Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tha e coltach gum bi e comasach a dhol gu Port-adhair Ghlaschu air rathad-iarainn mu dheireadh thall ann am 2025.
Busaichean a’ Phuirt-adhair – dh’fhaodte gum faigh iad an cuid P45s ann an ùine nach bi ro fhada!
Tha Ceannardan Comhairle Ghlaschu agus Comhairle Rinn Friù air aontachadh air pasgan maoineachadh gus slighe-trama a thogail eadar Stèisean Sràid MhicIlleMhòire ann am Pàislig agus Port-adhair Ghlaschu. Feumaidh na làn chomhairlean bhòtadh air seo fhathast, ach tha mi an dùil is an dòchas gun aontaich iad.
Ma thèid an loidhne a thogail, bhiodh daoine a’ dol gu Pàislig air an trèana agus an uair sin, a’ dol air trama bhon stèisean dhan Phort-adhair.
A bharrachd air an sgeama bheag seo, thathar gu bhith a’ dèanamh sgrùdadh comais (feasibility study) air slighe-trama nas motha a thogail bhon phort-adhair air adhart gu Rinn Friù (am baile as motha ann an Alba aig nach eil ceangal rèile), ionad seopadaireachd Braehead, ‘Rionnag a’ Bhàis’ (Osbadal a’ Chinn a Deas) agus a-steach gu meadhan Ghlaschu taobh Bhaile Ghobhainn.
’S e slighe-trama gu math goirid a bhios ann dhan phort-adhair – nas lugha na dà mhìle. Bhiodh an loidhne air fad gu Glaschu air a bheilear a’ beachdachadh mu 12 mìle uile gu lèir.
San ùine fhada, chanainn gum feumar an loidhne air fad a thogail airson a bhith ciallach gu h-eacanomaigeach. Tha tòrr chosgaisean ruith ann airson siostam thramaichean a tha a cheart cho àrd airson siostam beag biodach ’s a bhiodh iad airson siostam nas motha. Feumaidh depot, goireasan càraidh is glanaidh, luchd-obrach agus tòrr a bharrachd a bhith ann mar eisimpleir. A bharrachd air seo, ged a tha ceanglaichean bus, rèile no tasgaidh gu puirt-adhair daonnan gu math daor dhan luchd-siubhail, chan urrainnear cus iarraidh airson turas trama cho goirid – gu h-àraidh ma bhios agad ri tiocaid trèana a cheannach cuideachd no tiocaid a cheannach a bhios a’ gabhail a-steach an dà-chuid trèana is trama.
Tha seo a’ togail cheistean inntinneach mun sgeama.
Ma tha e coltach gum bi slighe-trama a’ phuirt-adhair na loidhne ghoirid air leth agus nach tèid i dad nas fhaide, ghabhadh teicneòlas nas sìmplidh is nas saoire a chleachdadh na teicneòlas. Tha sgeama ann an Coventry an-dràsta mar eisimpleir gus slighe-trama a chur air dòigh a’ cleachdadh teicneòlas Very Light Rail. Bhiodh seo gu math saor. Le VLR, tha na tramaichean agus an trac nas aotruime agus tha iad a’ ruith air bataraidhean seach air uèirichean mar eisimpleir.
Dealbh de na tramaichean a dh’fhaodadh a bhith aig Coventry a dh’aithghearr
Ma tha ìre dè chinnt ann gun tèid an loidhne a leudachadh gu Glaschu, ge-tà, bhiodh e na b’ fheàrr a togail a’ cleachdadh teicneòlas àbhaisteach nan tramaichean.
Tha e cudromach gum bi cinnt ann air na ceistean seo mus tèid an sgeama air adhart. Bhiodh e daor is doirbh an loidhne a leudachadh ma thèid teicneòlas “Rèile Fìor Aotrom” a chleachdadh oir cha bhiodh e freagarrach airson slighe-trama mhòr fhada gu Glaschu agus dh’fheumadh iad cha mhòr tòiseachadh as ùr le trac ùr, tramaichean ùr, uèirichean ùra agus tòrr mòr obrach gus pìoban agus càballan a ghluasad. Air an làimh eile, mas e is gun rachadh an loidhne a thogail mar shlighe-trama àbhaisteach agus nach rachadh a leudachadh, bhiodh e gu math cosgail a ruith agus is dòcha gun cailleadh i tòrr mòr airgid.
Ged a tha na ceistean seo fhathast ann, tha mi gu math dòchasach gun tèid loidhne-trama air choireigin a thogail dhan Phort-adhair agus tha mi air mo dhòigh glan leis an naidheachd.
Cha robh mi daonnan cho cinnteach gun ruigeadh rèilichean am port-adhair, ge-tà, oir seo an treas sgeama.
An toiseach, bha GARL ann – Glasgow Airport Rail Link. Chaidh bile tro Phàrlamaid na h-Alba ann an 2006 gus an loidhne seo a thogail ach chuir Riaghaltas na h-Alba às dhan phròiseact ann an 2009 mar thoradh air cor na h-eaconamaidh. ’S e rathad-iarainn àbhaisteach a bhiodh ann an seo le trèanaichean a’ ruith bho Stèisean a’ Mheadhain ann an Glaschu dhan Phort-adhair air meur-loidhne ùr bho Phàislig.
An uair sin, bha moladh ann gum biodh trèan-tramaichean ann. ’S e a th’ ann an trèan-trama ach carbad rèile a tha a’ comasach air ruith an dà chuid air rathaidean-iarainn agus air slighean-trama. An àite a bhith a’ togail rathad-iarainn ùr eadar Pàislig agus am port-adhair, bhiodh slighe-trama ùr ann na àite. Bhiodh an trèan-trama a’ dol air an rathad-iarainn àbhaisteach eadar Glaschu agus Pàislig agus an uair sin a’ dol air an loidhne trama dhan Phort-adhair. Cha deach seo aontachadh aig a’ cheann thall, ge-tà. Bha e na bu chosgaile na bhathar an toiseach, tha an teicneòlas fhathast caran ùr ann am Breatainn agus tha trioblaidean air a bhith aig an sgeama pìleat airson trèan-tramaichean ann an Sheffield. A rèir coltais, bhiodh e a’ ciallachadh cuideachd nach gabhadh an uiread de thrèanaichean àbhaisteach a ruith eadar Glaschu is Pàislig tuilleadh.
Cha bhi an loidhne ghoirid a thathar a’ moladh an-dràsta cho math ri GARL no ris an trèana-trama, ach mas e is gun tèid an loidhne air fad eadar Pàislig, am Port-adhair, Rinn Friù agus Glaschu air adhart, bidh e fada nas fheàrr.
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Fhuair mi leabhar inntinneach a-mach às an leabharlann bho chionn goirid mu thrèanaichean caol-ghèidse (narrow gauge).

Nuair a smaoinicheas sinn air rathaidean-iarainn caol-ghèidse, mar as trice, bidh sinn a’ smaoineachadh air thrèanaichean beaga brèagha a-mach air an dùthaich – a’ Ffestiniog, an Talyllyn, an Corris agus mar sin air adhart.
Anns an leabhar Narrow Gauge Locomotives le Anthony Coulls, tha an t-ùghdar a’ coimhead air loidhnichean is locothan nach eil a cheart cho ainmeil no romansach – loidhnichean bathair ann am mèinnein is cuaraidhean agus eile.
San leabhar, ionnsaich mi gu bheil Taigh-tasgaidh Caol-ghèidse ann an Irchester, Northamptonshire anns a bheil tòrr eisimpleirean de na locothan den t-seòrsa seo.
Thug mi sùil air an làraich-lìn aca agus tha fiosrachadh mu loco a th’ aca air a bheil ‘An Rock’.
‘The Rock”, Taigh-tasgaidh Caol-ghèidse Irchester (Bho Wikipedia commons)
Fhuair mi a-mach gun d’fhuair e a ainm bhon Rock of Gibraltar far an robh e ag obair uair.
Ged a tha ùidh mhòr agam ann an rathaidean-iarainn agus Tìrean Breatannach Thall-thairis (British Overseas Territories), cha robh càil a dh’fhios agam gun robh rathaidean-iarainn ann an Gibraltar uair.

Bha lìonra gu math mòr de rathaidean-iarainn caol-ghèidse ann an Gibraltar airson bathair uair le còrr is 17 mìle de thrac anns na docaichean.
Cha robh trèanaichean luchd-siubhail no ceangal-rèile leis an Spàinn ann riamh.
Ach ged nach eil rathad-iarainn sam bith air fhàgail, tha “an Rock” fhathast a’ ruith ann an Northamptonshire.

Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr bidh mi a’ dol air turas rèile sònraichte. Am-bliadhna, bidh mi a’ dol gu Rathad-iarainn Dhún Phádraig agus Chontae an Dúin (the Downpatrick and County Down Railway) ann an Èirinn.
Tha mi uamhasach dèidheil air Èirinn agus rathaidean-iarainn na h-Èireann agus tha mi air a bhith air gach rathad-iarainn ann an lìonra Northern Ireland Railways agus air beagan ann an Lìonra Iarnród Éireann. A-nis, tha mi airson a dhol air an aon rathad-iarainn gèidse-choitcheann (standard gauge) ann an Èirinn air fad.
80 Class Thumper – tha fear aca glèidhte ann an Dún Pádraig a-nis
Tha e caran iongantach nach eil ach aon dhiubh ann an Èirinn. Rinn mi beagan rannsachaidh air àireamh nan rathaidean-iarainn gèidse-chotcheann glèidhte ann am Breatainn is Èirinn agus seo mar a tha an suidheachadh:
![]() |
Sasainn | 68 |
![]() |
Alba
|
7 |
![]() |
A’ Chuimrigh
|
5 |
![]() |
A’ Chòrn
|
2 |
Tha sluagh tòrr nas motha ann an Sasainn agus mar sin, bhiodh tu an dùil gum biodh tòrr a bharrachd ann an Sasainn ach tha e daonnan a’ cur iongnadh orm gu bheil nas lugha ann an Èirinn na ann an Alba, a’ Chuimrigh no fiù ’s a’ Chòrn.
Seo cuid de na h-adhbharan airson seo nam bheachd:
Chaidh tòrr de na rathaidean-iarainn a dhùnadh na bu thràithe ann an Èirinn na ann am Breatainn. Chaidh an sgrios as miosa air rathaidean-iarainn Bhreatainn a dhèanamh eadar meadhan agus deireadh nan 1960an ach chaidh tòrr de na gearraidhean ann an Èirinn a dhèanamh na bu thràithe, gu sònraichte ann an Èirinn a Tuath far nach robh riaghaltas Stormont idir taiceil ris na rathaidean-iarainn. Thachair seo mus robh eisimpleir ann de rathaidean-iarainn glèidhte agus aig àm nuair nach robh cus airgead saor aig daoine ann an Èirinn no Breatainn.
Cha b’ ann gus na 1950an a chaidh a’ chiad rathad-iarainn glèidhte ann am Breatainn ath-fhosgladh – an Talyllyn sa Chuimrigh – agus b’ e loidhne phrìobhaideach chaol-ghèidse bheag a bha sin. Cha b’ ann gus na 1960an a chaidh a’ chiad rathad-iarainn gèidse-choitcheann a ghlèidheadh ann am Breatainn. B’ e seo am Bluebell Railway, ann an Sussex, Sasainn. Dh’fhosgail e ann an 1960 – a’ chiad rathad-iarainn gèidse-choiteann glèidhte san t-saoghal!
Gèidse – tha gèidse-choitcheann na h-Èireann (5’3”) eadar-dhealaichte ri gèidse-coitcheann sa chòrr den t-saoghal (4’8 ½“). Bha sin a’ fàgail nach gabhadh trèanaichean a cheannach bho dhùthchannan eile airson loidhnichean ann an Èirinn.
Cha robh Dai Woodman Èirinneach ann – Nuair a chaidh tòrr de na h-einnseanan smùid san RA a chur a-mach à seirbheis, chaidh tòrr aca a cheannach le gàradh-scrap Dai Woodman anns Y Barri anns a’ Chuimrigh. Cheannaich e na ceudan de locothan agus an uair sin, an àite a bhith gam briseadh sìos, chùm e iad agus dh’fhàg e iad sa ghàrradh aige fad iomadh, iomadh bliadhna. Cheannaich luchd-glèidhteachais iad uile thar nam bliadhnaichean. Bha seo uamhasach cudromach ann am fàs nan rathaidean-iarainn glèidhte ann am Breatainn.
Ann an Èirinn, chaidh cur às do locothan smùid na bu thràithe na ann am Breatainn cuideachd, a’ fàgail nach robh cus locothan smùid rim faighinn airson pròiseactan glèidhteachais.
An NCB – bha tòrr einnseanan smùid aig Bùird Nàiseanta a’ Ghuail ann am Breatainn a bha a’ fàgail gun robh tòrr locothan beaga smùid is diosail rim faighinn air deagh phrìs – cha robh sinn fìor ann an Èirinn far nach eil gual ri lorg.
Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin as adhbhar nach eil barrachd loidhnichean glèidhte ann an Èirinn. Tha beagan loidhnichean caol-ghèidse (narrow gauge) ann, ach a-rithist, tha tòrr nas lugha ann na bhiodh tu an dùil bhon lìonra mòr chaol-ghèidse a bh’ ann an Èirinn uair.
A bheil adhbhar eile ann? A bheil mi ceàrr? Dè ur beachd?
Alasdair
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba
Powered by WPeMatico
Tiotal: Fuaran Ceann an t-Saoghail
Úghdar: Aonghas Pàdraig Caimbeul.
Rionnagan: ★ ★ ★ ★ ☆
Bha deagh oidhche aig buill a’ Chomainn san Lios Mhòr o chionn ghoirid ’s sinn a’ beachdachadh air a’ chòigeimh nobhail le Aonghas Pàdraig Caimbeul, “Fuaran Ceann an t-Saoghail”. Chan eil an nobhail seo ach ceud duilleag ‘s a h-ochd a dh’fhaid’ agus, mar sin, ’s e deagh leabhar a tha seo airson beagan eòlais a chur air obair a’ Chaimbeulaich sa chiad dol-a-mach. Agus is math as fhiach seo a dhèanamh a chionn ’s gur e fear de na sgrìobhadairean as comasaiche ann an saoghal na Gàidhlig a th’ ann an “APC”.
’S ann leis na smaointean a th’ aig seann bhoireannach air an àite far a bheil i a’ fuireach (ann an dachaigh-eiridinn) agus le a cuimhne air a’ chiad turas a chunnaic i an duine aice a thòisicheas an nobhail seo. Ach chan ann ach letheach slighe sìos a’ chiad duilleag a thèid sùilean an leughadair mus atharraich cruth an aodainn-chlò; agus ’s e ceàird-eòlas a tha seo a bhithear a’ cleachdadh air feadh an leabhair seo gus sgaradh a dhèanamh eadar guth an t-seann bhoireannaich agus guthan nam prìomh charactaran eile a bhios a’ dèiligeadh rithe. An ann innleachdach is soirbheachail no droil is neo-shoirbheachail a tha an ceàird-eòlas seo ? ’S ann dha gach uile leughadair a tha a’ cheist seo !
A bharrachd air an t-seann bhoireannach, Criosaidh NicNèill, no NicDhòmhnaill, tha triùir charactaran eile ann a tha cudromach: Criosaidh NicGhriogair, ceannard na dachaighe; Criosaidh NicRath, an dotair; agus Ruairidh, fear òg on a’ BhBC, a tha air a bhith ri clàradh sgeulachdan dhaoine on a bha i òg air eagal ’s gum biodh iad air an call.
Chruthaich APC an sgeul seo gu sgileil pìos air phìos ann an dòigh a bhios a’ toirt air an leughadair mothachadh air a’ chòmhstri eadar cuimhne a’ bhoireannaich ‘s seargadh-inntinne agus air a’ bhuaidh a th’ aice air càch.
Ionnsaichidh an leughadair beagan mu bheatha gach caractair, mu bheatha Criosaidh NicDhòmhnaill gu h-àraidh, ‘s tòrr a bharrachd mun Ghàidhealtachd.
A rèir na chaidh a sgrìobhadh ann an lèirmheas anns an Stornoway Gazette, ’s e seo an nobhail as fheàrr aig APC. Chan e sin mo bheachd-sa, ach feumar a ràdh gur e leabhar fìor mhath a th’ ann. O chionn ghoirid, chuala mi APC ’s e ag ràdh gur ann ann an dòigh nas sìmplidhe a bhios e a’ sgrìobhadh (san latha an-diugh ?). Chanainn-sa gun do dh’obraich sin ann am “Fuaran Ceann an t-Saoghail”, gun a bhith a’ toirt air falbh o bheairteas na Gàidhlig aig an t-sàr sgrìobhadair seo.
*Gheibhear an leabhar seo ann am Bùth Chomhairle nan Leabhraichean no air an làraich-lìn aca. £8.99
Tadhail air COMANN LITREACHAS GHLASCHU
Powered by WPeMatico
Le Alexander
An déidh coig no sia bliadhna de thiormachd chruaidh ann an California a Deas, tha an t-uisge geamhradail ann mar bu chóir
Tadhail air Latha ann an L.A.
Powered by WPeMatico
Air oidhche Dhiardaoin gach mìos ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 7.30f.
Meeting monthly on Thursday nights in Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 7:30pm.
13mh Dàmhair 2016 (13-10-2016), Bill Innes
The Humour of the Bard! Donald MacIntyre’s satire “MacPhàil is MacThòmais” [Talk in English]
17mh Samhain 2016 (17-11-2016), Niall Bartlett
‘Ìompaireachd agus gnìomhachas air Eilean Leòdhais ri linn MhicMhathain, 1844 – 1918’[Ann an Gàidhlig]
15mh Dùbhlachd 2016 (15-12-2016), Murchadh Peutain
‘Ann an Làrach-coise Ghaisgich’ [Ann an Gàidhlig]
19mh Faoilleach 2017 (19-01-2017), Àrd Ollamh Conchúr Ó Giollagáin (Soillse / SMO)
‘Staing nan Gàidheal ann an Alba agus ann an Èirinn: a strì leis an fhìrinn’ [Ann an Gàidhlig]
16mh Gearran 2017 (16-02-2017), Prof. Alan Riach (University of Glasgow)
‘The Birlinn of Clanranald’ [Talk in English]
16mh Màrt 2017 (16-03-2017) Iseabail Mhoireach
‘Astar – Gleann Tholastaidh’ [Ann an Gàidhlig]
20mh Giblean 2017 (20-04-2017) Rosemary Ward
‘Litreachas agus foillseachadh Gàidhlig: an ath cheum?’ [Ann an Gàidhlig]
18mh Cèitean 2017 (18-05-2017)
Coinneamh Bhliadhnail / AGM
Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu
Powered by WPeMatico