Le lasairdhubh
Tha e soilleir gu bheil an deasbad ann an iomairt na Gàidhlig air a dhol a dh’àite gu math dorcha o chionn greis. Tha sealladh agus modh conaltraidh air èiridh nar n-iomairt a nì, ma leigeas sinn leotha, fada a bharrachd cron na feum. Mar sin, gus sealladh agus modh conaltraidh nas cothromaichte agus nas ion-ghabhalta a bhrosnachadh, tha mi fhìn is cuid dhem cho-obraichean air an seiminear shìos a chur air dòigh:

Anns an t-seiminear, bithear a-mach air ceithir ceistean co-cheangailte:
- Dè tha ag obair ann an iomairt na Gàidhlig an-dràsta, agus ciamar a thèid togail air an t-soirbheas seo anns an àm ri teachd?
- Ciamar a thig sinn còmhla gus na diofar choimhearsnachdan Gàidhlig againn uile a neartachadh?
- Ciamar a thogas sinn iomairt airson na Gàidhlig a bhios an dà chuid fosgailte agus eugsamhail?
Gu pearsanta, tha mi gu sònraichte draghail gu bheil an tuigse ùr, dhorcha seo air sgaraidhean a chruthachadh ann an saoghal na Gàidheal a bhios an dà chuid a’ lagachadh èifeachd ar n-iomairt mar ghluasad sòisealta, bonn-a-nìos, ach cuideachd, a’ dùnadh a-mach cuid a Ghàidheil o mheadhan na h-iomairt a rèir fheartan pearsanta mar àite-fuirich, cinneadh is gineil. Tha mi a’ creidsinn gum b’ e dosgainn mhòr a bhiodh ann dhan iomairt againn nan gabhamaid ris na sgaraidhean seo.
Chan eil brìgh sam bith anns an t-sealladh ‘suim-neoni’ a tha air fàs cho bitheanta nar measg o chionn greis, am beachd gun dèan leasachadh anns an dàrna coimhearsnachd cron no dìmeas air coimhearsnachdan eile ann an dòigh air choreigin. Chan ann mar sin a bhios gluasadan sòisealta ag obair idir.
’S e neart a th’ ann eugsamhlachd. Mar a thuirt iomairtiche cànain rium corra sheachdain air ais: cha bu chòir dhuinn uile a bhith a’ sabaid an aghaidh a chèile airson slis nas motha dhen phaidh; bu chòir dhuinn a bhith a’ sabaid còmhla, ri guaillibh a chèile, airson paidh nas motha dhuinn uile.
Thigibh ann!
Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach
Powered by WPeMatico
“Bhuail e mi nach eil cruinneachadh de sheanchas a tha a’ buntainn ri Sgìre nan Loch an àite sam bith, is gum bu chòir dhomh cuid aca a thoirt cruinn agus mar a bha sa chleachdadh bho chionn fhada an aithris. ‘S e bha nam amharc gum biodh iad ri làimh dha daoine òga a tha ag iarraidh an aithris aig a’ Mhòd, no aig a bheil ùidh ann am beatha anns an sgìre bho chionn fhada”.








Wahn shaat flim ina di Jamiekan langwij bout di Tobar an Dualchais (Well of Heritage) Dijitaizieshan Senta ina South Uist, ina di Outer Hebrides ina Scotland.