail ann an 1927 agus do bhathair ann an 1934.

Trèana bathair, Slighe Trama Cambourne is Redruth
Is toil leam seann chairtean-puist mar seo!

Tha mi an dùil is an dòchas gum faigh mi cothrom a dhol dhan Chòrn ann an 2021!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico