Tha mi uamhasach fhèin toilichte gu bheil Seanadh Èireann a Tuath air fhosgladh as ùr mu dheireadh thall. Tha mi air mo dhòigh glan gu sònraichte gu bheil reachdas Gaeilge gu bhith ann mu dheireadh thall.
A bharrachd air taic dhan Ghaeilge, tha aon rud eile a bu toil leam fhaicinn gu mòr bhon t-Seanadh san ùine ghoirid – leasachadh air na rathaidean-iarainn.
Tha an lìonra rèile ann an Èirinn a Tuath gu math beag aig an àm seo agus chan eil seirbheisean idir ann gu cuid de na bailtean as motha agus as cudromaiche.
Seanadh Èireann a Tuath, Stormont
Tha fèin-riaghaladh ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Èireann a Tuath air na rathaidean-iarainn a leasachadh gu mòr bho dh’fhosgail Pàrlamaid na h-Alba agus Seanaidhean na Cumirigh is Èireann a Tuath.
Ann an Alba agus sa Chuimrigh, chaidh tòrr loidhnichean ath-fhosgladh. Anns a’ Chuimrigh cuideachd, chaidh an dùthaich aonachadh fon aon fhranchise rèile airson a’ chiad turas riamh cuideachd, an àite a bhith air a roinn eadar dìofar franchises Sasannach. Agus ann an Èirinn a Tuath, aig toiseach nan 2000an, chaidh an lìonra rèile a shàbhaladh leis an t-Seanadh ùr.
Bha na rathaidean-iarainn uile aig NIR ann an cunnart dùnadh aig an àm. Cha deach mòran airgid a chosg air an lìonra fad uine mhòr agus aig deireadh an 20mh linn, bha na loidhnichean agus na trèanaichean uile feumach air ùrachadh dhan ìre is gun robh ceistean ann a thaobh sàbhailteachd.
Cho-dhùin an Seanadh ùr gum bu chòir an lìonra a chumail agus gun robh feum air trèanaichean ùra agus tòrr obair leasachaidh. Nam biodh Èirinn a Tuath fhathast air a ruith gu dìreach le Westminster, tha deagh sheansa ann nach biodh loidhne sam bith air mairsinn, ach a-mhàin an t-seirbheis eadar Béal Feirste agus Baile Átha Cliath is dòcha.
Seo an lìonra rèile ann an Èirinn a Tuath mar a tha e aig an àm seo.

Bho chaidh na rathaidean-iarainn a shàbhaladh is ùrachadh, tha àireamhan an luchd-cleachdaidh air àrdachadh gu mòr. Mus do thuit Riaghaltas Èireann a Tuath, bhathar a’ coimhead air planaichean leasachaidh a’ gabhail a-steach molaidhean gus loidhnichean ath-fhosgladh.
Bhathar a’ coimhead gu sònraichte air trì loidhnichean ath-fhosgladh. Sa chiad dol a-mach, tha Aontroim – Lios na gCearrbhach (Antrim-Lisburn). Tha an loidhne seo fhathast ann ach chan eilear ga cleachdadh aig an àm seo. Tha i a’ dol gu math faisg air Port-adhair Eadar-nàiseanta Bhéal Feirste agus bhiodh stèisean ùr an sin.
Tha dà loidhne eile ann le iomairtean làidir gus an ath-fhosgladh, ’s iad sin Port an Dúnáin (Portadown) gu Ard Mhacha (Armagh) agus Port an Dúnáin gu Dún Geanainn (Dungannon).
Nuair a thuit an Riaghaltas trì bliadhna air ais, chuir e dàil is bacadh air adhartas sam bith leis na rathaidean-iarainn ach leis an t-Seanadh a’ coinneachadh a-rithist, tha cothrom ann piseach a thoirt air cùisean ma bheir iad prìomhachas dhan chuspair.
Seo an lionra a dh’fhaodadh a bhith aig NIR an ceann 10 no 20 bliadhna eile ma bhios Seanadh Èireann a Tuath lèirsinneach agus uaine:

Agus tha mi an dùil is an dòchas gum bi na soidhnichean aig stèisean ùr sam bith dà-chànanach mar as còir!
Alasdair
Seo a’ Bheurla na h-ainmean-àite Gaeilge gu h-àrd:
Aontroim |
Antrim |
Ard Mhacha |
Armagh |
Béal Feirste |
Belfast |
Beannchar |
Bangor |
Cúil Rathain |
Coleraine |
Dún Geannain |
Dungannon |
Doire |
Derry |
An tIúr |
Newry |
Latharna |
Larne |
Lios na gCearrbhach |
Lisburn |
Port an Dúnáin |
Portadown |
Port Rois |
Portrush |