Le Alexander
An déidh coig no sia bliadhna de thiormachd chruaidh ann an California a Deas, tha an t-uisge geamhradail ann mar bu chóir
Tadhail air Latha ann an L.A.
Powered by WPeMatico
Trusaiche blogaichean
Le Alexander
An déidh coig no sia bliadhna de thiormachd chruaidh ann an California a Deas, tha an t-uisge geamhradail ann mar bu chóir
Tadhail air Latha ann an L.A.
Powered by WPeMatico
Le Unknown
![]() |
Àras, Muile far an deachaidh am Peutanach a chéilidh air MacIlleEathainn |
Tha Clann Mhic Bheatha, lighiche do Rìghrean Innse Gall agus Rìghrean nan Albannach ainmeil airson sàr-obair léighe thar nam bliadhnaichean. Tha e fìor gu bheil ainmean Mhic Bheatha ri leughadh air clàr nan oileanaich aig feadhainn de na h-oilthighean as motha ann an Roinn Eòrpa anns na Meadhan Aoisean, Salerno, Bologna, Monte Casino agus Montpellier nam measg.
Aig aon àm, ri linn sàr-obair Chlann Mhic Bheatha, bha a’ Ghàidhlig, aon de na trì cànanan eile, Laideann, Greugais agus Arabais a bhiodhte ga h-ùisneachadh airson sgrìobhainnean léighe.
Bhiodh Clann Mhic Bheatha a’ measgachadh sàr ionnsachadh léigh nam Meadhan Aoisean agus seann eòlas Gàidhealach nan luibhean. Ach a-réir coltais, cha chuireadh dòighean-obrach neo-ghnàthach dragh air feadhainn den Chlann, cho fhad ’s a thoireadh iad toraidhean.
Latha a bha seo, latha a bha siud, bha bodach MacIlleEathain na leabhaidh fo bhuaidh tinneis. Thigheadh càirdean, companaich agus coimhearsnaichean a chéilidh air.
Roimhe cheann fhada, dh’fhàs e seach searbh sgìth den tinneas agus an uiread de dhaoine a bhitheadh a’ tighinn a-staigh. “Cà’ bheil am Peutanach? Cuir fios air Mac Bheatha agus innis dha gu bheil mi nam leabaidh fo bhuaidh tinneas na galla seo!” Ars’ MacIlleEathain.
Sin na rinn iad. B’ ann á Àras ann am Muile a bha ‘m bodach a bha seo agus le sin, b’ e Seumas Mac Bheatha, an leighiche a tháinig fhaicinn. Dar a chaidh an lighiche don leabaidh thubhairt MacIlleEathain “O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha an léighe! Tha pian mhór nam bhrù. Nach leighis sibh mi ma tha sibh comasach ri dhèanadh?”
Ceann tacain, dh’innse Mac Bheatha do MhacIlleEathainn gun robh fhios aige na bha ceàrr air. Bha othras na bhrù. Thubhairt Mac Bheatha gum biodh e comasach a leighis, ach bhitheadh aige ri falbh agus tilleadh ceann beagan làithean.
“O Mhic Bheatha, Mhic Bheatha, leis a’ phian mhór seo nam bhrù agus sluagh aig cois mo leapa, chan faigh mi cadal samhach. Feumaidh gu bheil thu comasach rudeigin a dhèanamh?” Arsa MacIlleEathain.
“Nist.” Arsa Mac Bheatha. “Tha aona rud ann, ach bhitheadh agam ri tilleadh ceann beagan làithean fhathast.” “Ceart” Arsa MacIlleEathain. “Dèanaibh na dh’fheumas sibh” Agus sin na rinn Mac Bheatha.
Sheas Mac Bheatha air beulaibh an teine agus chuir a chùl ris a’ ghealbhan mhór agus rinn e cac. Theas Mac Bheatha an cac anns an teine gus nach robh ann ach pùdar dubh. Chruinnich an lighiche am pùdar agus chuir e ann am measair dubh e agus chroch e e air leabaidh MhicIlleEathain.
“Ceart” Ars’ am Peutanach. “Tillidh mi ceann beagan làithean agus fhad ’s a chrochas am measair seo air bhur leabaidh, théid bhur leighis, agus fàsaidh sibh nas làidir.” Agus dh’fhàg an lighiche.
An ath latha, mar as àbhaist, tháin’ an sluagh, tháin’ na càirdean, caraidean agus coimhearsnaichean a chéilidh air a’ bhodach bhochd. Dh’iarr fear dhiuch air a’ bhodach “Dé am pùdar dubh anns a’ mheasair dhubh seo a tha a’ crochadh air bhur leabhaidh MhicIlleEathain?”
“O” Arsa MacIlleEathain “Chan e ach leighis a th’ ann. Thug Seumas Mac Bheatha, an lighiche, e dhomh agus thubhairt e gun téid mo leighis agus gum fàs mi nas làidir.” Dh’aithnich am fear an t-ainm Seumas Mac Bheatha, leis cho ainmeil ’s a bha comas an teaghlaich. Bha annas aige den ‘léigh’ a bha seo cho làidir, ghabh e blasad dheth.
Mhothaich am bodach na rinn e agus rinn e fìor ghaire mhór ris an duine. Bha e a’ ghàire cho làidir, bhrist am bodach othras na bronn agus dh’fhalbh a’ phian mhór.
Roimhe cheann tacain, mar a gheall e dha, thill Mac Bheatha. Dar dh’innse am bodach dha na thachair cha tubhairt an lighiche ach “Nach b’ i an fhìrinn a dh’innis mi dhuibh?” agus dh’fhalbh e.
Tadhail air Air an Dara Làimh
Powered by WPeMatico
Air oidhche Dhiardaoin gach mìos ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 7.30f.
Meeting monthly on Thursday nights in Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, 7:30pm.
13mh Dàmhair 2016 (13-10-2016), Bill Innes
The Humour of the Bard! Donald MacIntyre’s satire “MacPhàil is MacThòmais” [Talk in English]
17mh Samhain 2016 (17-11-2016), Niall Bartlett
‘Ìompaireachd agus gnìomhachas air Eilean Leòdhais ri linn MhicMhathain, 1844 – 1918’[Ann an Gàidhlig]
15mh Dùbhlachd 2016 (15-12-2016), Murchadh Peutain
‘Ann an Làrach-coise Ghaisgich’ [Ann an Gàidhlig]
19mh Faoilleach 2017 (19-01-2017), Àrd Ollamh Conchúr Ó Giollagáin (Soillse / SMO)
‘Staing nan Gàidheal ann an Alba agus ann an Èirinn: a strì leis an fhìrinn’ [Ann an Gàidhlig]
16mh Gearran 2017 (16-02-2017), Prof. Alan Riach (University of Glasgow)
‘The Birlinn of Clanranald’ [Talk in English]
16mh Màrt 2017 (16-03-2017) Iseabail Mhoireach
‘Astar – Gleann Tholastaidh’ [Ann an Gàidhlig]
20mh Giblean 2017 (20-04-2017) Rosemary Ward
‘Litreachas agus foillseachadh Gàidhlig: an ath cheum?’ [Ann an Gàidhlig]
18mh Cèitean 2017 (18-05-2017)
Coinneamh Bhliadhnail / AGM
Tadhail air Comann Gàidhlig Ghlaschu
Powered by WPeMatico
Bha mi aig Trooping the Colour ann an Lunnainn mar aoigh aig Oifis na h-Alba Disathairne. Chan eil e idir na chleachdadh dhomh a bhith a’ faighinn cuireadh gu leithid, ach chaidh mi ann agus fios agam gun robh Rùnaire na Stàite airson Alba air a bhith a’ coinneachadh le Àrd-Stiùiriche a’ BhBC tron t-seachdain. Bha feadhainn eile ann bho shaoghal craolaidh na h-Alba cuideachd, a bharrachd air ceannardan phoilitigeach, ghnìomhachasan agus iomairtean sòisealta. Cha do dh’fhairich mi ach blàths airson na Gàidhlig agus cha chuala mi ach faclan taiceil airson BBC ALBA bhon h-uile duine ris an do bhruidhinn mi. Arsa Rùnaire na Stàite airson Alba mu dheidhinn a’ choinneimh le Àrd-Stiùiriche a’ BhBC: “I was banging the drum for BBC ALBA”. Fhuair e deagh èisteachd agus chuala e moladh mòr airson na seanail agus na co-bhanntachd a tha air a cùlaibh.
Bha briathran blàth mun Ghàidhlig cuideachd sa Phàipear Ghil a chaidh fhoillseachadh air an 12mh den Chèitean.
Seo an t-àm ge-tà airson nan briathran a tha sin a thionndadh gu geallaidhean cruaidh.
Nuair a tha an t-seanail Cuimris a’ craoladh 8 uairean de phrògraman ùra sa Chuimris gach latha, agus an t-seanail Èireannach a’ craoladh 5 uairean de phrògraman ùra sa Ghaeilge gach latha, bheil e ceart gu bheil BBC ALBA a’ dèanamh a’ ghnothaich le nas lugha na 2 uair de phrògraman ùra Gàidhlig san latha?
Tha am BBC a’ dèanamh 10 uair gach seachdain airson na seanail Chuimreach, agus bhiodh e cothromach agus ceart nam faigheadh iad dòigh air an aon rud a dhèanamh dhan t-seanail Ghàidhlig. Bheireadh sin bunait dhan t-seanail nach eil aice an-dràsta. Agus thuigeadh daoine gu robh poileasaidh cothromach aig a’ BhBC airson craoladh san dà mhion-chànan, rud nach eil ann an-dràsta.
Seo a tha mi air a ràdh ris an dà riaghaltas agus ris a’ BhBC:
Mar a thuirt mi, tha luchd-poilitigs taiceil agus a’ faicinn ciall an iarrtais. Ach ‘s e an cunnart as motha gun tèid ceist maoin a’ BhBC airson craoladh Gàidhlig fhaicinn mar ghnothach beag airson am BBC ann an Alba a rèiteachadh. ‘S e ana-cheartas a bhios ann ma thèid craoladh Gàidhlig a chur ann am farpais le craoladh Beurla airson maoin ann an Alba, aig an dearbh àm ’s a tha am BBC a’ comharrachadh stòras gu sònraichte bhon mheadhan mar phoileasaidh corporra airson craoladh na Cuimris.
Tha e riatanach an-dràsta gun tog am barrachd dhaoine an guthan air a’ cheist seo, le litrichean gu Ard-Stiùiriche a’ BhBC, cathraiche Urras a’ BhBC, Rùnaire na Stàite agus Riaghaltas na h-Alba. Tha iad air fad a’ tuigsinn, ach tha ìmpidh a dhìth. Bidh sinn ag ràdh am barrachd mu dheidhinn ciamar as urrain dhuibh ar cuideachadh sna beagan làithean ri tighinn ach ma tha beachdan agaibh san eadar-ama chuirinn fàilte air cluinntinn bhuaibh air domhnall.caimbeul@mgalba.com
Tha mi a’ tuigsinn gu bheil airgead gann, ach ‘s e rud beag a tha ann an coimeas leis a’ chòrr. Tha co-ionnanachd spèis dhan Ghàidhlig riatanach agus tha gealladh chorporra a’ BhBC airson 10 uair de dheagh phrògraman Ghàidhlig san t-seachdain mar cheum dheatamach gus seirbheis nas coileanta agus nas seasmhach a ghleidheadh airson na Gàidhlig.
(Nota: bhiodh ar n-iarrtas a’ ciallachadh dùblachadh anns na prògraman a tha am BBC a’ dèanamh sa Ghàidhlig, agus thigeadh obraichean agus buannachdan eile an cois sin).
Gach dùrachd,
Dòmhnall
Tadhail air MG ALBA: Am Blog
Powered by WPeMatico
Le Droitseach
![]() |
Dual·chainnt Ghollaibh an Dwelly |
![]() |
|
SID Volume IV |
![]() |
STILL YES: taigh ann an Asaint |
![]() |
Robh Iain aig an taigh? |
![]() |
Chan eil móran ann an Dwelly ás Asaint |
![]() |
“poca-salainn” ann an Asaint |
![]() |
“clachair” |
![]() |
“ciamar a tha u?” |
![]() |
clàr-siùcair air son nan Gàidheal |
![]() |
Àdhamh Ó Broin agas Iain MacIllEathain ann an Asaint |
![]() |
Asaint nan Loch ’s nan Creig |
Monographs, dictionaries, manuals -however good- are but a single cornerstone, not a whole house.
Scholars, academics, researchers -however smart- must be as slaves to the wisdom of our elders.
![]() |
Dair a bhitheas mi ’n Asaint, is Leòdach mi |
–
“Beautiful gripping writing.
Should be a book, not just a blog”
Alastair McIntosh
Tadhail air DROITSEACH
Powered by WPeMatico
Le Unknown
Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad’ air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e. Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e.
Tadhail air Taigh na Croiche
Powered by WPeMatico
Le tearlach61
Gu ruige seo, tha Trump air 80 riochdairean bhuanachadh. Aig a’cheart àm tha an càch air 52 riochdairean bhuanachadh. Tha Trump fad air thoiseach gu h-àraidh air sgàth gun do bhuannaich e a’ cuid gu lèir de na 50 riochdairean as a’Charolina a Deas.
Ged a tha a h-uile coltas ann gur ann le Trump a tha làmh an uachdair, ’s e cuid glè bheag de riochdairean a chaidh a thaghadh gu ruige seo. ‘S e còrr ’s 2,000 riochdairean a tha ri chunntadh ann fhathast. An t-seachdainn sa tighinn tha suas ri 500 riochdairean ri thaghadh am meag 13 stàitean ’s stàit agam fhìn nam measg (Alaska).
Airson bhuanachadh gu bhith na thagraiche nam Poblachdach, chan e a’chuid as motha a dh’fheumas Trump ri bhuanachadh ach a’ mhòr chuid. An rud a tha ri fhaicinn an t-seachdain neo dhà a tha ri tighinn ’s e an e an duine a-mhàin a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump neo triùir neo dithis? Gu ruige meadhain a’mhàirt, thèid a mhòr chuid de riochdairean a roinn a rèir chuid de bhotaidhean a bhuanaicheas gach duine. As dèidh sin, an duine a bhuanaicheas a’chuid as motha ann an stait, fiùs mur a bheil e ach 30% gheibh e a’chuid gu lèir de riochdairean anns an stàit a tha seo. Mar sin, ma s’ann gu bheil thu ag iarraidh duine sam bith eile seach Trump, an rud a tha thu ag iarraidh fhaicinn ’s e aon duine a mhain a tha fhathast na sheasamh an aghaidh Trump. Mas ann gun bheil can triùir ann fhathast, tha e gu math coltach gur e Trump a tha gu bhuannachadh mar thagraiche nam Poblachdach.
Taobhadh agamsa: Ted Cruz.
– Posted using BlogPress from my iPad
Tadhail air An Gaidheal Alascanach
Powered by WPeMatico
Le tnagblog
1. Tha ‘the shift’ an an aon rud ris ‘the Christmas’
2. Chan eil e gu diofar dè cho acrasach sa tha thu, chan eil e ceart gu leòr leumadair ithe
2. Is cuma cé chomh hocrasach is atá tú, níl sé ceart go leor deilf a ithe.
3. Tha iad a’ toirt spèis don a chlub agus an DJ tro bhith a’ pògadh an làr
3. Tugann siad ómós don chlub agus don DJ tríd an t-úrlár a phógadh.
4. Tha iad nas trìce air an làr na tha iad air an casan fhad ’s a tha iad a’ dannsa
4. Bíonn siad ar an úrlár níos minice ná mar a bhíonn siad ar a gcosa agus iad ag damhsa.
5. ’S urrainn do bhalaich deideag ionndrainn cuideachd
5. Is féidir go mbraitheadh buachaillí bréagáin uathu freisin.
6. Tha na h-Eirinnich dìreach cho math air Ballgown Sundays
6. Tá na hÉireannaigh díreach chomh maith céanna ag Ballgown Sundays
7. Tha Gramaphones ann airson a’ bhith ‘g òl às
7. Tá Gramaphones ann le bheith ag ól astu.
8. Tha Scooby Snacks cho dona ris an diabhal fhèin
8. Tá Scooby Snacks chomh dona leis an diabhal féin.
9. Tha tòrr dealbhan riatanach aig Pàirc Celtic
9. Tá carn mór griangraf riachtanach ag Páirc Celtic.
10. Tha Inbhir Nis dìreach mìorbhailleach
10. Tá Inbhir Nis go hiontach ar fad
11. Tha na h-Albannaich gu math deigheil air ceilidh (leisgeul daoine a bhualadh fhad sa tha Robert Robertson a’ seinn)
11. Tá na hAlbannaigh tógtha leis na céilithe (leiscéal is ea é daoine a bhualadh a fhad is a bhíonn Robbie Robertson ag seinnt).
12. Tha tuigs’ na Gàidhlig/Gaelige a’ fàs nas fheàrr fhad ‘s a tha an co-mheas eadar deoch-làidir agus d’fhuill ag èirigh.
12. De réir mar a ardaíonn leibhéal an alcóil san fhuil, is é is fearr a thuigtear an Ghaeilge/an Ghaidhlig.
13. ’S urrainn do sgiathan cearc a bhith nan mìlsean a bharrachd air cursa-toiseachaidh ann an Alba
13. Is féidir sciatháin chirce a ithe mar mhilseog chomh maith le cúrsa tosaigh in Albain.
14. Tha gaol air nigheanan na h-Eireann air Robert Robertson nas laidire nan gaol aig na h-Albannaich air
14. Tá an grá atá ag na hÉireannaigh do Robert Robertson níos láidre ná an grá atá ag na hAlbannaigh dó.
15. ’S urrainn do dheoch-làidir a bhith mar breacaist, lòn agus dinneir nuair a tha na h-Eirinnich agus na h-Albannaich còmhla
15. Bíonn an deoch mar bhricfeasta, lón agus dinnéar nuair a bhíonn na hÉireannaigh agus na hAlbannaigh le chéile.
16. Feumaidh tu fèineag fhaighinn sa fras
16. Is féidir féinphic a ghlacadh sa chith.
17. Tha cliath-bhogsa leann a’ cumail droch cheann ghoirt air falbh
17. Cuireann cliathbhosca beorach na póit díot.
18. Ged a tha na h-Eirinnich còltach ri Micheal Flatley….chan fhaigh na h-Albannaich càil ach Micheal Fat Knee.
18. Chomh fada is atá na hÉireannaigh cosúil le Michael Flatley…. Ní éiríonn leis na hAlbannaigh ach Michael Fat Knee a bhaint amach.
19. Tha alter egos again eadar Eirinn is Alba
19. Tá alter egos ag Éire agus ag Alba
20. Tha gaol aig Glaschù air na Nollaige
20. Tá grá ag Glaschú don Nollaig.
Tadhail air Taigh na Gàidhlig
Powered by WPeMatico
Le puxill
Pharc Rob MacGill’Andrais an baidhsagail aige an taobh a-muigh an dachaigh agus chaidh e a-steach an taigh. Bha a mhathair anns a’ cidsinn. Nuair a chuala i e a dhùnadh an doras dh’èigh i dha.
“A Raibeart, an e thusa?”
” ‘S e mise, a Mhamaidh.” Chaidh e dhan doras a’ chidsinn. Bha a mhathair a’ dhèanamh bonnaich. ‘S i bean chaol dhonn.
“Ciamar a bha cùisean aig an leabhar-lann?” dh’fhaighnich i.
“Ceart gu leòr,” fhreagair e. Bha obair pàirt-ùine aige aig an leabhar-lann mar gille-frithealaidh. Rinn e rudan mar cur an òrdugh leabhraichean a bha thug air ais agus cur iad air an sgeilpean agus cuideachadh leis an catalog agus faidhleadh.”
“Dh’fhòn do charaid Iupatar,” ars’ a mhathair. Bha i a’ fuineadh an taois a-mach fhad ’s a bha i a’ bruidhinn leis. “Dh’fhalbh e teachdaireachd air do shon.”
“Teachdaireachd!” dh’èigh Robh air bhoil leis an iongnadh. “Dè thuirt i?”
“Sgrìobh mi i. Gheibh mi i às mo phocaid nuair bha mi deiseil den taois.”
Tadhail air from puxill
Powered by WPeMatico
Le Acair Books
Chaill Acair, agus saoghal litreachais na Gàidhlig, deagh charaid leis an naidheachd an-dè gun do chaochail Dòmhnall Iain MacÌomhair.
Bha Dòmhnall Iain ag obair an luib foghlam fad iomadh bliadhna agus thug e còig bliadhna na cheann-suidhe air a’ Chomann Ghàidhealach. Choisinn e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta sa bhliadhna 2000. Tha Acair moiteil gun do nochd leabhar de sgrìobhaidhean Dhòmhnaill Iain, Caogad san Fhàsach, bho chionn bliadhna mar phàirt den t-sreath Aiteal. `S iomadh iris is leabhar anns na nochd na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall Iain ach ’s ann mar shàr neach-deasachaidh as motha a chuir e ri obair Acair.
Tha co-fhaireachdainn againn ri bhean, Alice agus a mhac, Morris aig an àm duilich seo. Bidh sinn gad ionndrainn.
Tadhail air An t-Seòlaid
Powered by WPeMatico