A’ tighinn a dh’aithghearr air trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Le alasdairmaccaluim

Chan eil cus chothrom agam a dhol air trèanaichean an-dràsta!

Cha robh mi air trèana sam bith am-bliadhna fhathast agus cha robh mi air trèana ach mu 5 tursan bhon Mhàirt 2020 uile gu lèir.

Ach tha mi air a bhith a’ dol air feadh an t-saoghail tro leabhraichean is bhidiothan agus tha an glasadh-sìos air leisgeil a thoirt dhomh beagan rannsachaidh a dhèanamh air rudan gu math faisg orm agus gus tòrr leabhraichean a cheannach air rudan a tha an dà chuid air an stairsneach agam fhèin agus gu math fad air falbh bhuam!

Seo na leabhraichean is cairtean-puist a tha mi air cheannach bho chionn ghoirid:

A chionn ’s nach urrainn dhomh Ghlaschu a Deas fhàgail an-dràsta, tha mi air a bhith a’ coimhead air na tha air fhàgail de slighean-trama, slighean bus-tràilidh agus seann rathaidean-iarainn air na cuairtean làitheil agam.

Tha mi ag obair air puist mu na leanas an-dràsta. Ma tha beachd sam bith agaibh leig fios – a bheil rud sam bith eile a bu toil leibh fhaicinn?

  • Rathaidean-iarainn ann an Ibrox agus Baile a’ Ghobhainn
  • Tramaichean-smùid Bhaile Ghobhainn
  • Trama-eich ainmeil ann am Fionntamhnach (Fintona) ann an Contae Tír Eoghain, Èirinn (agus rathaidean-iarainn neo-àbhaisteach ann an Èirinn!)
  • Tramaichean anns a’ Chòrn
  • Rathaidean-iarainn an Eilean Sgitheanaich

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Ath-bheothachadh ann an Àfard? #gaidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha iomairt a’ dol air adhart aig an àm seo gus Rathad-iarainn Srath Àfard (Alford Valley Railway) ann an Siorrachd Obar Dheathain ath-fhosgladh.

’S e rathad-iarainn caol-ghèidse a tha seo a tha a’ ruith bho sheann stèisean a’ bhaile tro raon goilf a-steach gu pàirc.

Stèisean Àfard, 2011

Tha an loidhne, a tha mu mhìle a dh’fhaidte, a’ tòiseachadh ann an stèisean a’ bhaile ach, an àite a bhith a’ dol air làrach na seann loidhne a dhùin ann an 1965, tha i air slighe gu tur ùr.

Dh’fhosgail an rathad-iarainn ann na 1980 agus thadhail mi air aon turas air ais ann 2011. ‘S e loidhne àlainn a th’ ann le seallaidhean brèagha agus tha i ri taobh Taigh-tasgaidh Còmhdhail Roinn a’ Mhonaidh cuideachd.

Nuair a chaidh mi ann, ge-tà, bha an loidhne ann an droch staid le lusan a’ fàs tron trac agus bha e follaiseach gun robh beagan TLC a dhìth air an loidhne. Smaoinich mi aig an àm gur dòcha nach maireadh an loidhne ro fhada – agus cha robh mi fada ceàrr oir dhùin i ann an 2017.

Gu fòrtanach, tha companaidh coimhearsnachd air an loidhne a ghabhail thairis agus tha iad air iomairt maoineachadh sluaigh a chur air bhog gus an stèisean a sgeadachadh. Gur math a thèid leotha!

Seo bhidio a thog mi den loidhne air ais ann an 2011

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Gaelic Promotion as Social Justice, Part 5: What You Can Do for Gaelic and the Gaels

Le Bella Caledonia Editor

In the last four articles in this series, I explained that Scottish Gaelic is the endangered language of the highly minoritized Scottish Gaelic community, especially the ethnic group known as the Scottish Gaels; that the Gaels, over the course of the last millennium, have endured terrible and continuous injustice at the hands of the state […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico

Gaelic Promotion as Social Justice, Part 2: The Gaels as Victims of Cultural genocide

Le Bella Caledonia Editor

In the last article in this series (‘Gaelic Promotion as Social Justice, Part One: Gaelic as the Language of a Minoritised Community’), I argued that the Scottish Gaels constitute a minority ethnic group that has been continuously subjected since the Middle Ages to an ongoing process of cultural genocide. In this article, I will recount […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico

Gaelic Promotion as Social Justice, Part One: Gaelic as the Language of a Minoritised Community

Le Bella Caledonia Editor

In the first of a series of articles Adam Dahmer explores the importance of promoting the Gaelic language, in response to some of the anti-Gaelic bigotry and misinformation that still exists. When I first came to Scotland and began to study Gaelic, my teachers warned me about ‘mì-rùn mòr nan Gall’ – the indifference or […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico

The Basse Yutz Flagons and BBC Myth-Making

Le Bella Caledonia Editor

In Neil McGregor’s much-admired radio series  A History of the World in 100 Objects he today focused on the early world of the Celts through two bronze drinking flagons, the Basse Yutz Flagons – considered to be the most important and earliest examples of Celtic art. As his programme reaches a crescendo of analysis he […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico

Taylor Swift agus a’ #GaelicCrisis

Le Liam.Alastair

Le
foillseachadh an leabhar rannsachaidh The
Gaelic Crisis
, tha an ceòl air a dhol air feadh na fìdhle air na meadhanan.
Tha taobhan gan comharrachadh agus campaichean gan lìonadh ann an saoghal na
Gàidhlig.

“Nuair a
chluicheas tu geamannan faoin, glèidhidh tu duaisean faoin” mar a thuirt Taylor
Swift, tè-labhairt mo ghinealaich fhèin, anns a’ chlàr as ùire aige, ‘The Lover’.
Thàinig an clàr a-mach ann an 2019, an teas-meadhan aimhreit a’
chomainn-shòisealta anns Na Stàitean Aonaichte. Clàr mu ghaol a th’ ann, eadar
gach cruth, cluth is ciùrradh a tha na chois.

Uil, a dhaoine còire, tha sinn uile ann an gaol ris a’ Ghàidhlig. Dè, ma-thà, a th’ aig Taylor chòir ri ionnsachadh dhuinn mun strì ghaolach againn às leth na Gàidhlig? Oir, mar a chanas iad, is fheàrr an saoghal ionnsachadh na sheachnadh.

‘The Archer’

Combat, I’m ready for combat
I say I don’t want that, but what if I do?
‘Cause cruelty wins in the movies
I’ve got a hundred thrown-out speeches I almost said to you

‘The Archer’, Taylor Swift

Thairis air a’ chola-deug a dh’fhalbh, tha sinn air dà fhreagairt don leabhar fhaicinn – daoine ag iomairt agus daoine a’ sabaid. Rud nach coisinn modh cha choisinn mì-mhodh.

Tha sinn uile nar caraidean a bu chòir a bhith a’ tarraing air an aon ràmh. Chan eil duine againn a’ dol às àicheadh gu bheil a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh èiginneach anns Na h-Eileanan. (Agus ma tha, b’ fheàirrde iad sùil a chur san leabhar eadar Caibidealan 2-6.)

’S e a’ cheist gu dè tha sinn dol a dhèanamh mu dheidhinn. Chan amais sinn air fuasgladh ach tro chòmhradh is deasbad fosgailte modhail dòigheil.

Tha an t-sabaid a-muigh an sin, agus chan ann eadrainn. Tha àite ann do gach guth agus gach duine.

‘Daylight’

I’ve been sleepin’ so long in a twenty-year dark night
(Now I’m wide awake)
And now I see daylight (I see daylight)
I only see daylight (oh)

‘Daylight’, Taylor Swift

Coltach ri ‘Lover’ an dèidh ‘Reputation’, an clàr mu dheireadh aig Taylor, thèid dorchadas na h-aimhreit seo seachad agus thig glasadh an latha. Tha an leabhar The Gaelic Crisis air clisgeadh a thoirt dhuinn uile. Dh’fhaoidte gun robh fios againn air na bha dol, ach cha mhòr nach b’ e trom-laighe a bh’ ann. Far an robh sinn air slighe aig nach robh ach aon cheann-uidhe.

Chaidh ar crathadh nar dùisg le ultach bhrathan-naidheachd a bha ag innse dhuinn gum b’ fhìor an trom-laighe, ach gun robh slighe eile a dh’fhaodamaid a ghabhail. Slighe anns am faod guth nas làidir a bhith aig muinntir nan Eileanan anns an ‘leasachadh’ aca fhèin. Ach, an toiseach, feumaidh sinn ‘na sgèinean a chaitheamh sìos oir tha a’ mhadainn air tighinn’.

‘Soon You’ll Get Better’

And I hate to make this all about me
But who am I supposed to talk to?
What am I supposed to do
If there’s no you?

This won’t go back to normal, if it ever was
It’s been years of hoping, and I keep saying it because
‘Cause I have to

Ooh-ah, you’ll get better
Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, you’ll get better soon

Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, soon you’ll get better
Ooh-ah, you’ll get better soon
‘Cause you have to

‘Soon You’ll Get Better’, Taylor Swift

Bhiodh e na call do-labhairte nam biodh a’ Ghàidhlig beò às aonais nan Gàidheal, agus cha seas a’ Ghàidhlig às aonais coimhearsnachd Ghàidhlig. Tha mi deimhinnte nach eil roghainn eile againn, feumaidh sinn gach oidhirp a dhèanamh gus an suidheachadh seo a chur ceart.

Seadh, chan e aiseirigh nan seann làithean a bhios ann – chan urrainn dhuinn a dhol air ais gu na 1950an, agus cò tha ag iarraidh sin co-dhiù? Bha an seann siostam briste. Bha làmhachas-làidir, cuir-sìos, suarachas agus eilthireachd a’ gànrachadh nan làithean ud. Cha robh cumhachd bhrìoghmhor aig na daoine iad fhèin. Bidh an siostam ùr cus nas fheàrr. Thig piseach air a’ ghnothach, ’s fheudar gun tig.

‘The Man’

I’m so sick of running
As fast as I can
Wondering if I’d get there quicker
If I was a man
And I’m so sick of them
Coming at me again
‘Cause if I was a man
Then I’d be the man
I’d be the man
I’d be the man

‘The Man’, Taylor Swift

Tha a’
Ghàidhlig sna coimhearsnachdan eileanach a’ fàs sgìth is aosda is anfhann. Tha gualainn
nan Gàidheal fo uallach anacheartas nan linn agus tha i sna buillean mu
dheireadh anns a’ choimhearsnachd agus anns an dachaigh.

Ach, mura robh an eaconamaidh cho lag, mura robh an sluagh a’ crìonadh cho mòr no na h-inbhich òga a’ falbh chun na Galltachd a dh’iarraidh obair; mura robh an cànan ga thàchdadh o bheatha an t-sluaigh, ’s e brod nan coimhearsnachdan Gàidhlig a bhiodh anns Na h-Eileanan an uair sin. Dh’fhaoidte gu bheil Taigh-òsta a’ Phàirc ann Glaschu, ach tha bothan ann an Nis is Taigh-stàile gu bhith ann an Iollaraigh.

‘Death By A Thousand Cuts’

‘Cause saying goodbye is death by a thousand cuts
Flashbacks waking me up
I get drunk, but it’s not enough
‘Cause the morning comes and you’re not my baby
I look through the windows of this love
Even though we boarded them up
Chandelier still flickering here
‘Cause I can’t pretend it’s okay when it’s not
It’s death by a thousand cuts

‘Death By A Thousand Cuts’, Taylor Swift

Gabhaidh bàs cànain a shealltainn ann am figearan, àireamhan,
grafaichean is measaidhean. Ach chan e sin a th’ ann.

’S e tòrradh gach seachdain a th’ ann.

’S e na sgeulachdan agus na naidheachd ris nach d’ fhuair
thu cothrom èisteachd.

’S e mothachadh bliadhna air bhliadhna gu bheil cailleach –
a bha cho ainneamh a’ bruidhinn na Beurla – air fàs cho cleachdte rithe.

’S e cruit a’ dol fàs, is an t-ogha a bu leis e a’ fuireach
àiteigin ann an Sasann.

’S e gainnead dhaoine òga a chuidicheas an àm a bhith a’ losgadh an fhraoich.

’S e dùnadh sgoiltean beaga dùthchail.

’S e pàrant a tha ag iarraidh pàiste a thogail tro mheadhan
na Gàidhlig aig nach eil am misneachd no an taic.

Tha e goirt agus tha e tric agus tha e àbhaisteach dhuinn. Tha mise air seo a mhothachadh, agus chan eil mi ach air ùine glè ghoirid a chur seachad ann an coimhearsnachd eileanach. Do Ghàidheil, sin fìorachd an sgeòil. Gann gun gabh a chur ann am faclan cho duilich ’s a tha bàs nam mìle gearradh.

‘Only The Young’

Don’t say you’re too tired to fight
It’s just a matter of time (can run)
Up there’s the finish line
So run, and run, and run
Don’t say you’re too tired to fight
It’s just a matter of time (so run)
Up there’s the finish line
And run, and run, and run
Only the young
Only the young

‘Only The Young’, Taylor Swift

Liam Alastair Crouse

Share


Tadhail air

Powered by WPeMatico

An Suidheachadh. The Situation.

Le Bella Caledonia Editor

In this piece, Fiona NicÌosaig (MacIsaac) reflects on the difficulties faced by Gaelic speaking communities. Strong communities are vital to the longevity of the language, but how do we ensure that communities are supported? What is the situation actually like on the ground, amongst younger generations? How beneficial is it that Gaelic is the language […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico

The Vernacular Gaelic Community in Crisis; A Liminal Perspective

Le Bella Caledonia Editor

I’m on the Isle of Lewis as we come out of lockdown and I have spoken only Gaelic today. I had a yarn with the dog but didn’t get much back and wrote a message in Gaelic to my daughter in Shetland. I spoke with a family friend for a while and then at length […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico

Bithidh coma – stop being so polite

Le Bella Caledonia Editor

Uill, a’ Ghàidhlig chòir. Tòrr smuaintean a dol aig a h-uile duine, seo beagan meòrachadh bhuam fhìn [A few thoughts on the present situation about Gaelic. This is a very important juncture for Gaelic. English below]. Tha naidheachd mun rannsachadh ùr seo air eagal a chuir air grùnnd dhaoine. Tha tòrr ag radh air na […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico