From mighty Okes….. Iomairtean rèile ann an Kernow agus Devon

Le alasdairmaccaluim

Dh’aithris mi bho chionn ghoirid air ath-fhosgladh rathad-iarainn Dartmoor bho Exeter gu Okehampton. Chaidh seo a mhaoineachadh tro phrògram “ath-thionndadh Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Ach gu h-eachdraidheil, chùm an loidhne a’ dol dhan iar-thuath gu Porthbud (Bude) anns a’ Chùirn agus gu deas gu Tivertson agus Plymouth ann an Devon.

Seo mapa de chùisean mar a tha iad a-nis:

Agus seo mapa le cùid de na molaidhean leudachaidh.

(Ainmean Còrnais an toiseach sa Chùirn, ainmean Beurla an toiseach ann an Sasainn_

Tha deagh sheansa gun tèid an loidhne gu Tiverton ath-fhosgladh sa mheadhan-ùine. Tha taic na comhairle ris agus tha iad an dùil airgead fhaighinn bho luchd-leasachaidh thaighean ùr air a shon. Cuideachd, chan eil loidhne ro fhada a bhios innte – dìreach 5.5 mìle.

Chosgadh e tòrr a bharrachd an loidhne bho Thiverton gu Okehampton ath-fhosgladh ach dh’fhaodte gum feumar fhosgladh a-rithist latha de na làithean mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Aig an àm seo, feumaidh trèanaichean eadar Exeter agus Plymouth a dhol air an Dawlish Wall, far a bheil an loidhne air balla an cois na cladaich. Chaidh a sgrìos ann an stoirm ann an 2014 agus thug e mìosan mòra ath thogail. A bharrachd air seo, ’s ann tric a bhios an loidhne dùinte nuair a tha a’ mhuir àrd. San fhad ùine ma tha, tha a h-uile coltas gum bi feum air loidhne Okehampton-Tiverton-Plymouth mar diversion oir tha fios gum bi a’ mhòr-loidhne dùinte nas trice san àm ri teachd.

A bharrachd air na loidhnichean seo ann an Sasainn, tha iomairt ann gus loidhne Okehampton ath-fhosgladh gu seann cheann na loidhne ann am Porthbud/Bude anns a’ Chòrn. ‘S e pròiseact mòr cosgail a bhiodh seo – rathad-iarainn de mu 20 mìle a dh’fhaide. Chosgadh seo na ceudan de mhìltean agus chan eil ach 10,000 duine a’ fuireach ann am Bude fhèin (agus 2,500 air an aon stèisean eile air an loidhne – Holsworthy) is mar sin, ‘s e “iarraidh mòr” a th’ ann mar a chanas iad.

Ach chan eil sin a’ cur dragh air Connect Bude, an iomairt airson ath-fhosgladh. Chan eil a’ Chòrn a Tuath air an lìonra rèile a tuath aig an àm seo agus bhiodh seo air leth feumail airson ceann a tuath na dùthcha san fharsaingeachd. Nam biodh Seanadh Còrnach ann – mar a tha tòrr dhaoine ag iarraidh, tha fios gum biodh seo àrd air an liosta de leasachaidhean bun-structar.

Nollaig Chridheil a h-uile duine!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Tha Loidhne Dartmoor air fosgladh – tha iomairt air tòiseachadh gus a leudachadh dhan Chòrn

Le alasdairmaccaluim

Dh’fhosgail rathad-iarainn ùr ann an Devon Disathairne sa chaidh.⁠⁠
⁠⁠
Seo “Rathad-iarainn Dartmoor” eadar Exeter agus Okehampton ann am Pàirce Nàiseanta Dartmoor. Loidhne a tha 14 mìle a dh’fhaid.⁠⁠
⁠⁠
Chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail bho chionn cha mhòr 50 bliadhna ach lean seirbheisean bathair gu na 2010an agus bha rathad-iarainn glèidhichte air pàirt den t-slighe cuideachd bho 1997 air adhart.

Bha a’ chomhairle ionadail agus ùghdarras na Pàirce Nàiseanta fada den bheachd gum bu chòir dhan loidhne ath-fhosgladh air adhbharan àrainneachdail agus eaconomach le cho dona ’s a tha an trafaig anns a’ Phàirce Nàiseanta agus mu dheireadh fhuair iad maoineachadh tro iomairt “Reversing Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Chaidh an trac agus am bun-structar air fad ùrachadh agus tha an loidhne a cheart cho spaideil ‘s a bha i nuair a dh’fhosgail i an toiseach bho chionn 150 bliadhna.
⁠⁠
Bidh an stèisean ùr gu math goireasach ma tha thu air ùr thighinn a-mach à Broadmoor no ma tha thu a’ teicheadh bho Chù nam Baskerville! Bidh e feumail cuideachd ma tha thu dìreach a’ dol dhan Phàirc Nàiseanta – ach chan eil sin buileach cho inntinneach….
⁠⁠
Bha an loidhne seo mar phàirt de loidhne na b’ fhaide uair – a’ dol cho fada ri Bude air costa a tuath na Cùirne.

An t-seann loidhne eadar Okehampton agus Bude

Tha iomairt a’ dol air adhart gus an loidhne a thoirt air ais fad na slighe gu Bude leis a’ bhuidhinn Connect Bude. Gur math a thèid leotha.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico