Chan eil fios agam cò iad, ach èistibh ris an òran ùr seo le “Beò”. Trom! Tha mi a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn cò tha air cùl a’ chiùil seo, agus tha mi an dòchas gun dèan iad tuilleadh.
Seo òran beag simplidh do chloinn, air cuspair freagarrach dhan Seaboard! Tha e ag obrachadh san aon dòigh ‘s a chunnaic sinn leis an òran Uiseag Bheag Dhearg, a sgrìobh mi mu dheidhinn o chionn greis. Tha gille òg a’ cur cheistean air iasg beag agus an t-iasg a’ freagairt. Dh’fhaodadh seo a bhith na gheama, le còmhradh eadar pàrant is pàiste, no dithis chloinne, no ann an clas sgoile, le ceòl is cleas. Tha clàradh le facail agus fonn ri chluinntinn air làrach-lìn Urras Leabhraichean na h-Alba. An dòchas gun còrd e ribh!
Èisg bhig
Èisg bhig, èisg bhig, nach tu tha math air snàmh!
Gu dearbha feumaidh mise sin oir bidh mi snàmh gu bràth.
Èisg bhig, èisg bhig, am fairich thusa fuachd?
Chan fhairich idir, ‘ille chòir, ged tha mi measg nan stuadh.
Èisg bhig, èisg bhig, a bheil thu idir sgìth?
O chan eil, chan eil, chan eil, cha toigh leam bhith air tìr.
Èisg bhig, èisg bhig, a leig thu idir d’ anail?
Is math a dh’fhaodas mise sin a-staigh am measg an fheamainn.
Èisg bhig, èisg bhig, dè dh’ith thu an-diugh?
Lugaichean is boiteagan, is smodal anns an t-sruth.
Èisg bhig, èisg bhig, càite bheil do dhachaigh?
Tha mo dhachaigh anns a’ chuan mìle mach on chladach.
+++++++++++++++++
Here’s a simple wee song for children, on an appropriate subject for the Seaboard! It works in the same way as the song Uiseag Bheag Dearg / Little Red Lark, that I wrote about a while ago. A young lad is asking a wee fish questions, and the fish is answering. This could be done as a game, with a conversation between parent and child, or two children, or in a school class, with actions. There’s a recording with words and tune on the website of the Scottish Book Trust. Hope you enjoy it! (I’ve written the English translation so that the rhythms are the same as the Gaelic, so it can be sung to the same tune.)
Wee fish
Wee fish, wee fish, you’re awful good at swimming!
I certainly have to be – I have to swim forever!
Wee fish, wee fish, do you ever feel the cold?
I don’t at all, dear laddie, though I’m in among the waves.
Wee fish, wee fish, are you ever tired?
No, I’m never, never, I’ve no wish to be on land!
Wee fish, wee fish, do you ever take a breather?
I may well do that, when I’m in among the seaweed.
Wee fish, wee fish, what did you eat today?
Lugworms and grub-worms and morsels in the stream.
Wee fish, wee fish, what do you call home?
My home is in the ocean, a mile out from the shore.
Fonn / tune (taing do/thanks to The Scottish Book Trust):
Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is dog – cù. This week we’ll be looking at … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week Blog – Cù – dog #gàidhlig
The editor of Bella Caledonia contacted me at the end of last week about a vigorous debate around “Gaelic” in relation to the Gàidhealtachd, and with the Gàidhealtachd referring to the grounding in which the Gaelic language – and a great deal more – might be said to live, and move, and have its being. […]
This week we have a special guest blog for International Mother Language Day from our new and multilingual colleague Wacera Kamonji who has created a Gaelic cheat sheet for those wishing to learn a little Gaelic for International Mother Language Day. Hello, my name is Wacera Kamonji and I have recently joined the Scottish parliamentary … Leugh an corr de Gaelic Cheat sheet for International Mother Language day #gàidhlig #idml2022
11.02.2022 Thèid planaichean a nochd Riaghaltas na h-Alba gus bacadh a chur air cleachdadh chleasan-teine leis a’ phoball a bheachdachadh le Comataidh Ceartais Eucoraich Pàrlamaid na h-Alba. Tha gairm airson bheachdan ga cur air bhog an-diugh gus beachdan a thional mu na molaidhean bhon phoball agus bho luchd-ùidhe. Thèid toraidhean na h-obrach seo a chur … Leugh an corr de Fios naidheachd: Molaidhean gus bacadh a chur air cleasan-teine gu bhith gan sgrùdadh le Buill
11.02.2022 Tha an t-Oifigear Riaghlaidh aig Taigh an Ròid air sgrùdadh a chur air bhog a nì ath-bhreithneachadh air riochdachadh agus com-pàirteachadh bhoireannach ann am Pàrlamaid na h-Alba. Stèidhichte air obair a chaidh a leasachadh an dà chuid leis an Aonadh Eadar-Phàrlamaid agus Comann Pàrlamaideach a’ Cho-fhlaitheis, bidh na pàrtaidhean aig Taigh an Ròid air … Leugh an corr de Fios naidheachd: Pàrlamaid do na h-Uile
Tha fios aig mo chàirdean gu bheil mi gu math deidheil air iomairtean an dà chuid mun Ghàidhlig agus mu thrèanaichean, tramaichean is tràilidhean.
Tha co-chomhairle fìor chudromach mu rathaidean-iarainn na h-Alba a’ dol air adhart an-dràsta agus tha cothrom againn uile buaidh a thoirt oirre.
Seo sgrùdadh mu cheanglaichean nas fheàrr eadar Cill Rìmhinn agus an lìonra rèile nàiseanta.
Stèisean Luchras – an stèisean as fhaisg air Cill Rìmhinn
Tha mi uamhasach deidheil air Neuk an Ear Fhìobh. Bhiomaid a’ dol gu Cair Ail (Crail) air làithean saora gach bliadhna nuair a bha mi òg agus tha mi gu math eòlach air an sgìre. Bhiomaid gu tric a’ tadhal air Cill Rìmhinn, a’ dol do na bùithean agus dhan Chaisteal agus dhan tràigh is eile.
Is e an aon rud nach eil math mun sgìre àlainn seo gu bheil e cho doirbh a dhol ann. Tha e a’ toirt ùine mhòr faighinn ann bho Ghlaschu, Dùn Èideann no fiù’s bho àiteachan eile ann am Fìobh fhèin! Tha e a’ toirt ùine mhòr air an rathad agus fiù ’s air an rathad-iarainn, feumaidh tu bus fhaighinn eadar Luachras (Leuchars) agus Cill Rìmhinn fhèin air an rathad thana lùbach.
Is dòcha nach eil sin cho dona ma tha thu a’ dèanamh air Cill Rìmhinn fhèin, ach ma tha thu a’ dol gu fear de na bailtean beaga taobh a-muigh Chill Rìmhinn, leithid Cair Ail no Eanstair (Anstruther) no Elie – àiteachan a tha gu math mòr-chòrdte am measg luchd-turais, feumaidh tu trèana gu Leuchras, bus gu Cill Rìmhinn agus an uair sin bus eile dhan Neuk an Ear. Chan eil mòran dhaoine deònach sin a dhèanamh ma tha cothrom aca air càr agus tha seo a’ cur ris an trafaig air na rathaidean brèagha ach fìor lùbach san Neuk an Ear.
Nis, bha rathad-iarainn ann do Chill Rìmhinn uair ach chaidh a dhùnadh ann an 1969. Bha e mar phàirt de Loidhne Costa an Ear Fhìobha ach chaidh a’ phàirt sa mheadhan a dhùnadh ann an 1966 agus chaidh na loidhnichean aig gach ceann gu Inbhir Lìobhann agus Cill Rìmhinn ann an 1969.
Loidhne cCosta an ear Fìobha (n.b rinn mi seo mus do chuir Ainmean-àite na h-Alba cruthan Gàidhlig air cuid de na bailtean, agus mar sin, tha cuid air atharrachadh bhon uair sin)
Gu fortanach, tha an loidhne gu Inbhir Lìobhann gu bhith ag ath-fhosgladh an ath-bhliadhna agus thathar a’ coimhead air dòighean gus na ceanglaichean gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh.
Tha a’ bhuidheann STARlink air a bhith ag obair fad iomadh bliadhna gus an rathad-iarainn a thoirt air ais agus tha an Riaghatlas air pàigheadh airson sgrùdadh comais gus coimhead air diofar phròiseactan gus am baile ath-cheangail ris an lìonra rèile.
Tha an sgrùdadh a’ coimhead air 4 diofar fhuasglaidhean.
An rathad-iarainn ath-fhosgladh (air slighe ùr) le trèanaichean dìreach gu Dùn Èideann is Dùn Dè an àite dìreach shuttle gu Leuchras.
Siostam “rèile aotrom” a thoirt a-staigh.
Dà dhiofar fuasgladh co-cheangailte ri busaichean le busaichean sònraichte le dathan an rathaid-iarainn agus siostam tro-thiocaidean (through-tickets) leis an lìonra rèile.
Feumaidh mi a ràdh gu bheil na molaidhean uile tòrr nas fheàrr na an siostam a th’ ann mar-thà!
Ach seo mo bheachdan air na diofar roghainnean.
Rathad-iarainn:
Leis an rathad-iarainn, bhiodh ceangal dìreach ann eadar am baile agus an lìonra. Leis gu bheilear a’ moladh gum biodh trèanaichean dìreach ann do bhailtean eile seach dìreach shuttle, bhiodh seo gu math tarraingeach. Bhiodh daoine nach eil cleachdte ri busaichean nas deònaiche seo a chleachdadh na bhith a’ dol eadar trèana is bus. Bhiodh trèanaichean comasach air barrachd dhaoine a ghiùlan na busaichean cuideachd, rud a bhiodh math airson co-labhairtean mòra, co-fharpaisean goilf is toiseach theirmichean Oilthigh is mar sin air adhart. Bhiodh seo nas luaithe na busaichean cuideachd. Bhiodh an roghainn seo cosgail, ach chanainn gum b’ fheuch e a h-uile sgillinn.
Seo mapa den rathad-iarainn a bhiodh ann.
Tramaichean:
Le tramaichean, tha tòrr bhuannachdan ann cuideachd. Bhiodh iad comasach air tòrr dhaoine a ghiùlan dhan bhaile gu luath. A bharrachd air seo, b’ urrainn dhaibh a dhol a-staigh gu cridhe a’ bhaile. Mar thoradh air obair togail bho dhùn an stèisean ann an 1969, tha e coltach gum biodh an stèisean ùr rud beag a-mach às a’ mheadhan.
Leis an roghainn seo, chanainn gur e cosgaisean an duilgheadas as motha. Is dòcha gum biodh togail loidhne trama nas saoire na bhith a’ togail rathad-iarainn ach bhiodh obair togail taobh a-staigh a’ bhaile gu math cosgail. Is dòcha nach biodh sin ro dhona ge-tà. ’S e an duilgheadas le siostam trama gum feum thu depot is tòrr luchd-obrach sònraichte nach biodh a dhith airson bhusaichean no airson rathad-iarainn. Tha sin OK ma tha thu a’ bruidhinn air siostam mòra coltach ri Dùn Èideann no Manchester no Croydon ach airson siostam 6 no 7 mìle a dh’fhaid le is dòcha 4 tramaichean bhiodh na h-overheads gu math àrd.
Thathar a’ moladh coimhead air VLR – Very Light Rail – rèile fìor aontrom mar thoradh air seo. Seo siostam a tha ag amas air tramaichean tòrr nas aotroime a chleachdadh a bhios a’ ruith air trac nas aotroime na tramaichean àbhaisteach, le tramaichean a tha nas sìmplidh agus le cosgaisean togail is ruith tòrr nas ìsle. Le siostaman mar seo, chan eil na h-overheads cho àrd agus nas cudromaiche, tha na loidhnichean nas saoire a thogail oir chan fheumar na pìoban uisge is dealain is gas uile a ghluasad mar a dh’fheumar le siotaman eile (mar a chunnacas gu soilleir ann an Dùn Èideann!)
Thathar a’ planadh siostam VLR airson Coventry an-dràsta agus tha deuchainnean ga dhèanamh air prototype den chiad charbad. Tha VLR gu math gealltaineach, ach chanainn gur e an duilgheadas as motha nach deagh a dhearbhadh fhathast. Chan eil siostam sam bith a ruith san RA an-dràsta agus mar sin, tha cunnart ann gum biodh e nas daoire agus gum biodh tòrr dhuilgheadasan toiseachaidh ann gus an tèid an teicneòlas a dhearbhadh. Eu-coltach ri tramaichean cuideachd, chan urrainn dhut tramaichean VLR a cheannach “off the peg”. Aig an ìre seo, saoilidh mi gum biodh e na b’ fhèarr fuireach gus am bi siostam Coventry ag obair is na leaasnan air ionnsachadh mar sin mus toiseachamaid air seo ann an Cill Rìmhinn.
Seo mapa den loidhne trama a dh’fhaodadh a bhith ann.
Busaichean:
Le leasachaidhean bus, ’s e an rud as fheàrr gu bheil iad gu math saor. Leis na molaidhean, bhiodh livery ScotRail air na busaichean, bhiodh an clàr-ama stèidhichte air clàr-ama nan trèanaichean, bhiodh am bus a’ feitheamh ris an trèana agus bhiodh tiocaidean a’ gabhail a-steach a’ bhus mar phàirt den turas.
Tha seo tòrr nas fheàrr na an siostam a th’ ann mar-thà ceart gu leòr. Ach ged a bhiodh seo math, chanainn nach toireadh e cruth-atharrachadh air an t-suidheachadh. Tha rannsachadh air sealltainn uair is uair gu bheil daoine tòrr nas deònaiche gluasad eadar càr is trèana no trama ach chan eil iad idir cho deònach gluasad eadar càr is bus.
Mar sin, tha mo thaic ri bhith a’ toirt an rathaid-iarainn air ais!
Tha a’ cho-chomhairle fosgailte ri daoine taobh a-muigh Fìobh agus mar sin, na bi leisg na beachdan agad a chur a-steach g’ e b’ e far a bheil thu a’ fuireach.
Gheibhear a’ cho-chomhairle an seo. Cha toir e fada.