“Bha fhios a’m gun robh còir agam stad a bhith a’ cluiche Dark Souls nuair a thòisich mi miannachadh crìoch a chur air a’ gheama.” Aithris mun gheama-choimpiutair Dark Souls, le ceithir pìosan comhairleachaidh don neach leis am bu mhiann buannachadh, le Robbie MacLeòid.
Bha fhios a’m gun robh còir agam stad a bhith a’ cluiche Dark Souls nuair a thòisich mi miannachadh crìoch a chur air a’ gheama.
Beachd àraid a tha sin ri leughadh, tha fhios, ach tha e fìor. Beagan fiosrachaidh airson toiseach tòiseachaidh:
‘S e geama-coimpiutair bho 2011 a th’ ann an Dark Souls, a chaidh a dhèanamh le FromSoftware fo stiùir lèirsinneach Hidetaka Miyazaki. ‘S e a’ chiad geama Dark Souls a bh’ ann, agus an dàrna anns an sreath Souls. Choisinn an geama cliù mar gheama diabhalta doirbh, peanasachail, le bossaichean mòra fuathmhor a chuireadh às dhut ann am priobadh. Geama a nochdadh annad fearg, a bharrachd air sìon sam bith eile. Mar a thuirt Miyazaki fhèin ann an agallamh le Wired, ‘Tha mi air cur romham geamaichean a dhèanamh a bheireas deagh fhaireachdainn do chluicheadairean tro iad a bhith a’ dèanamh a’ chùis air èiginn.’
Tha buaidh nach gann air a bhith aig na geamaichean Souls; tha a h-uile neach a chluicheas geamaichean-coimpiutair san latha an-diugh eòlach air an ainm. Tha fiù ’s genre ùr air fàs às na geamaichean — ‘Soulslike’. (Ràmh eile: ann an aon de na geamaichean ‘Soulslike’, Nioh, tha aon de na caractairean Èireannach agus cha bhi i ach a’ bruidhinn na Gaeilge!)
Sgeulachd agus Spionnadh
A thaobh sgeulachd, tha Dark Souls stèidhichte ann an tìr den ainm Lordran. Tha thu fhèin neo-marbh, agus a’ feuchainn ri solas a’ tilleadh dhan tìr thìamhaidh seo, gun a bhith a’ fàs Falamh, no ‘Hollow’ — d’ inntinn a chall gu tur. Air feadh an t-saoghail tachraidh thu ri caractairean a tha air fàs Falamh, nach eil a-nis ach nan creutairean feirge, no ri daoine a tha air an spionnadh aca a chall gu tur.
’S ann mar seo — gun spionnadh — a tha aon de na ciad charactairean ris an coinnich thu sa gheama, seann ghaisgeach nach tèid a-mach a-rithist, fear a tha buileach gun dòchas. “Dè tha ceàrr?” canaidh e riut. “An do ghabh thu feagal? Na gabh dragh. Gabh suidhe is fàs comhfhurtail. Bidh an dithist againn Falamh a dh’aithghearr.” Tha an saoghal eu-dochasach, is làn feirg.
Ach fhuair mi fhèin lorg air nàdar de shìth am measg nam bàsan, agus toil-inntinn ann an saoghal a tha na dheann-ruith gu crìoch gach nì.
Teachdaireachd a h-Aon: Gabh air do Shocair
Anns a’ mhòr-chuid de gheamaichean, chan fheum thu gabhail air do shocair. Stiùiridh an geama thu gu ìre mhòr, agus fàsaidh thu cho cumhachdail is nach urrainn dha na nàmhaidean a nochd tràth anns a’ gheama cron a dhèanamh ort. ’S urrainn dhut ruith tromhpa.
’S urrainn dhut cuideachd feuchainn ri dhol nad dheann tro Dark Souls, a’ feuchainn ri ruith seachad air a h-uile càil.
Cha tèid gu math leat.
Feumar gabhail air socair ann an saoghal Dark Souls. Ann an Dark Souls, fiù ’s às dèidh 20 uair de chluiche, thèid aig na sòmbaidhean bho thoiseach a’ gheama do mharbhadh mura gabh thu cùram. Tha gach neach cunnartach agus a dhìth air do làn aire. Tha seo gu h-àiridh fìor a thaobh nam bossaichean. Tha agad ri bhith cùramach agus dàna ma tha thu airson a bhith soirbheachail. Feumaidh tu bhith, ma faod mi beagan Beurlachais a chleachdadh, beò anns a’ mhòmaid.
Ò, cuideachd, chan eil putan ‘pause’ idir ann an Dark Souls.
Mar sin, dhomh fhèin, ’s ann mar a bhith ri nàdar de mheditation a bha Dark Souls. Bha agam ri aire a chumail air gach nì: gach oisean anns am b’ urrainn nàmhaid falach; gach criomag còmhraidh anns am b’ urrainn fiosrachadh a bhith na falach; gach sabaid, gach tìr ùr, gach pìos uidheim. Le bhith a’ sealltainn air an t-saoghal le aire, ghabh mi luach ann barrachd na tha mi ann an iomadach gheam’ eile.
Nuair a chrìochnaichinn seisean Dark Souls, bhithinn a’ faireachdainn mar gun robh mi dìreach air suidhe làn-aire airson greis. Bha mi nas cùramaiche nam bheatha fhèin, nas puingeile, nas taingeile. Bhithinn beò anns a’ mhòmaid — ged nach robh dùil agam gun leumadh uilebheist air choreigin às a’ phreas.
Teachdaireachd a Dhà: Na dèan coimeasan ri faileasan
Fhad ’s a tha thu a’ gabhail air do shocair, bidh aire agad air dè cho luath is a tha daoin’ eile air dhol. Chì thu faileasan nan daoine seo anns a’ gheama fhèin. Cuimhnichidh tu gu bheil cuideigin ann a tha air crìoch a chur air na trì geamaichean Dark Souls ann an ochd uair a thìde uile gu lèir. Cuimhnichidh tu seo nuair a tha an aon sòmbaidh ud air do mharbhadh airson an treasamh turas ann an sreath.
A bharrachd air sin, bidh aire agad air dè cho luath ’s a bu mhiann leat dol. Cha bhi thu airson feuchainn ris an Deamhan-Tairbh a mharbhadh a-rithist. Bidh thu airson crìoch a chur air a’ phàirt seo, tiog a chur sa bhogsa, gluasad air adhart aig astar.
Cha ghabh Dark Souls truas riut.
Tha agad ri gabhail ris. Tha agad ri gabhail ris gu bheil daoin’ eile ann a tha nas comasaiche aig a’ gheama, no nas fortanaiche, na tha thu fhèin; tha agad ri gabhail ris nach eil thu buileach far a bheil thu ag iarraidh a bhith, nach eil thu air an adhartas a tha thu ag iarraidh dèanamh a dhèanamh fhathast.
Ach thig sin. Cuiridh thu às dhan Deamhan-Tairbh, agus, nas fhaide air adhart anns a’ gheama, nuair a tha agad ri dà no trì dhiubh a shabaid aig an aon àm, bidh e eagalach, gun teagamh sam bith, ach bidh earbsa agad annad fhèin. Bidh thu, uair agus a-rithist, air do chuid fhoighidinne a chleachdadh, agus bidh e mar fhèith a tha air fàs làidir le chleachdadh.
An-dràsta ge-tà, a’ faicinn nam faileasan a tha a’ ruith seachad ort, tha agad ri gabhail ris. Gabh earbsa gun dèan thu a’ chùis le foighidinn, agus nach toir coimeasan riut ach mì-thoileachas.
Teachdaireachd a Trì: Nàmhaid mu seach
Chan fhiach feuchainn ri barrachd na dà nàmhaid a-mhàin a shabaid aig aon uair ann an Dark Souls. Aon (uill, dà) de na bossaichean as doirbhe a tha ri lorg anns a’ gheama ’s iad Ornstein agus Smough, dithist seann ghaisgeach a th’ agad ri sabaid aig an aon àm. Leotha fhèin, chan eil iad mòran nas miosa na bossaichean eile a’ gheama; ach còmhla, ’s e sabaid dhuilich a tha romhad.
Ach tha seo fiù ’s fìor airson nàimhdean beaga a’ gheama cuideachd. Thèid aig creutair sam bith a’ chùis a dhèanamh ort ann an Dark Souls ma tha grunnan aca ann. Ma bhios tu a’ feuchainn ri cus a dhèanamh aig an aon àm, cuiridh e fodha thu.
Nàmhaid mu seach. Aon rud aig aon àm. Bidh dàna, seadh, agus dèan oidhirp; ach na feuch air cus a dhèanamh.
Teachdaireachd a Ceithir: Iarr air taic
Cuimhnich air a’ Ghaisgeach Ghruamach air an robh mi a-mach na bu thràithe? Fhad ’s a tha thusa a’ dol a-mach dhan t-saoghal agus a’ feuchainn, a’ strì, bidh esan na shuidhe ri taobh a’ ghealbhain, a’ gearan, a’ magadh, agus cha bhi e ri mòran eile a bharrachd air sin. Tha e air a mhisneachd a chall buileach; chan eil dòchas idir aige, agus tha e a’ magadh air daoin’ eile a tha a’ feuchainn ri cùisean atharrachadh.
Ach, aig cridhe Dark Souls, tha teachdaireachd làidir a’ dealradh mar lasair: chan eil thu nad aonar. A dh’aindeoin doilleireachd an t-saoghail, a dh’aindeoin bàis is feirg is eu-dòchais, ’s urrainn dhut iarraidh air taic. Aig amannan thig an taic seo bho chluicheadairean eile: ’s urrainn dhut tron eadar-lìon cluicheadairean eile a thoirt a-steach don gheama agad. Uaireannan eile, ’s urrainn dhut na caractairean ris an do thachair thu a thoirt còmhla riut airson greis, gu h-àraidh faisg air bossaichean doirbhe. Tha dìreach agad ri iarraidh air taic.
Agus beiridh an fheadhainn a tha cumail taic riut buaidh ort. Ma leughas tu sìon mu dheidhinn Dark Souls, chìthear iomraidhean air Solaire, caractar toilichte is dòchasach a bhios ag adhradh na grèine. Tha solas ann fiù ’s aig àm bàs an teine.
Dhomh fhèin ’s e an caractair Laurentius a tha glaiste nam chuimhne, fear a ionnsaicheas breò-dhraoidheachd dhut, .i. draoidheachd an teine. Bidh Laurentius a’ gabhail ùidh annad, gu h-àraidh an coimeas a’ Ghaisgich Ghruamaich. Nuair a chuireas tu crìoch air còmhradh le Laurentius, canaidh e san dealachadh, “Na fàs Falamh a charaid.”
Ann an saoghal Dark Souls, tha e nas fhasa fàs Falamh, no fàs eu-dòchasach, na cumail ort. Ach san uair sin, tha na dàimhean againn nas cudromaiche. Na fàs Falamh, a charaid.
Co-dhùnadh
An-dràsta ge-tà, tha mi airson ruith seachad air gach nàmhaid. Tha mi airson crìoch na sgeòil a ruigsinn, dìreach airson crìoch a chur air. Agus tha sin gu tur an aghaidh mo thuigse fhèin de Dhark Souls.
Is mar sin, às dèidh mo chiad 20 uair san t-saoghal, às dèidh diofar deamhain agus bossaichean (fiù ’s Ornstein is Smough!) tha mi ag ràdh soraidh ri Dark Souls, airson greis co-dhiù. Fàgaidh mi an saoghal ud an-dràsta, làn earbsa gum bi na Ceithir Tighearnan, agus taghadh mu dhàn na cruinne-cè, fhathast gam fheitheamh nuair a thilleas mi. Agus tha mi an dòchas nuair a thilleas mi gun gabh mi ris na tha an geama a’ toirt orm chur an cèill: foighidinn, fèin-mhathanas, càirdeas, agus aire.
– Robbie MacLeòid
Corra fhacal fheumail
Anman Dorcha — Dark Souls
Falamh — Hollow
Mol a’ Ghrian! — Praise the Sun!
Dh’eug thu. — You died.
An Gaisgeach Gruamach — The Crestfallen Warrior
Breò-dhraoidheachd — Pyromancy
‘Shin thu. Fanaidh mis’ an seo, airson sealltainn air a’ ghrèin. ’S e nèamhach àlainn a th’ anns a’ ghrèin. Mar athair mhiorbhailteach! Ach gum bithinn fhèin cho mòr-dhealrach!’ — ‘Oh, hello there. I will stay behind, to gaze at the sun. The sun is a wondrous body. Like a magnificent father! If only I could be so grossly incandescent!’ (Solaire)
‘Mar sin leat, ma-thà. Gabh cùram, a charaid. Na fàs Falamh.’ — ‘‘Goodbye then. Stay safe friend. Don’t you dare go hollow.’ (Laurentius)
Beagan Ghaeilge an Nioh: https://www.youtube.com/watch?v=nRLsyv8cEmk
Agallamh le Miyazaki: https://www.wired.co.uk/article/dark-souls-3-hidetaka-miyazaki-interview