“Heart of the World” – rathaidean-iarainn ann am Fèis Gàraidh Ghlaschu 1988 #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Bha fèis shònraichte ann an Glaschu air ais aig deireadh nan 80an, Fèis Gàraidh Ghlaschu no the Glasgow Garden Festival.

glasgow garden festival - Yahoo Image Search results | Flower art ...

Bha sreath de na tachartasan seo ann an sgìrean bailteal far an robh gnìomhachas air a dhol bàs agus far an robh ath-leasachadh a dhith. Bha a’ chiad Fhèis Gàraidh ann an Liverpool ann an 1984 agus chaidh a leantainn le Stoke on Trent (1986), Glaschu (1988), Gateshead (1990) agus mu dheireadh le Glyn Ebwy/Ebbw Vale ann an 1992.

B’ e amas nam fèisean togail a thoirt do dh’àiteachan far an robh ath-leasachadh a dhìth agus gus togail is spòrs a thoirt do na daoine fhèin.

Bha tòrr rudan san fhèis – gàraidhean, bùithean, taighean-bìdh, rollercoasters is tòrr a bharrachd.

Agus bha rathaidean-iarainn annta uile cuideachd! Ann an Glaschu, bha an dà chuid rathad-iarainn caol-ghèidse agus slighe-trama ann.

Cò ris a bha na rathaidean-iarainn coltach? Chan eil cuimhne agam leis an fhirinn innse! Bha mi 14 ann an 1988 agus cha deach sinn gu Fèis Gàradh Ghlaschu ach dà thuras, mas math mo chuimhne. Cha deach sinn ann nas trice oir bha m’ athair tinn san osbadal fad uine mhòr air a’ bhliadhna sin agus bha mo mhàthair ag obair uamhasach trang ag obair is a’ dol a dh’fhaicinn m’ athar. Mar sin, chan eil mo chuimhne cho math air an fhèis.

Cuideachd, ged a bha mi beò-ghlaicte le trèanaichean eadar 1985 is 1987, chaill mi m’ ùidh ann an rathaidean-iarainn an uair sin fad deich bliadhna oir bha barrachd ùidh agam ann an ceòl is geamannan coimpiutair.

R-3315135-1349959655-9669.jpeg

Mar sin, ged a tha cuimhne agam air dè a dh’ith is dè a dh’òl mi air an latha sin (Vimto bhon t-Soda Stream is ceapairean oir bha mo mham draghail mu na chuala mi mu chosgaisean a’ bhìdh ann!) agus de bha mi ag èisteachd ris air a’ Walkman agam (teip leis na 12” mixes agus B-sides bho na 12” singles de Kiss Like Judas agus Midnight aig It Bites, an còmhlan prog sgoinneil à Cumbria), chan eil mòran cuimhne agam air na rathaidean-iarainn. Chaidh mi air an trèana ach chan eil mi a’ smaoineachadh gun deach mi air na tramaichean idir.

Bha mo bhean Jenny a’ fuireach gu math faisg air làimh agus bha tiocaid seisein aice agus chaidh i ann na ficheadan de thursan le a càirdean is mar sin, tha cuimhne tòrr nas fheàrr aice air an Fhèis na th’ agam. Tha fìor dheagh chuimhne aice gu sònraichte air a’ Choca-cola Roller, an rollercoaster mòr, oir bhris e sìos aon latha nuair a bha i air agus bha Jenny bhochd stucte bun-os-cionn fad cairteil na h-uarach gus an deach a chàradh! Ach gu mì-fhortanach, chan eil i deidheil air trèanaichean is tramaichean is mar sin,  chan eil cus cuimhne aicese nas motha orra sin. 

Mar sin, tha mi air beagan rannsachaidh a dhèanamh air a’ chùis.

Chaidh an fhèis a cumail air taobh a deas a’ Chluaidh mu choinneimh an SECC far a bheil toglaichean a’ BhBC, STV agus Ionad Saidheans Ghlaschu a-nis agus far a bheil Festival Park a-nis.

Bha loidhne nan tramaichean ri taobh na h-aibhne agus bha iad ruith seachad air far a bheil am BBC a-nis. Bha e cudromach dhan fhèis gun robh tramaichean ann oir bha na “caurs” nam pàirt chudromach de dh’fhèin-aithne a’ bhaile agus bha daoine fhathast air leth dèidheil orra, ged a dh’fhalbh iad ann an 1962. Aig an àm sin, bha dealbh frèamte le sealladh-baile anns an robh trama anns cha mhòr gach taigh ann an Glaschu.

Bha grunn thramaichean air an t-slighe trama – tramaichean Standard agus Cunarder à Glaschu, trama Phàislig, trama Dhùn Èideann agus trama ‘boat’ fosgailte à Blackpool. Fhuair mi cead bho mo chairdean Hugh, Alex is John beagan de na dealbhan aca bho Flickr a chleachdadh.

Blackpool Boat Car, Blackpool

Trama Cunarder Ghlaschu – le Hugh Spicer

Trama Standard Ghlaschu, Le Alexander Cunningham

6574352015_2857078e68_o

Trama Dhùn Èideann ann an Taigh-tasgaidh nan Tramaichean, Crich, le John Zebedee

Bha rathad-iarainn beag ann cuideachd. Saolidh mi gun robh dà sheòrsa loco ann – cuid le coltas loco smùid agus cuid eile le coltas ùr-fhasanta a bha gu math gu math grannda! Seo cairt-puist den rathad-iarainn. Bha an trèana a’ dol gu deas ann an cearcall.

IMG_20200427_0004

Cairt-phuist den rathad-iarainn

Agus a bharrachd air seo, bha taisbeanadh aig Roinn a’ Mheadhain air an robh “Heart of Scotland” le stèisesan agus loco smùid. Thàinig togalach snog an stèisein à stèisean Mhonadh Fotha (Moneifeith) ann an Siorrachd Aonghais agus às dèidh na fèise, chaidh ath-thogail ann am Birkill air rathad-iarainn Bo’ness is Cheann Fhàil.

49826744858_f6c7768976_o

Cairt-phuist de Chridhe na h-Alba

Thug ainm an taisbeanaidh orm smaoineachadh air ‘Heart of the World’ le Big Country, deagh òran a thàinig a-mach dà bhlaidhna às dèidh na fèise!

Chan eil mòran air fhàgail den fhèis ann an Glaschu a-nis ach tha an tùr ainmeil Tùr Banca Dail Chluaidh fhathast ann. Chan eil e ann an Glaschu, ge-tà, ach anns a’ Chuimrigh. Tha e ann an Rhyl. Agus ged nach eil an rathad-iarainn beag fhathast ann, tha meanbh-rathad-iarainn ann an Rhyl agus tha mi an dùil tadhal air cho luath ’s a bhios suidheachadh a’ choròna-bhìoras deiseil!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico