Chaidh mi air taistealachd rèile gu Aylesbury an-uiridh. Chuir mi na trèanaichean air dòigh greiseag roimhe gus am faighinn faraidhean reusanta agus rinn mi an aon rud le taigh-òsta.
Bha seo uile glè mhath agus cha do smaoinich mi mu dheidhinn fad mìos no dhà. Latha no dhà ron turas, bha mi a’ dèanamh nan ullachaidhean mu dheireadh agam. Sgrìobh mi sìos àm na trèana gu Lunnainn, àm na trèana gu Aylesbury agus mar air adhart.
Bha a h-uile rud a’ dol gu math gus an do dh’fheuch mi ri faighinn a-mach am biodh agam ri bus no tagsaidh fhaighinn eadar Stèisean Aylesbury agus an taigh-òsta agam.
Seadh, a neach-leughaidh choir, cha robh cuimhne sam bith agam dè an taigh-òsta a bha mi air cur air dòigh!
“OK – lorgaidh mi am fiosrachadh sa phost-d agam” thuirt mi rium fhèin. Ach cha robh sgeul air! Rinn mi lorg sa phost-d a’ cleachdadh fhaclan mar reservation, hotel, Aylesbury, is ainmean nan companaidhean taigh-òsta mòra. Cha b’ urrainn dhomh dad a lorg.
Logaich mi a-steach gu Booking.com, Lastminute.com, trivago agus hotels.com agus ged a bha cunntasan agam, cha robh sgeul air dad ann an Aylesbury.
Bha leth-chuimhne agam gur e sèine taigh-òsta buidseat a bh’ ann. Thug mi sùil air a’ mhapa agus chunnaic mi gun robh an dà chuid Premier Inn agus Travelodge ann. Ach bha barrachd air aon taigh-òsta aig gach companaidh ann.
Mu dheireadh, logaich mi a-steach dhan chunntas agam aig Travelodge agus bha an clàradh agam ann. Phew! Thug e ùine mhòr agus bha mi streasta agus bha mi a’ smaoineachadh gun robh e air a dhol bhuam…
Carson a tha mi ag innse seo dhut?
Lorg mi app a tha a’ cuideachadh le rudan mar seo.
Seo Tripit.com. Cruthaichidh e clàr-ama dhut gu fèin-obrachail. Ma cheanglaicheas tu e ris a’ phost-d agad, cuiridh e na tursan-adhair no rèile no bus agad no clàradh taigh-òsta no tiocaidean consairt, taigh-dhealbh no taigh-chluich a-steach dhan app nuair a thig post-d dearbhaidh a-steach.
Bidh am fiosrachadh uile a dh’fheumas tu ann – amannan, seòlaidhean is a h-uile rud eile.
Mur eil thu airson a dhèanamh gu fèin-obrachail, faodaidh tu na puist-d le clàraidhean a chur air adhart dhan app thu fhèin.
Seo an seòrsa rud a gheibh thu air:



Tha an tionnadh an-asgaidh agam den app, ach ma phàigheas tu, tha tòrr a bharrachd fheartan ann. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ dol dhan phort-adhair cumaidh e fiosrachadh riut mu dhàil sam bith, mu dè an geata a th’ ann, mun trafaig dhan phort-adhair agus mar sin air adhart.
Cuiridh an app nad chuimhne mun turas latha no dhà mus falbh thu cuideachd. Tha sin feumail ma tha thu cho dìochuimhneach ‘s a tha mi fhèin.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
