Tha latha nan dìosalan seachad!

Le alasdairmaccaluim

Ann an 1960, chaidh an trèana smùid mu dheireadh a thogail airson lìonra rèile Bhreatainn – an Evening Star. Ochd bliadhna às dèidh sin, ruith an trèana smùid mu dheireadh aig BR.

Tha linn nan dìosalan a-nis a’ tighinn gu crìch cuideachd. Ann am beagan bhliadhnaichean, tha a h-uile coltas ann nach bi ach trèanaichean dealanach againn.

Saoilidh mi gu bheil sinn a-nis air 1960 a ruigsinn ann an sgeulachdan nan dìosalan agus nach tèid an còrr a thogail, ged a bhios iad againn fad iomadh bliadhna fhathast.

Dh’fhaodte gun tèid beagan trèanaichean dà-mhodhach a thogail fhathast a bhios dealanach agus le einnsein dìosail cuideachd – ach le cho luath ’s a tha an teicneòlas a’ tighinn air adhart, chan eil e idir cinnteach gum bi feum orra ro fhada.

Dh’fhoillsich an Riaghaltas gun deach trèanaichean dealanach dà-mhodhach ùr a cheannach airson Trans Pennine Express bho chionn ghoirid. Seo sgeulachd a’ BhBC mu na trèanaichean ùra. Bidh an dà chuid pantografan agus bataraidhean aig na trèanaichean spaideil ùra seo agus cha bhi einnseanan dìosail aca idir.

Dealbh aig Alstom air a’ choltas a dh’fhaodadh a bhith air na trèanaichean ùra

Tha Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn air a bhith ag amas air lìonra beag-carboin fad greis a-nis ach bha aon rud a’ cur bacadh orra – cho daor ’s a tha e uèirean dealain a chur an àird.

Tha iad an dòchas a-nis gun lìon na trèanaichean ùra le bataraidhean na beàrnan far nach eil loidhnichean dealain ann. Togaidh iad iad teàirrds fon na uèirean agus ruithidh iad air na bataraidhean ann an àiteachan eile.

Thathar air deuchainnean a dhèanamh air trèanaichean bataraidh sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus tha iad a-nis a’ ruith seirbheisean air pàirt de loidhne a tuath aig Merseyrail, agus meur-loidhne Greenford ann an Lunnainn (GWR). ’S e a th’ annta seo uile, ge-tà ach meur-loidhnichean goirid le trèanaichean gu math slaodach.

Trèana dhealanach dhà-mhodhach, Headbolt Lane, Merseyside

Gu ruige seo, cha robh an teicneòlas math gu leòr airson seirbheisean fada luath air a’ phrìomh loidhne. Tha an teicneòlas a’ sìor dhol am feabhas, ge-tà agus bidh na bataraidhean a’ lìonadh nas sgiobalta agus bidh na trèanaichean a’ dol nas fhaide is nas luaithe na bha agus tha iad a-nis comasach air seirbheisean prìomh loidhne a ruith.

Ged nach do dh’òrdaich ScotRail trèanaichean bataraidh dealanach fhathast, tha Còmhdhail Alba trang a’ dealanachadh loidhnichean ann am Fìobh agus loidhne nan Crìochan air an son. Is e dealanachadh breac no partial electrificaton a chanar ri seo. Thèid uèirichean a chur suas ach cha bhi an loidhne air fad air a dhealanachadh agus bidh na trèanaichean a ruith air bataraidhean eadar na uèirean.

’S e deagh naidheachd a tha seo gun teagamh – ach tha e a’ togail ceist no dhà.

Sa chiad dol a-mach, tha eagal air cuid gun cuir seo bacadh air a bhith a’ cur uèirean dealain suas agus air a bhith a’ lìonadh bheàrnan air an lìonra far am biodh uèirean feumail.

Tha e nas saoire a bhith a’ cleachdadh bhataraidhean an àite a bhith a’ dealanachadh nan loidhnichean ach chan eil e buileach cho uaine; agus nas cudromaiche chan eil bataraidhean freagarrach airson trèanaichean bathair fhathast. Tha trèanaichean bathair gu tric tòrr nas truime agus chan eil bataraidhean air an ìre sin a ruigsinn fhathast. A bharrachd air sin, aig an àm seo co-dhiù, tha trèanaichean bataraidh tòrr nas daoire na trèanaichean a tha a’ cleachdadh uèirean agus às dèidh greis, bidh an Riaghaltas air barrachd a chosg air trèanaichean bataraidh na bhiodh e air cosg gus na uèirean a chur suas agus gus trèanaichean dealanach àbhaisteach a cheannach.

Tha ceist ann cuideachd mu loidhnichean fada a tha fad air falbh bho dhealanachadh sam bith. Seo loidhnichean mar Loidhne na Gàidhealtachd an Iar, Loidhne a’ Chaoil agus Loidhne a’ Chinn a Tuath. Chan eil bataraidhean comasach na seirbheisean seo a ruith fhathast. Agus tha na trèanaichean air na loidhnichean seo uile gu math sean a-nis – chaidh an togail aig meadhan/deireadh nan 80an agus tha iad feumach air ùrachadh ach chan eil planaichean aig an Riaghaltas gus trèanaichean ùra fhaighinn fhathast.

Saoil am bi teicneòlas nam bataraidhean nas fheàrr mus tuit na 156s agus 158s air a’ Ghàidhealtachd às an cèile no am bi aig an riaghaltas ri trèanaichean dà-mhodhach le bataraidhean agus einnsean dìosail a cheannaich san eadar-àma?

Clas 158 aig Georgemas, Loidhne a’ Chinn a Tuath – dè cho fada ’s a mhaireas na seann ghaisgich seo?

Bhathar a’ moladh  trèanaichean haidridein airson nan loidhnichean seo uair, ach ann an deuchainnean tha trèanaichean haidridean air a bhith gu math cosgail agus neo-earbsach agus mar sin, tha a h-uile coltas ann nach tachair sin. Air an làimh eile, ma thèid againn air a h-uile trèana aig ScotRail agus Great British Rail ann an Alba a ghluasad gu dealain, ach a-mhàin an fheadhainn air na loidhnichean fada air a’ Ghàidhealtachd  a dh’ainmich mi gu h-àrd, sin dìreach mu 12 – 20 trèanaichean dealanach san latha agus tha iad a’ cleachdadh nas lugha de dhìosail an urra na làraidhean co-dhiù.  Cha bu chòir dhuinn cus dragh a dhèanamh mu dheidhinn nan eimiseanan sin – chanainn gur e an rud as cudromaiche gum bi trèanaichean tarraingeach, ùr-nodha agus earbsach againn air na loidhnichean sin agus oidhirpean a dhèanamh gus carbon a ghearradh ann an raointean eile.

Ged a b’ fheàrr leam tòrr a bharrachd loidhnichean làn-dhealanach a bhith ann, ’s e adhartas mòr a th’ anns na trèanaichean bataraidh agus tha mi a’ cur fàilte orra. Tha mu 76% de na tursan rèile ann an Alba nan tursan dealanach agus nuair a bhios Cearcall Fìobh agus Loidhne na Crìochan dealanach, feumaidh gun cuir sin na figearan pìos nas àirde na 80%.

Bha an turas rèile smùid mu dheireadh ann an 1968. Saoil cuine a bhios an turas dìosail mu dheireadh ann am Breatainn – 2038 airson trèanaichean dìosal? 2058 airson trèanaichean dà-mhodhach le dìosal is dealain? Chì sinn!

Alasdair

Powered by WPeMatico


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Gaelic Word of the Week – Railway – Rathad-iarainn

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week we are looking at Railways.  Earlier this week saw a debate in … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week – Railway – Rathad-iarainn

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Tha an eala bhàn a’ dol fodha! Turas gu Inbhir Garadh #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Chaidh mi air a’ chiad “safari-rèile” agam bhon Mhàrt bho chionn goirid.

Bha e math faighinn a-mach à Glaschu agus sgrìob a ghabhail dhan Ghàidhealtachd gu fear de na rathaidean-iarainn glèidhte as ùire ann an Alba: Rathad-iarainn Inbhir Garadh agus Chille Chuimein.

Inbhir Garadh

Tha mi gu math deidheil air Rathad-iarainn Inbhir Garadh is Chille Chuimin. Cha robh an rathad-iarainn seo riamh uamhasach soirbheachchail – dh’fhosgail e ann an 1903 agus thàinig seirbheisean do luchd-siubhail gu crìch ann an 1933 agus dhùin an loidhne ann an 1947 mus robh sgeul air an Dr Olc Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul).

Ged nach robh beatha uamhasach fada no soirbheachail aig an loidhne, thathar ag ath-bheothachadh pàirt dhìth do luchd-turais ann an Stèisean Inbhir Garadh. Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm nan cleachdadh barrachd dhaoine an rathad-iarainn ath-fhosgailte beag san latha an-diugh na chleachd i nuair a bha i fosgailte fad na slighe bho Dhrochaid an Aonachain gu Cille Chuimein.



Chaidh mi air turas dhan loidhne trì bliadhna air ais agus tha tòrr air atharrachadh bho bha mi ann mu dheireadh. Bha trac ri taobh àrd-ùrlar an stèisean ach tha e a-nis a’ dol nas fhaide gu tuath. Tha bothan beag le fiosrachadh mun loidhne le dealbhan agus rudan eachdraidheil. Tha bogsa-siognail air an àrd-ùrlar a-nis cuideachd agus thathar a’ deisealachadh gus barrachd trac a chur sìos cuideachd mar a chithear gu h-ìosal.


Bha an trèana a’ ruith cuideachd. Cha robh e ceadaichte a dhol air mar thoradh air a’ Chorònabhìoras ach bha an loco a’ ruith suas agus sìos an trac agus seo bhidio bheag a rinn mi.

Tha bhana-brèige (brake van) gu bhith a’ tighinn dhan rathad-iarainn air a’ mhìos seo cuideachd agus bi cothrom aig daoine turas trèana fhaighinn ann.

Chaidh mi air cuairt air làrach na seann loidhne às dèidh dhomh an trèana fhaicinn oir tuath air stèisean Inbhir Garadh, tha Slighe Baidsagal Nàiseanta 78 agus Slighe a’ Ghlinne Mhòir air làrach na seann loidhne.

Choisich mi mu thrì mìle air an t-slighe is chunnaic mi deagh sheallaidhean de Loch Omhaich.

Am measg rudan eile, chunnaic mi caisteal Inbhir Garadh agus bàta a bha air a dhol fodha! Fhuair mi a-mach às dèidh làimh gur e seo an Eala Bhàn a chaidh fodha còrr is 10 bliadhna air ais.

Às dèidh dhomh coiseachd air ais dhan stèisean, rinn mi air Cille Chuimein sa chàr gus faicinn an robh rud sam bith air fhàgail den rathad-iarainn. Lorg mi drochaid abhainn Omhaich a bha uair a’ giùlan na loidhne eadar stèisean Chille Chuimein agus stèisean Cidhe Chille Chuimein ri taobh Loch Nis.


An uair sin, bha an t-àm ann a dhràibheadh dhachaigh. Tha mi gu math eòlach air an A82 oir bha mi nam oileanach aig SMO anns na 1990an. Aig an àm sin, ’s e glè bheag de Ghàidhlig a bha air na soidhnichean eadar Glaschu is an t-Eilean Sgitheanach. A’ dràibheadh dhachaigh, ag èisteachd ri roc is blues àrd, agus ag òl cofaidh làidir thug e misneachd dhomh gu bheil an uiread de Ghàidhlig a-nis ri fhaicinn air na soidhnichean rathaid.

Alasdair

Ag èisteachd ri: Peter Green’s Fleetwood Mac* Fleetwood Mac (1968). Sin agad roc blueseach!

*Nuair is e còmhlan blues a bh’ annta seach còmhlan pop caiseach a rinn cuid den cheòl a bu bhoring den 20mh linn!!


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico