‘S fheàrr treabhadh anmoch na a bhith gun treabhadh idir!  Meur-loidhne Bhaile a’ Ghobhainn

Le alasdairmaccaluim

Rè àm a’ ghlasaidh-sluaigh bho chionn 5 bliadhna no mar sin, bha mi an dùil sreath de bhlogaichean a sgrìobhadh mu na rathaidean-iarainn ann am Ibrox is Baile a’ Ghobhainn. Tha mi a’ fuireach faisg air an sgìre agus choisich mi ann gu math tric air na cuairtean-làitheil agam, gu h-àraid leis gun robhar a’ dèanamh deuchainnean air trèanaichean ùra an t-Subway aig an àm.

Trèanaichean ùra air trac deuchainn an t-subway, Ibrox 2023. A’ coimhead gu tuath bho Dhraibh Edmiston

Aig a’ cheann-thall, bha mi cho trang le obair agus le bhith a’ cuideachadh mo nighean le obair sgoile is nach robh cothrom agam cus a sgrìobhadh agus leis an fhìrinn innse, bha “an cù dubh” – trom-inntinn – a’ cur orm cuideachd aig an àm. Mar sin, cha do sgrìobh mi aig a’ cheann thall ach aon phost mu thramaichean smùid Bhaile a’ Ghobhainn.

Ach cheannaich mi seann iris no dhà de Scottish Transport agus seann mhapa de Bhaile a’ Ghobhainn bho 1909 agus chuir mi grunn teachdaireachdan suas air buidhnean Facebook coimhearsnachd ann am Baile a’ Ghobhainn. Agus Disathairne sa chaidh, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Rathaidean-iarainn na h-Alba ann am Bo’ness gus dealbh a thogail a chuideachadh mi gus crìoch a chur air a’ phost bloga mu dheireadh thall!

Tron ghlasadh-sìos, bhithinn a’ coiseachd suas is sìos Helen Street, a’ coimhead eadar na h-ionadan gnìomhachais feuch am faighinn sgeul air na trèanaichean ùra agus iad a’ gluasad!

Uaireannan chunnaic mi na seann trèanaichean cuideachd!

Chan fhaicear trèanaichean Subway Ghlaschu os cionn na talmhainn cho tric sin – ach bha cothroman air leth ann eadar 2020 agus 2024 nuair a bhathar a’ dèanamh deuchainnean air na trèanaichean subway ùra.

Rinn iad deuchainnean air na trèanaichean air trac deuchainn an t-subway, eadar an depot sa Bhroomloan agus seada ùr faisg air an rathad-iarainn mòr eadar Glaschu is Pàislig.

Trac deuchainn an t-subway bhon drochaid air Draibh Edmiston, 2008

Chaidh an trac seo a chur air dòigh an tòiseach aig deireadh nan 1970an gus deuchainnean a dhèanamh air na trèanaichean ùra nuair a chaidh an siostam ùrachadh eadar 1977 agus 1980. Nuair a bha mi a’ fuireach san sgìre an toiseach, cha robh e ga chleachdadh tuilleadh, mar a chithear bhon dealbhan seo a thog mi bho chionn 17 bliadhna.

Chithear an t-eadar-dhealachadh leis an dealbh seo bho 2021.

Sealladh bhon aon drochaid, 2021
Chithear trac deuchainn an subway san latha an-diugh an seo.

Ach chan ann leis an fho-thalamh a bha an loidhne seo bho thùs, agus gu dearbh, bha e ann mus robh an subway fiù ’s ann! Eadar 1868 agus 1966 bha rathad-iarainn àbhaisteach ann. B’ e seo meur-loidhne Bhaile a’ Ghobhainn a chaidh a thogail mar phàirt de Cho-rathaid-iarainn Ghlaschu is Phàislig.*

Bha an loidhne seo gu math goirid, mu mhìle a dh’fhaide eadar ceann-rèile ann an Ibrox (Ibrox East agus Ibrox West) agus Baile a’ Ghobhainn le dà stèisean – Ibrox agus Baile a’ Ghobhainn – agus grunn taobh-loidhnichean a’ frithealadh diofar ghnìomhachasan.

Seo mapa den loidhne:

Cha robh stèisean Bhaile a’ Ghobhainn ro shoirbheachail a thaobh luchd-siubhail. ‘S e an duilgheadas a bu mhotha a bh’ ann gun deach fhosgladh dìreach beagan bhliadhnaichean mus deach tramaichean agus am fo-thalamh a thogail. Bha an dà chuid a’ toirt seachad slighe nas dìriche do mheadhan a’ bhaile air cosgais na b’ ìsle.

A rèir wikipedia, bha stèisean Baile a’ Ghobhainn dùinte do luchd-siubhail eadar 1 Iuchar 1875 and 1 Màrt 1880, eadar an Giblean 1899 agus an Cèitean 1902, agus eadar an Cèitean 1906 agus am Faoilleach 1911. Dhùin i do sheirbheisean luchd-siubhail mu dheireadh air 9 Cèitean 1921.

A dh’aindeoin sin, bha an loidhne na bu shoirbheachaile airson seibheisean bathar agus mhair stèisean Bhaile a’ Ghobhainn mar stèisean bathair gu 1966. Bha an loidhne a’ frithealadh grunn diofar ionadan gnìomhachais. Nam measg, bha gàradh-iarainn Fairfield agus bha ceangal rèile eadar Fairfield’s agus an stèisean. Bhiodh einnsein beag dealanach a’ ruith air Rathad Bhaile a’ Ghobhainn air an t-slighe trama eadar an gàrradh-iarainn agus an stèisean. Tha dealbhan de stèisean Bhaile a’ Ghobainn gu math tearc. Lorg mi an dealbh seo agus chuir mi tro AI e gus a dhènamh na bu shoilleire. Chithear loco Fairfields san dealbh.

Seo e às dèidh beagan obair sgeadachaidh:

Tha an loco beag seo a-nis air a ghleidheadh ann an Taigh-tasgaidh nan Rathaidean-iarainn Albannach ann am Bo’ness agus chaidh mi ann gus fhaicinn bho chionn beagan làithean.

Chan eil e furasta obrachadh a-mach dìreach far an robh an stèisean leis gu bheil an sgìre air atharrachadh an uiread bhon uair sin. Ach a’ cleachdadh seann dealbhan, tha e follaiseach gun robh e ri taobh Rathad Bhaile a’ Ghobhainn faisg air Crois Bhaile a’ Ghobhainn.

Chithear far an robh cinn nan àrd-ùrlaran air a’ mhapa seo. ‘S e an loidhne a tha a’ leantainn air adhart dhan iar-deas an t-slighe trama gu Fairfields a bhiodh an loco beag dealanach a’ cleachdadh airson a dhol air an rathad.

Làrach àrd-ùrlaran an stèisean an-diugh

San dealbh seo, chithear an aon tùr air talla na h-eaglais sa chithear san dealbh gu h-àrd. Tha stèisean bus agus an t-slighe a-steach ùr dhan stèisean subway a chaidh a thogail sna 1970an air an làraich a-nis agus chaidh rathad a thogail a tha a’ dol tarsaing air an làraich bho iar gu ear bhon uair sin (Sràid Ghoillspidh).

Chithear cho mòr ’s a bha stèiean bathair Bhaile a’ Ghobhainn bho na dealbhan adhair seo a fhuair mi air urbanglasgow:

Ach ged a tha àrd-ùrlaran an stèisean air falbh a-nis, tha tòrr de na toglaichean agus tòrr den bun-structar ceangaitle ris fhathast ann agus fhathast ga cleachdadh airson rathaidean-iarainn ach leis an t-subway. seach leis an rathad-iarainn nàiseanta.

San t-seann subway, cha robh ceangal rèile ann eadar na tunailean agus an t-uachdar agus airson trèanaichean a thoirt a-mach às na tunailean, bha iad air an togail bhon trac le crann. Chan e siostam ciallachach no èifeachdach. Mar sin, aig deireadh nan 1970an nuair a bhathar ag ath-thogail an t-subway, chaidh rampaichean a thogail gus na trèanaichean a thoirt a-mach is a-steach do na tunailean agus chaidh depot a thogail os cionn na talmhainn a tha a’ cleachdadh tòrr den làraich aig seann stèisean Bhaile a’ Ghobhainn.

Abair sgeulachd! Rathad-iarainn a chaidh a thogail ach a dhùin, a chaidh ath-fhosgladh mar phàirt de ath-nuadhachadh an t-subway fichead bliadhna às dèidh sin agus a bha sàmhach airson 40 bliadhna, a bha gu math trang airson 3 no 4 bliadhna airson trèanaichean ùra bho chionn ghoirid agus a tha a-nis sàmhach a-rithist!

Bidh e inntinneach faicinn dè thachras le meur loidhne Bhaile a’ Ghobhainn a-nis.

Alasdair

*Tha co-rathad-iarainn no joint railway a’ ciallachadh rathad-iarainn a tha air a ruith le còrr is aon chompanaidh. Tha tòrr co-rathaidean-iarainn ainmeil ann, leithid an Somerset and Dorest Joint Railway. Bha Co-rathad-iarainn Ghlaschu is Phàislig air a ruith leis a’ Chaledonian agus an Glasgow is South Western.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

A car in the fridge, a fridge in the car? Lìonra Motorail

Le alasdairmaccaluim

Bha mi a’ bruidhinn ri co-obraiche Fionlannach san oifis an-diugh. Bha e ag innse dhomh mun trèana motorail san Fhionnlainn.

Dè th’ ann am motorail?

’S e a th’ ann ach seirbheis trèana far am bi do chàr a’ dol air an trèana còmhla rut. Tha seirbheisean mar seo gu math goireasach ma tha thu a’ dol air turas fada is nach eil thu airson dràibheadh, ach nuair a tha càr a dhìth ort aig do cheann-uidhe.

Seo an lìonra motorail san Fhionnlainn.

Ach an robh fhios agad gun robh lìonra mòr againn ann am Breatainn uair? Chithear mapa gu h-ìosal den lìonra agus abair gun robh e coileanta – bha e a’ frithealadh a h-uile prìomh bhaile agus tha e follaiseach gun robh làithean-saora cudromach oir a bharrachd air bailtean-mòra, tha seirbheisean ann dhan Chùirn, Devon agus do Bhrockenhurst (airson an New Forest agus Eilean Wight). Bha ceanglaichean ann ri Èirinn cuideachd, taobh Abergwaun (Fishguard) agus ri tìr mòr na h-Eòrpa taobh Dover.

Thòisich an t-seirbheis ann an 1955 agus mhair e gu 1995. Thòisich e aig àm nuair a bha càraichean a’ sìor fhàs nas cumanta ach nach robh na rathaidean – no na càraichean fhèin – uamhasach freagarrach airson turasan fada.

Bha an t-seirbheis gu math goireasach is feumail ach chrìon àireamhan an luchd-chleachdaidh mean air mhean nuair a thàinig fàs air lìonra nam Mòr-rathaidean agus piseach air càileachd nan càraichean.

B’ e prìobhaideachadh an rud a chur às dhan t-seirbheis aig a’ cheann thall. Bha e a’ call airgid agus cha robh e uamhasach soilleir dè am francise anns am bu chòir dha a bhith. Mar sin, chaidh cur às dhan t-seirbheis nuair a bhathar ag ullachadh gus na rathaidean-iarainn a chur san roinn phrìobhaidich. 

Is bochd nach eil e againn tuilleadh ach chan eil e idir coltach gun till an t-seirbheis oir bhiodh tòrr bun-structar a dhìth air agus is dòcha gum biodh na prìsean ro àrd airson dràibhearan an latha an-diugh, gu h-àraid le seirbheisean trèana nas luaithe, mòr-rathaidean nas fheàrr, càraichean màil saora agus EasyJet is Ryanair a-nis ann.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean Anaragach X – Rathaidean-iarainn Èireann a Tuath

Le alasdairmaccaluim

Tha bùithtean air-loidhne cunnartach, nach eil? Dh’òl mi beagan fìona an latha roimhe agus dh’òrdaich mi leabhar mu thrèanaichean ann an Èirinn a Tuath agus an uair sin, dhìochuimhnich mi mu dheidhinn buileach glan gus an do nochd an leabhar tron doras! Is math nach robh e daor!

Co-dhiù, tha mi beò glaicte le rathaidean-iarainn Ultach aig an àm seo agus tha mi a’ dol dhan ghala dìosail aig Rathad-iarainn Dhùn Phàdraig san Lùnastal – rathad-iarainn glèidhte snog ann an taobh a-deas Contae an Dùin.

Rinn mi beagan rannsachaidh air aplacaidean is làraichean-lìn mu rathaidean-iarainn ann an Èirinn a Tuath agus lorg mi rud sgoinneil no dhà.

Tha NIR Live a’ sealltainn dhut far a bheil a h-uile trèana air lìonra Èireann a Tuath beò.

Ma bhriogas tu air trèana sam bith, gheibh thu fiosrachadh mu deidhinn.

Agus ma tha thu airson coimhead air na loidhnichean a tha ann agus a bha ann riamh, tha https://railsmaps.com/united-kingdom-ni/historical sgoinneil! An seo tha na loidhnichean fosgailte ann an dubh agus tha na loidhnichean dùinte ann an ruadh – mar a chithear bhon mhapa, tha barrachd air dùnadh na tha air fhàgail gu mì-fhortanach.

’S e an aon ghearan a th’ agam nach eil na loidhnichean sa phoblachd a’ nochdadh air – bha tòrr de na seann loidhnichean a’ dol thar na crìch agus chan ei iad rim faighinn air a’ mhapa seo.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Splaoid gu Stròma – spòrs is Forteana ann an eilean trèigte

Le alasdairmaccaluim

Sgrìobh mi bho chionn ghoirid mu liostaichean-lice no bucket-lists. Am measg nan rudan air an liosta agam, bha a bhith a’ dol gu Eilean Stròma, an aon eilean ann an Gallaibh.

Bho sgrìobh mi sin, tha cothrom air a bhith agam a dhol ann!

Stroma OS map

Ionnsaich mi mun eilean an toiseach air an aon latha ’s a thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh. Bha mi air cùrsa Gàidhlig goirid aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1992 nuair a bha mi nam dheugaire agus bha tè eile sa chlas air an robh Stroma mar ainm.

“Ainm neo-àbhaisteach a tha sin” dh’fhaighnich an t-oide againn “cò às a thàinig e?”

Thuirt i gun robh a sinnsearan à Eilean Stròma agus gum biodh an t-ainm air nigheanan san teaghlach. Dh’ionnsaich mi gur e eilean far costa a tuath na h-Alba a th’ ann agus, coltach ri Hiort, gun robh sluagh ann uair ach gun do dh’fhalbh iad – 30 bliadhna às dèidh nan Hiortach.

Bha ùidh agam san eilean às dèidh sin ach cha robh mi a’ smaoineachadh gum biodh cothrom agam a dhol ann gu bràth. ’S e eilean prìobhaideach a th’ ann a-nis a tha air a chleachdadh mar thuathanas caoraich. Tha e leis an teaghlach Simpson, teaghlach Stròmach fhathast agus cha robh mòran chothroman a dhol ann.

Dh’atharraich sin am-bliadhna.

Tha an teaghlach Simpson air tursan cunbhalach dhan eilean a chur air dòigh, a thòisich aig toiseach an Ògmhios. Bidh cothrom agad a dhol air an eilean agus a dhol timcheall air ann an tractar agus trèilear. 

Thòisich an turas agam le turas air loidhne a’ chinn a tuath gu Inbhir Theòrsa far an do chuir mi seachad an oidhche.

Inbhir Theòrsa
An trèana mu dheireadh den oidhche às dèidh dha Inbhir Theòrsa a ruigsinn, 22:20.

Fhuair mi an Johnny Groat Shuttle, seirbheis meanbh-bus ùr air prìs reusanta, gu Taigh-Iain Ghròt far am faighear am bàta. Tha e air a ruith le Colin, fear às an sgìre a tha airson cur ri goireasan luchd-turais Ghallaibh – agus bha mi ag aontachadh ris gu mòr gu bheil Gallaibh underrated agus gum bu chòir barrachd dhaoine a dhol ann.

The Johnny Groat Shuttle, Taigh Iain Ghròt
The Johnny Groat shuttle Taigh Iain Ghrot

Agus leis a sin, bha mi ann an Taigh Iain Ghròt.  Bha mi ann an tòiseach air ais ann an 2011 agus bha am baile ann an droch staid. Bha an taigh-òsta air dùnadh sìos agus cha robh air fhàgail ach bùth tat no dhà. Bha beagan oifisean ann a bha HIE air cur air dòigh, ach bha iad uile air dùnadh agus bha feur a’ fàs tro na leacan fiù ’s. Tha e a-nis fada, fada nas fheàrr le barrachd chafaidhean, bhùitean, bùth-leabhraichean agus tòrr a bharrachd. Àiteachan campachaidh, taigh-grùide, taigh-staile….

Taigh Iain Ghròt
Taigh Iain Ghròt – tha am baile gu math spaideil sna làithean seo

Ach cha robh tìde agam goireasan a’ bhaile a chur gu feum – bha mi a’ dol dhan chala gus am bàta Stroma Voyager a ghlacadh.

Agus ged a bha aithris na sìde air a ràdh gum biodh droch uige ann, ‘s ann a bha e tropaigeach agus bha agam ri suntan lotion a cheannach sa Cho-op ann an Inbhir Theòrsa air an t-slighe ann. (Agus dà phàidh macaroni cuideachd – bracaist nan gaisgeach!)

Chan eil Stròma fada bho thìr-mòr – tha i dìreach mu 2 km no mar sin air falbh ach leis gu bheil e anns an Linne Arcaich, tha e gu tric a’ faireachdainn nas fhaide! Air an latha seo, ge-tà, bha sinn air tìr san eilean ann an 20 mionaid no mar sin anns a’ chala sgoinneil a chaidh a thogail dìreach beagan bliadhnaichean mus do dh’fhàg a’ choimhearsachd an t-eilean.

Sroma Voyager, Stròma
An Stroma Voyager, Cala Stròma

’S e eilean gu math inntinneach a th’ ann an Stròma agus bha sluagh mòr ann uair – còrr is 350. Tha 59 taighean cloiche làidir san eilean agus ged nach eil duine sam bith air a bhith a’ fuireach annta fad còrr is 60 bliadhna, tha tòrr aca fhathast ann an deagh staid.

Bha tractar agus trèilear a’ feitheimh ruinn – agus is math sin oir tha an rathad bhon chala gu math cas.

An tractar agus trèilear againn ann an Stròma

Chaidh sinn tro dhà bhaile an eilein – Uppertown agus Nethertown agus air adhart gu mullach an eilein far a bheil an taigh-solais.

Tha toglaichean a’ foghorn ann fhathast agus thog mi deagh dhealbh ann. Saoilidh mi gum biodh e gu math freagarrach airson còmhdach LP prog!

Conacag ceòtha, Stroma
Còmhdach an LP pròg ùr agam “A mournful sound in B”!

Dh’ionnsaich mi tòrr mun taigh-solais às dèidh làimh. Tha dà leabhar ann mun eilean ach tha an dà chuid a-mach à clò agus gu math daor – còrr is £50 gach fear. Às dèidh làimh, ge-tà, lorg mi leabhar eile a chaidh a sgrìobhadh le Margaret Aitken “Twelve Light Years”, tè a bha pòsta aig neach-glèidhidh taigh-solais agus a bha ann an Stròma aig meadhan nan 1950an. Bha i fhèin agus a duine Jimmy ann aig àm fìor inntinneach dhan eilean. Nuair a bha iad ann an tòiseach, bha coimhearsnachd ann, ged a bha i air crìonadh, le bùth is eaglais is sgoil fhathast ann. Nuair a dh’fhalbh i tràth sna 1960an, bha dìreach aon teaghlach air fhàgail agus bha e follaiseach nach biodh sluagh air an eilean fada. Gheibh sinn blasad san leabhar mu bheatha làitheil agus cur seachadan an eilein.

Taigh-solais is pad heileacoptair Stròma
Taigh-solais Stròma

Ged nach robh coimhearsnachd ann tuilleadh, bha beagan dhaoine a’ fuireach san taigh-solais gu deireadh nan 1990an ach a-nis tha e fèin-obrachail.

Rud a bhuail orm air costa a tuath an eilein, ’s e cho trang sa tha an linn Arcaich. Chunnaic sinn longan-bathair, aiseagan agus bàtaichean-cruise uile san àm a bha sinn ann, nam measg bàta a bha a’ giùlan cruinn-gaoithe.

Seann is ùr! Taigh trèigte agus bàta le crann-gaoite
Seann is ùr – taigh trèige agus bàta a’ giùlan cruinn-gaoithe

Chaidh sinn an uair sin dhan Ghloup toll mòr ann am meadhan an eilein. Bhoidh na Stròmaich a’ falach uisge-beatha bho na gàidsearan uair a rèir beul aithris an eilein.

An Gloup, Stròma
An Gloup, Stròma

Mus deach sinn air ais dhan chala, bha cothrom ann air barrachd Forteana! Chaidh sinn gu taigh-adhlacaidh nan Ceannadach far an robh mumaidhean Stròma uair, a bha a’ còrdadh gu mòr ri luchd-turais san ochdamh linn deug! Seo an sgeulachd:

Stròma - taigh-adhlacaidh
An taigh-adhlacaidh far an robh na mumaidhean uair!

’S e àite snog a th’ ann agus saoilidh mi gum biodh sluagh agus coimhearsnachd beothail fhathast ann mur a robh e san Linn Arcaich, far a bheil a’ mhuir uamhasach fhèin fiadhaich. Nuair a bha sluagh fhathast air an eilean, bha na daoine gu tric stuicte ann fad seachdainean sa Gheamhradh mar thoradh air droch thìde. Saoilidh mi gum biodh e coltach ri Cumaradh no Easdal no Cearrara no eilean eile mar sin le coimhearsnachd bheothail nam biodh e ann an àite le muir rud beag nas socaire.

Mholainn turas ann gu mòr!

Alasdair

Eaglais agus Mansa Stròma, Gallaibh
Eaglais, mansa agus bogsa fòn Stròma
Stròma

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean Anaragach IX – Tripit , no “Cha tig an aois leatha fhèin”

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air taistealachd rèile gu Aylesbury an-uiridh. Chuir mi na trèanaichean air dòigh greiseag roimhe gus am faighinn faraidhean reusanta agus rinn mi an aon rud le taigh-òsta.

Bha seo uile glè mhath agus cha do smaoinich mi mu dheidhinn fad mìos no dhà.  Latha no dhà ron turas, bha mi a’ dèanamh nan ullachaidhean mu dheireadh agam. Sgrìobh mi sìos àm na trèana gu Lunnainn, àm na trèana gu Aylesbury agus mar  air adhart.

Bha a h-uile rud a’ dol gu math gus an do dh’fheuch mi ri faighinn a-mach am biodh agam ri bus no tagsaidh fhaighinn eadar Stèisean Aylesbury agus an taigh-òsta agam.

Seadh, a neach-leughaidh choir, cha robh cuimhne sam bith agam dè an taigh-òsta a bha mi air cur air dòigh!

Dà Chlas 165, Aylesbury
OK – tha mi aig Stèisean Aylesbury – ach càite a bheil an taigh-òsta agam??

“OK – lorgaidh mi am fiosrachadh sa phost-d agam” thuirt mi rium fhèin. Ach cha robh sgeul air! Rinn mi lorg sa phost-d a’ cleachdadh fhaclan mar reservation, hotel, Aylesbury, is ainmean nan companaidhean taigh-òsta mòra. Cha b’ urrainn dhomh dad a lorg.

Logaich mi a-steach gu Booking.com, Lastminute.com, trivago agus hotels.com agus ged a bha cunntasan agam, cha robh sgeul air dad ann an Aylesbury.

Bha leth-chuimhne agam gur e sèine taigh-òsta buidseat a bh’ ann. Thug mi sùil air a’ mhapa agus chunnaic mi gun robh an dà chuid Premier Inn agus Travelodge ann. Ach bha barrachd air aon taigh-òsta aig gach companaidh ann.

Mu dheireadh, logaich mi a-steach dhan chunntas agam aig Travelodge agus bha an clàradh agam ann. Phew! Thug e ùine mhòr agus bha mi streasta agus bha mi a’ smaoineachadh gun robh e air a dhol bhuam…

Carson a tha mi ag innse seo dhut?

Lorg mi app a tha a’ cuideachadh le rudan mar seo.

Seo Tripit.com. Cruthaichidh e clàr-ama dhut gu fèin-obrachail. Ma cheanglaicheas tu e ris a’ phost-d agad, cuiridh e na tursan-adhair no rèile no bus agad no clàradh taigh-òsta no tiocaidean consairt, taigh-dhealbh no taigh-chluich a-steach dhan app nuair a thig post-d dearbhaidh a-steach.

Bidh am fiosrachadh uile a dh’fheumas tu ann – amannan, seòlaidhean is a h-uile rud eile.

Mur eil thu airson a dhèanamh gu fèin-obrachail, faodaidh tu na puist-d le clàraidhean a chur air adhart dhan app thu fhèin.

Seo an seòrsa rud a gheibh thu air:

Tha an tionnadh an-asgaidh agam den app, ach ma phàigheas tu, tha tòrr a bharrachd fheartan ann. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ dol dhan phort-adhair cumaidh e fiosrachadh riut mu dhàil sam bith, mu dè an geata a th’ ann, mun trafaig dhan phort-adhair agus mar sin air adhart.

Cuiridh an app nad chuimhne mun turas latha no dhà mus falbh thu cuideachd. Tha sin feumail ma tha thu cho dìochuimhneach ‘s a tha mi fhèin.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Iomairt an latha: Gàidhlig airson Glaschu Mheadhain agus Waverley Dhùn Èideann

Le alasdairmaccaluim

Chan eil figearan ann air cia mheud duine aig a bheil Gàidhlig a chleachdas gach stèisean ann an rathaidean-iarainn na h-Alba.

Dùn Breac dà-chànanach (DUM)

Ach nam biodh figearan againn, le deamografics na Gàidhlig mar a tha iad, chuireadh e iongnadh mòr orm mura b’ e Stèisean a’ Mheadhain ann an Glaschu an stèisean leis an àireamh as motha de luchd-cleachdaidh aig a bheil Gàidhlig. Agus a bharrachd air sin, bidh na mìltean mòra de luchd-ionnsachaidh agus luchd-taic ga chleachdadh cuideachd.

Tha mi cinnteach gum biodh Stèisean Waverley am measg nan stèiseanan leis an àireamh as motha de luchd-cleachdaidh le Gàidhlig cuideachd.

A bharrachd air sin, is iad Glaschu Mheadhain agus Waverley D.È an dà stèisean far a bheil daoine a’ tighinn a-steach à dh’Alba bhon taobh a-muigh – ’s e stèiseanan eadar-nàiseanta cudromach a th’ annta.

Air an adhbhar seo, tha e gu math mì-fhortanach gur iad Central is Waverley an dà stèisean ann an Alba aig nach eil soidhnichean Gàidhlig fhathast.

Carson a tha seo?

Tha cha mhòr a h-uile stèisean ann an Alba air a ruith le ScotRail ach ann an suidheachaidhean far a bheil grunn diofar chompanaidhean a’ cleachdadh stèisean mòr, tha na stèiseanan sin air an ruith le Network Rail. Tha 20 stèisean air an ruith le Network Rail: 18 dhiubh ann an Sasainn agus Stèisean a’ Mheadhain agus Dùn Èideann ann an Alba.

Mar sin, ged a soidhnichean Gàidhlig aig stèiseanan ScotRail, chan eil iad air na stèiseanan aig Network Rail.

Rinneadh iomairtean beaga air a’ chuspair seo thar nam bliadhnaichean agus chaidh dà shoidhne a chur suas aig Waverley Dhùn Èideann taobh a-muigh togalach an stèisein air an t-slighe a-steach gu Tunail Gàraidhean Sràid a’ Phrionnsa. Ach chan eil iad ro fhollaiseach agus chan eil gin ann an Stèisean a’ Mheadhain.

Rud a tha nas neònaiche buileach, ’s e gu bheil soidhnichean Gàidhig san Low Level ann an Glaschu Mheadhain (a tha air a ruith le ScotRail ach chan anns san High Level a tha air a ruith le Nework Rail!)

Carson a tha mi a’ togail seo an-dràsta?

Tha atharrachaidhean mòra air faire do na rathaidean-iarainn agus rathaidean-iarainn Bhreatainn a’ dol air ais dhan roinn phobalaich. Thathar a’ cur às do Network Rail agus thèid ath-bhranndachadh (rebranding) a dhèanamh air na stèiseanan aca nuair a thèid an gabhail thairis le Great British Railways. Seo deagh chothrom gus dèanamh cinnteach gun tèid soidhnichean Gàidhlig a chur san dà stèisean as motha agus as cudromaiche ann an Alba agus leis gu bheilear a’ dèanamh ath-bhranndachadh, bidh e an-asgaidh cuideachd.

Le Achd nan Cànan Albannach agus a h-uile coltas ann gum bi inbhe mar sgìrean cànain sònraichte aig Glaschu is Dùn Èideann, tha argamaidean làidir ann airson soidhnichean Gàidhlig ann am prìomh stèiseanan nan cathair-bhailtean as motha againn.

Seo deagh àm do luchd na Gàidhlig agus do na buidhnean Gàidhlig a’ chùis a thogail leis na h-ùghdarrasan iomchaidh.

Tha mi air litir no dhà a sgrìobhadh agus cuiridh mi fios nuair a gheibh mi freagairt.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean Anaragach VIII – Mapa nam Bus-tràilidh

Le alasdairmaccaluim

Tha mi gu math gu math dèidheil air busaichean-tràilidh agus tha mi dìreach air ionnsachadh mu làrach-lìn sgoinneil ùr.

https://www.railmaponline.com/trolleybus.html

Tha e a’ sealltainn a h-uile loidhne bus-tràilidh a bh’ ann riamh ann am Breatainn is Èirinn.

Seo an lìonra a bh’ againn ann an Glaschu (1949-1967):

Agus faodar na h-ainmean-àite a chur ann cuideachd. Seo Beal Feirste le ainmean nan termini.

Agus a bharrachd air na lìonraidhean eachdraidheil nach eil ann tuilleadh, tha na loidhnichean glèidhte ann:

Seo Taigh-tasgaidh Nàiseanta nam Busaichean-tràilidh, Sandtoft

Seo an aon àite san t-saoghal far a bheil cothrom agad a dhol air bus-tràilidh Ghlaschu!

Bus-tràilidh Ghlaschu, Sandtoft

Agus seo an East Anglia Transport Museum, Lowestoft.

Seo bus-tràilidh Ipswich ann:

Taigh-tasgaidh Còmhdhail East Anglia

Agus seo Black Country Living Museum, Dudley anns na West Midlands:

Tha an loidhne seo air a bhith dùinte fad beagan bhliadhnaichean, ach tha an deagh naidheachd air tighinn a-mach bho choinn ghoirid gu bheil na tràilidhean – agus na tramaichean – an sin a’ tilleadh mu dheireadh thall!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fios naidheachd: Mionnan is dearbhaidhean agus Oifigear Riaghlaidh ùr- BPA ag ullachadh airson ciad latha na Pàrlamaid ùire

Le Oifigear Gàidhlig

Bidh na BPA, air an ùr thaghadh, a’ gabhail pàirt sa chiad choinneimh fhoirmeil aca ann am Pàrlamaid na h-Alba aig 9.30m air Diardaoin 14 Cèitean. Bidh na BPA uile a’ tòiseachadh an cuid obrach sa Phàrlamaid le bhith a’ gabhail mionnan no a’ dèanamh dearbhadh, rud a dh’fheumas tachairt mus faod iad pàirt a … Leugh an corr de Fios naidheachd: Mionnan is dearbhaidhean agus Oifigear Riaghlaidh ùr- BPA ag ullachadh airson ciad latha na Pàrlamaid ùire

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Leabharlann an Trainspotter 2: atlas eachdraidheil

Le alasdairmaccaluim

Sa phost mu dheireadh, thug mi sùil air atlas sgoinneil den a h-uile rathad-iarainn a th’ ann san latha an-diugh ann am Breatainn is Èirinn.

Ach tha e feumail is inntinneach leabhar a bhith agad leis na rathaidean-iarainn nach eil ann tuilleadh cuideachd.

Tha an leabhar seo agam a tha a’ sealltainn an lìonra mar a bha e sna 1920an mus robh sgeul air an Dr Beeching (Tuiteam gun Iarraidh air is Leac air a Bheul).  

British Railways Pre-Grouping Atlas and Gazetteer 6th edition

Tha diofar leabhraichean ann mar seo – dìreach google “Pre-grouping Atlas”.

Ma tha thu airson coimhead air loidhnichean a dh’fhalbh bho chionn fhada, leithid Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimein no tòrr de na loidhnichean suburbach timcheall air Dùn Èideann nach eil ann tuilleadh an leabhar dhut.

Comhdach an leabhair "Ralway ATlas Then and Now" 4th edition. Dealbh de stèisean london Undergrond.

Tha leabhraichean ann a-nis cuideachd a nì comas eadar an siostam mar a bha e ann an 1923 ro na gearraidhean sna 1960an agus an siostam mar a tha e a-nis. Seo Rail Atlas Then and Now le Smith is Turner agus tha mapa eachdraidheil air an làimh chlì agus mapa an latha an-diugh air an làimh dheas.

Far a bheil loidhne air dùnadh, tha e a’ sealltainn far a bheilear a’ dèanamh feum ùr de làrach na loidhne (m.e. slighe baidhsagail no coiseachd, rathad-iarainn glèidhte, rathad is mar sin air adhart.

A bharrachd air an leabhar mu Bhreatainn, tha iad air leabhar a dhèanamh mu Èirinn cuideachd – saoilidh mi gu bheil e a-mach à clò an-dràsta ach tha e furasta ri fhaighinn air loidhne agus tá sé an-mhaith ar fad!

Railway Atlas of IReland, Then and Now, Smith ad Turner

Seo eisimpleir bhon leabhar Èireannach.

Alasdair

Gheibhear Railway Atlas Then and Now an seo.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Wile E. Coyote air a’ Ghàidhealtachd – turas gu Inbhir Garadh II

Le alasdairmaccaluim

Chan eil e glic a bhith ro dhèidheil air companaidh no brannd sam bith – dìreach seall air Wile E. Coyote agus Acme – no na daoine bhochda a chur airgead a-steach gu Brewdog nuair a bha iad a’ cumail a-mach gur e companaidh adhartach bheusach uaine a bh’ annta mus do dh’fhàs e follaiseach nach robh ùidh aca ann an rud sam bith ach airgead.

Ach às dèidh dhomh sin a ràdh, tha mi uamhasach dèidheil air a’ chompanaidh bus Ember. Seo companaidh bus Albannach a chaidh a stèidheachadh le daoine bhon roinn teic a tha airson crathadh a thoirt air siostam na còmhdhail.

Tha an àrainneachd gu math cudromach dhaibh agus tha na coidsichean aca uile dealanach. Tha teicneòlas gu math cudromach cuideachd agus tha na tiocaidean air-loidhne a-mhàin agus tha iad a’ cleachdadh teic gus dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile rud cho furasta agus cho goireasach ’s a ghabhas agus gu bheil an uiread ’s a ghabhas de dh’fhiosrachadh aig daoine. ’S ann a tha càileachd na seirbheis cudromach dhaibh cuideachd – tha na busaichean spaideil agus cofhurtail agus tha na dràibhearan uile air an trèanadh gu math a thaobh seirbheis custamair.

Bus Ember, Stèisean Bus a' Ghearastain
Coisde Ember anns a’ Ghearastan air seirbheis gu Inbhir Nis

A thaobh teic, tha an làrach aca furasta a chleachdadh. Tha mapa beò de na busaichean uile aca gus an urrainn dhut an tracadh agus cuiridh iad teacsa thugad ma tha am bus agad gu bhith air dheireadh. Ged a dh’fheumas tu booking a dhèanamh airson a’ mhòr-chuid de thursan, tha e furasta a dhèanamh agus furasta atharrachadh/cuir dheth gun dragh – no cosgais – sam bith.

Le Ember, ged a tha tòrr stadan bus ann, airson a’ mhòr-chuid, cha bhi am bus a’ stad ann ach a-mhàin ma tha thu air clàradh ro làimh (feumar clàradh co-dhiù 15 mionaidean ro làimh). Tha seo a’ sàbhaladh tòrr tìde oir tha cuid de na stadan far an rathaid mhòr. Tha iad nas luaithe mar thoradh air seo agus cuideachadh mar thoradh air na busaichean dealanach a tha nas luaithe air rathaidean cas na busaichean dìosail.

Rud eile a tha gu math, ’s e nach bidh na prìsean aca ag atharrachadh a rèir iarrtais. Eu-choltach ris na trèanaichean astar fada, ’s e an aon phrìs a phàigheas tu airson an aon turais uair sam bith agus chan eil e gu diofar an ceannaich thu an tiocaid mìosan ro làimh no 15 mionaid mus falbh am bus. Tha na prìsean gu math reusanta cuideachd.

B’ urrainnear a ràdh gur e “buaireadairean” no disruptors a th’ annta. Aig an àm seo, tha coidsichean gu ìre mhòr ag amas air daoine aig nach eil roghainn sam bith eile no aig nach eil airgead gu leòr airson na trèana agus fiù ’s leis a sin, gu math tric tha na prìsean caran àrd co-dhiù. Le bhith a’ toirt seachad siostam a tha saor, spaideil, ceangailte agus a’ toirt seachad deagh sheirbheis, uaireannan far nach robh seirbheis ann roimhe, tha iad ag amas air daoine a tharraing às na càraichean aca.

A’ tòiseachadh le seirbheisean eadar Dùn Dè agus Dùn Èideann agus Dùn Dè agus Glaschu, tha lìonra aca air feadh taobh tuath agus meadhan na h-Alba a-nis. Agus tha tòrr de na seirbheisean nas trice na na seirbheisean aig na companaidhean coidse àbhaisteach, a’ tòiseachadh nas tràithe agus a’ crìochnachadh nas anmoiche, a tha nas saoire agus tha tòrr aca a’ frithealach àiteachan aig nach robh seirbheis cheart no seirbheis sam bith roimhe, tòrr aca ann an sgìrean dùthchail far a bheil ceangailteachd daonnan dùbhlanach.

Air a’ Ghàidhealtachd cuideachd, tha Ember a’ gabhail pàirt anns an sgeama pìleat far nach cosg faraidhean barrachd na £2. 

An turas seo, bha mi a’ dol air an t-seirbheis ùir aca eadar an t-Òban, An Gearasdan agus Inbhir Nis eadar stèisean bus a’ Ghearasdain agus Drochaid-thiondainn an Lagain, faisg air Tobar nan Ceann.

’S e seirbheis cudromach a tha seo a tha a’ ceangail trì de na bailtean as cudromaiche air a’ Ghàidhealtachd ach cha robh mi a’ dol fad na slighe, dìreach fad 20 mìle no mar sin agus air £2 ’s e bargan air leth a bh’ ann.

Chaidh mi gu stèisean bus a’ Ghearasdain, a tha ri taobh an stèisein agus ri taobh Morrisons – cridhe na Gàidhealtachd an Iar! Bha am bus air an uair agus dh’fhalbh e le còignear air bòrd. Bha dithis a’ dèanamh air Drochaid an Aonachain le dithis a’ dol nas fhaide a tuath. Cha do thog sinn duine sam bith a bharrachd air an t-slighe.

Gu h-inntinneach, bha mi a’ dol ann gus stèisean fhaicinn air rathad-iarainn a bha ann gu ìre mhòr ann gus ceangal den aon seòrsa a dhèanamh nach robh idir soirbheachail! B’ e seo rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimean, eadar Drochaid an Aonchain agus Cille Chuimein a chaidh a thogail mar phàirt de dh’iomairt nach robh soirbheachail aig a’ cheann thall gus Loidhne na Gàidhealtachd an Iar a leudachadh gu Inbhir Nis. Cha deach an loidhne dad nas fhaide na Cille Chuimein aig a’ cheann thall agus cha robh trafaig gu leòr ann riamh gus prothaid a dhèanamh agus cha do mhair an loidhne ro fhada. Mar sin, is math gu bheil Ember agus seirbheisean coidse eile ann!

 Bha an turas luath agus goireasach is bha am bus blàth is cofhurtail le teàirrdsear airson fònaichean air gach suidheachan. Leis gur e bus dealain a th’ ann, tha e gu math gu math sàmhach cuideachd. Cha do chur an rathad fìor chas a-mach à drochaid an Aonachain dragh sam bith air nas otha.

Leugh mun turas agam dhan rathad-iarainn an seo.  

Às dèidh mo thruas dhan rathad-iarainn, bha an t-sìde air a dhol gu math mosach le uisge gu leòr. Fhuair mi teacsa ag ràdh gun robh am bus 5 mionaidean air dheireadh. B’ urrainn dhomh fuireach ann an àite tioram blàth gus an robh am bus gu bhith ann agus sùil a chumail air an tracadair.

Chaidh mi ann ann an deagh àm gus am bus a ghlacadh is chaidh mi air bòrd far an robh e blàth is seasgair. Stad am bus aig an dà stad eile anns an Lagain agus thog e dà bhuidhinn de luchd-coiseachd a bha gu math fliuch. Saoilidh mi gun robh iad air Slighe a’ Ghlinne Mhòir ach gun robh e fada ro fliuch airson cumail orra – agus bha an sneachd dìreach air tòiseachadh cuideachd!

Tobar nan Ceann, 3/4

Chan fhada gus an robh mi air ais anns a’ Ghearsdan. Cha do chosg an turas agam ach £4 – dà not ann agus dà not air ais. Abair bargan!

Mholainn Ember gu mòr.

Mar a thuirt mi ge-tà, chan eil e glic a bhith ro dhèidheil air brannd sam bith agus tha beagan draghan orm.

’S a chiad dol a-mach, ged a tha mi air an cleachdadh meadhanach tric, chan eil seirbheis sam bith air an robh mi uabhasach trang. Tha mi an dòchas gun atharraich seo agus gun cleachd barrachd is barrachd dhaoine an cuid sheirbheisean gus an cumail a’ dol mar lìonra, gu sònraichte leis gu bheil iad a’ cur cheanglaichean an comas nach robh ann roimhe agus a’ toirt seachad seirbheis nas fheàrr is nas uaine na coidsichean àbhaisteach.  

Agus le tech bros, tha an cunnart daonnan ann gun tèid iad dhan taobh dorcha no gun tèid a’ chompanaidh a cheannaich le daoine aig nach eil an aon fheallsanachd a thaobh prìsean no a thaobh na h-àireannachd ach aig an ìre seo, tha Ember a’ dèanamh obair air leth.

Dùbhlan do na rathaidean-iarainn?

Agus tha trioblaidean eile ann ma bhios iad soirbheachail! Ged is e deagh rud a th’ ann gu bheil faraidhean £2 ann air a’ Ghàidhealtachd, tha seo a’ ciallachadh gu bheil turas bus a’ cosg £2 eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Thèorsa, rud a tha gu math cunnartach do Rathad-iarainn a’ Chinn a Tuath far a bheil faraidhean nas àirde airson turas a tha a’ toirt nas fhaide. Tha mi an dòchas gun gabh an Riaghaltas ceumannan gus Loidhne a’ Chinn a Tuath a dhèanamh nas tarraingiche agus nas saoire – faraidhean nas saoire, trèanaichean ùra agus barrachd lùban seachnaidh air an loidhne, mar eisimpleir.

Stèisean Inbhir Ùige
Stèisean Inbhir Ùige

Dh’fhaodte gun toir iad droch bhuaidh air seirbheisean trèana eile far am feum thu tiocaid fhaighinn seachdainean ro làimh ma tha thu airson faradh reusanta fhaighinn, mar eismpleir Glaschu no D.È gu Inbhir Nis. Dhomhsa, ge-tà, bidh mi daonnan a’ dol air an trèana ma tha rathad-iarainn agus a’ cumail a’ bhus airson turasan far nach eil trèana idir ann!

Alasdair

STOP PRESS!
Eadar dhomh seo a sgrìobhadh agus fhoillseachadh, tha dà rud air tachart! Sa chiad dol a-mach, bha tubaist aig bus Ember faisg air an Agaidh Mhòr. Tha mi an dòchas nach toir seo buaidh ro mhòr air cliù is fàs na companaidh.

Nas cudromaiche, tha manifesto an SNP air gealltainn gun tèid cap £2 a chur air tursan bus air feadh na h-Alba ma thèid an taghadh. A rèir coltais, mar a tha fìor leis a’ phileat air a’ Ghàidhealtachd, bidh seo a’ gabhail a-steach seirbheisean coidse eadar-bhaiteil a bharrachd air seirbheisean bus ionadail. Ma thachras seo, bhiodh e inntinneach faicinn an toireadh e buaidh air ìrean cleachdaidh nan rathaidean-iarainn agus air fàs Ember (oir ma tha an aon chosgais ann airson a h-uile companaidh bus, bhiodh e nas doirbhe a bhith a’ dèanamh co-fharpais air pris – ach air an làimh eile, dh’fhaoidte gum biodh barrachd luchd-siubhail aig a h-uile companaidh bus mar thoradh air a’ phrìs ìosail. Chì sinn!)

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean