Rathaidean-iarainn Arainn!

Le alasdairmaccaluim

Tha ùidh mhòr agam ann an rathaidean-iarann eileanach agus tha mi air sùil a thoirt air tramaichean ann an Eilean Bhòid agus air meanbh-rathaidean iarainn ann am Bòd agus Cumaradh. Cha robh leisgeul agam coimhead air Eilean Arainn gu ruige seo, ge-tà,  oir cha robh rathad-iarainn riamh ann.

Ach tha mi air làithean-saora ann an Traigh a’ Chaisteil agus lorg mi leabhar san taigh sa bheil mi a’ fuireach– the Arran Bus Book (1983) – a tha ag aithris air plana a bh’ ann uair gus rathad-iarainn a thogail ann an taobh a deas an eilein.

Mapa den mholadh airson rathad-iarainn ann an Arainn

Bha na molaidhean seo mar phàirt de dh’aithisg Phàrlamaideach Report of the Rural Transport (Scotland) Committee 1919. Chaidh seo a mholadh gus piseach a thoirt air eaconomaidh agus còmhdhail taobh a deas an eilein agus mar phàirt de dh’iomairt gus còmhdhail nas fheàrr a chur air dòigh eadar Àird Rosain, Arainn, Ceann Tìre agus Ìle.

Cha tàinig na planaichean gu buil mar ach tha e fìor inntinneach gun robhar fiù ’s a bruidhinn air an leithid.

Agus chuir seo uile nam chuimhne gun robh pròiseact ann uair gus Taigh-tasgaidh Còmhdhail fhosgladh ann an Cladach, ann an Arainn sna 80an. Chan eil mi cinnteach an do dh’fhosgail an taigh-tasgaidh riamh. Leugh mi gun deagh seann trèana subway à Glaschu a thoirt dhan eilean mar phàirt de seo ach gun deach fhàgail taobh a-muigh sabhal ann an Coire Ghoill (Corriegills) gus an do thuit e às a’ chèile. Cha d’ fhuair mi riamh greim air dealbh den charbad ann an Arainn gu mì-fhortanach.

Fear de na carbadan tusail aig Subway Ghlaschu (ann an seirbheis 1896-1977). Chaidh fear dhiubh gu Eilean Arainn a rèir coltais – saoil a bheil dealbh sam bith aig duine sam bith?

A rèir coltais, b’ e ùghdar an Arran Bus Book, fear Berni Mitchell-Luker, a bha air cùl nam planaichean gus taigh-tasgaidh a stèidheachadh san eilean. Rinn mi beagan rannsachadh air-loidhne agus lorg mi iomradh-bàs Mhgr Mitchell-Luker san Arran Banner (10/3/2018)

Bha seo ann:

B’ e seo an càr subway. Agus a rèir an aon artagail, ’s ann ann an Taigh nam Bàtaichean ann an Cladach a bha an Taigh-tasgaidh agus bha e ann goirid às dèidh dhan leabhar tighinn a-mach.

A bheil barrachd fiosrachaidh aig duine sam bith mun chàr subway ann an Arainn? Bhiodh e uamhasach math dealbh fhaicinn dheth!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico