Cànan an Aodainn

Le Bard a’ Bhroadband

An Laideann
Bidh sexus ri lorg eadar serratus agus sica, eagaichte agus biodag

An Eadailtis
Bidh sesso ri lorg eadar serpente agus sfoggiare, nathair agus taisbean

An Frangais
Bidh sexe ri lorg eadar servilité agus simulacre, daorsa agus coltas

An Gearmailtis
Bidh sex ri lorg eadar seuche agus sicherheit, galar-sgaoilte agus sàbhailteachd

An Beurla
Bidh sex ri lorg eadar sewage agus shackle

An Albais
Bidh tail-toddle ri lorg eadar tade agus talent, gartan agus miann

An Gàidhlig
Bidh feise ri lorg eadar fèis agus feiseag


Tadhail air tha feum agam oirbh uile

Powered by WPeMatico

Paris ann an croiteas-aigh!

Le oinseach mhor

An Gàidheal Òg
Paris Hilton – Am Beatha Shìmplidh – Shìos air a’ chroit.

Tha mise (Paris) a’ dol a chuir seachad dà bhliadhna còmhla ri Dolina Màiri Nic Coinnich air croit (croft) ann an Croit-easaigh (eilean far a’ bheil na daoine dèidheil air croitearachd) agus gheibh thusa a-mach ciamar a tha cùisean a’ dol anns a’ cholbh mìorbhaileach agam.

Faclair

Monadhmoorland, peatbog neapraig-tissue marag -pudding fallain -healthy meud neo-nì– size zero air bhiodan –on tip-toe / excited droch thream – bad mood Clobhd-sgùraidh – cleaning cloth, made up of old rags sgailc– slap
Bliong Bliong – Bling Bling cho reamhar ri ròn– as fat as a seal.

Nuair a ràinig mi cha b’urrainn dhòmhsa mo shùilean a chreidsinn oir càite bheil sinn? air a ghealaich? Chan eil sian air an eilean na mallachd seo ach monadh agus droch aimsir, bha e dìreach cho coltach ris a “Wife Swap” Leòdhasach a rinn teanal a 4. Thachair mi ri Dolina Màiri. Rug i air làimh orm agus thug i pòg dhomh. B’eudar dhomh m’aodann a shuathadh le neapraig nuair a fhuair mi a-staigh oir tha eagal orm gun glac mi galair air choireigin. Thug Dolina dhomh marag, ga brith dè tha siud a’ ciallchachadh. Gach madainn tha Dolina a’ cur bracaist air mo bheulaibh. Dà mharag dhubh, dà mharag gheal, dà ugh, dà isbean. Tha ise ag ràdh nach eil mi a’ coimhead fallain agus gu bheil mi ro chaol. Tha mi air clach gu leth a chuir orm ann an dà sheachdain agus chan urrainn dhomh an cuideam a chumail dhiom. Feumaidh gu bheil rudeigin neònach anns an eadhar air an eilean seo oir tha Nicole air fàs cho reamhar ri ròn. Bha an dithis againn a’ faighinn a-staigh gu meud neo-nì. Agus a-nis se meud 14 a th’orm a-nis. Tha mi air bhiodan faighinn air ais gu LA ach am faigh mi “Colonic Irrigation.” An latha reamhaid b’eudar dhomh glanadh bàthach Dòmhnall Eardsaidh ach bhiodh esan a’ tighinn a-staigh a h-uile darna mionaid, a’ coimhead orm agus ag ràdh “Chan eil bean agam. Carson nach pòs sin?”

Bha Nicole ann an droch thream oir dh’ iarr e oirrese na caoraich a dhupadh (deagh fhacal Gàidhlig) nuair a chluich mi fhìn ‘s e fhèin Falach-fead sa bhàthach. An ath sheachdain tha mi a’ dol a dh’iarraidh air balaich a’ Bhaile Mhòir an Ride aige a’ Phimpadh oir tha mi seachd searbh a’ coimhead aire-san anns an t-seann bhan uaine ud agus cù-chaora aige anns an toiseach. Bhiodh e dìreach glan cuideachd nan tigeadh “Cribs” a choimhead air taigh Dolina. Tha an taigh aicese nas fhèarr na taigh “50 Cent” Tha dreasair alainn aice sa sitting-room agus Jacuzzi.. Bha mi dìreach cho feargach ge-tà nuair a chleachd i an dreasa a thug Donatella Versace dhomh airson na h-Oscars airson an ùrlar a ghlanadh. “Gabh mo leisgeul a ghràidh” thuirt i, “bha mi a’smaoineachadh gur e clobhd-sgùraidh a bh’ann.” Clobhd-sgùraidh! Chosg an dreasa sin $50,000! Thug mi dhi deagh sgailc oir dè an t-eòlas a th’aicese air rudan fasanta? Tha ise a’ smaoineachadh gu bheil seacaid clòimh air muin boilersuit fasanta. Cò-dhiù, sin agad e bhuamsa. An ath sheachdain tha mi a’ dol shealg agus tha Nicole a’ dol sa bhogadh leis an tractair. (Tha mi a’ dol a dh’ iarraidh air mo mhanaidsear agam Bliong Bliong a chuir thugam ach an tig mi a-mach air an deoch le Dòmhnall Eardsaidh )
Chun na h-ath thuras! Paris x x x


Tadhail air An Gaidheal Og

Powered by WPeMatico

Dùbhlachd dubh

Le Slèite

Abair droch shìde! Tha i stoirmeil agus fliuch, no bog-fhliuch agus dorch fad na h-ùine. Ach ’s e oidhche bhrèagha a bh’ ann a-raoir. Bha a’ ghealach làn agus chòisich mi dhan chlas Ghearmailtis agam ann an solas na gealaich. Cha robh feum agam air solas eile idir. Co-dhiù, tha an taigh agam a’ fàs blàth a-nis agus tha e uabhasach comhfhurtail. Bidh an teine (’s e Bruce an t-ainm a tha air) a’ gabhail gu sunndach leis a’ ghaoith sin. Rinn mi aran Gearmailteach a bhon-dè agus nì mi mòran còcaireachd. Bha mi ag ionndrainn sin nuair a bha mi a’ fuireach aig a’ cholaiste.
Tha obair ùr agam cuideachd. tha mi ag obair an an ionad-fhàilte na colaiste a-nis. Uill, seo leth-sgeul. Bidh mi ann dà latha na seachdaine agus 3 làithean sa chidsin fhathast. Ach chì sinn dè thachras. Is dòcha gum bidh mi ann làn-ùine a dh’aithgheàrr.

Tadhail air Saoghal Gàidhlig aig Janni

Powered by WPeMatico

Taibhse air a’ phrìomh shràid

Le Graisg

Uaireannan chì thu taibhse air a’ phrìomh shràid. Gach turas a bhios bùth air choreigin a’ faighinn ath-nuadhachadh chì thu boillsgeadh den àm a dh’fhalbh. ‘S e bùth air leth a bh’ ann an Rose Brothers agus bha e fhathast a’ dol nuair a thàinig mi gu Inbhir Narann ann an 1980. Aig an àm ud bha a h-uile bathair agus goireas ri fhaighinn anns a’ bhaile agus cha robh feum agad a dhol gu Inbhir Nis idir. Abair dà latha. ‘S e bùth grosaireachd agus Delicatessen a bh’ann. A nis gheibh thu brògan na bhroinn.

Tadhail air Dealbhan Inbhir Narann

Powered by WPeMatico

Air Ais Dhan Sgoil

Le Liam

Chaidh mi air ais dhan oilthigh dar a bha mi ann an Albainn Ùir bho chionn ghoirid.

Fìor bu thoigh leam mo dhreuchd a leigeil dhìom agus a’ dol air ais dhan oilthigh — agus a bhi òg a-rithist — ach cha b’e sin a thachair, mo bhròn!

Rinn mi cèilidh air Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier ann an Antigonish far an do bhruidhinn mi ris an ollamh Coinneach Nilsen anns an Roinn Ceilteach mu dheidhinn na prògramman, na clasaichean agus na goireasan a th’aca.

Tha Naomh FX gu math ainmeil air feadh Canada airson prògramman acadaimigeach fo-cheumnaiche, Eòlas Ceilteach nam measg.

Tha Gàidhlig air a teagasg aig ceithir ìrean — rud nach faightear ann an oilthigh neo colaisde sam bith eile air feadh Aimearagaidh a Tuath.

Tha goireas ùr aca air an Eadar-Lìon a bhiodh gu math freagarrach do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air feadh na cruinne, agus ’s e sin Sruth nan Gaidheal, seòrsa de leabharlann digiteach far am faightear òrain agus sgeulachdan ann am faidhlean mp3.

Tha cuid dhe na h-òrain a’ dol air ais gu 1914, nuair a rinn John MacMartin clàradh de Donnchadh Aonghas MacRath ann an Glengarry, Ontario. Èisdibh ri seo agus ri seo.

Tha e doirbh ri creidsinn gu bheil sibh ag èisdeachd ri duine a’ seinn ann an 1914 — ceithir fichead bliadhna ’s a dhà dheug air ais!

Seo dhuibh pàirt dhen agallamh a rinn mi ri Coinneach Nilsen – bithidh e ri fhaotainn agus ri èisdeachd ann an Gaelcast a dh’aithghearr:

Liam: A Choinnich, nach innis thu dhuinn beagan mu dheidhinn a’ phrògram agus an roinn agaibh fhèin agus ciamar a chaidh an stèidheachadh?

Coinneach: Uill, chaidh an roinn seo fhèin a stèidheachadh o chionn, uill, faisg air lethcheud bliadhna air ais, anns na caogaidean, agus ged a bha Gàidhlig ga teagasg ann seo fada roimhe sin. Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga teagasg a’ seo bho chionn ceud agus deich bliadhna. Ma dh’fhaoidte gur e sinne a’ cheud àite ann an Aimearagaidh a Tuaith aig an robh clasaichean Gàidhlig, chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn sin ach tha mi creidsinn gur e sinne …

Liam: Agus aig ceithir ìrean an dràsda, nach eil?

Coinneach: Uill, an dràsda tha … uill, mar a bha mi ’g innse dhuit chaidh an roinn seo a stèidheachadh o chionn lethcheud bliadhna agus bho chionn ma dh’fhaoidte còig bliadhna deug tha a roinn Ceilteach seo air fàs. An diugh fhèin tha triùir againn a’ teagasg gu làn-thìde. Tha clasaichean Gàidhlig againn aig ceithir ìrean. Tha clasaichean againn cuideachd anns an litreachas, litreachas Ceilteach, agus ann an siobhailteach nan Ceilteach. Tha clasaichean againn anns a’ bhàrdachd, agus tha mi fhìn a’ teagasg Gaeilge, tha deichnear agam ’sa chlas sin. Anns a’ cheud bliadhna Gàidhlig tha deich air fhichead, ach a h-uile bliadhna bithidh na h-àireamhan a’ dol sìos – anns an dàrna bliadhna ma dh’fhaoidte nach eil ach còig deug neo fichead agus anns an treas bliadhna cha bhi mòran ma dh’fhaoidte ach còignear neo sianar agus anns a’ cheathramh bliadhna, ma dh’fhaoidte, trìuir neo ceithrear. Ach mar sin fhèin, na sgoilearean a tha again, feadhainn dhiubh, dar a dh’fhàgas iad an t-àite seo, tha iad air an rathad gu bhith fileanta anns a’ Ghàidhlig, gu h-àraid ma nì iad cleachdadh air an taobh a-muigh dhe na clasaichean.

Rud a tha againn – bha thu fhèin ann an diugh – tha bòrd na Gàidhlig againn. Uair san t-seachdain bi sinn a’ cruinneachadh agus a’ gabhail biadh – lòn – agus duine sam bith aig a bheil toil a’ tighinn dhan bhòrd sin faodaidh an duine sin tighinn agus bithidh sinn a’ bruidhinn Gàidhlig, bithidh còmhradh againn, bithidh seanachas againn, feadhann ag innse bhreugan agus rud ri an seòrsa sin, naidheachdan, agus a h-uile seòrs’ …

Liam: Fealla-dhà, is dòcha …

Coinneach: Fealla-dhà, gu dearbh, agus bruidhinn mu dheidhinn dè tha dol ann an Antigonish agus anns an t-Saoghal Mhòr cuideachd. Agus tha sin ann an cuideachadh mòr dha na sgoilearan a thig dhan bhòrd [airson] cleachdadh.

Rud eile a bhios againne, dà thuras neo trì tursan anns a’ bhliadhna bithidh làithean Gàidhlig againn agus bithidh suas neo lethcheud neo trì fichead às a h-uile h-àite ann an Albainn Ùir a’ tighinn gu na clasaichean a bhios againne air na làithean sin. Rud eile, tha e air a bhith againn bho chionn còig bliadhna a-niste, tha tumadh Gàidhlig againn aig deireadh a’ Ghiblein, neo tòiseach a’ Cheitein, agus bithidh sin a’ mairsinn airson ceithir latha agus bithidh sinn a’ faighinn sluagh a tha tighinn à New Brunswick, às a h-uile h-àite ann an Albainn Ùir agus feadhainn à Maine agus à Boston agus às na h-àiteachan sin. Tha sinn a’ faighinn feadhainn … tha sin a’ còrdadh riutha glè mhòr.

So, sin pàirt dhe na rudan a tha sinn a’ dèanamh, agus rud eile a tha air a bhith againn airson aon bhliadhna deug, tha sgoilearachd againn airson cuideigin a chur a-null a dh’Alba as t-samhradh. Agus an duine sin, neo uaireannan bithidh dithist a’ dol ann, gu Sabhal Mòr Ostaig, far am bi iad airson dà sheachdain, agus an deaghaidh sin, chuireadh iad seachad seachdain neo dhà anns na h-Eileanan an Iar, agus an fheadhainn a thilleas as a sin, bhiodh iad gu math nas fileanta anns a’ Ghàidhlig na bha iad mun do dh’fhalbh iad. So sin pàirt dhe na rudan a tha sinn a’ dèanamh a’ seo. A’ cumail suas na Gàidhlig.

Uill, bha sin gu leòir airson na h-oidhche seo – oidhche mhath leibh agus beannachd leibh!


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico

Cò Mise?

Le Liam


“B’eòlach ur sinn-sinn-sinn seanair orm …

“Rugadh mi iomadh bliadhna air ais – ann an Èirinn, no, is dòcha, ann an Alba Nuadh. Dhìochuimhnich mi. Cò-dhiubh, dh’fhuirich mi ann am Pictou agus na h-Eileanan Magdalen anns an naoidheamh linn deug agus chaochail mi eadar 1840 agus 1870.

“Dè’n aois a tha mi anns an dealbh seo? Tha e duilich ri ràdh. Dè ur beachd?”

Uill, a chàirdean, feumaidh mi ràdh gur e mo “sheanair” a tha anns an dealbh seo – mo shinn-sinn-sinn-sinn seanair Seán Ó Caiside, is dòcha, no a mhac Seumas, mo shinn-sinn-sinn seanair. Fhuair mi an dealbh seo bho co-ogha agam ann an Alba Nuadh, Réamoinn Ó Caiside. Gun robh maith agad, a Réamoinn!

Fhuair e sgrìobhadh air chùl an dealbh ag innse gur e “John Cassidy, schoolmaster” a bh’ ann. Ma bha, tha e mìorbhaileach gu bheil dealbh dheth againn an latha an-diugh. Rugadh Seán ann an Èirinn anns a’ bhliadhna 1757 agus fhuair e bàs ann an Canada ann an 1842, aig ceithir fichead agus còig bliadhna a dh’aois. Cha d’thoisich iad a’ togail dealbhan gus am bliadhna 1839, tha mi creidsinn.

’S dòcha gur e Seumas, mac Sheáin, a bh’ ann. Rugadh Seumas ann an 1798 agus chaochail esan ann an 1865. Bhiodh sin nas coltaiche, na mo bheachd.

A’ bheil sibh eòlach air seann-èideadh agus dealbhan – dè ur barail?

Seán no Seamus, ’s e duine eireachdail a bh’ ann – fada na b’fheàrr na mise! Chan eil fiasag cho breagha agam idir, gun a bhith bruidhinn mu dheidhinn falt … càite an deach an DNA, mo bhròn!

Gus an ath-thuras, is mise, le meas, Liam mac Sheáin ’ic Fhraing ’ic Alonzo ’ic Anndra ’ic Sheumais ’ic Sheáin. Slàn leibh!


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico

Bliadhna na Bainnse

Le Liam

Seo bliadhna na bainnse. Cha robh mi riamh roimhe seo aig ceithir bainnsean anns an aon bhliadhna — agus tha trì mìosan air fhàgail fhathast!

Chan eil mise a’ gearan, tha sibh a’ tuigsinn … chòrd iad uile rium gu mòr, gu h-àraid na bainnsean far an robh pìobairean.

Thachair mi ris a’ phiobaire seo — Tom Herr — aig iomadh banais am bliadhna, ach an turas seo gur ann aig banais a nighean fhèin a bha Tom a’ seinn air a’ phìob. Phòs Megan Herr agus Nathan Lester ann an Richmond, Virginia, aig toiseach a’ mhìos seo.

Bha tuilleadh na pìobairean ann — sheinn Ed Owen à Richmond laoidh anns a’ Ghàidhlig. Tha màthair Megan — Cèit Herr — ag ionnsachadh Gàidhlig cuideachd.


Agus innsidh mi dhuibh: Aig a’ bhanais seo, cha b’e champagne a bha iad ag òl mar dheoch-slàinte, ach mac-na-bracha dìreach às a’ chuaich!

Seo Megan agus “na balaich” (agus seall air a’ bhodach aig bonn na staidhre air an taobh chlì).

A Mhegan agus Nathan, mealaibh ur naidheachd!


Tadhail air Anns a’ Chiste Mhòr

Powered by WPeMatico