An leadraigeadh mu dheireadh

Le Steaphan

San Dàmhair am-bliadhna, dh’aontaicheadh lagh ùr ann an Alba a tha a’ casg dèiseagan le neach sam bith, pàrantan ann no às, do chloinn. Bha sgleogadh air a thoirmeasg mu thràth. Seo agaibh sùil air an lagh ùr agus an t-àite aig Alba gu h-eadar-nàiseanta a thaobh staid nan laghan a tha a’ cumail dìon air clann is òigridh.

Chan fhada o bhiodh gillean beaga Albannach ag ràdh “gheibh mi mo leadraigeadh” ri an caraidean agus iad an dèidh bhith air an glacadh ri miastadh san sgoil no àiteigin anns a’ bhaile. Uaireannan, thilleadh fear dhiubh o ‘Latha Mòr na Cunntais’ aig an dachaigh a dh’innse an naidheachd mun pheanas a fhuair e – ge be an e leadraigeadh, sgoladh teanga, no èirig a bh’ aige ri phàigheadh ann an riochd obair-taighe no peanas eile.

An-diugh, tha mi an dùil nach eil, air neo, nach bi gillean Albannach cho eòlach air “leadraigeadh” mar pheanas airson mì-mhoidh no miastaidh o seo a-mach ri linn ’s gun deach sgleogadh cloinne a thoirmeasg ann an Alba bho chionn greis. Is fhada o bha strap na sgoile air a chasg fon lagh, agus ged a tha cuimhne agam gum b’ e mo bhràthair (a tha 5 bliadhna nas sine na mi fhìn) fear dhen fheadhainn mu dheireadh a fhuair sràcan ann an àrd-sgoil a’ bhaile againne, nuair a ràinig mi fhìn ’s mo bhràthair as òige an sgoil na dhèidh, cha robh sgeul air tàthas, strap no beilt agus chan aithne dhomh fhìn cò ris a bha e coltach.

Chaidh sgleogadh don cheann a bhacadh ann an Alba roimhe seo, ach bha dèiseagan ceadaichte gus  Dàmhair na bliadhna seo mus do chuir riaghaltas na h-Alba às don t-saorsa aig pàrantan boiseag a thoirt air màsan an cuid cloinne. Leugh mi an ceann-naidheachd ag ràdh gum b’ e Alba “a’ chiad phàirt dhen R.A.” gus dèiseagan a chasg fon lagh. Cha robh na faclan seo feumail ge-tà, oir chan iongnadh idir e ged a b’ e Alba “a’ chiad phàirt” dhen rìoghachd gus lagh sìobhalta eile a chur an sàs air thoiseach air riaghaltas na làimhe-deise shìos ann an tòin Shasainn.

Bha mi fhìn ag iarraidh fiosrachadh air dè an t-àite aig Alba ann an seagh eadar-nàiseanta a thaobh peanasan corporra; agus fhuair mi a-mach gur e Alba an 58mh dùthaich air an t-saoghal a-nis gus gach seòrsa sgleogadh cloinne a chrosadh do phàrantan fon lagh. Tha sgleogadh cloinne de sheòrsa sam bith air a thoirmeasg gu laghail le 22 à 28 de nàiseanan Eòrpach a-cheana. Bhac an Fhraing dèiseagan air cloinn san Iuchar am-bliadhna. Ach, se an t-Suain a tha am broilleach na cuideachd bhon a bhac iadsan peanasan corporra do an cuid cloinne ann an 1979!

Sann caran fadalach a tha Alba an coimeas ri gu leòr nàiseanan eile. A dh’aindeoin sin, sann air thoiseach air Sasainn agus a’ Chuimrigh a tha an dùthaich againn, oir tha iadsan a’ ceadachadh sgleogadh no dèiseagan ma thèid an cleachdadh le “neart reusanta” – rud a tha gam fàgail air dheireadh air dùthchannan ann an Afraga, Ameireaga a Deas agus na h-Innseachan ´s Àisia. Agus, dè th’ ann an “sgleogadh reusanta” co-dhiù do phàiste no do sgoilear nach do ruig inbhe fhathast far am faod iad reusanachadh leis an duine mhòr a tha air tì sgleog a thoirt dhaibh?

Ma sgleogas mise neach – inbheach – a tha ri mì-mhodh no a chuir diomb orm airson adhbhar air choireigin, chan fhaigh mi às ann an cùirt-lagha leis an leisgeul gur e “sgleog reusanta” a bh’ ann. Thog pàrantan airson “Bi reusanta, Albainn” a’ phuing gun robh clann air an dìon o dhroch-dhìol le inbhich orra mar-thà agus nach robh e ceart boiseag aotrom don mhàs le pàrant cùramach a shuidheachadh aig an aon ìre ri dòrn ann an toll na cluaise, breaban is dochannan eile dhen t-seòrsa sin. Ach cò a chuireadh an aghaidh a’ Phrìomh Mhinistear agus a ministearan san riaghaltas, nuair a thuirt iad gum biodh “an aon dìon cheudna air clann fon lagh ´s a tha air inbhich an-drasta” leis an achd ùr seo? Nuair a chuirte an cèill mar sin e, chan eil a dha dhòigh air nach eil iad ceart a dh’aindeoin ’s gu bheil a’ mhòr-chuid de phàrantan a bheireadh dèiseag aotrom do am pàiste cùramach, coibhneil, gràdhach.

San Iapan, far a bheil mi a’ fuireach agus fhad ´s as aithne dhomh, chan eil lagh sònraichte ann a’ casg sgleogadh no boiseagan do chloinn no do sgoilearan le pàrantan agus tidsearan. Gidheadh, bho sgaoil naidheachdan o chionn ghoirid mu chùisean san robh pàrantan ri fòirneart air pàistean beaga truagha, agus cùisean san robh luchd-teagaisg sradagach a’ cumail smachd air sgoilearan le làmhachas-làidir is burraidheachd, tha an riaghaltas a-nis a’ beachdachadh air sgleogadh cloinne sam bith a thoirmeasg fon lagh.

Seallamaid air clàr eadar-nàiseanta de na dùthchannan a chaisg a h-uile peanas corporra agus dè a’ bhliadhna:

• Bhon 1mh latha dhen Dàmhair, 58 dùthchannan
o 1979:An t-Suain
o 1983:An Fhionnlann
o 1987:Nirribhidh
o 1989:An Òstair
o 1994:Cìopras
o 1997:An Danmhairg
o 1998:Croatia, Latvia
o 2000:A’ Ghearmailt, Bulgaria, Israel
o 2002:Turcmanastàn
o 2003:Innis-tìle
o 2004:Romàinia, an Ugràin
o 2005:An Ungair
o 2006:A’ Ghrèig
o 2007:Na Tìrean Ìsle, Sealann Nuadh, a’ Phortagail, Uruguaidh, Venezuela, An Spàinn, Togo
o 2008:Costa Rìcea, A’ Mholdobha, Lugsamburg, Lichtenstein
o 2010:A’ Phòlainn, Tuinisea, Ceinia, Poblachd Dheamocratach na Congo, Albàinia
o 2011:Sudàn a Deas
o 2013:Masadonia, Honduras, Cape Verde
o 2015:Benan, Èirinn, Pearù
o 2016:Mongòilia, Paraguaidh, An t-Slòbhain, Am Monadh Neagrach
o 2017:An Liotuain
o 2018:Neapàl
o 2019:A’ Chosobho, An Fhraing, Afraga a Deas, A’ Chairtbheil (Georgia)
 (Iomradh)ALBA(2019)

 

•Iomradh:Susan H. Bitensky, Corporal Punishment of Children: A Human Rights Violation, Transnational Publishers, New York, 2006 agus Global Initiative to End All Corporal Punishment of Children

 

Le Steaphan Mac Risnidh

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico