Rè àm a’ ghlasaidh-sluaigh bho chionn 5 bliadhna no mar sin, bha mi an dùil sreath de bhlogaichean a sgrìobhadh mu na rathaidean-iarainn ann am Ibrox is Baile a’ Ghobhainn. Tha mi a’ fuireach faisg air an sgìre agus choisich mi ann gu math tric air na cuairtean-làitheil agam, gu h-àraid leis gun robhar a’ dèanamh deuchainnean air trèanaichean ùra an t-Subway aig an àm.

Aig a’ cheann-thall, bha mi cho trang le obair agus le bhith a’ cuideachadh mo nighean le obair sgoile is nach robh cothrom agam cus a sgrìobhadh agus leis an fhìrinn innse, bha “an cù dubh” – trom-inntinn – a’ cur orm cuideachd aig an àm. Mar sin, cha do sgrìobh mi aig a’ cheann thall ach aon phost mu thramaichean smùid Bhaile a’ Ghobhainn.
Ach cheannaich mi seann iris no dhà de Scottish Transport agus seann mhapa de Bhaile a’ Ghobhainn bho 1909 agus chuir mi grunn teachdaireachdan suas air buidhnean Facebook coimhearsnachd ann am Baile a’ Ghobhainn. Agus Disathairne sa chaidh, chaidh mi gu Taigh-tasgaidh Rathaidean-iarainn na h-Alba ann am Bo’ness gus dealbh a thogail a chuideachadh mi gus crìoch a chur air a’ phost bloga mu dheireadh thall!
Tron ghlasadh-sìos, bhithinn a’ coiseachd suas is sìos Helen Street, a’ coimhead eadar na h-ionadan gnìomhachais feuch am faighinn sgeul air na trèanaichean ùra agus iad a’ gluasad!

Chan fhaicear trèanaichean Subway Ghlaschu os cionn na talmhainn cho tric sin – ach bha cothroman air leth ann eadar 2020 agus 2024 nuair a bhathar a’ dèanamh deuchainnean air na trèanaichean subway ùra.
Rinn iad deuchainnean air na trèanaichean air trac deuchainn an t-subway, eadar an depot sa Bhroomloan agus seada ùr faisg air an rathad-iarainn mòr eadar Glaschu is Pàislig.

Chaidh an trac seo a chur air dòigh an tòiseach aig deireadh nan 1970an gus deuchainnean a dhèanamh air na trèanaichean ùra nuair a chaidh an siostam ùrachadh eadar 1977 agus 1980. Nuair a bha mi a’ fuireach san sgìre an toiseach, cha robh e ga chleachdadh tuilleadh, mar a chithear bhon dealbhan seo a thog mi bho chionn 17 bliadhna.
Chithear an t-eadar-dhealachadh leis an dealbh seo bho 2021.


Ach chan ann leis an fho-thalamh a bha an loidhne seo bho thùs, agus gu dearbh, bha e ann mus robh an subway fiù ’s ann! Eadar 1868 agus 1966 bha rathad-iarainn àbhaisteach ann. B’ e seo meur-loidhne Bhaile a’ Ghobhainn a chaidh a thogail mar phàirt de Cho-rathaid-iarainn Ghlaschu is Phàislig.*
Bha an loidhne seo gu math goirid, mu mhìle a dh’fhaide eadar ceann-rèile ann an Ibrox (Ibrox East agus Ibrox West) agus Baile a’ Ghobhainn le dà stèisean – Ibrox agus Baile a’ Ghobhainn – agus grunn taobh-loidhnichean a’ frithealadh diofar ghnìomhachasan.
Seo mapa den loidhne:

Cha robh stèisean Bhaile a’ Ghobhainn ro shoirbheachail a thaobh luchd-siubhail. ‘S e an duilgheadas a bu mhotha a bh’ ann gun deach fhosgladh dìreach beagan bhliadhnaichean mus deach tramaichean agus am fo-thalamh a thogail. Bha an dà chuid a’ toirt seachad slighe nas dìriche do mheadhan a’ bhaile air cosgais na b’ ìsle.
A rèir wikipedia, bha stèisean Baile a’ Ghobhainn dùinte do luchd-siubhail eadar 1 Iuchar 1875 and 1 Màrt 1880, eadar an Giblean 1899 agus an Cèitean 1902, agus eadar an Cèitean 1906 agus am Faoilleach 1911. Dhùin i do sheirbheisean luchd-siubhail mu dheireadh air 9 Cèitean 1921.
A dh’aindeoin sin, bha an loidhne na bu shoirbheachaile airson seibheisean bathar agus mhair stèisean Bhaile a’ Ghobhainn mar stèisean bathair gu 1966. Bha an loidhne a’ frithealadh grunn diofar ionadan gnìomhachais. Nam measg, bha gàradh-iarainn Fairfield agus bha ceangal rèile eadar Fairfield’s agus an stèisean. Bhiodh einnsein beag dealanach a’ ruith air Rathad Bhaile a’ Ghobhainn air an t-slighe trama eadar an gàrradh-iarainn agus an stèisean. Tha dealbhan de stèisean Bhaile a’ Ghobainn gu math tearc. Lorg mi an dealbh seo agus chuir mi tro AI e gus a dhènamh na bu shoilleire. Chithear loco Fairfields san dealbh.

Seo e às dèidh beagan obair sgeadachaidh:

Tha an loco beag seo a-nis air a ghleidheadh ann an Taigh-tasgaidh nan Rathaidean-iarainn Albannach ann am Bo’ness agus chaidh mi ann gus fhaicinn bho chionn beagan làithean.

Chan eil e furasta obrachadh a-mach dìreach far an robh an stèisean leis gu bheil an sgìre air atharrachadh an uiread bhon uair sin. Ach a’ cleachdadh seann dealbhan, tha e follaiseach gun robh e ri taobh Rathad Bhaile a’ Ghobhainn faisg air Crois Bhaile a’ Ghobhainn.

Chithear far an robh cinn nan àrd-ùrlaran air a’ mhapa seo. ‘S e an loidhne a tha a’ leantainn air adhart dhan iar-deas an t-slighe trama gu Fairfields a bhiodh an loco beag dealanach a’ cleachdadh airson a dhol air an rathad.

San dealbh seo, chithear an aon tùr air talla na h-eaglais sa chithear san dealbh gu h-àrd. Tha stèisean bus agus an t-slighe a-steach ùr dhan stèisean subway a chaidh a thogail sna 1970an air an làraich a-nis agus chaidh rathad a thogail a tha a’ dol tarsaing air an làraich bho iar gu ear bhon uair sin (Sràid Ghoillspidh).
Chithear cho mòr ’s a bha stèiean bathair Bhaile a’ Ghobhainn bho na dealbhan adhair seo a fhuair mi air urbanglasgow:


Ach ged a tha àrd-ùrlaran an stèisean air falbh a-nis, tha tòrr de na toglaichean agus tòrr den bun-structar ceangaitle ris fhathast ann agus fhathast ga cleachdadh airson rathaidean-iarainn ach leis an t-subway. seach leis an rathad-iarainn nàiseanta.
San t-seann subway, cha robh ceangal rèile ann eadar na tunailean agus an t-uachdar agus airson trèanaichean a thoirt a-mach às na tunailean, bha iad air an togail bhon trac le crann. Chan e siostam ciallachach no èifeachdach. Mar sin, aig deireadh nan 1970an nuair a bhathar ag ath-thogail an t-subway, chaidh rampaichean a thogail gus na trèanaichean a thoirt a-mach is a-steach do na tunailean agus chaidh depot a thogail os cionn na talmhainn a tha a’ cleachdadh tòrr den làraich aig seann stèisean Bhaile a’ Ghobhainn.
Abair sgeulachd! Rathad-iarainn a chaidh a thogail ach a dhùin, a chaidh ath-fhosgladh mar phàirt de ath-nuadhachadh an t-subway fichead bliadhna às dèidh sin agus a bha sàmhach airson 40 bliadhna, a bha gu math trang airson 3 no 4 bliadhna airson trèanaichean ùra bho chionn ghoirid agus a tha a-nis sàmhach a-rithist!
Bidh e inntinneach faicinn dè thachras le meur loidhne Bhaile a’ Ghobhainn a-nis.
Alasdair
*Tha co-rathad-iarainn no joint railway a’ ciallachadh rathad-iarainn a tha air a ruith le còrr is aon chompanaidh. Tha tòrr co-rathaidean-iarainn ainmeil ann, leithid an Somerset and Dorest Joint Railway. Bha Co-rathad-iarainn Ghlaschu is Phàislig air a ruith leis a’ Chaledonian agus an Glasgow is South Western.
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean