Comataidh Thaigh an Ròid a’ tadhal air Tèarmann Ghràineagan an Eilein Loisgte

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Taigh an Ròid air tadhal air Tèarmann Ghràineagan an Eilein Loisgte mar phàirt den phròiseas beachdachaidh aca air athchuinge a tha ag iarraidh soidhnichean-rabhaidh mu bheathaichean beaga a thoirt a-steach air rathaidean ann an Alba. Bha an Neach-gairm Pòl Sweeney BPA, còmhla ris na Buill Marie McNair BPA, Dàibhidh … Leugh an corr de Comataidh Thaigh an Ròid a’ tadhal air Tèarmann Ghràineagan an Eilein Loisgte

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: fichead bliadhna de chòir cothruim air an dùthaich: a bheil siostam còir air slighean dùthchail na h-Alba ag obair?

Le Oifigear Gàidhlig

Thathar a’ sireadh bheachdan bho luchd-coiseachd, luchd-rothair, luchd-campachaidh, manaidsearan fearainn agus gnìomhachasan a tha ag obair air a’ bhlàr a-muigh air mar a tha còir slighean na h-Alba ag obair, barrachd air 20 bliadhna an dèidh do Chòd Slighean Dùthchail na h-Alba tighinn a-steach. Ann an rannsachadh ùr, tha Comataidh nan Cùisean Dùthchail a’ sgrùdadh … Leugh an corr de Fios naidheachd: fichead bliadhna de chòir cothruim air an dùthaich: a bheil siostam còir air slighean dùthchail na h-Alba ag obair?

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Taigh an Ròid a’ sireadh dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba 

Le Oifigear Gàidhlig

Dè do bheachd air na molaidhean a tha gan cur an cèill ann an dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba? A bheil iad a’ dol fada gu leòr? A bheil iad mionaideach gu leòr? Dè an còrr a ghabhas dèanamh gus a bhith cinnteach gun ruig Alba a targaidean a thaobh cothromachadh-carboin?   Tha Pàrlamaid na h-Alba … Leugh an corr de Taigh an Ròid a’ sireadh dreachd Plana Atharrachadh Gnàth-thìde Riaghaltas na h-Alba 

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh bheachdan air na h-ath-leasachaidhean a thathar a’ moladh airson Foghlam na h-Alba

Le Oifigear Gàidhlig

Dè a’ bhuaidh a bhios aig na h-ath-leasachaidhean a thathar a’ moladh ann am Bile an Fhoghlaim (Alba)? Tha clann, daoine òga, tidsearan, pàrantan agus eòlaichean foghlaim am measg an fheadhainn a gheibh cuireadh am beachdan a thoirt gu Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Dhaoine Òga Pàrlamaid na h-Alba. Chaidh am Bile a thoirt a-steach le … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh ag iarraidh bheachdan air na h-ath-leasachaidhean a thathar a’ moladh airson Foghlam na h-Alba

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid gus ath-leasachadh air solar a sgrùdadh

Le Oifigear Gàidhlig

Deich bliadhna cha mhòr air adhart bho Achd Ath-leasachaidh an t-Solair (Alba) 2014, tha Comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh faighinn a-mach a bheil na h-ath-leasachaidhean air lìbhrigeadh a rèir nan amasan aca. Thug Achd 2014 a-steach dleastanasan ùra air buidhnean poblach beachd a ghabhail air mar a dh’fhaodte an cuid solair a chleachdadh … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid gus ath-leasachadh air solar a sgrùdadh

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid a’ cur air bhog rannsachadh air seasmhachd ionmhas poblach na h-Alba

Le Oifigear Gàidhlig

Tha comataidh aig Taigh an Ròid air rannsachadh a chur air bhog mu sheasmhachd ionmhas poblach na h-Alba. Tha Comataidh an Ionmhais agus Rianachd Phoblaich ag ràdh gun dèan iad sgrùdadh air a’ chuideam sa gheàrr-ùine agus san fhad-ùine a tha air planaichean cìse is caiteachais Riaghaltas na h-Alba ann an 2024-25 agus às dèidh … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh aig Taigh an Ròid a’ cur air bhog rannsachadh air seasmhachd ionmhas poblach na h-Alba

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Rannsachadh comataidh air maoineachadh Riaghaltas na h-Alba gus a’ bheàrn coileanaidh a dhùnadh #gàidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Is e maoineachadh a chuidicheas sgoiltean is comhairlean gus a’ bheàrn ann an coileanadh a dhùnadh an cuspair aig rannsachadh ùr le Pàrlamaid na h-Alba. Nì Comataidh Foghlaim, Cloinne agus Òigridh sgrùdadh air èifeachdachd Dùbhlan Coileanaidh na h-Alba gus coileanadh cloinne à teaghlaichean a tha fo ana-cothrom àrdachadh. Tha raon de phrògraman foghlaim gan cuideachadh tron … Leugh an corr de Fios naidheachd: Rannsachadh comataidh air maoineachadh Riaghaltas na h-Alba gus a’ bheàrn coileanaidh a dhùnadh #gàidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico