Barbarians agus Guano! Turas gu Suffolk

Le alasdairmaccaluim

Tha taigh-tasgaidh sònraichte ann an Suffolk a th’ air a bhith air an liosta-bucaid agam far iomadh bliadhna – East Anglia Transport Museum faisg air Lowestoft.

Fhuair mi cothrom a dhol ann mu dheireadh thall san Lùnastal.

Tha an taigh-tasgaidh seo sònraichte oir ged a tha e caran beag, tha e loma-làn còmhdhail retro de gach seòrsa – rathad-iarainn, busaichean-tràilidh agus tramaichean uile air an aon làraich.

Thòisich an turas agam le oidhche air a’ Chadalaiche eadar Glaschu agus Lunnainn. Ged nach d’ fhuair mi cus cadail, tha e daonnan tlachdmhor a bhith air an “leabaidh-trèana” mar a th’ aig mo nighnean oirre. An uair sin, fhuair mi an Underground eadar Euston Square agus Liverpool  Street gus an trèana agam a ghlacadh gu Suffolk. Bha e sgoinneil a bhith ann an Liverpool Street oir an turas mu dheireadh a bha mi ann an Lunnainn, bha mi a’ feuchain ri dhol gu gach terminus rèile san aon latha – ach bha Liverpool Street dùinte airson obair innleadaireachd.

An Cadalaiche, Glaschu Mheadhain

Bha plana agam a dhol gu Ipswich agus an uair sin air loidhne Suffolk an Ear gu Lowestoft. Mar thoradh air stailc rèile, ge-tà, stad an trèana agam aig barrachd stèiseanan na an àbhaist an chaill mi an ceangal agam aig Ipswich agus bha agam ri dhol ann taobh Norwich air a’ Ghreat Eastern Mainline agus an uair sin air adhart air a’ Wherry Line gu Lowestoft. Chan eil briseadh dùil ro mhòr a bh’ ann, ge-tà oir fhuair mi cothrom a dhol tro na Norfolk Broads.

Bha mi air bòrd fear de na trèanaichean uaine aig Greater Anglia – “na Flirts” – an Clas 745 eadar London is Norfolk agus an uair sin an Clas 755 (bi-mode a tha comasach air ruith air dealain no air diosal) gu Lowestoft. Tha na trèanaichean seo uaine, comfhurtail agus dreachmhor cuideachd. Tha mi an dòchas gum faic sinn barrachd trèanaichean mar seo air feadh na lìonra.

Stèisean Norfolk – feur gu leòr air an trac!

Bha mi a’ coimhead air adhart ri Lowestoft fhaicinn oir ’s ann às a sin a tha an còmhlan roc the Darkness.

Nis, tha an stèisean ann an Lowestoft uamhasach àlainn le tòrr phostairean is dealbhan mu eachdraidh a’ bhaile agus còmhdhail sa bhaile ach taobh a-muigh an stèisein, chan eil cùisean buileach cho snog. Nan robh agam ri Lowestoft a mhìneachadh ann an aon fhacal – ‘s e guano a bhiodh ann. Tha faoilleagan craicte, cunnartach, feargach anns gach àite agus tha na na toglaichean, polaichean dealain, bàtaichean is eile dìreach air an comadachadh le guano. Tha fiù ’s na cabhsairean ann am meadhan a’ bhaile geal le guano agus abair gu bheil sàmh ann….

Mar sin, rinn mi air stèisean nam bus gu math luath gus mo cheangal a ghlacadh dhan taigh-tasgaidh.

Bidh mi daonnnan ag ràdh gu bheil dà dhiofar sheòrsa baile ann a thaobh còmhdhail bus. Air an dàrna làimh, tha bailtean far an cleachd daoine de gach seòrsa busaichean a chionn gu bheil na seirbheisean math agus goireasach leithid Lunnainn agus D.È. Air an làimh eile, tha bailtean eile far nach cleachd duine sam bith busaichean ach a-mhàin daoine aig nach eil roghainn sam bith eile. Ann an Lowestoft, chan eil teagamh sam bith ann nach e an dàrna seòrsa seirbheis bus a th’ ann – seo seirbheis do dhaoine aig nach eil car is gun roghainn sam bith eile ach am bus a ghabhail. Bha am bus slaodach, grod agus bha stèisean nam bus dìreach sgriosail – fada ro bheag le droch fhàileadh is faoilleagan craicte os ar cionn mar an luftwaffe agus iad a’ suidhe air na stadan bus agus fiu’s air na busaichean fhein agus iad a’ sgreuchail gu h-àrd is gu h-eagallach.  

Seo mar a bha an cabhsair air feadh air feadh meadhan Lowestoft!

Mar sin, bha mi toilichte fhaighinn a-mach à meadhan a’ bhaile agus tron bhaile gu Carlton Colville dìreach taobh a-muigh a’ bhaile far a bheil an taigh-tasgaidh.

Agus abair gur e taigh-tasgaidh snog a th’ ann.

Ma tha thu air a bhith ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Tramaichean ann an Crich, Schd Derby, no ann an Taigh-tasgaidh nam Busaichean-tràilidh ann an Sandtoft, tha e gu math coltach ri sin oir a bharrachd air buill-taisbeanaidh còmhdhail, tha bùth ann den t-seòrsa a chitheadh tu ann an linn nan tramaichean, a bharrachd air pàirce bheag, garaiste le seann chàraichean agus oifis-phuist bheag. Tha clachan-chàsaidh – cobbles – air an rathad cuideachd.

Tha trì siostaman còmhdhail eadar-dhealaichte san taigh-tasgaidh. Sa chiad dol a-mach, tha an trama. Tha loidhne ghoirid ann a tha direach. Airson adhbhar air choireigin, cha robh an t-slighe air fad fosgailte, ach chòrd e rium a dhol air trama Blackpool air na bha air fosgailte den loidhne. An uair sin, tha busaichean tràilidh ann agus tha iad a’ ruith ann an cearcall timcheall air an taigh-tasgaidh, seachad air depot nan tramaichiean is nan tràilidhean.

Chan eil ach trì àiteachan ann am Breatainn far an urrainn dhut a dhol air bus-tràilidh – Sandtoft (faisg air Doncaster – taigh-tasgaidh naiseanta nam busaichean-tràilidh), East Anglia Transport Museum agus am Black Country Living Museum ann an Dudley. Agus tha busaichean-tràilidh gu bhith a’ ruith ann am Beamish anns an North of England Living Museum latha de na làithean cuideachd.

(Seada nan tràilidhean: Portsmouth, Lunnainn agus Hastings)

Tha mi air leth measail air na tràilidhean agus an turas seo, gu sònraichte, bha e math a dhol air bus-tràilidh à Suffolk fhein – a Ipswich. Tha deagh chruinneachadh de thramaichean is de bhusaichean-tràilidh a diofar àiteachan agus a bharrachd air Suffolk fhein, tha gu leòr ann à Lunnainn – baile mòr nan tramaichean is nam busaichean-tràilidh.

Mu dheireadh, tha Rathad-iarainn Aotrom Suffolk an Ear ann, a tha na rathad-iarainn caol-ghèidse den t-seòrsa a bha cumanta aig factaraidean is cuairidhean uair.

East Suffolk Light Railway

Mholainn an Taigh-tasgaidh seo gu mòr – tha e beag agus tha e gu math fada air falbh à Alba ach tha iad air tòrr mòr a dhèanamh leis an làraich bhig a th’ aca – agus tha planaichean mòra aca aig an àm seo gus an taigh-tasgaidh a leudachadh.

Tha Suffolk sgoinneil – ach thoir an aire do na faoilleagan!

Alasdair

Air m’ fhòn: Status Quo “Whatever You Want” (1979), 9/10.


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico