An London Tillsbury and Southend – an rathad-iarainn dhan mhuir

Le alasdairmaccaluim

Eil thu deidheil air Billy Bragg? Ma tha, bidh thu eòlach air an òran ainmeil aige: A13 – the trunk road to the sea – tionndadh Sasannach de Route 66.

Tha e a’ tòiseachadh leis na faclan:

If you ever have to go to Shoeburyness / Take the A road, the okay road that’s the best / Go motorin’ on the A13.

Nis, cha robh AGAM ri dhol gu Shoeburyness – ach bha mi ag iarraidh a dhol ann co-dhiù! Bha mi ag iarraidh a dhol air an loidhne seo air iomadh adhbhar – cha robh mi riamh ann am Fenchurch Street – fear de na ceithir stèiseanan ann am Mononopoly, agus bha mi airson fhaicinn. Agus bha mi ag iarraidh dhol gu Cidhe Southend cuideachd.

Seo na bh’ agam ri ràdh:

If you ever have to go to Shoeburyness / Take the railroad, the OK road that’s the best / Go rail-roading on the C2C!

‘S e C2C an t-ainm air a’ chompanaidh rèile a tha a’ ruith trèanaichean eadar Lunnainn Fenchurch Street agus Southend/Shouburyness. Nuair a thagh iad an t-ainm an tòiseach bho chionn fada, bha daoine a’ sìor ghearran a chionn ‘s nach robh ciall sam bith aige is gun robh e caran pretentious. – seo aig àm nuair a bha daoine a’ cur ainmean gòrach air a h-uile rud bho 02 gu Three gu Cordia.

Thathar ag ràdh gur dòcha gu bheil C2C e a’ ciallachadh Coast to Coast – a tha cuideachd na ainm aig deagh òran leis na Scorpions. Nis, tha na Scorps agus Billy Bragg gu math eadar-dhealaichte, ach chunnaic mi an dà chuid beò – na Scorpions anns an Academy agus Billy Bragg ann an Sabhal Mòr Ostaig!! 

Ach sin cuspair eile!

Mus robh an t-ainm C2C air an loidhne, bha the London, Tillbury and Southend Railway oirre, ach bha far-ainm nach robh buileach cho snog oirre cuideachd: The Misery Line. A rèir coltais, bha i ro shlaodach, ro làn agus ro mhì-earbsach. Ach tha piseach air tighinn air cùisean bhon uair sin.

Ghlac mi an trèana agam ann am Barking agus rinn mi air Rioghachd nan Sasannach an Ear – no Essex mar a tha muinntir an àite oirre. Chan eil mi ro eòlach air Essex – cha robh mi ann ach aon turas roimhe agus bha mi aig iomall na sgìre ann an Chipping Ongar. Bha mi riamh a’ coimhead air Essex mar phàirt de mòr-sgìre Lunnainn – suburbs an àird-bhaile ach dh’ionnsaich mi gun robh mo bheachd fada ceàrr.

Às dèidh dhomh Lunnainn fhàgail, cha b’ fhada gus an robh sinn a-mach air an dùthaich le craobhan mòra, talamh torrach còmhnard agus toglaichean àlainn. Bha coltas an àite nas fhaisg air East Anglia na Lunnainn.

Chunnaic mi tòrr de na h-àiteachan a tha air ainmeachadh ann an òrain Billy Bragg air an t-slighe a’ gabhail a-steach Barking, Dagenham, Grays Thurrock, Pilsea, Chalkwell, Thundersley agus Leigh-On-Sea.

Agus leis a sin, bha mi ann an Southend-on-Sea. Tha am baile ainmeil airson a chidhe – an cidhe as fhaide san t-saoghail aig 1.33 mìle – agus airson rathad-iarainn a’ chidhe.

Cidhe Southend-on-Sea

Choisich mi bhon stèisean – Southend Central – dhan chidhe. Tha am baile brèagha le tràigh mhòr àlainn agus àrd-shràid mhath ach cha robh cus tìde agam agus mar sin, rinn mi air a’ chidhe gun dàil.

Leis gur e 27 Dùbhlachd a bh’ ann, eadar an Nollaig agus a’ Bhliadhna Ùr, shaoil mi nach biodh mòran daoine ann – ach ’s ann a bha mi ceàrr. Bha e gu math trang le muinntir an àite agus le luchd-turais a diofar dhùthchannan.

Tha an cidhe gu math fada agus bha mi airson coiseachd ann gus beagan eacarsaich fhaighinn às dèidh turas fada à Glaschu agus mar sin fhuair mi tiocaid airson coiseachd ann agus tighinn air ais air an trèana.

‘S e cidhe fiodha a th’ ann agus chithear a’ mhuir eadar na plangaichean – rud a tha caran eagalach!

Bha a’ mhuir gu math àrd agus chunnaic mi gu leòr ròin air an t-slighe agus cha b’ fhada gus an do ràining mi ceann na cidhe far a bheil cafè is bùitean agus ionad an RNLI. Tha seallaidhean sgoinneil rim faighinn de Khent air taobh eile an uisge agus de bhaile Southend.

Baby Leopard aig Ceann a’ Chidhe

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol air an trèana bheag. Tha trèanaichean dealanach ùra gu bhith ann a dh’aithghearr agus gu dearbha, chunnaic mi iad, ach chan eil ann an seirbheis fhathast. Mar sin, tha na trèanaichean dioseal bho 1986 fhathast a-ruith.

Cidhe is rathad-iarainn Southend on Sea, Essex
Trèana air cidhd Southend-on-Sea

Bha an turas seo air an liosta-bhucaid agam fad iomadh bliadhna agus bha e cho math ’s a bha mi an dùil – trèana bheag sgoinneil le seallaidhean air leth den bhaile agus den mhuir.

Aig an stèisean

An uair sin, bha an t-àm ann a dhol air ais a Lunnainn – le turas goirid gu Shoeburyness an an t-slighe air ais. Bha mi sgìth agus bha fìor dhroch chnatan orm ach chòrd an turas rium glan agus bha mi air mo dhòigh glan a bhith ann an Stèisean Fenchurch Street.

Ri leanntainn…

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

“His Worship Ken MacKinnon” – turas gu rathad-iarainn Cidhe Southend  

Le alasdairmaccaluim

Eadar Nollaig agus a’ Bhliadhna ùr, bidh mi a’ dol gu Sasainn air safari-rèile fad dà latha airson a dhol air loidhnichean rèile nach fhaca mi riamh roimhe.

Tha mi gu bhith a’ dol air Mail Rail agus gu gach mòr-stèiseanan Lunnainneach ann an latha agus tha mi a’ dol a dhol air turas air Loidhne Ealasaid agus loidhne ùr Barking Riverside cuideachd.

Ach mus dèan mi sin, tha mi a’ dol gu Essex. Tha mi a’ dol gu Southend-on-Sea gus rathad-iarainn sònraichte fhaicinn – Rathad-iarainn Cidhe Southend.

A’ chiad rathad-iarainn air cidhe southend

Tha cidhe Southend gu math ainmeil. Chaidh a thogail an toiseach mar chidhe fiodha ann an 1830 agus bha slighe-trama eich ann. Chaidh cidhe iarrainn ùr nas fhade a chur na àite ann an 1889 ag amas air luchd-turais. Tha e cho fada is gun robh feum air rathad-iarainn dealanach – tha an loidhne 1.33 mìle a dh’fhaid uile gu lèir.

Bha na trèanaichean tùsail coltach ri tramaichean “toastrack” a bha ann an cruth gu math bunaiteach is fosgailte ach chaidh an rathad-iarainn a sgeadachadh le trèanaichean art-deco àlainn ann an 1949.

Murgatroyd49, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via Wikimedia Commons

Chaidh an rathad-iarainn a dhùnadh ann an 1978 agus bha teagamhan ann am maireadh an cidhe idir ach chaidh an cidhe a shàbhaladh agus chaidh an rathad-iarainn ath-fhosgladh le trèanaichean diosail ùra ann an 1986.

Tha na trèanaichean dìosail a-nis aig deireadh am beatha agus thòisich trèanaichean bataraidh-dealanach ùr air an loidhne bhig seo bho chionn ghoirid, trèanaichean a tha nas dreachmhoire agus nas ùaine cuideachd.

Tha mi air a bhith a’ beachdachadh air turas gu Southend fad iomadh bliadhna. Sa chiad dol a-mach, bha mi airson a dhol air rathad-iarainn cidhe. Chan eil rathaidean-iarainn cidhe cumanta san latha an-diugh – b’ àbhaist gu leòr a bhith ann ann an bailtean turasachd a’ chosta, ann am Blackpool, Southend, Ryde (Isle of Wight) agus fiù ’s ann an Eilean Mhanainn ann an Rhumsaa/Ramsey. An-diugh, chan eil air fhàgail anns na h-eileanan seo ach Southend agus Hythe ann an Sasainn.

‘S e an t-adhbhar eile a tha mi airson a dhol dhan bhaile – agus dhan rathad-iarainn gun robh mo deagh charaid agus an stiùriche PhD agam an t-Àrd-ollamh Coinneach MacFhionghuin nach maireann (“athair sòsio-cànanachas na Gàidhlig”) na Mhèar air a’ bhaile ann am meadhan nan 1960an. Gu dearbha, turas no dhà chuir e litrichean thugam ann an seann cheisean-litreach “from the Mayor’s Parlour – Southend on Sea” (bhon dachaigh aige air a’ Ghàidhealtachd anns na 2000an agus chan ann bho “Sarfend”!)

Ma thèid thu dhan chidhe, ’s dòcha gum faic thu am plac seo bho a’ comharrachadh 75 bliadhna den rathad-iarainn dealanach agus a chaidh fhoillseachadh le His Worship K M MacKinnon!

Murgatroyd49, CC BY-SA 4.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/4.0, via Wikimedia Commons

Agus gu dearbha, nuair a bha Ken na b’ òige bha e ag obair air loidhne London Tilbury and Southend “the misery line” mar a chanas daoine ris – mus do dh’fhàg e a’ bheatha sin airson obair nas glamorous ann an sòiseòlas!

Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ dol air a’ chidhe, a’ faighinn tiops, a’ dol air na trèanaichean ùra – agus a’ smaoineachadh mu His Worship Ken MacKinnon!

“His Worship Ken MacKinnon” – Gàidheal Eilean nan Con! Dealbh le Bòrd na Gàidhlig

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Ath-bheothachadh ann an Àfard? #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha iomairt a’ dol air adhart aig an àm seo gus Rathad-iarainn Srath Àfard (Alford Valley Railway) ann an Siorrachd Obar Dheathain ath-fhosgladh.

’S e rathad-iarainn caol-ghèidse a tha seo a tha a’ ruith bho sheann stèisean a’ bhaile tro raon goilf a-steach gu pàirc.

Stèisean Àfard, 2011

Tha an loidhne, a tha mu mhìle a dh’fhaidte, a’ tòiseachadh ann an stèisean a’ bhaile ach, an àite a bhith a’ dol air làrach na seann loidhne a dhùin ann an 1965, tha i air slighe gu tur ùr.

Dh’fhosgail an rathad-iarainn ann na 1980 agus thadhail mi air aon turas air ais ann 2011. ‘S e loidhne àlainn a th’ ann le seallaidhean brèagha agus tha i ri taobh Taigh-tasgaidh Còmhdhail Roinn a’ Mhonaidh cuideachd.

Nuair a chaidh mi ann, ge-tà, bha an loidhne ann an droch staid le lusan a’ fàs tron trac agus bha e follaiseach gun robh beagan TLC a dhìth air an loidhne. Smaoinich mi aig an àm gur dòcha nach maireadh an loidhne ro fhada – agus cha robh mi fada ceàrr oir dhùin i ann an 2017.

Gu fòrtanach, tha companaidh coimhearsnachd air an loidhne a ghabhail thairis agus tha iad air iomairt maoineachadh sluaigh a chur air bhog gus an stèisean a sgeadachadh. Gur math a thèid leotha!

Seo bhidio a thog mi den loidhne air ais ann an 2011

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

I’ve been to Hastings and I’ve been to Brighton, I’ve been to Eastbourne too – So what! Eachdraidh an Seaton Tramway #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Air ais anns na 1940an, bha fear ann an Lunnainn air an robh Claude Lane. Bha factoraidh charbadan dealanach aige a bhiodh a’ dèanamh milk floats.

Bha e uamhasach dèidheil air tramaichean agus bhris e a chridhe mar a bhathar a’ dùnadh siostam thramaichean Lunnainn mean air mhean.

Ach bha aisling aig Claude: bha e airson slighe-trama a thogail dha fhèin.

Taigh-tasgaidh nan Tramaichean, Crich, 27/4/12
Trama Lunnainn – chaidh siostam tramaichean Lunnainn a dhunadh ann an 1952

Thoisich e le loidhne bheag taobh a-staigh an fhactaraidh aige ann am Barnet, Lunnainn. Cha robh rùm gu leòr ann airson tramaichean àbhaisteach is mar sin, thog e tramaichean beaga le gèidse 15″.

An uair sin, cheannaich e trac a b’ urrainn dha gluasad gu diofar fhèisean agus làithean fèille gus tursan trama goirid a thoirt do chloinn. Bha seo gu math soirbheachail ach cha robh sin math gu leòr do Chlaude: bha e airson loidhne mhaireannach a thogail.

Dh’fhosgail e slighe-trama ghoirid ri taobh na mara ann an Hastings ann an 1951 – bha meanbh-rathad iarainn ann uair a bha air dùnadh agus chaidh na tramaichean nan àite. Bha na tràmaichean seo na bu mhòtha – gèidse 2′. Cha do mhair an loidhne seo ro fhada, ge-tà oir cha robh a’ chomhairle ro thaiceil.

An uair sin, ghluais e an slighe-trama gu Rhyl sa Chuimrigh far an robh e stèidhichte ann am fèill-spòrs fad beagan bhliadhnaichean.

Tramaichean air slighe-trama Eastbourne

An uair sin, chaidh e gu Eastbourne far an do thog e loidhne mu mhìle a dh’fhaide ri taobh na tràighe. Thog e diofar thramaichean le coltas tramaichean ainmeil bho slighean tramaichean mòra – Boat car Blackpool mar-eisimpleir.

Bha loidhne Eastbourne gu math soirbheachail ach ann am meadhan nan 1960an, dh’fhàs e follaiseach gum biodh obair leasachaidh a’ tachairt faisg air an slighe-trama le rathaidean ùra agus gun cuireadh seo bacadh air an loidhne tràma. Nuair a tòisich cùisean a’ dol ceàrr ann an Eastbourne, cho-dhùin e gun robh e ag iarraidh loidhne trama a thogal a bhiodh leis fhèin an àite a bhith air lios bhon chomhairle.

Bha grunn rathaidean-iarainn fhathast a’ dùnadh ann am meadhan nan 1960an mar phàirt de gheàrraidhean Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a’ Bheul!) agus chuir Claude roimhe fear de na loidhnichean ath-fhosgladh do luchd-turais mar slighe trama.

Slighe-trama Eastbourne,

Thagh e an loidhne gu Seaton air costa ear-thuath Devon. Bha an loidhne a’ ceangal Seaton air a’ chosta le Colyford agus Colyton, a’ ruith tron Axe Valley.

‘S e baile snog do luchd-turais a bh’ ann agus bha i a’ ruith tro theàrmainn nàdar àlainn cuideachd is mar sin, bha Claude den bheachd gum biodh an loidhne gu math freagarrach do luchd-turais. Bha e ag iarraidh tramaichean nas motha a chleachdadh is thagh e gèidse 2’9″ gus am b’ urrainn barrachd dhaoine a dhol orra.

Dhùin an rathad-iarainn ann an 1966 agus dh’fhosgail an t-slighe trama anns an Lùnastal 1970. Chaochail Claude gu h-obann ann an 1971 gu mì-fhortanach, ach chaidh an obair a chrìochnachadh le daoine eile.

Tha an loidhne a-nis 3 mìle a dh’fhaide agus bidh mu 80,000 duine a’ dol air na tramaichean a h-uile bliadhna. Bhiodh Claude uamhasach toilichte le seo, chanainn!

Chan e a-mhàin gu bheil an loidhne tarraingeach, tha na tramaichean air an loidhne uamhasach snog cuideachd. Tha trama stèidhichte air tramaichean Ghlaschu agus trama stèidhichte air trama Lunnainn mar eisimpleir agus tòrr a bharrachd eile.

Feumaidh mi a dhol ann latha dè na làithean nuair a bhios apocalypse nan zombie (suidheachadh a’ chorònabhìoras!) rud beag nas fheàrr!

Seaton and District Tramway - 23/04/07.
Seo trama ann an stoidhle Ghlaschu – dìreach mu 450 mìle air falbh bho Ghlaschu! Dealbh le John Zebedee.

Alasdair

Air m’ipod: Metallica Garage Inc (Às dèidh bhliadhnaichean de cheòl fìor dhona, rinn iad clàr de chovers metailt is punc ann an 1998, a’ gabhail a-steach So What! leis an Anti Nowhere League).


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Rathad-iarainn Gibraltar

Le alasdairmaccaluim

Fhuair mi leabhar inntinneach a-mach às an leabharlann bho chionn goirid mu thrèanaichean caol-ghèidse (narrow gauge).

narrow gauge

Nuair a smaoinicheas sinn air rathaidean-iarainn caol-ghèidse, mar as trice, bidh sinn a’ smaoineachadh air thrèanaichean beaga brèagha a-mach air an dùthaich – a’ Ffestiniog, an Talyllyn, an Corris agus mar sin air adhart.

Anns an leabhar Narrow Gauge Locomotives le Anthony Coulls, tha an t-ùghdar a’ coimhead air loidhnichean is locothan nach eil a cheart cho ainmeil no romansach – loidhnichean bathair ann am mèinnein is cuaraidhean agus eile.

San leabhar, ionnsaich mi gu bheil Taigh-tasgaidh Caol-ghèidse ann an Irchester, Northamptonshire anns a bheil tòrr eisimpleirean de na locothan den t-seòrsa seo.

Thug mi sùil air an làraich-lìn aca agus tha fiosrachadh mu loco a th’ aca air a bheil ‘An Rock’.

img_1066

‘The Rock”, Taigh-tasgaidh Caol-ghèidse Irchester (Bho Wikipedia commons)

Fhuair mi a-mach gun d’fhuair e a ainm bhon Rock of Gibraltar far an robh e ag obair uair.

Ged a tha ùidh mhòr agam ann an rathaidean-iarainn agus Tìrean Breatannach Thall-thairis (British Overseas Territories), cha robh càil a dh’fhios agam gun robh rathaidean-iarainn ann an Gibraltar uair.

img_1067

Bha lìonra gu math mòr de rathaidean-iarainn caol-ghèidse ann an Gibraltar airson bathair uair le còrr is 17 mìle de thrac anns na docaichean.

Cha robh trèanaichean luchd-siubhail no ceangal-rèile leis an Spàinn ann riamh.

Ach ged nach eil rathad-iarainn sam bith air fhàgail, tha “an Rock” fhathast a’ ruith ann an Northamptonshire.

1280px-Flag_of_Gibraltar.svg

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico