Salad gun chrìoch! Turas dhan Stephenson Railway, Tyne and Wear

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ dol air safari rèile gu loidhne nach fhaca mi riamh roimhe gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr. Tha mi air a dhol gu Wrecsam is Liverpool, Barrow in Furness, Lunnainn, Manchester, Contae an Dùin is eile thar nam bliadhnaichean.

Blyth Harbour Commissioners Number 2, 0-4-0ST, Taigh-tasgaidh/Rathad-Iarainn Smùid Stephenson, An Caisteal Nuadh

Am-bliadhna, chuir mi romham a dhol gu Rathad-iarainn Stephenson (no an North Tyneside Railway) beagan a tuath air a’ Chaisteal Nuadh. 

Gu fortanach, tha an loidhne seo furasta a ruigsinn air còmhdhail phoblach.

Bha trioblaidean ann le droch thìde agus bha an trèana agam eadar Glaschu is Carlisle le TPE air a chur dheth, ach bha e ceadaichte a dhol ann slighe eile, le ScotRail/LNER taobh Dhùn Èideann agus mar a thachair e, bha sin na bu luaithe co-dhiù. Mar sin, chan fhada gus an robh mi sa Chaisteal Nuadh far an do ghlac mi am bus gu North Shields far a bheil an rathad-iarainn.

Air an t-slighe ann, chaidh sinn tro Wallsend far a bheil soidhnichean dà-chànanach ann air an t-slighe a-steach dhan bhaile – ann am Beurla agus Laidinn – a’ comharrachadh eachdraidh Ròmanach na sgìre.

Tha eachdraidh inntinneach aig Rathad-iarainn Stephenson cuideachd. ‘S e rathad-iarainn fìor aosta a tha seo, agus ’s e slighe-carbad no wagonway a bh’ ann mus robh trèanaichean smùid ann.

Chaidh a chleachdadh fad iomadh bliadhna airson obair guail is gnìomhachais ach ann anns na 1970an, chaidh a chleachdadh airson rud gu math eadar-dhealaichte – bha e na thrac deuchainn airson an Tyne and Wear Metro nuair a bhathar a’ togail an t-siostaim, a dh’fhosgail ann an 1980.

Mapa de mhetro Tyne is Wear agus de loidhne ùr Northumberland

Nuair a dh’fhosgail am meatro is nuair a bha na trèanaichean ùra uile deiseil airson seirbheis, dhùn an loidhne deuchainn ach rinneadh taigh-tasgaidh agus rathad-iarainn glèidhte de na seadaichean agus den trac. Tha fòcas sònraichte air an sgìre fhèin agus air eachdraidh shòisealta is gnìomhachais an àite.

 Tha an taigh-tasgaidh beag ach fìor mhath. Tha eisimpleirean de shunteran den t-seòrsa a bha gan cleachdadh anns na mèinnean agus loco bho 1816 nuair a bha Ear-thuath Shasainn aig cridhe nan rathaidean-iarainn. Seo Billy, a tha cha mhòr 10 bliadhna nas sine na Stephenson’s Rocket. Seo an treas loco maireannach as sine san t-saoghal.

Billy, Taigh-tasgaidh Stephenson

A bharrachd air seann thrèanaichean smùid, tha gu leòr trèanaichean dealanach ann cuideachd mar an loco seo a chaidh a thogail ann an 1909.

Loco dealanach E4 bho 1909

Às dèidh dhomh sùil a thoirt air an taigh-tasgaidh, bha an t-àm ann a dhol air an trèana. Air an t-slighe dhan stèisean aig Middle Engine Lane, mhothaich mi gu bheil an rathad-iarainn tòrr nas spaideile na tòrr de na rathaidean-iarainn glèidhte eile a chunnaic mi. Tha e follaiseach gu bheilear a’ coimhead às a dheth gu math leis an t-seada is an stèisean agus na beingean is na feansaichean uile ann am fìor deagh staid agus air am peantadh gu math. Agus gu sònraichte, bha na locotohan uile a’ coimhead air leth spaideil.

Shunterean dìosail aig Rathad-iarainn Stephenson

Tha an loidhne mu dhà mhìle a dh’fhaide agus tha i gu math diofraichte ri rathaidean-iarainn glèidhte àbhaisteach. An àite a bhith a-mach air an dùthaich, tha e ann an ionad gnìomhachais is ionad bhùithean – càr coltach ris the Fort ann an Glaschu.

A’ chiad rud a chì thu bhon trèana smùid nuair a a dh’fhàgas tu an stèisean, ’s e meur de Phizza Hut. Saoilidh mi gur e deagh rud a bhiodh ann salad gun crìoch ithe bhon t-salad bar aca agus a bhith a’ dèanamh beagan trainspotting aig an aon àm!

‘S e talamh post-industrial a tha seo agus aig taobh-tuath na loidhne, tha ionad gnìomhachais is ionad bhùithean agus an uair sin taighean-bathair is an uair sin taighean ùra. Leis an taigh-tasgaidh agus an turas trèana, chì thu na h-atharrachaidhean uile sa chomann shòisealta agus san eaconamaidh bho na 1980an air adhart.

Ma tha thu eòlach air Glaschu, tha e car coltach ri bhith a’ dèanamh rathad-iarainn glèidhte den t-seann rathaid-iarainn ri taobh an slip-road eadar an M8 agus Braehead a tha an uair sin a’ dol tron ionad-gnìomhachais!

Bha an trèana air a tharraing le einnsean smùid beag dearg agus bha i loma-làn de phàrantan is seann-phàrantan a bha airson rudeigin spòrsail a dhèanamh le an cuid chloinne eadar an Nollaig agus Oichche Challainn. Agus bha e follaiseach gunh robh turas air trèana smùid a’ còrdadh ris an fheadhainn bheaga.

Cha bhi an loidhne seo a’ faighinn mòran sanasachd agus is bochd sin oir tha i sgoinneil agus furasta a ruigsinn bho Alba.

Mholainn Rathad-iarainn agus Taigh-tasgaidh Stephenson gu mòr.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Tùr Innealta

Le lasairdhubh

Ciamar a chanar artificial intelligence anns a’ Ghàidhlig?

Nuair a thig teicneòlas ùr sam bith am bàrr, daonnan ’s e ceist a th’ ann—anns a h-uile cànan ach a’ Bheurla mar as tric—dè briathar ùr a chleachdar air an teicneòlas sin? An dèan sinn tar-litreachadh air an ainm Bheurla mar a rinnear le ‘fòn’, an cruthaich sin briathar ùr freumhaichte anns a’ Ghàidhlig mar a rinneadh le ‘eadar-lìon’, no an dèan sinn rudeigin eadar a dhà mar a rinneadh leis a’ bhriathar ‘teicneòlas’ fhèin?

Tha a’ cheist seo na cùram don chuid a sgrìobhas ficsean saidheans gun teagamh, ach cuideachd, ’s e tè a bheir buaidh air an dòigh anns am bruidhinn sinn mu theicneòlas anns na naidheachdan agus air an dòigh anns an tèid saidheans agus teicneòlas a theagasg anns na sgoiltean. Agus dh’fhaodadh i a bhith connspaideach cuideachd aig amannan, le diofar bheachdan aig diofar dhaoine air an fhreagairt a b’ fheàrr dhi.

A thaobh artificial intelligence, tha mi air ‘tuigse innealta’, ‘tuigse innleachdail’, ‘faisneis fuadain’, agus ‘inntinn fuadain’ fhaicinn, ged nach eil gin dhiubh stèidhichte fhathast, chanainn. ’S e an cleachdadh as cumanta air fad, ann an sgrìobhadh Gàidhlig, ach cuideachd ann an labhairt, bhite an dùil, gun cleachdar an acronaim ‘AI’ air iasad bhon Bheurla, agus tha sin nàdarra gu leòr, ach dè ma tha sin ag iarraidh an abairt shlàn a chleachdadh? Dè bhiodh ciallach anns a’ Ghàidhlig an uair sin?

Mar a chithear bhon thiotal, b’ fheàrr leamsa ‘tùr innealta’, agus bu toil leam mìneachadh carson.

A’ tòiseachadh le artificial, agus a-mach à ‘fuadain’, ‘brèige’ agus ‘innealta’ mar eadar-theangachaidhean, saoilidh mi gur e ‘innealta’ am briathar as iomchaidh anns a’ cho-theacsa seo. Tha blas rudeigin breitheach, àicheil air na faclan ‘fuadain’ is ‘brèige’, coltach ri fake sa Bheurla. Tha ‘innealta’ nas neodraich, chanainn, a’ riochdachadh rudeigin a chaidh a chruthachadh le innleachdan daonna seach gnìomhan nàdarra.

Tha an t-eadar-theangachadh air intelligence nas dorra gu cinnteach. Tha iomadh briathar Gàidhlig mun cuairt air a’ bhun-bheachd a tha ga riochdachadh an seo le intelligence sa Bheurla: ‘tuigse’, ‘gliocas’, ‘inntinn’, ‘tulchuis’, ‘ciall’, ‘aigne’, ‘mothachadh’ uile nam measg. Ach dhòmhsa dheth, co-dhiù, ’s e ‘tùr’ am briathar as fhaisge air intelligence anns an t-seagh ‘comas-smaoineachaidh’ mar a thèid ciallachadh nuair a thathas a-mach air ‘AI’.

Chan e facal uamhasach cumanta a th’ ann an ‘tùr’ anns an t-seagh seo, ach chan eil e uile gu lèir à cleachdadh fhathast nas mò, gu h-àraidh anns an abairt ‘gun tùr’, agus tha am buadhair stèidhichte air, ‘tùrail’, reusanta bitheanta, cuideachd. Agus saoilidh mi gu bheil e nas fheàrr a bhith a’ tarraing air faclan nach eil ro chumanta nuair a nithear briathran no abairtean ùra mar seo, gus “semantic overload” a sheachnadh, mar a theireadh Wilson McLeod ris, .i. a’ cur cus chiallan air àireimh bhig de bhriathran làitheil, rud a gheibhear nan cleachdte ‘tuigse’ an seo, tha mi a’ creidsinn.

Mar sin, bidh mi a’ cleachdadh ‘tùr innealta’ anns an ath nobhail agam. Tha mi air fàs cleachdte ris, agus tha e a’ còrdadh rium, ach sin mise. Saoil, dè ur beachd-se? Dè mholadh sibhse?

Powered by WPeMatico


Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach

2024 An Dùbhlachd: Tha sneachd air Druim Uachdair / Dec. Snow on Drumochter

Le seaboardgàidhlig

le Stuart Meek, CC

Tha sneachd air Druim Uachdair

Seo òran àlainn dhuibh, freagarrach dhan Dùbhlachd, mun gheamhradh ‘s mun ghaol, sgeul duine òig, Fearchar MacIain Òig a bha ann an sgìre Dhruim Uachdair mar fhògarrach. Bha e air am maor fuathaichte a mharbhadh ann an Ceann an t-Sàil às dèidh dhasan an coire aig bhean Fhearchair a phùnndadh, nuair nach robh airgead aice airson a’ mhàil. Seo againn cuid de na cuspairean as cumanta ann an òrain Ghàidhlig – gaol, cianalas, nàdar. Tha an sneachd domhainn gun chrìoch san sgìre choigreach, is sin a’ nochdadh a-rithist ‘s a-rithist mar shèist, mar iomhaigh fhaireachdainn, a’ smaoineachadh air na tha e ag ionndrainn.

Ri chluinntinn air YouTube le Julie Fowlis: https://www.youtube.com/watch?v=4EMAXj_WlrY

No air Spotify le Kathleen Macinnes no James Graham. https://open.spotify.com/search/Sneachd%20air%20Druim%20Uachdair

No air Facebook le Raonaid Walker: https://www.facebook.com/watch?v=1294251945091806

Tha sneachd air Druim Uachdair

‘S gann nach gabhainn an t-eagal
Ro aon mhac breabadair beò
Mharbhainn feòil dhut is sitheann
Latha nach figheadh an clò.

Mharbhainn feòil dhuit is sitheann
Latha nach figheadh an clò
Bheirinn fèidh thar na monaidh
‘S bheirinn bric às na lòin.

Bheirinn fèidh thar na monaidh
‘S bheirinn bric as na lòin
Leis an t-sneachd bhiodh air m’ fheusaig
‘S gann gu lèir dhomh mo bhròg.

Leis an t-sneachd bhiodh air m’ fheusaig
‘S gann gu lèir dhomh mo bhròg
‘S gann gu lèir dhomh nas fhaisg orm
Na lorg a’ bhat’ tha nam dhòrn.

‘S gann gu lèir dhomh nas fhaisg orm
Na lorg a’ bhat’ tha nam dhòrn
Tha sneachd air Druim Uachdair
Far ‘n robh mi cualach nam bò.

Tha sneachd air Druim Uachdair
Far ‘n robh mi cualach nam bò
‘S ann do nighean fear Donnchaidh
A thug mi ‘n tromaghaol ‘s mi òg.

by Russel Wills, CC

There’s snow on Dumochter

Here’s a lovely song for you, appropriate for December, about winter and love, the story of a young man, Fearchar MacIain Òig, who was in the Drumochter area as a fugitive. He had killed the hated factor in Kintail after he had confiscated Fearchar’s wife’s kettle when she didn’t have money for the rent. Here we have some of the most common themes in Gaelic song – love, longing and nature. The deep, endless snow in the strange district, repeated again and again like a chorus, is an image of his feelings, thinking of all that he’s missing.

Listen on YouTube to Julie Fowlis:  https://www.youtube.com/watch?v=4EMAXj_WlrY

Or on Spotify to Kathleen MacInnes or James Graham. https://open.spotify.com/search/Sneachd%20air%20Druim%20Uachdair

Or on Facebook to Rachel Walker: https://www.facebook.com/watch?v=1294251945091806

Translation (without all the repetitions)

There’s snow on Drumochter

I would hardly fear one living son of a weaver –

I would kill meat for you, and venison,

On a day when the cloth would not be woven.

I would bring deer from the moor, and trout from the pools.

With the snow on my beard I can hardly see my shoe.

I can hardly see anything closer to me than the trace of the walking-stick in my fist.

There’s snow on Drumochter where I herded the cattle;

And it’s Duncan’s daughter I first fell heavily in love with when I was young.

++++++++++++++++++++++++

Dealbhan / Images

  1. Stuart Meek, CC BY-SA 2.0 <https://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0>, via Wikimedia Commons
  2. Russel Wills / The jaws of Drumochter Pass, CC BY-SA 2.0 via Wikimedia Commons

Powered by WPeMatico


Tadhail air seaboardgàidhlig

Tradizzjonijiet tal-Milied f’Malta

Le Gordon Wells

“Christmas Traditions in Malta” is a new and seasonal contribution by Sharon Pisani, from the St Andrews University Open Virtual Worlds group, to the Island Voices “Extensions” initiative!

Landscape Traditions DocSelect any video clip in this landscape format, or use the phone-friendly portrait layout.

“Il-Milied f’Malta huwa ċelebrazzjoni kbira, b’tradizzjonijiet antiki u oħrajn ġodda. Minn drawwiet reliġjużi sa ikel u xorb, insibu ħafna affarijiet li jagħqdu lill-poplu. Ara dan id-dokumentarju qasir biex issir taf iktar fuq il-Milied f’Malta.” (Christmas in Malta is a major celebration, with old and new traditions. From religious customs to food and drink, there are many things that bring people together. Watch this short documentary to learn more.)

Sharon writes:

“Christmas is a celebration that holds a special place in my heart. Since moving from Malta to Scotland, I’ve sought to bring the light and joy of Maltese traditions into Scotland’s short, dark December days. When I was back home planning and filming the documentary, I looked into Malta’s unique customs and discovered others that have faded over time, such as the use of capon as the traditional Christmas lunch meat. My goal was to capture the essence of the Christmasses I cherish —through food, decorations, and the sense of community.

In today’s era of content creation, documenting this felt natural, but it was also deeply meaningful to explore Malta’s festive roots and to interview Carmel Cauchi, an author whose books shaped my childhood. The poetry readings selected by Cauchi reflect a contemporary world, where harsh realities co-exist with the jovial celebrations of Christmas. Just as Christmas traditions and lifestyles evolve, so too does language and the way we produce and consume content in that language. This is especially true for Maltese – and other island languages – in this digital age.

I hope this collection of videos, which can be explored in Maltese, English, and Gaelic, alongside other languages through YouTube’s translation tools, resonates with you.”

Sharon had already given us a Maltese version of our St Kilda film, but we’re delighted to add this new cluster of videos in the new Extensions style, featuring natural unscripted speech and carefully crafted verse from the poet Carmel Cauchi alongside Sharon’s documentary narrative – which, of course, allows ready translation into other languages, such as English or Gaelic, and maybe more to come(?). The videos are subtitled on YouTube in their original language – which also enables auto-translation into a wide range of other languages through the settings wheel. To access any of these videos just click on the live links in either of these landscape or portrait formats.

As an added bonus, we’ve also been able to create three new Clilstore units in Maltese, so you can read the transcript while watching the embedded video and just click on any unfamiliar word to get a dictionary translation into the language of your choice. Christmas is coming early!

Documentary: Tradizzjonijiet tal-Milied f’Malta
Poetry: Carmel G. Cauchi – Qari ta’ Poeżiji
Conversation: Carmel G. Cauchi Jitkellem fuq il-Milied

The Island Voices Extensions initiative is supported by the CIALL project.

Powered by WPeMatico


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Aplacaidean Anaragach V: a h-uile stèisean!

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ cumail liosta den a h-uile stèisean rèile far an do ghlac mi trèana riamhh oir is e sàr anarag a th’ annam!

Gu ruige seo, tha mi air tadhal air 300 stèisean anns an RA.

Bha mi riamh airson mapa a dhèanamh de na stèiseanan uile sin agus a-nis tha mi air làrach-lìn a lorg a nì dìreach sin!

Seo am mapa air fad leis a h-uile stèisean.

Agus faodar sùmadh a-steach. Seo a’ Chuimrigh:

Agus seo Èirinn a Tuath

Agus seo Meadhan na h-Alba:

Agus seo meadhan Lunnainn leis na termini uile:

Chan eil an làrach-lìn foirfe oir chan eil a h-uile stèisean air airson adhbhar air choireigin, a’ gabhail a-steach cuid den fheadhainn as ùire – ach is e fìor dheagh spòrs a th’ ann!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

“An rud nach fhaic sùil, cha ghluais i cridhe” – iomairt airson Gàidhlig ann an Stèisean Bus Ghlaschu

Le alasdairmaccaluim

Tha mi fada den bheachd gu bheil faicsinneachd na Gàidhlig air leth cudromach. Tha e a’ togail mothachadh air a’ Ghàidhlig am measg luchd na Beurla agus tha e a’ toirt misneachd do luchd na Gàidhlig. Agus le ainmean-àite, tha faicsinneachd nas cudromaiche buileach, ag innse dhuinn mu eachdraidh agus gu tric a’ sealltainn na tha na h-ainmean a tha gar cuairteachadh a’ ciallachadh.

Tha na soidhnichean Gàidhlig air na rathaidean-iarainn air tòrr a dhèanamh gus ìomhaigh na Gàidhlig a chur am follais barrachd. Ach chan eil an aon rud air tachairt le comhdhail phoblach san fharsaingeachd.

Bus dealanach Ember aig ceann na slighe, Dùn Dè

(Bus dealanach Ember an Dùn Dè – ghlac mi ann an Glaschu e ach cha d’ fhuair mi dealbh aig stèisean nam bus!)

‘S e call mòr a tha seo oir cha bhi a h-uile duine a’ cleachdadh trèanaichean agus nam biodh Gàidhlig ri fhaicinn ann an stèiseanan bus, chitheadh tòrr a bharrachd dhaoine i.

Tha cothrom againn aig an àm seo rudan a ghluasad air adhart rud beag .

Tha SPT (Strathclyde Partnership for Transport) a’ dèanamh co-chomhairle an-dràsta mu ath-leasachadh Stèisean Bus Bhochannan ann an Glaschu – an stèisean bus as motha ann an Glaschu, agus mur e h-eil mi air mo mhealladh, ann an Alba air fad.

Tha iad a’ beachdachadh air atharrachaidhean mòra air an stèisean fhèin agus air an sgìre anns a bheil e, mar eisimpleir, a’ togail rudan os a chionn no timcheall air.

Tha a’ cho-chomhairle seo a’ toirt dhuinn cothrom a ràdh gu bheil feum air soidhnichean Gàidhlig ann an stèisean nam busaichean ann am baile mòr nan Gàidheal.  

Tha àireamhan le Gàidhlig ann am Mòr-sgìre Ghlaschu a’ sìor dhol an àirde agus le cho làidir sa tha FtG agus àireamhan luchd-ionnsachaidh tha e cudromach gun cuirear ri faicsinneachd a’ chànain cuideachd.

Seo am fiosrachadh mun cho-chomhairle. Thig i gu crìch air 11/12/2025 agus cha toir e ach 5 mionaid gus a lìonadh.

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Audrey and the Dragon

Le Gordon Wells

Leaflets16to9

It was a stormy night, with serious flooding to the south and Met Office warnings to avoid driving, but even so there was a sturdy local attendance for this fascinating double bill at Barmouth’s Dragon Theatre on November 23rd. Tayo Aluko had driven up from Cornwall in the morning to be ready to perform his one-man play “Just an Ordinary Lawyer” in the evening slot at 7.30pm. This was preceded at 5pm by the multilingual local launch and discussion of the Island Voices video, “Jamiekan ina Wielz” featuring Audrey West.

In addition to Jamaican and Gaelic, this video is currently also available online in Welsh, English, and Portuguese, with the prospect of other languages to follow in line with our “Other Tongues” and “Extensions” initiatives. We didn’t get a chance to sample all of these on the night, but we were pleased to include Welsh, in addition to Jamaican itself, through the skilful chairing of panel presentations and wider discussion by Ifor ap Glyn (National Poet of Wales 2016-2022), who had himself supplied the Welsh translation and narration of the film.

With contributions also from Rita Stringer at the Diversity Project of the Dictionary of Welsh Biography, and from Island Voices’ co-ordinator Gordon Wells, the discussion was wide-ranging, touching on what we mean by “Black history” or “Welsh history”, or indeed “everybody’s history”, as well as languages and linguistics (particularly in relation to multilingualism in present-day society). Audrey herself talked freely about her personal, professional, and artistic journey up to today, and was happy to answer questions from the audience about the Jamaican language, for example about the origin of words like “pikni”.

It was a full hour and a half of viewing and talking in total. This short video gives a taste of some of the topics covered as well as snippets from the video in question in Welsh, Gaelic, and Jamaican.

The multilingualism poses something of a challenge for YouTube’s subtitling services! But auto-generated English titles are enabled, as well as Welsh and Gaelic transcriptions in appropriate places. (For non-speakers of these two languages you can get auto-translations through YouTube’s settings wheel.)

Powered by WPeMatico


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Aplacaidean anaragach IV: a h-uile rathad-iarainn a bh’ ann riamh!

Le alasdairmaccaluim

Sa cheathramh bloga san t-sreath a’ coimhead air goireasan air-loidhne mu rathaidean-iarainn is còmhdhail san fharsaingeachd, tha an t-àm ann airson beagan eachdraidh!

Tha e furasta gu leòr mapaichean a cheannach den a h-uile rathad-iarainn a th’ againn ann am Breatainn is Èirinn. Bu choir lethbhreac den Rail Atlas of Great Britain and Ireland le SK Baker a bhith aig a h-uile duine a tha deidheil air trèanaichean.

Tha gu leòr mapaichean eachdraidheil ann cuideachd, a tha a’ sealltainn nan rathaidean-iàrainn uile a bh’ ann riamh – cuid aca a’ dèanamh coimeas eadar an latha an-diugh agus an suidheachadh eachdraidheil.

Ach gu math tric, tha an sgèile gu math mòr agus tha e doirbh obrachadh a-mach buileach far a bheil rudan.

Ann an suidheachaidhean mar sin, tha làrach-lìn air leth math ann: Railmaponline.

Faodaidh tu coimhead air rathaidean-iarainn mar a tha iad an-diugh no a’ coimhead orra san àm a dh’fhalbh.

Seo rathaidean-iarainn Glaschu san latha an-diugh mar eisimpleir.

Agus seo a h-uile rathad-iarainn a bh’ ann riamh sa bhaile!

Faodar sùmadh a-steach cuideachd airson faicinn dìreach far an robh na seann rathaidean-iarainn.

Bha mi ann am Baile na Drochaide ann an Glaschu bho choinn ghoirid agus bha mi airson faicinn far an robh an rathad-iarainn dhan t-seann stèisean Bridgeton Central a tha a-nis dùinte. Air a’ mhapa seo, chiì thu far an robh an loidhne (ann an dearg)- air mapa a tha a’ sealltainn na tha ann an-diugh.

Làrach-lìn sgoinneil!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

2024 An Dàmhair: Caorainn / Oct. Rowans

Le seaboardgàidhlig

Caorainn

An-diugh bidh mi a’ toirt sùil air aon de na craobhan dùthchasach as sine, as samhlachaile, agus as brèagha na Gàidhealtachd, an caorann. San earrach tha blàthan àlainn geala air, agus bhon Lùnasdal chun na Nollaig co-dhiù chì sinn na dearcan dearga boillsgeanta air feadh an àite, agus tha am pailteas dhiubh againn am bliadhna. Saoil am bi sinn a’ faighinn geamhradh sònraichte fad’ is fuar mar sin? Chì sinn…

‘S ann bhon fhacal “caor” a tha an t-ainm Gàidhlig a’ tighinn – tha sin a’ ciallachadh rudeigin a bheir dhuinn solas agus/neo teas sònraichte dian, mar èibhleag, agus nach sin a bheir dealbh làidir air dearc a’ chaorainn. Leis gu bheil na dearcan (na “caoran”) gu math searbh, cha bhi mòran daoine gan cruinneachadh, agus bidh fiù ‘s na h-eòin gam fàgail gus nach bi dearcan nas blasta ann tuilleadh. Mar sin tha iad rim faicinn air na craobhan fad mhìosan, am measg dhuilleagan donn no san t-sneachd, follaiseach, dràmadach. Is beag an t-iongnadh gun do chreid ar sinnsearan (agus cuid an-diugh fhèin) gur e craobh dhraoidheil a bh’ innte.

An Geamhradh

Tha beul-aithris na Gàidhealtachd (is cultaran eile) làn chleachdaidhean saobh-chràbhach ceangailte ris a’ chaorann. Tha fios againn uile gum bi craobh-chaorainn faisg air an dòras a’ dìon an taigh an aghaidh mì-fhortain, no droch-spioradan, no sìthichean. ‘S dòcha nach eil sinne cho cinnteach dheth tuilleadh, ach b‘ fheàrr dhuinn a bhith faiceallach… chuala mi mu luchd na coilltearachd a dh’fhàgas caorann na sheasamh nuair a bhios iad a’ leagail pìos coille mu thimcheall. Cha bhithinnse a’ geàrradh caorainn sìos co-dhiù! 

Ach tha seann chleachdaidhean inntinneach eile ann cuideachd, m.e. bhiodh daoine a’ dìon leanaibh le bad mheanganan-caorainn air a’ chreathail, no bò le meangan air fhighe san earball, an dà chuid gu tric air an ceangal le snàth dearg – bheireadh an dath dearg deagh-fhortan cuideachd. Chitheadh cuid dath fùil Chrìosda anns na caoran, ach cuid eile a’ mothachadh dhan phentagram bheag aig bun a’ chaorain, seann samhladh dìon eile.  Chì thu fiù ‘s craobhan-chaorainn fhathast ann an seann chladhan, gus an doras eadar beatha is bàs a dhìon. ‘S dòcha gur e sin an t-adhbhar air cùl nan iubharan ann an cladhan an-diugh, is dearcan ceart cho dearg acasan.

An t-Earrach

Ach draoidheachd ann no às, tha an caorann cudromach mar phàirt de choille àrsaidh na Gàidhealtachd, cuide ris a’ giuthas Albannach, a’ bheithe agus an aiteann. ‘S urrainn do na caorainn fàs gu 200 bliadhna a dh’aois, agus chì thu feadhainn sean carraigeach fhathast faisg air tobhtaichean nan taighean croitearachd sna gleanntan trèigte. Tha iad uabhasach seasmhach, a‘ fulang nan siantan, agus a’ fas ann an àiteachan iongantach cugallach, ann an sgoltadh sna creagan no air slios beinne lòm. Aon uair ‘s gum bi e air fàs fìor fhuar, bidh na h-eòin ag ithe na caoran, agus bidh fiù’ s sgaothan eun eile a’ tighinn à Lochlann no nas fhaide tuath gus biadh a lorg – lunnadh nan Lochlannach bliadhnail. Agus ‘s urrainn dhuinne an ithe cuideachd (ged a tha feum aca air siùcair gu leòr) m.e. mar shilidh còmhla ri sitheann.

Agus leis gu bheil ar seann chraobhan dùthchasach cho cudromach, tha fiù ‘s ceàrn cuimseach ùr ann am Baile Dhubhthaich leis an ainmean air na sràidean, nam measg Rowan Drive. An dòchas gum bi caorainn rim faicinn ri taobh dorais no dhà, latha air choireigin!

++++++++++++++++++++++++++++++++++++++++

Rowans

An Samhradh

Today I’ll be having a look at one of the oldest, most characteristic and most beautiful of our native Highland trees – the rowan. In the spring it has lovely white blossoms, and from August to at least Christmas we can see the vivid red berries all over the place, and this year there’s an abundance of them. I wonder if we’re in for a particularly long cold winter? Wait and  see…

The Gaelic name, caorann, comes from “caor”, meaning something that gives off an especially intense heat and/or light, like an ember, and that’s certainly a powerful image for the rowan berry.  The Scots name rowan is thought to come from an old Germanic/Scandinavian word for red. Because the berries are so bitter, they’re not widely picked by people, and even the birds leave them till there are no tastier berries left. For that reason you can see them on the trees for months, among brown leaves or in the snow, conspicuous, dramatic. No wonder our ancestors (and some folk even today) believed that the rowan was a magic tree.

Highland folklore (and many other cultures) is full of superstitious customs connected to the rowan. We all know that a rowan tree beside the door protects the house from bad luck, or evil spirits, or fairies. Maybe we’re not entirely convinced, but better safe than sorry… I’ve heard of forestry workers who leave a rowan tree standing when they’re felling woodland round about it. I certainly wouldn’t be cutting down any rowans!

But there are other old practices too, e.g. people would protect an infant with a bunch of rowan twigs on the cradle, or a cow with a twig woven through the tail, both often tied with red thread – the colour red was also thought to bring good luck. Some people saw the red berries as the blood of Christ, others noticed the little pentagram on the bottom of the berry – another old symbol of protection. You’ll even still see rowan trees in old graveyards, protecting the door between life and death. That may also be the reason for all the yews we now see in graveyards, with their equally red berries.

Am Foghar

But whether it’s magic or not, the rowan is important as a part of our ancient forests, along with the Scots pine, the birch and the juniper. Rowans can grow to 200 years of age, and you still see gnarled old specimens beside the ruins of croft houses in abandoned glens. They’re incredibly hardy, withstanding the elements and growing in astonishingly precarious places, in a fissure in the rocks or on a bare mountainside.  Once it gets really cold, the birds will eat the berries, and there are even flocks of birds that come from Scandinavia and further north to feed on them – the annual Viking invasion. And we can eat them too (though they need plenty of sugar), e.g. as rowan jelly with game dishes.

And because our ancient native trees are so important, there’s even a fairly new quarter of Tain that has them as street names, including Rowan Drive. Let’s hope that one day we’ll see rowans planted beside a few doors there!

Powered by WPeMatico


Tadhail air seaboardgàidhlig