Marcas Mac an Tuairneir

Le comanngaidhligghlaschu

Polaris. Bàrdachd is Òrain Ùr

Bidh sinn a’ cur fàilte bhlàth air Marcas Mac an Tuairneir oidhche Dhiardaoin sa tighinn aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Sràid Berkeley, 7.30f. Tha sinn a’ dèanamh fiughar mhòr ri bhith cluinntinn o Mharcas agus an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith còmhla ruinn.

https://www.marcasmac.scot/

Bidh sinn a’ sireadh £5 aig an doras – air no faodaidh sibh ballrachd bliadhnail a ghabhail (saor an asgaidh do dh’oileanaich is sgoilearan).  Tha sinn an dòchas ar faicinn ann an sin!

Àm: 7.30f, Diardaoin 24ᵐʰ dhan t-Samhain
Àite: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid Berkeley, Glaschu G3 7HP
Cànan: Gàidhlig
When: 7.30pm, Thursday 24th September
Where: Glasgow Gaelic School, 147 Berkeley St, Glasgow G3 7HP
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Curstaidh Dhòmhnallach / Kirsty MacDonald

Le comanngaidhligghlaschu

Dùthchas | Home

Tha sinn a’ tilleadh gu Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu am bliadhna seo, Diardaoin, 27mh dhan Dàmhair, 7.30f.  Cha bhith a’ choinneamh seo ri fhaighinn tro Zoom (ach faodaidh gum bi cuid de na òraidean eile ma cheadaicheas an teicneòlas sin dhuinn).

Tha sinn uabhasach toilichte fàilte a chuir air Curstaidh Dòmhnallach, aon de stiùirichean an fhiolm, a bhios a’ cur clàr ùr na bliadhna air a chasan dhuinn le snas – is i a’ tighinn a bhruidhinn mun fhiolm ùr Dùthchas agus chì sinn an fhiolm cuideachd. Tha fiughar mhòr oirnn gus seo fhaicinn agus tha sinn gu mòr an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith an làthair.

Bidh sinn a’ sireadh £5 aig an doras – air no faodaidh sibh ballrachd bliadhnail a ghabhail (saor an asgaidh do dh’ oileanaich is sgoilearan).  Tha sinn an dòchas ar faicinn ann an sin!

Àm: 7.30f, Diardaoin 27ᵐʰ dhan Dàmhair
Àite: Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 147 Sràid Berkeley, Glaschu G3 7HP
Cànan: Beurla

We return to Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu this year and our first meeting, Thursday 27th October, 7.30, will not be on zoom (though subsequent meetings might be, technology permitting).  We are delighted to welcome Kirsty MacDonald, one of the directors of the new film Dùthchas / Home.  There will be a screening of the film (which is subtitled), followed by a Q&A with Kirsty.  There will be a £5 admission charge – or else you can take out an annual membership with Comann Gàidhlig Ghlaschu.  We hope you can make it along to our first face to face meeting – we are looking forward to it and a great way to start our new syllabus!

When: 7.30pm, Thursday 27th October
Where: Glasgow Gaelic School, 147 Berkeley St, Glasgow G3 7HP
Language: English

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Dr Sofia Evemalm-Graham, University of Glasgow

Le comanngaidhligghlaschu

Iona’s Namescape: the dynamics of place-names and place-lore

Bu chaomh leinn fàilte a chur oirbh gun ath choinneamh againn san t-sreath. Bidh an Dr Sofia Evemalm-Graham a’ tadhail oirnn air a’ mhìos seo agus bidh i a’ bruidhinn (ann am Beurla) air a’ cheann gu h-àrd. Chithear fios gu h-ìosal mun cheangal gun choinneamh air Zoom. Tha sinn an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith an làthair.

Àm: 7.30f, Diardaoin 17ᵐʰ dhan Mhàrt
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: ri thighinn ron choinneamh
Cànan: Beurla

We look forward very much to welcoming Dr Sofia Evemalm-Graham to the society this month and hearing about the new research on Iona place-names. This month’s talk will be in English. We hope you can join us on Zoom.

When: 7.30pm, Thursday 17th March
Where: Via Zoom meeting. Password: Will be posted before the event
Language: English

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Dr Danielle Fatzinger

Le comanngaidhligghlaschu

Mr Lachlan Campbell (c.1690×1707): Gaelic glossaries, lost material and the Republic of Letters

Tha sinn a’ cur fàilte air Dr Danielle Fatzinger, Oilthigh Ghlaschu, air a’ mhìos seo. Bidh i a’ bruidhinn air a cheann a chithear gu h-àrd, Mgr Lachlann Caimbeul.  Tha sinn an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith còmhla ruinn agus òraid air leth inntinneach againn air fàire.

Àm: 7.30f, Diardaoin 20ᵐʰ dhan Fhaoilleach
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: ri thighinn ron choinneamh.
Cànan: Beurla

We are looking forward to our first talk of the New Year. This month our guest-speaker is Dr Danielle Fatzinger, University of Glasgow, talking, on the heading above, Thursday 20th January at 7.30pm.  We hope you can join us for what will be a fascinating and informative talk.

When: 7.30pm, Thursday 20th January
Where: Via Zoom meeting. Password: will be posted before the event.
Language: English

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Catrìona Mhoireach

Le comanngaidhligghlaschu

Murchadh MacPhàrlain, Bàrd Mhealboist

Bi an ath choinneamh de Chomann Gàidhlig Ghlaschu againn oidhche Dhiardaoin sa tighinn, 7.30f.  Bidh Catrìona Mhoireach a’ tighinn thugainn a bhruidhinn air Murchadh MacPhàrlain: Bàrd Mhealboist. Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ris an oidhche seo agus tha sinn an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith ann. Chithear fiosrachadh, gu h-ìosal mu ciamar a cheanglas sibh ris a’ Zoom.

Àm: 7.30f, Diardaoin 16ᵐʰ dhan Dùbhlachd
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: 540424
Cànan: Gàidhlig

Our next lecture, this coming Thursday, will be from Catriona Mhoireach on Bàrd Mhealboist. This lecture will be in Gaelic and we hope you can make it along. Zoom joining details follow below.

When: 7.30pm, Thursday 16th December
Where: Via Zoom meeting. Password: 540424
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Aonghas MacLeòid

Le comanngaidhligghlaschu

Às a’ Chamhanaich

An ath choinneamh o Chomann Gàidhlig Ghlaschu Diardaoin sa tighinn.  An aire nach urrainn don Dr Emily McEwan a bhith còmhla ruinn mar a bha an dùil ach tha sinn an dòchas gun cluinn sinn bhuaipe an ath bhliadhna. An àite sin bidh Aonghas MacLeòid o Cheap Breatuinn tighinn a’ bhruidhinn ris a’ Chomann mun nobhail grafaig ùr aige, Às a’ Chamhanaich. Tha sinn fada an comain Aonghas airson bhith deònach tighinn thugainn. An dòchas ar faicinn an sin. Bheiribh an aire gur ann aig 8.00f uairean (àm Ghlaschu), oidhche Dhiardaoin sa tighinn (18/11/2021) a bhios a’ choinneamh a’ tòiseachadh, leth-uair a thìde nas tràithe nan àbhaist.

Àm: 8.00f, Diardaoin 18ᵐʰ dhan t-Samhainn
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: 885137coinneimh
Cànan: Gàidhlig

Our scheduled speaker, Dr Emily McEwan wont be able to make it (though we hope to hear from her next year). Instead, we will be joined next Thursday (18th November) by Aonghas MacLeòid, Cape Breton, who has kindly agreed to step in and will be talking to us, in Gaelic, about his new novel, Às a’ ChamhanaichPlease note the earlier starting time of 8pm (Glasgow time).

When: 8.00pm, Thursday 18th November
Where: Via Zoom meeting. Password: 885137
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Dr Silke Stroh

Le comanngaidhligghlaschu

Coimhearsnachd Waipu: Imreachd, fèin-aithne agus cuimhne thar-nàiseanta bhon 19mh linn chun an latha an-diugh

Dealbh dhan t-Urr. Tormod MacLeòid (1780-1866), ministear Waipu, a chaidh a dhèanamh
le Charles Heaphy (1820-88). Dealbh air thasgadh an Auckland. Dealbh agus fios air thogail bho
Wikipedia.

Dìreach mar chuimhneachan gum an ath òraid againn, an òraid mu dheireadh san t-sreath, oidhche Dhiardaoin sa tighinn, 7.30f, on Dr Silke Stroh a bhios a’ tadhal oirnn a bhruidhinn mun chuspair gu h-àrd. Tuilleadh fiosrachaidh air na faidhlichean gu h-ìosal. Tha sinn a’ dèanamh fiughar mhòr ro òraid Silke agus gu mòr an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith cuide ruinn.

Àm: 7.30f, Diardaoin 20ᵐʰ dhan Chèitdean
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: ri thighinn ron choinneamh
Cànan: Gàidhlig

Just a reminder that our next lecture will be at the usual time on Thursday when we will host a lecture from Dr Silke Stroh who will lecture (in Gaelic) on the topic outlined above. More details below and we hope to see you there.

When: 7.30pm, Thursday 20th May
Where: Via Zoom meeting. Password: will be posed before the event
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Dr Pàdraig MacAoidh

Le comanngaidhligghlaschu

‘It was lovely to hear the Gaelic.’ Nàdar de, agus sgrìobhadh ann an Lockdown

Bidh an Dr Pàdraig MacAoidh a’ tighinn a thadhail oirnn oidhche Dhiardaoin.  Tha sinn a’ dèanamh fiughar mhòr ri bhith a’ cluinntinn o Phàdraig agus tha sinn gu mòr an dòchas gun urrainn dhuibh a bhith cuide ruinn.  Chithear ceangal Zoom gu h-ìosal.

Àm: 7.30f, Diardaoin 22ᵐʰ dhan Ghiblean
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: ri thighinn
Cànan: Gàidhlig

Our next meeting (in Gaelic) will be held this coming Thursday at 7.30.  We look forward to welcoming Dr Pàdraig MacAoidh to Comann Gàidhlig Ghlaschu. We hope to see you there and a Zoom link can be found below.

When: 7.30pm, Thursday 22nd April
Where: Via Zoom meeting. Password: will be posted before the event
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Caoimhín Ó Donnaíle

Le comanngaidhligghlaschu

Goireasan airson na Gàidhlig air an Eadar-lìon

Bheir an Dr Caoimhín Ó Donnaíle, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, seachad fiosrachadh agus taisbeanadh beò air cuid de na goireasan Gàidhlig a tha ri’m faighinn air an Eadar-lìon, gu h-àraid air an fheadhainn anns a bheil e fhèin an sàs. Bidh trì pàirtean aig an òraid:

  • Sealladh gu math farsaing, aithghearr air na goireasan gu lèir: làraichean-lìn, faclairean, làraichean ioma-mheadhan leithid Tobar an Dualchais, iGàidhlig, An Sruth.
  • Na goireasan aig multidict.net, .i.  Multidict fhéin a tha a’ leigeil do dhuine gluasad gu luath eadar a h-uile faclair Gàidhlig a tha air-loidhne – faclairean annasach ’nam measg.  Clilstore a tha a leigeil do thidsearan aonad a chruthachadh ann am mionaid no dhà air an Eadar-lìon, le bhideo agus tar-sgrìobhadh agus stuth a bharrachd, agus an tar-sgrìobhadh ceangailte facal-air-an-fhacal ri na faclairean air-loidhne.
  • Bunadas – stòr-dàta ann an cruth “lìonra” de dh’fhaclan dàimheil (cognates) ann an ioma chànan, gu h-àraid na cànanan Ceilteach.  Barrachd is 80,000 facal gu ruige seo. Comasach air craobhan-sinnsireachd a thaisbeanadh do na faclan.  Comasach air faclan dàimheach a lorg ann am Manannais no Nua-Ghaeilge no Seann-Ghàidhlig. agus a lorg gu furasta ri faclairean leithid eDIL.
Àm: 7.30f, Diardaoin 28ᵐʰ dhan Mhart
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: ri thighinn
Cànan: Gàidhlig

Dr. Caoimhín Ó Donnaíle, Sabhal Mòr Ostaig, University of the Highlands and Islands, will do a live presentation and talk about some of the Gaelic resources that are available on the Internet, especially the ones that he is involved with himself. There will be three parts to the talk:

  • A broad and short overview about what’s available: websites, dictionaries, multimedia sites like Tobar an Dualchais, iGàidhlig, An Sruth.
  • The resources at multidict.net, -i.  Multidict itself that lets people move quickly between all the available Gàidhlig online dictionaries – including some uncommon dictionaries.  Clilstore that allows teachers to create units on the Internet in just a few minutes, with a video and transcription and supplementary materials while the transcript is linked word for word with the online dictionaries.
  • Bunadas – a “network” database of related words (cognates) in multiple languages, with focus on the Celtic languages.  Already contains more than 80,000 words. It has a feature to display trees for the words’ ancestry.  You can research related words on Manx or Irish or Goidelic and find the easily in dictionaries like eDIL.
When: 7.30pm, Thursday 28th March
Where: Via Zoom meeting. Password: will be posted on the day
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico

Anna Frater

Le comanngaidhligghlaschu

Òrain Chiorstaidh Anna NicLeòid (Stiùbhart)

Bidh an Dr Anne Frater, Colaiste a’ Chaisteil, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, a’ tadhal oirnn oidhche Dhiardaoin sa tighinn, 7.30f, air a’ cheann gu h-àrd. Tha sinn an dòchas ar faicinn an sin!

Àm: 7.30f, Diardaoin 28ᵐʰ dhan Ghearran
Àite: Coinneamh tro mheadhan Zoom. Facal-faire: cuiridh sinn ris e ron choinneamh
Cànan: Gàidhlig

Dr Anne Frater will be our guest speaker this month. She will be speaking in Gaelic on the topic outlined above, Thursday 18th at 7.30pm. We hope you can make it along and we look forward to seeing you there!

When: 7.30pm, Thursday 28th February
Where: Via Zoom meeting. Password: will be posted before the meeting
Language: Gaelic

Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu

Powered by WPeMatico