Aithisg Bhliadhnail 2019-20 ri faighinn #gàidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Chaidh aithisg bhliadhnail ùr na Pàrlamaid fhoillseachadh an-diugh. Tha i ann an cruth dà-chànanach sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Anns an aithisg, gheibh sibh a-mach na bha a’ dol sa Phàrlamaid agaibh ann an 2019-20 le staitistearachd agus fiosrachadh gu leòr! Agus ma tha BSL agad, gheibhear geàrr-chunntas den aithisg sa chànan sin cuideachd. Alasdair … Leugh an corr de Aithisg Bhliadhnail 2019-20 ri faighinn #gàidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Agallamh le Ruaraidh MacLabhrainn, Marta Ò hEaghra

Le Alistair Paul

Dealbh le Yohei Yamashita Le pròiseact iongantach Gàidhlig ga chur gu dol fhuair an neach-aithris againn, Marta, facal air fear a tha air a bhith aig teas meadhan na h-iomairte. Bha mi air bhioran is mo latha agam, mu dheireadh thall. Às dèidh a h-uile car is lùb tron deach mi; na litrichean iarraidh, an …


Tadhail air

Powered by WPeMatico

Tha an eala bhàn a’ dol fodha! Turas gu Inbhir Garadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air a’ chiad “safari-rèile” agam bhon Mhàrt bho chionn goirid.

Bha e math faighinn a-mach à Glaschu agus sgrìob a ghabhail dhan Ghàidhealtachd gu fear de na rathaidean-iarainn glèidhte as ùire ann an Alba: Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Chille Chuimein.

Inbhir Garadh

Tha mi gu math deidheil air Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimin. Cha robh an rathad-iarainn seo riamh uamhasach soirbheachchail – dh’fhosgail e ann an 1903 agus thàinig seirbheisean do luchd-siubhail gu crìch ann an 1933 agus dhùin an loidhne ann an 1947 mus robh sgeul air an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).

Ged nach robh beatha uamhasach fada no soirbheachail aig an loidhne, thathar ag ath-bheothachadh pàirt dhìth do luchd-turais ann an Stèisean Inbhir Garadh. Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nan cleachdadh barrachd dhaoine an rathad-iarainn ath-fhosgailte beag san latha an-diugh na chleachd i nuair a bha i fosgailte fad na slighe bho Dhrochaid an Aonachain gu Cille Chuimein.



Chaidh mi air turas dhan loidhne trì bliadhna air ais agus tha tòrr air atharrachadh bho bha mi ann mu dheireadh. Bha trac ri taobh àrd-ùrlar an stèisean ach tha e a-nis a’ dol nas fhaide gu tuath. Tha bothan beag le fiosrachadh mun loidhne le dealbhan agus rudan eachdraidheil. Tha bogsa-siognail air an àrd-ùrlar a-nis cuideachd agus thathar a’ deisealachadh gus barrachd trac a chur sìos cuideachd mar a chithear gu h-ìosal.


Bha an trèana a’ ruith cuideachd. Cha robh e ceadaichte a dhol air mar thoradh air a’ Chorònabhìoras ach bha an loco a’ ruith suas agus sìos an trac agus seo bhidio bheag a rinn mi.

Tha bhana-brèige (brake van) gu bhith a’ tighinn dhan rathad-iarainn air a’ mhìos seo cuideachd agus bi cothrom aig daoine turas trèana fhaighinn ann.

Chaidh mi air cuairt air làrach na seann loidhne às dèidh dhomh an trèana fhaicinn oir tuath air stèisean Inbhir Garadh, tha Slighe Baidsagal Nàiseanta 78 agus Slighe a’ Ghlinne Mhòir air làrach na seann loidhne.

Choisich mi mu thrì mìle air an t-slighe is chunnaic mi deagh sheallaidhean de Loch Omhaich.

Am measg rudan eile, chunnaic mi caisteal Inbhir Garadh agus bàta a bha air a dhol fodha! Fhuair mi a-mach às dèidh làimh gur e seo an Eala Bhàn a chaidh fodha còrr is 10 bliadhna air ais.

Às dèidh dhomh coiseachd air ais dhan stèisean, rinn mi air Cille Chuimein sa chàr gus faicinn an robh rud sam bith air fhàgail den rathad-iarainn. Lorg mi drochaid abhainn Omhaich a bha uair a’ giùlan na loidhne eadar stèisean Chille Chuimein agus stèisean Cidhe Chille Chuimein ri taobh Loch Nis.


An uair sin, bha an t-àm ann a dhràibheadh dhachaigh. Tha mi gu math eòlach air an A82 oir bha mi nam oileanach aig SMO anns na 1990an. Aig an àm sin, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a bha air na soidhnichean eadar Glaschu is an t-Eilean Sgitheanach. A’ dràibheadh dhachaigh, ag èisteachd ri roc is blues àrd, agus ag òl cofaidh làidir thug e misneachd dhomh gu bheil an uiread de Ghàidhlig a-nis ri fhaicinn air na soidhnichean rathaid.

Alasdair

Ag èisteachd ri: Peter Green’s Fleetwood Mac* Fleetwood Mac (1968). Sin agad roc blueseach!

*Nuair is e còmhlan blues a bh’ annta seach còmhlan pop caiseach a rinn cuid den cheòl a bu bhoring den 20mh linn!!


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Stòras Beò: Gina

Le Gordon Wells

Another two-way conversation in the Stòras Beò collection. Here, Archie Campbell questions Gina MacDonald on her recollections and opinions on growing up and continuing to live on North Uist in the Outer Hebrides.

In the first part, Gina from Claddach Baleshare in North Uist remembers her early schooldays, and a childhood in the Westford Inn. She talks about the prevalence of Gaelic and the difference in English skills between the generations. She completed her schooling in Inverness, and worked in Glasgow for a while before returning to Uist to work in a bank. Then, after retiring from that work, she returned to education to do a BA in Art, and she discusses some of the challenges entailed.

A Clilstore transcript is available here: http://multidict.net/cs/8240

In the second part, Gina first shows Archie some of her work from her art course, discussing local environmental and cultural influences and their interaction with memory processes. This leads on to discussing local storytelling experiences. Gina further explains how the family croft has developed, with the associated self-catering accommodation business for returning visitors, and expresses an interest in continuing to work with the active local history society.

A Clilstore transcript is available here: http://multidict.net/cs/8241


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Powered by WPeMatico

It’s electric! A’ dì-charbonachadh rathaidean-iarainn na h-Alba #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha Còmhdhail Alba, buidheann còmhdhail Riaghaltas na h-Alba air fìor dheagh naidheachd fhoillseachadh an t-seachdain seo.

Thèid rathaidean-iarainn na h-Alba a dhì-charbonachadh (decarbonised) ro 2035.

Thèid cha mhòr a h-uile loidhne rèile ann an Alba a dhealanachadh (electrified). Thèid an còrr a ruith le trèanaichean bataraidh no haidridein.

Seo mapa de shuidheachadh an latha an-diugh.

Alba 2020

 

Mar a chithear bhon dealbh, tha a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann am meadhan na h-Alba air an dealanachadh ach chan eil iad a’ dol a tuath air Sruighlea aig an àm seo. Tha 75% de na tursan aig luchd-siubhail an Alba air an dèanamh air trèanaichean dealanach mar-thà ach le planaichean an riaghaltais, bhiodh seo fada na b’ àirde – is dòcha mu 95% uile gu lèir.

Seo mar a bhios an suidheachadh ann an 2035 nuair a bhios an dì-charbochadh deiseil ach nuair a bhios obair dealanachaidh fhathast a’ dol air adhart.

Alba 2035

Agus seo mar a bhios cùisean aig a’ cheann thall ann an 2045.

lionra 2045

Cha tèid na loidhnichean fada dùthchail a dhealanachadh – Loidhne a’ Chaoil, Loidhne a Chinn a Tuath, Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne na Sròin Reamhair – ach thèid trèanaichean hydrogen no bataraidh a chleachdadh orra a bhios tòrr nas uaine na diosal salach.

Aon rud a tha inntinneach mun Ghàidhealtachd, ’s e gu bheilear a’ moladh gun tèid an loidhne a dhealanachadh cho fada ri Baile Dhubhthaich.

Tha an riaghaltas an dùil mu 130 km de thrac singilte a dhèalanachadh gach bliadhna gus an tèid an targaid a ruighinn.

Bithear a’ tòiseachadh air obair dealanachaidh le Loidhne Chnoc Màiri agus Loidhne Chille Bhrìde an Ear ann am Mòr-sgìre Ghlaschu.

Alasdair

Cò as a thàinig tiotal a’ phuist-bloga seo? Bhon òran sgoinneil aig Diamond Head – rinn Metallica fìor dheagh chover dheth. Seo bhideo de Metallica agus Diamond Head ga cluich còmhla!

Air m’ ipod: Peter Green’s Fleetwood Mac (RIP Peter Green!)


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean air Instagram #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Tha greis ann bho sgrìobh mi rud sam bith an seo – ach tron ghlasadh-sìos, cha robh cothrom agam a dhol air trèana sam bith agus cha robh mòran naidheachdan rèile ann nas motha!

Bidh sin ag atharrachadh a dh’aithghearr ge-tà, agus tòrr thursan agam air fàire agus gu leòr naidheachdan ann cuideachd.

Ma tha thu airson barrachd a leughadh mu rathaidean-iarainn sa Ghàidhlig an-dràsta, faic an cunntas Instagram ùr agam @treanatramatralidh.

@treanatramatrailidh (2)

Tha e fìor bhrosnachail gu bheil an uiread de chunntasan Instagram sa Ghàidhlig air nochdadh bho chionn goirid air diofar chuspairean agus shaoil mi gum biodh e feumail cur ris.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Cat’s Cradle Disentangled

Le Gordon Wells

The Island Voices project allows itself some geographical and linguistic latitude on Twitter. This was particularly evident this month with three separate multilingual threads exploring links and languages beyond the Hebrides. For fear of entanglement they’re collected here to ease reference. If you’re not a Twitter fan you can just click on the wee bird in the images below and then “Show this thread” to access each string independently.

The first (July 15th) recollects posts and recordings documenting the “Mediating Multilingualism” project, led by UHI’s Language Sciences Institute (LSI) with Indian partners, in which Island Voices approaches to community-based video-making are featured.

The second thread (July 23rd) stays with the LSI, focusing in on its development of a multilingual online presence in support of its international projects. This is exemplified both on its own webpages (in four different languages) and through its experimental use of Clilstore (a platform developed in tandem with Island Voices) with a number of new languages.

And lastly, the third thread (July 27th) uses snatched video of cricket in Queen’s Park, Glasgow, to introduce a summer reading list, for those with an interest in social history, that travels “Across Seven Seas and Thirteen Rivers” from “A School in South Uist” to “A Corner of a Foreign Field” – with an intriguing link to ship-jumping in London and New York that brings “Stòras Beò nan Gàidheal” into a multimodal matrix. There may be more than one way of joining the dots…


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Powered by WPeMatico

Bhidio ùr mu Athchuingean Pàrlamaideach #gàidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Tha sinn air bhidio ùr fhoillseachadh sa Ghàidhlig mu athchuingean poblach. Tha e a’ freagairt tòrr cheistean chumanta, a’ gabhail a-steach: Ciamar a chuireas tu athchuinge a-steach? Cia mheud ainm a dh’fheumas tu? Am faod e a bhith mu chuspair sam bith? Am faod mi athchuinge a chur a-steach air-loidhne? Dè thachras às dèidh dhomh … Leugh an corr de Bhidio ùr mu Athchuingean Pàrlamaideach #gàidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

The Seven Marvels of Scotland – Seachd Mìorbhuilean na h-Alba

Le Bella Caledonia Editor

You’ve heard of the Seven Wonders of the ancient world, but have you heard about the Seven Wonders of Scotland? These come from the Gaelic tradition and were known as “seachd mìorbhuilean na h-Alba—the Seven Marvels of Scotland. #1 Tobraichean Ghlinn Iuch The Wells of Linlithgow (Ghlinn Iuch) have long made the town famous. An […]

Tadhail air Ghetto na Gàidhlig – Bella Caledonia

Powered by WPeMatico