Iomairt! Co-chomhairle mu ath-fhosgladh rathad-iarainn Chill Rìmhinn

Le alasdairmaccaluim

Tha fios aig mo chàirdean gu bheil mi gu math deidheil air iomairtean an dà chuid mun Ghàidhlig agus mu thrèanaichean, tramaichean is tràilidhean.

Tha co-chomhairle fìor chudromach mu rathaidean-iarainn na h-Alba a’ dol air adhart an-dràsta agus tha cothrom againn uile buaidh a thoirt oirre.

Seo sgrùdadh mu cheanglaichean nas fheàrr eadar Cill Rìmhinn agus an lìonra rèile nàiseanta.

Stèisean Luchras – an stèisean as fhaisg air Cill Rìmhinn

Tha mi uamhasach deidheil air Neuk an Ear Fhìobh. Bhiomaid a’ dol gu Cair Ail (Crail) air làithean saora gach bliadhna nuair a bha mi òg agus tha mi gu math eòlach air an sgìre. Bhiomaid gu tric a’ tadhal air Cill Rìmhinn, a’ dol do na bùithean agus dhan Chaisteal agus dhan tràigh is eile.

Is e an aon rud nach eil math mun sgìre àlainn seo gu bheil e cho doirbh a dhol ann. Tha e a’ toirt ùine mhòr faighinn ann bho Ghlaschu, Dùn Èideann no fiù’s bho àiteachan eile ann am Fìobh fhèin! Tha e a’ toirt ùine mhòr air an rathad agus fiù ’s air an rathad-iarainn, feumaidh tu bus fhaighinn eadar Luachras (Leuchars) agus Cill Rìmhinn fhèin air an rathad thana lùbach.

Is dòcha nach eil sin cho dona ma tha thu a’ dèanamh air Cill Rìmhinn fhèin, ach ma tha thu a’ dol gu fear de na bailtean beaga taobh a-muigh Chill Rìmhinn, leithid Cair Ail no Eanstair (Anstruther) no Elie – àiteachan a tha gu math mòr-chòrdte am measg luchd-turais, feumaidh tu trèana gu Leuchras, bus gu Cill Rìmhinn agus an uair sin bus eile dhan Neuk an Ear. Chan eil mòran dhaoine deònach sin a dhèanamh ma tha cothrom aca air càr agus tha seo a’ cur ris an trafaig air na rathaidean brèagha ach fìor lùbach san Neuk an Ear.

Nis, bha rathad-iarainn ann do Chill Rìmhinn uair ach chaidh a dhùnadh ann an 1969.  Bha e mar phàirt de Loidhne Costa an Ear Fhìobha ach chaidh a’ phàirt sa mheadhan a dhùnadh ann an 1966 agus chaidh na loidhnichean aig gach ceann gu Inbhir Lìobhann agus Cill Rìmhinn ann an 1969.

Loidhne cCosta an ear Fìobha (n.b rinn mi seo mus do chuir Ainmean-àite na h-Alba cruthan Gàidhlig air cuid de na bailtean, agus mar sin, tha cuid air atharrachadh bhon uair sin)

Gu fortanach, tha an loidhne gu Inbhir Lìobhann gu bhith ag ath-fhosgladh an ath-bhliadhna agus thathar a’ coimhead air dòighean gus na ceanglaichean gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh.

Tha a’ bhuidheann STARlink air a bhith ag obair fad iomadh bliadhna gus an rathad-iarainn a thoirt air ais agus tha an Riaghatlas air pàigheadh airson sgrùdadh comais gus coimhead air diofar phròiseactan gus am baile ath-cheangail ris an lìonra rèile.

Tha an sgrùdadh a’ coimhead air 4 diofar fhuasglaidhean.

  1. An rathad-iarainn ath-fhosgladh (air slighe ùr) le trèanaichean dìreach gu Dùn Èideann is Dùn Dè an àite dìreach shuttle gu Leuchras.
  2. Siostam “rèile aotrom” a thoirt a-staigh.
  3. Dà dhiofar fuasgladh co-cheangailte ri busaichean le busaichean sònraichte le dathan an rathaid-iarainn agus siostam tro-thiocaidean (through-tickets) leis an lìonra rèile.

Feumaidh mi a ràdh gu bheil na molaidhean uile tòrr nas fheàrr na an siostam a th’ ann mar-thà!

Ach seo mo bheachdan air na diofar roghainnean.

Rathad-iarainn:

Leis an rathad-iarainn, bhiodh ceangal dìreach ann eadar am baile agus an lìonra. Leis gu bheilear a’ moladh gum biodh trèanaichean dìreach ann do bhailtean eile seach dìreach shuttle, bhiodh seo gu math tarraingeach. Bhiodh daoine nach eil cleachdte ri busaichean nas deònaiche seo a chleachdadh na bhith a’ dol eadar trèana is bus. Bhiodh trèanaichean comasach air barrachd dhaoine a ghiùlan na busaichean cuideachd, rud a bhiodh math airson co-labhairtean mòra, co-fharpaisean goilf is toiseach theirmichean Oilthigh is mar sin air adhart. Bhiodh seo nas luaithe na busaichean cuideachd. Bhiodh an roghainn seo cosgail, ach chanainn gum b’ fheuch e a h-uile sgillinn.

Seo mapa den rathad-iarainn a bhiodh ann.

Tramaichean:

Le tramaichean, tha tòrr bhuannachdan ann cuideachd. Bhiodh iad comasach air tòrr dhaoine a ghiùlan dhan bhaile gu luath. A bharrachd air seo, b’ urrainn dhaibh a dhol a-staigh gu cridhe a’ bhaile. Mar thoradh air obair togail bho dhùn an stèisean ann an 1969, tha e coltach gum biodh an stèisean ùr rud beag a-mach às a’ mheadhan.

Leis an roghainn seo, chanainn gur e cosgaisean an duilgheadas as motha. Is dòcha gum biodh togail loidhne trama nas saoire na bhith a’ togail rathad-iarainn ach bhiodh obair togail taobh a-staigh a’ bhaile gu math cosgail. Is dòcha nach biodh sin ro dhona ge-tà. ’S e an duilgheadas le siostam trama gum feum thu depot is tòrr luchd-obrach sònraichte nach biodh a dhith airson bhusaichean no airson rathad-iarainn. Tha sin OK ma tha thu a’ bruidhinn air siostam mòra coltach ri Dùn Èideann no Manchester no Croydon ach airson siostam 6 no 7 mìle a dh’fhaid le is dòcha 4 tramaichean bhiodh na h-overheads gu math àrd.

Thathar a’ moladh coimhead air VLR – Very Light Rail – rèile fìor aontrom mar thoradh air seo. Seo siostam a tha ag amas air tramaichean tòrr nas aotroime a chleachdadh a bhios a’ ruith air trac nas aotroime na tramaichean àbhaisteach, le tramaichean a tha nas sìmplidh agus le cosgaisean togail is ruith tòrr nas ìsle. Le siostaman mar seo, chan eil na h-overheads cho àrd agus nas cudromaiche, tha na loidhnichean nas saoire a thogail oir chan fheumar na pìoban uisge is dealain is gas uile a ghluasad mar a dh’fheumar le siotaman eile (mar a chunnacas gu soilleir ann an Dùn Èideann!)

Thathar a’ planadh siostam VLR airson Coventry an-dràsta agus tha deuchainnean ga dhèanamh air prototype den chiad charbad. Tha VLR gu math gealltaineach, ach chanainn gur e an duilgheadas as motha nach deagh a dhearbhadh fhathast. Chan eil siostam sam bith a ruith san RA an-dràsta agus mar sin, tha cunnart ann gum biodh e nas daoire agus gum biodh tòrr dhuilgheadasan toiseachaidh ann gus an tèid an teicneòlas a dhearbhadh. Eu-coltach ri tramaichean cuideachd, chan urrainn dhut tramaichean VLR a cheannach “off the peg”. Aig an ìre seo, saoilidh mi gum biodh e na b’ fhèarr fuireach gus am bi siostam Coventry ag obair is na leaasnan air ionnsachadh mar sin mus toiseachamaid air seo ann an Cill Rìmhinn.

Seo mapa den loidhne trama a dh’fhaodadh a bhith ann.

 Busaichean:

Le leasachaidhean bus, ’s e an rud as fheàrr gu bheil iad gu math saor. Leis na molaidhean, bhiodh livery ScotRail air na busaichean, bhiodh an clàr-ama stèidhichte air clàr-ama nan trèanaichean, bhiodh am bus a’ feitheamh ris an trèana agus bhiodh tiocaidean a’ gabhail a-steach a’ bhus mar phàirt den turas.

Tha seo tòrr nas fheàrr na an siostam a th’ ann mar-thà ceart gu leòr. Ach ged a bhiodh seo math, chanainn nach toireadh e cruth-atharrachadh air an t-suidheachadh. Tha rannsachadh air sealltainn uair is uair gu bheil daoine tòrr nas deònaiche gluasad eadar càr is trèana no trama ach chan eil iad idir cho deònach gluasad eadar càr is bus.

Mar sin, tha mo thaic ri bhith a’ toirt an rathaid-iarainn air ais!

Tha a’ cho-chomhairle fosgailte ri daoine taobh a-muigh Fìobh agus mar sin, na bi leisg na beachdan agad a chur a-steach g’ e b’ e far a bheil thu a’ fuireach.

Gheibhear a’ cho-chomhairle an seo. Cha toir e fada.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Na rach seachad air “Toisich” na cruinnich £200… Stèiseanan Monopoly #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Nuair a bha mi òg, bha mi beò-ghlaichte le leabhar air an robh British Electric Trains in Camera. Chaidh fhoillseachadh aig toiseach nan 1980an agus leugh mi ann am meadhan nan 1980an e nuair a bha mi mu 12 bliadhna a dh’aois no mar sin.

Bha tòrr diofar sheòrsaichean trèana ann agus mar a bhiodh tu an dùil, bha tòrr dhiubh ann an Lunnainn. Agus abair gun robh cuid dhiubh gu math exotic – trèanaichean treas rèile (third rail) nam measg agus tòrr trèanaichean tiùb cuideachd. Agus a bharrachd air seo, chuir e iongnadh orm gun robh an uiread de thermini sa bhaile.

Heathrow Express, Paddingon

Ann an Glaschu, cha robh againn ach Sràid na Banrighinn agus Stèisean a’ Mheadhain (agus gu 1967, St Enoch agus Sràid Bhochannan cuideachd) ach ann an Lunnainn bha còrr is 10 ann.

Bha fios agam air Kings Cross, Liverpool Street, Fenchurch Street agus Marylebone bho Monopoly ach fhuair mi a-mach bho na leabhraichean gun robh tòrr a bharrachd ann! Mar a chithear air a’ mhapa seo, tha co-dhiù 13 ann – agus tha cuid a’ meas Moorgate – stèisean a tha tòrr nas lugha – mar àireamh 14. (Agus bha Stèisean Broad Street ann cuideachd gus an deach a dhùnadh ann an 1986 – faic am post bloga agam an seo).  

Hbf878, OpenStreetMap contributors, CC BY-SA 2.0 https://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0, bho Wikimedia Commons

Nuair a bha mi òg, bha mi airson a dhol air turas gu Lunnainn gus na diofar stèiseanan fhaicinn. Shabhail mi airgead fad 2 no 3 bliadhna ach aig a’ cheann thall, chaill mi m’ ùidh ann an trèanaichean is chleachd mi mo chuid airgead airson clàran roc is geamaichean coimpiutair.

Ach anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha mi air a bhith a’ feuchainn ris na trèanaichean sònraichte agus cuid de h-àiteachan bhon leabhar British Electric Trains in Camara fhaicinn, turas a tha air mo thoirt gu Lunnainn, Coventry, An Caisteal Nuadh, agus Eilean Wight am measg àiteachan eile gu ruige seo.

 Tha mi a-nis a’ beachdachadh air an turas a ghabhail gu Lunnainn nach do rinn mi air ais anns na 1980an. Tha mi air trèanaichean a ghlacadh ann an tòrr de na termini tro na bliadhaichean – Kings Cross is Euston gu sònraichte ach shaoil mi gum biodh e math feuchainn ri dhol thuca uile ann an aon latha. Cha robh mi riamh ann am Fenchurch Street, Charing Cross no Cannon Street agus tha mi gu mòr airson an làn seata de thermini fhaighinn!

Sin an seòrsa rud a bha mi a’ dol a dhèanamh ann an 1986 ach bha mi dìreach an dùil a dhol ann airson coimhead air na trèanaichean anns gach stèisean is dealbh no dhà a thogail. Ann an 2022,  cha dèanadh sin a’ chùis idir. Bhiodh agam ri rudan nas inntinniche is nas motha is nas gòraiche a dhèanamh! Mar sin, shaoil mi gum biodh e math feuchainn ri trèana fhaighinn a-mach no a-steach gu/bho gach terminus ann an aon latha. Bhiodh e furasta gu leòr a dhol eadar na stèiseanan mòra air an Underground ceart gu leòr ach bhiodh sin RO FHURASTA, is mar sin, chuir mi romham a bhith ga dhèanamh gun a bhith a’ dol air an Underground no air busaichean!

Shaoil mi gum biodh e furasta gu leòr. Tha tòrr de na stèiseanan ceangailte ri chèile – air a’ mhapa seo, mar eisimpleir, chithear gu bheil Charing Cross, Cannon Street, Blackfriars, London Bridge, Waterloo (East) agus Euston uile ceangailte ri chèile. Agus tha e furasta a dhol eadar Waterloo agus Victoria cuideachd taobh Clapham Junction.

Ach an uair sin, dh’fhàs rudan na bu dhoirbhe. Bha e meadhanach furasta a dhol eadar gach stèisean – gus an tàinig e gu Paddington is Marylebone. Airson a dhol eadarra, tha e coltach gum biodh agad ri dhol gu Oxford agus air ais air loidhnichean eadar-dhealaichte! Agus tha e doirbh a dhol eadar Marylebone agus stèisean sam bith eile gun a bhith a’ dol air an Underground no bus no co-dhiù a bhith a’ coiseachd.

Aig a’ cheann thall, saoilidh mi gu bheil e do-dhèanta mur a dèan thu co-dhiù beagan coiseachd eadar stèiseanan an siud is an seo. Ach bu toil leam a dhèanamh co-dhiù, fiù’s mur a gabh e dèanamh gun a bhith a’ dol air cois, bus no fo-thalamh!

Dè ur beachd? Am bu chòir dhomh a dhèanamh?

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Fios Naidheachd: Tha an aithisg mun bhuidseat bho Chomataidh an Ionmhais a’ toirt rabhadh mu bharrachd uallaich air ionmhas poblach na h-Alba

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh Ionmhais agus Rianachd Phoblach aig Taigh an Ròid air rabhadh a thoirt gu bheil e coltach gun tig uallach a bharrachd air ionmhas poblach na h-Alba an ath bhliadhna agus na dèidh. Ged a tha tuairmsean a’ nochdadh barrachd misneachd gun till eaconamaidh na h-Alba ris na h-ìrean ron ghalar mhòr-sgaoilte ro mheadhan … Leugh an corr de Fios Naidheachd: Tha an aithisg mun bhuidseat bho Chomataidh an Ionmhais a’ toirt rabhadh mu bharrachd uallaich air ionmhas poblach na h-Alba

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Taigh an Ròid air Gairm airson Bheachdan a chur air bhog mar fhreagairt air toirmeasg Riaghaltas na h-Alba air iasgach ann an Linne Chluaidh

Le Oifigear Gàidhlig

An dèidh ceistean a bhith air luchd-ùidhe, tha Comataidh Chùisean Dùthchail, Eileanan, agus Àrainneachd Nàdarra aig Taigh an Ròid Gairm airson Bheachdan a chur air bhog mar fhreagairt air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba toirmeasg a chur air a h-uile seòrsa iasgaich ann an àrainn shònraichte de Linne Chluaidh ri linn na h-ùine eadar 14 Gearran gu … Leugh an corr de Fios naidheachd: Taigh an Ròid air Gairm airson Bheachdan a chur air bhog mar fhreagairt air toirmeasg Riaghaltas na h-Alba air iasgach ann an Linne Chluaidh

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr 7: Astràlia

Le alasdairmaccaluim

Bho chionn fhada, thug mi sùil air na lìonraidhean rèile anns na Stàitean Aonaichte (tìr-mòr, Alaska, Hawaiʻi  agus Puerto Rico), Canada agus Sealadh Nuadh sa bhloga seo ann an sreath air an robh Rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr.

Choimhead mi air bhidio bho chionn ghoirid mun reifreann ann an 1967 gus a’ bhòt a thoirt do Thùsanaich ann an Astràlia agus tha mi air grunn leabhraichean a leughadh mu shuidheachadh nan Tùsanach agus cuideachd mu Eileanan Caolas Thorres cuideachd bhon uair sin.

Thug sinn orm cuimhneachadh nach tug mi sùil air rathaidean-iarainn Astràlia fhathast agus gun robh làn àm ann sin a chur ceart!

Seo mapa de na loidhichean uile do luchd-siubhail san dùthaich:

Seirbheisean Rèile do luchd-siubhail ann an Astràlia
By Lencer – Own workGMT and SRTM3V2OpenStreetMapPassenger-Rail-Australia-Map.png by User:MagpieShooter, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=41121915

Tha na rathaidean-iarainn ann an Astràlia car coltach ris an fheadhainn ann an Ameireagaidh is Canada – tha tòrr siostaman rèile ionadail is trama ann taobh a-staigh nan cathair-bhailtean ach chan eil an uiread de sheirbheisean ann do luchd-siubhail eadar na cathair-bhailtean leis cho fada air falbh bho chèile ’s a tha iad. Gu ìre mhòr, ’s ann do bhathair seach luchd-siubhail a tha na rathaidean-iarainn fada eadar-chathrach.

’S e dùthaich mhòr mhòr a th’ ann an Astràlia le cathair-bhailtean air a’ chosta ach gun mòran dhaoine a’ fuireach eadarra! Tha Astràlia na dùthaich gu math bailteil cuideachd le 71% den t-sluagh a’ fuireach sna cathair-bhailtean. Tha Sydney agus Melbourne nam mega-chathair-bhailtean le 5 mìllean luchd-còmhnaidh an urra le còrr is 2 mhìllean an urra ann am Brisbane agus Peairt agus 1.6 millean ann an Adelaide. Tha Canberra, prìomh bhaile na dùthcha mun aon mheud ri Dùn Èideann agus tha 145,000 a’ fuireach ann an Darwin, prìomh bhaile na Roinne a Tuath.

Seo clàr den astar eadar na diofar bhailtean – ’s ann bho mhapa rathaid a tha seo ach tha e a’ toirt dhuinn dealbh air cho fada ’s a tha na tursan rèile cuideachd.

Chì sinn gu bheil Melbourne agus Adelaide mun aon astar air falbh bho cheile ri Glaschu is Lunnainn mar eisimpleir, agus tha Adelaide gu Sydney mun aon astar ri Inbhir Theòrsa gu Penzance. Agus mur a robh sin fada gu leòr, tha Brisbane gu Peairt mun aon astar ri Glaschu gu Ankara san Tuirc. Mar sin, tha sinn a’ bruidhinn air astaran mòra.

Chan eil trèanaichean eadar-chathrach uabhasach pailt. Thug mi sùil air Australia by Rail le Colin Taylor agus the Man in Seat 61 agus chan eil ach 2 thrèana san latha eadar Sydney is Melbourne, 2 san latha eadar Sydney agus Brisbane agus trì san latha eadar Sydney is Canberra mar eisimpleir. Agus chan eil ach dà thrèana san t-seachdain eadar Melbourne agus Adelaide – rud a tha doirbh a chreidsinn nuair a smaoineachas tu gu bheil Glaschu is Lunnainn 400 mìle bho chèile agus gu bheil còrr is 40 trèanaichean dìreach eadarra gach latha!

A bharrachd air an astar eadar na prìomh bhailtean – trioblaid a th’ aig na Stàitean Aonaichte agus Canada cuideachd, tha trioblaidean eile aig na seirbheisean rèile ann an Astràlia nach eil aig na dùthchannan sin.

Sa chiad dol a-mach, tha diofar ghèidseachan ann. Cha deach Astràlia aonachadh mar dhùthaich gu 1901 agus roimhe sin, bha diofar cholonaidhean san dùthaich agus bha iad a’ cleachdadh diofar ghèidseachan. Bha cuid de na loidhnichean a’ cleachdadh gèidse choitcheann (standard gauge – 4’8½”) agus cuid a’ cleachdadh gèidse na h-Èireann (5’3”) agus tòrr eile a’ cleachdadh caol-ghèidse (mar as trice 3’6” ann an Astràlia – ‘gèidse nan colonaidhean’). Tha seo fhathast na dhùbhlan an-diugh, ged a tha gèide choitcheann air a bhith a’ fàs mean air mhean.

A bharrachd air seo, tha na stàitean fhathast uabhasach cudromach ann a bhith a’ ruith seirbheisean rèile agus tha dìth co-òrdanachaidh nàiseanta ann – chan eil companaidh nàiseanta ann coltach ri Amtrak (an companaidh nàiseanta do luchd-siubhail sna Stàitean Aonaichte) gus seirbheisean rèile fìor fhada a ruith.

By Roderick Eime from Australia – The Ghan, CC BY 2.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=66107221

Tha na seirbheisean air na loidhnichean fada tar-Astràlianach leithid an Indian Pacific agus an Ghan air an ruith le companaidhean prìobhaideach mar trèanaichean luxury do luchd-turais agus chan eil seirbheis àbhaisteach ann dhan phoball. Chan ann mar seo a tha cùisean sna Stàitean Aonaichte far a bheil e meadhananch saor a dhol bho New York gu LA le Amtrak, mar eisimpleir ach nan robh thu ag iarraidh a dhol bho Adelaide gu Perth no bho Adelaide gu Darwin, chosgadh e airgead gun chiall. Tha na prìsean air a’ Ghan bho Adelaide gu Darwin a’ tòiseachadh aig c£2,000 mar eisimpleir agus cosgaidh an Indian Pacific eadar Sydney is Peairt c£1,300 no c£900 eadar Adelaide is Peairt.. Mar sin, chan eil na trèanaichean astar fìor fhada farpaiseach le plèanaichean a thaobh prìs idir.  

Ach, ged nach eil seirbheisean eadar-chathrach math gu leòr aig an ìre seo, tha rathaidean-iarainn glèidhte uabhasach pailt san dùthaich. Agus eu-choltach ris na loidhnichean san RA far a bheil a’ mhòr chuid gu math goirid (eadar 1 is 10 mìle mar as trice), tha tòrr aca gu math fada – tha cuid aca còrr is 20 mìle a dh’fhaid agus ann an sgìrean le fìor dheagh sheallaidhean, tursan a chòrdas ri luchd-turais san fharsaingeachd agus chan ann a-mhàin le trainspotters.

Seo clàr le fiosrachadh mu na rathaidean-iarainn anns gach stàit/roinn ann an Astràlia.

Chan eil fhios agam am bi tìde no airgead gu leòr agam a-chaoidh airson a dhol a dh’Astràlia – ach tha e air an liosta-bhucaid agam co-dhiù!

Alasdair

p.s – seo beagan ceòl Astràlianach dhuibh! Bho Friday 13th – Part V, Pseudo Echo le His Eyes.


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

From mighty Okes….. Iomairtean rèile ann an Kernow agus Devon

Le alasdairmaccaluim

Dh’aithris mi bho chionn ghoirid air ath-fhosgladh rathad-iarainn Dartmoor bho Exeter gu Okehampton. Chaidh seo a mhaoineachadh tro phrògram “ath-thionndadh Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Ach gu h-eachdraidheil, chùm an loidhne a’ dol dhan iar-thuath gu Porthbud (Bude) anns a’ Chùirn agus gu deas gu Tivertson agus Plymouth ann an Devon.

Seo mapa de chùisean mar a tha iad a-nis:

Agus seo mapa le cùid de na molaidhean leudachaidh.

(Ainmean Còrnais an toiseach sa Chùirn, ainmean Beurla an toiseach ann an Sasainn_

Tha deagh sheansa gun tèid an loidhne gu Tiverton ath-fhosgladh sa mheadhan-ùine. Tha taic na comhairle ris agus tha iad an dùil airgead fhaighinn bho luchd-leasachaidh thaighean ùr air a shon. Cuideachd, chan eil loidhne ro fhada a bhios innte – dìreach 5.5 mìle.

Chosgadh e tòrr a bharrachd an loidhne bho Thiverton gu Okehampton ath-fhosgladh ach dh’fhaodte gum feumar fhosgladh a-rithist latha de na làithean mar thoradh air atharrachadh na gnàth-shìde.

Aig an àm seo, feumaidh trèanaichean eadar Exeter agus Plymouth a dhol air an Dawlish Wall, far a bheil an loidhne air balla an cois na cladaich. Chaidh a sgrìos ann an stoirm ann an 2014 agus thug e mìosan mòra ath thogail. A bharrachd air seo, ’s ann tric a bhios an loidhne dùinte nuair a tha a’ mhuir àrd. San fhad ùine ma tha, tha a h-uile coltas gum bi feum air loidhne Okehampton-Tiverton-Plymouth mar diversion oir tha fios gum bi a’ mhòr-loidhne dùinte nas trice san àm ri teachd.

A bharrachd air na loidhnichean seo ann an Sasainn, tha iomairt ann gus loidhne Okehampton ath-fhosgladh gu seann cheann na loidhne ann am Porthbud/Bude anns a’ Chòrn. ‘S e pròiseact mòr cosgail a bhiodh seo – rathad-iarainn de mu 20 mìle a dh’fhaide. Chosgadh seo na ceudan de mhìltean agus chan eil ach 10,000 duine a’ fuireach ann am Bude fhèin (agus 2,500 air an aon stèisean eile air an loidhne – Holsworthy) is mar sin, ‘s e “iarraidh mòr” a th’ ann mar a chanas iad.

Ach chan eil sin a’ cur dragh air Connect Bude, an iomairt airson ath-fhosgladh. Chan eil a’ Chòrn a Tuath air an lìonra rèile a tuath aig an àm seo agus bhiodh seo air leth feumail airson ceann a tuath na dùthcha san fharsaingeachd. Nam biodh Seanadh Còrnach ann – mar a tha tòrr dhaoine ag iarraidh, tha fios gum biodh seo àrd air an liosta de leasachaidhean bun-structar.

Nollaig Chridheil a h-uile duine!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Comataidh air rannsachadh a chur air bhog mu àrdachadh air ìre nam bhàsan a bharrachd

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh Ath-shlànachadh COVID-19 air rannsachadh a chur air bhog mun àrdachadh air an ìre de bhàsan a bharrachd (excess deaths) ann an Alba bho thoiseach a’ ghalair mhòir-sgaoilte. Tha fios a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba a’ leigeil fhaicinn gu bheil an ìre de bhàsan ann an Alba 11% seachad air a’ chuibheas … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh air rannsachadh a chur air bhog mu àrdachadh air ìre nam bhàsan a bharrachd

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Tha Loidhne Dartmoor air fosgladh – tha iomairt air tòiseachadh gus a leudachadh dhan Chòrn

Le alasdairmaccaluim

Dh’fhosgail rathad-iarainn ùr ann an Devon Disathairne sa chaidh.⁠⁠
⁠⁠
Seo “Rathad-iarainn Dartmoor” eadar Exeter agus Okehampton ann am Pàirce Nàiseanta Dartmoor. Loidhne a tha 14 mìle a dh’fhaid.⁠⁠
⁠⁠
Chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail bho chionn cha mhòr 50 bliadhna ach lean seirbheisean bathair gu na 2010an agus bha rathad-iarainn glèidhichte air pàirt den t-slighe cuideachd bho 1997 air adhart.

Bha a’ chomhairle ionadail agus ùghdarras na Pàirce Nàiseanta fada den bheachd gum bu chòir dhan loidhne ath-fhosgladh air adhbharan àrainneachdail agus eaconomach le cho dona ’s a tha an trafaig anns a’ Phàirce Nàiseanta agus mu dheireadh fhuair iad maoineachadh tro iomairt “Reversing Beeching” aig Riaghaltas na RA.

Chaidh an trac agus am bun-structar air fad ùrachadh agus tha an loidhne a cheart cho spaideil ‘s a bha i nuair a dh’fhosgail i an toiseach bho chionn 150 bliadhna.
⁠⁠
Bidh an stèisean ùr gu math goireasach ma tha thu air ùr thighinn a-mach à Broadmoor no ma tha thu a’ teicheadh bho Chù nam Baskerville! Bidh e feumail cuideachd ma tha thu dìreach a’ dol dhan Phàirc Nàiseanta – ach chan eil sin buileach cho inntinneach….
⁠⁠
Bha an loidhne seo mar phàirt de loidhne na b’ fhaide uair – a’ dol cho fada ri Bude air costa a tuath na Cùirne.

An t-seann loidhne eadar Okehampton agus Bude

Tha iomairt a’ dol air adhart gus an loidhne a thoirt air ais fad na slighe gu Bude leis a’ bhuidhinn Connect Bude. Gur math a thèid leotha.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week blog – Book – Leabhar

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is leabhar – book. This week is Books Week Scotland, … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week blog – Book – Leabhar

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Oh the humanity! Trèanaichean hàidhdreaidein (agus bataraidh) aig COP26 #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Bha tòrr a’ dol ann an Glaschu a thaobh còmhdhail sheasmhach an t-seachdain seo rè COP26.

Tha gu leòr air a bhith ag ràdh nach robh ann an COP ach cop agus nach deach gu leòr a dhèanamh. Nuair a sgrìobh mi seo bha sinn fhathast a’ feitheimh ris an aonta mu dheireadh.

Ach bha COP26 math air co-dhiù aon rud – a’ taisbeanadh còmhdhail sheasmach den t-seòrsa a bhios a dhìth oirnn san àm ri teachd.

Tha an Riaghaltas ag amas air lìonra rèile na h-Alba air fad a dhì-charbonachadh ro 2035. Nì iad seo tro bhith a’ cur uèirichean dealain an àirde airson a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann an Alba. Ach gus an tachair sin, agus airson nam beagan loidhnichean far nach biodh sin prataigeach (Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath, Loidhne a’  Chaoil is Loidhne na Gàidhealtachd an Iar), bithear a’ cleachdadh trèanaichean dealanach le bataraidhean agus trèanaichean hàidhdreaidein.

Clas 230 BEMU (‘Battery Electric Multiple Unit’), Crois mo Liubha, Glaschu

Bha an dà chuid trèana dhealanach agus trèana hàidhdeaidein gan taisbeanadh aig Stèisean a’ Mheadhain rè COP agus rinn iad tursan gach latha airson daoine aig COP26 airson sealltainn dhaibh mar a bha an teicneòlas ag obair.

Cha robh mi cudromach gu leòr gus cuireadh fhaighinn airson a dhol orra ach chaidh mi a-mach air safari rèile gus am faicinn.

Seo an trèana hàidhdeaidein “Hydroflex” air Cearcall Cathcart agus seo an trèana bataraidh (D-train – seann trèana tiùb Lunnainneach ’suas-chuairtichte’) ann an Crois mo Liubha.

Clas 799 (HMU – Hydrogen Multiple Unit)

Ann am meadhan a’  bhaile, bha tòrr bhusaichean dealanach rim faicinn, a’  gabhail a-steach busaichean shuttle gu COP26 agus am bus eadar na stèiseanan uile. Chaidh mi air a bhus eadar Stèisean a’ Mheadhain agus Stèisean Sràid na Banrighinn agus bha e samhach, luath is spaideil.

Tha e math adhartas fhaicinn. Thathar a’ dealanachadh loidhne Chille Bhrìde an Ear an-dràsta fhèin is tha an Riaghaltas dìreach air aontachadh loidhne Barrheid a dhealanachadh cuideachd. Agus tha busaichean dealanach air fàs gu math cumanta sa bhaile a-nis cuideachd. Thòisich busaichean dealanach aig First Bus gu Milton bho chionn cha mhòr dà bhliadhna agus sna beagan sheachdainean a dh’fhalbh tha iad air fàs tòrr nas cumanta le tòrr aca a-nis aig companaidh busaichean McGills ann an Glaschu is Schd Rinn Friù.

B’ fheàrr leam gun robh adhartas cho mòr is cho luath seo ga dhèanamh air a h-uile rud eile sa cho-labhairt!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico