Le Seonaidh

Chaidh sinn le itealan gu Sydney air son laithean saora Nollaige am bliadhna. Bha sinn a’ fuireach anns an fho-bhaile Ultimo direach faisg air Baile Sineach agus na Féiltean aig Padruig. Bha torr taigh-bidhean ri laimh agus bha móran ann ri fhaicinn, ri ceannach is ri dèanamh an siud is aig Taobh na h-Acarsaid (ann an Laimrig Feudaile), aig Na Creagan, aig a’ Bhaile Mhór fhéin agus aig Taigh an Drama Liriceach. Shiubhail sinn air an Aon Réile agus rinn mi beagan streap creagan (rud eagalach a dhèanamh) a measg iomadh eile. Feuchaidh mi dealbhan a nochdadh dhuibh (ma is urrainn dhomh).

Bha móran sgeadachaidhean Nollaige eile mu thimcheall a’ Bhaile. Chuala sinn coisirean a’ seinn nan laoidhean Nollaige aig Ionadan Buitearachd is bha Laoidhean Nollaige le Solus Coinneala a ghabh aite an darna cuid ann am Melbourne is ann an Sydney air an nochdadh air taidhsearachd. Mu dheireadh chunnaic sinn a’ Bhan-righ a’ bruidhinn le teachdaireachd Nollaige.
Tadhail air Mo Leabhar-lin fhein
Powered by WPeMatico