Buidhnean-charthannachd a’ call a-mach?

Le Air fàire

‘Se an Scottish SPCA an t-ainm a th’air an t-SSPCA a-nis. Tha iad ’n dòchas gu bheil seo a’ stad daoine a’ toirt tabhartas gus an RSPCA – buidheann-charthannachd Sasannach – tro thuiteamas. O chionn ghoirid, dh’fhàg cailleach £250,000 gus an RSPCA an àite an t-SSPCA.
Ach chan eil seo dìreach duilgheadas aig an SSPCA. Tha mòran buidhnean-charthannachd Sasannach a’ sanasachadh ann an Alba. Chan eil iad a’ dèanamh e soilleir nach eil iad ag obair ann an Alba. A bheil iad a’ dèanamh seo a dh’aon ghnothach? ‘S dòcha. An urrainn dhan a’ Phàrlamaid a bith ag iarraidh gu beil buidhnean-charthannachd a’ dèanamh soilleir far a bheil iad ag obair?

Tadhail air Air fàire

Powered by WPeMatico

An t-sèasan ùr

Le Air fàire

Tha an t-sèasan ball-coise a’ tòiseachadh an-diugh. Dh’fhaodadh seo a bhith lìog inntinneach am bliadhna seo. Chùm Hibs a’ chuid as motha den cluicheadairean aca a thàinig anns an treas àite an t-sèasan seo chaidh. Neartaich Hearts, Obar Dheathain is Dùn Deagh an sgioban aca agus bidh iad a’ smaoineachadh gun urrainn dhaibh a bhith a’ strì airson an treas àite am bliadhna seo. On bha Celtic a’ irioslachadh ann an Eòrpa, is dòcha gun tig sgioba seach an Old Firm anns a’ chiad no an dàrna àite!
Tha mi a’ falbh gu Easter Road far am bi Hibs a’ cluich le Dùn Phàrlain. Tha mi a’ faireachdainn math air a’ bhuil.

Tadhail air Air fàire

Powered by WPeMatico