Aplacaidean Anaragach IX – Tripit , no “Cha tig an aois leatha fhèin”

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air taistealachd rèile gu Aylesbury an-uiridh. Chuir mi na trèanaichean air dòigh greiseag roimhe gus am faighinn faraidhean reusanta agus rinn mi an aon rud le taigh-òsta.

Bha seo uile glè mhath agus cha do smaoinich mi mu dheidhinn fad mìos no dhà.  Latha no dhà ron turas, bha mi a’ dèanamh nan ullachaidhean mu dheireadh agam. Sgrìobh mi sìos àm na trèana gu Lunnainn, àm na trèana gu Aylesbury agus mar  air adhart.

Bha a h-uile rud a’ dol gu math gus an do dh’fheuch mi ri faighinn a-mach am biodh agam ri bus no tagsaidh fhaighinn eadar Stèisean Aylesbury agus an taigh-òsta agam.

Seadh, a neach-leughaidh choir, cha robh cuimhne sam bith agam dè an taigh-òsta a bha mi air cur air dòigh!

Dà Chlas 165, Aylesbury
OK – tha mi aig Stèisean Aylesbury – ach càite a bheil an taigh-òsta agam??

“OK – lorgaidh mi am fiosrachadh sa phost-d agam” thuirt mi rium fhèin. Ach cha robh sgeul air! Rinn mi lorg sa phost-d a’ cleachdadh fhaclan mar reservation, hotel, Aylesbury, is ainmean nan companaidhean taigh-òsta mòra. Cha b’ urrainn dhomh dad a lorg.

Logaich mi a-steach gu Booking.com, Lastminute.com, trivago agus hotels.com agus ged a bha cunntasan agam, cha robh sgeul air dad ann an Aylesbury.

Bha leth-chuimhne agam gur e sèine taigh-òsta buidseat a bh’ ann. Thug mi sùil air a’ mhapa agus chunnaic mi gun robh an dà chuid Premier Inn agus Travelodge ann. Ach bha barrachd air aon taigh-òsta aig gach companaidh ann.

Mu dheireadh, logaich mi a-steach dhan chunntas agam aig Travelodge agus bha an clàradh agam ann. Phew! Thug e ùine mhòr agus bha mi streasta agus bha mi a’ smaoineachadh gun robh e air a dhol bhuam…

Carson a tha mi ag innse seo dhut?

Lorg mi app a tha a’ cuideachadh le rudan mar seo.

Seo Tripit.com. Cruthaichidh e clàr-ama dhut gu fèin-obrachail. Ma cheanglaicheas tu e ris a’ phost-d agad, cuiridh e na tursan-adhair no rèile no bus agad no clàradh taigh-òsta no tiocaidean consairt, taigh-dhealbh no taigh-chluich a-steach dhan app nuair a thig post-d dearbhaidh a-steach.

Bidh am fiosrachadh uile a dh’fheumas tu ann – amannan, seòlaidhean is a h-uile rud eile.

Mur eil thu airson a dhèanamh gu fèin-obrachail, faodaidh tu na puist-d le clàraidhean a chur air adhart dhan app thu fhèin.

Seo an seòrsa rud a gheibh thu air:

Tha an tionnadh an-asgaidh agam den app, ach ma phàigheas tu, tha tòrr a bharrachd fheartan ann. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ dol dhan phort-adhair cumaidh e fiosrachadh riut mu dhàil sam bith, mu dè an geata a th’ ann, mun trafaig dhan phort-adhair agus mar sin air adhart.

Cuiridh an app nad chuimhne mun turas latha no dhà mus falbh thu cuideachd. Tha sin feumail ma tha thu cho dìochuimhneach ‘s a tha mi fhèin.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Aplacaidean anaragach I – Railmiles is Busmiles

Le alasdairmaccaluim

Ma tha thu gu bhith nad fhìor trainspotter feumaidh na h-apps ceart a bhith agad! San t-sreath ùr seo, bheir mi sùil air cuid de na h-aplacaidean as fheàrr.

Tha app sgoinneil ann air a bheil Railmiles a chlàraicheas a h-uile turas rèile a nì daoine.

Seo an duilleag agam fhèin air Railmiles.

Tro Railmiles, tha fios agam gu bheil mi air 8942 mìle a dhèanamh air trèanaichean am-bliadhna gu ruige seo, 1255 mìle san Dàmhair agus gun d’ rinn mi 127,004 mìltean rèile bho thòisich mi air an làraich-lìn bho chionn 10 bliadhna.

Tha e ag innse dhomh cuideachd, gur e an turas as bithcheanta a bhios agam An Dùn Breac-Glaschu Mheadhan, air a leantainn le Glaschu gu Dùn Èideann agus gur e an turas a b’ fhaide a rinn mi riamh Glaschu Mheadhain-Bristol Temple Meads (486 mìle).

Agus tha lìog ann cuideachd airson faicinn cò rinn an àireamh as motha de mhìltean rèile sa bhliadhna. Chan eil mi ach aig àireamh 359 aig an àm seo – tha an neach aig àireamh 1 air 113,898 mìle a dhèanamh – feumaidh gur e dràibhear no geàird a th’ ann!

Abair spòrs!

Agus dh’ionnsaich mi bho chionn ghoirid gu bheil an aon seòrsa prògram ann airson busaichean – busmiles. A bharrachd air seo, tha e an-asgaidh!

 

Chan eil mi idir cho deidheil air busaichean ‘s a tha mi air trèanaichean, ach le duilgheadasan a thaobh cunbhalachd agus cosgaisean nan trèanaichean, tha mi air na busaichean nas trice na bha agus mar sin, tha e math cothrom a bhith agam na miltean bus agam a chlàradh!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean