Pàipear-ullachaidh air Bile nan Cànan Albannach air fhoillseachadh

Le Oifigear Gàidhlig

Chaidh am Pàipear-ullachaidh air Bile nan Cànan Albannach fhoillseachadh an-diugh le SPICe – Ionad Fiosrachaidh Pàrlamaid na h-Alba. Tha am pàipear ri fhaighinn ann am Beurla, Gàidhlig agus Scots. Seo an tionnadh Gàidhlig den phàipear. Bidh obair sgrùdaidh a’ tòiseachadh air a’ bhile a-màireach (Diciadain 1 Giblean). Chithear clàr na comataidh air loidhne. Alasdair MacCaluim … Leugh an corr de Pàipear-ullachaidh air Bile nan Cànan Albannach air fhoillseachadh

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Fios naidheachd: Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid a’ cur taic ri Bile Cìs nan Agragaidean

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh an Ionmhais is Rianachd Phoblaich (FPAC) aig Pàrlamaid na h-Alba air aontachadh ri prionnsapalan coitcheann Bile a chruthaicheas Cìs Agragaidean (Aggregates) Albannach (SAT) – cìs air cleachdadh malairteach de stuthan leithid creag is morghan a thathar a’ cleachdadh anns a’ ghnìomhachas togail. Bidh am Bile a’ lìbhrigeadh dreach tiomnaichte de chìs agragaidean na … Leugh an corr de Fios naidheachd: Comataidh an Ionmhais aig Taigh an Ròid a’ cur taic ri Bile Cìs nan Agragaidean

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Gairm fianais: Beachdan gan sireadh air Bile an Taigheadais

Le Oifigear Gàidhlig

Comataidhean Taigh an Ròid a’ cur Co-chomhairle air bhog còmhla air a’ Bhile Taigheadais ùr a tha a’ cuimseachadh air Dìth Dachaigh agus Còraichean Theanantan   Tha a’ Chomataidh Riaghaltas Ionadail, Taigheadais is Dealbhaidh agus a’ Chomataidh Ceartas Sòisealta agus Tèarainteachd Shòisealta aig Pàrlamaid na h-Alba air co-chomhairle phoblach ùr a chur air bhog còmhla an-diugh … Leugh an corr de Gairm fianais: Beachdan gan sireadh air Bile an Taigheadais

Powered by WPeMatico


Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Loidhne a’ Chinn a Tuath – Big Audio Dynamite na Gàidhealtachd!

Le alasdairmaccaluim

Tha mi gu math dèidheil air a’ chòmhlan roc Big Audio Dynamite a stèidhich Mick  Jones ann am meadhan nan 1980an às dèidh dha an Clash fhàgail. Ged a tha mi air leth dèidheil air a’ Chlash, bha mi ro òg a bhith ag èisteachd riutha fhad ’s a bha iad fhathast còmhla.

Ach nuair a bha mi nam dheugaire aig deireadh nan 1980an bha B.A.D còmhla agus a’ cur a-mach deagh cheòl. Bha na clàran singilte mòra agam – E=MC2 agus V13 agus C’ Mon every Beatbox. Cheannaich mi an treas LP aca Tighten Up Vol 88 nuair a thàinig e a-mach agus abair gur e clasaig a bh’ ann. Chòrd e rium mar a bhiodh iad a’ measgachadh diofar ghnèithean ciùil – reggae, punc is roc is eile le giotàr binn brèagha Mick Jones. B’ iad a’ chiad chòmhlan a chleachd sampailean cuideachd. Bhiodh iad a’ seinn mu rudan cudromach cuideachd – a’ moladh ioma-chultarachd is a’ cur an aghaidh gràin-cinnidh is mar sin air adhart. Agus sgrìobh Joe Strummer cuid de na h-òrain còmhla ri Mick – is  mar sin, ’s e òrain a’ Chlash a bh’ annta gu ìre!

B.A.D ann an 2011: clì-deas: Greg Roberts, Don Letts, Mick Jones, Leo E-zee Kill Williams, Dan Donovan

Ged is e meatailt, punc agus prog as motha a tha a’ còrdadh rium, tha mi air leth deidheil air Big Audio Dynamite agus fhuair mi cothrom am faicinn beò ann an 2011 nuair a thàinig iad air ais còmhla airson turas. B’ e an t-aon gearan a bh’ agam air ais sna 1980an gun robh an ceòl aca air a chlàradh ann an dòigh caran ro 1980s – ach ann an 2011 chluich iad a h-uile rud le giotàr trom agus bha an ceòl dìreach mar a bu choir dhaibh a bhith air a chlàradh sa chiad dol a-mach!

Ach ‘s e an rud mu Big Audio Dynamite gu bheil iad underrated. Chan eil gu leòr daoine air an cluinntinn no a’ tuigsinn dè cho cudromach ‘s a tha iad. Agus bho chunnaic mi beò iad ann an 2011, tha e air a bhith na mhisean dhomh daoine iompachadh gu ceòl B.A.D.

Seo iad a’ cluich Beyond the Pale ann an Glaschu – sàr òran mu ioma-chultarachd agus eilthireachd!

Bha mi ag èisteachd ri B.A.D air an turas agam air Loidhne a’ Chinn a Tuath bho chionn ghoirid agus smaoinich aig an àm gur bheil an loidhne agus an còmhlan gu math coltach ri chèile.

 Tha mi den bheachd gum bu choir a h-uile duine èisteachd ri Big Audio Dynamite co-dhiù aon turas nam beatha agus tha mi fada den bheachd cuideachd gum bu choir a h-uile duine an Alba a dhol air loidhne na Gàidhealtachd a Tuath co-dhiù aon turas nam beatha. Coltach ri B.A.D cuideachd, cha d’ fhuair an loidhne riamh an cliù air a bheil e airidh.

Tha a h-uile duine eòlach air Loidhne na Gàidhealtachd an Iar eadar Glaschu, an t-Òban, an Gearasdan is Malaig, loidhne a tha daonnan a’ buannachadh dhuaisean leis cho brèagha sa tha e le beanntan, lochan, mòinteach agus drochaid Harry Potter. Tha Loidhne a’ Chaol gu math ainmeil cuideachd. Ma chumas mi orm leis a’ mheatafor, is e an Clash a th’ anns an Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus stuth solo aig Joe Strummer a th’ ann an Loidhne a’ Chaoil!

Le Loidhne a’ Chinn a Tuath, ‘s e coimiutairean gu Inbhir Nis as motha a tha a’ cleachdadh taobh deas na loidhne, agus chan eil gu leòr daoine a’ cleachdadh taobh tuath na loidhne idir. Chan eil fhios aig a’ mhòr-chuid de luchd-turais gu bheil e fiù’ s ann agus ‘s e glè bheag de dh’Albannaich a tha air cluinntinn mun loidhne nas motha.

Georgemas – an ceann-rèile as fhaide a tuath ann an Alba – Inbhir Theòrsa gu tuath agus Inbhir Ùige dhan ear

Chithear an diofar eadar na trì loidhnichean mòra Gàidhealach bho fhigearan an luchd-cleachdaidh:

Stèisean Àireamh Luchd-siubhail (2022/23)
An t-Òban 186,000
An Gearasdan 146,000
Malaig 71,692
Caol Loch AIllse 46,634
Inbhir Theòrsa 31,446
Inbhir Ùige 14,924

Chanadh cuid gu bheil an loidhne a’ toirt ro fhada is gu bheil e a’ toirt nas fhaide na an rathad ma tha thu a’ dol fad na slighe gu Gallaibh, ach cha bhi sin a’ cur bacadh air daoine bho bhith a’ dol air loidhne na Gàidhealtachd an Iar far a bheil an aon rud fìor.

Tha an loidhne fada ceart gu leòr – 161 mìle agus 4.5 uairean a thìde eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige ach tha an turas eadar Glaschu is Malaig gu math fada cuideachd – 5 uair a thìde agus 162 mìle a dh’fhaid.

‘S e an fhìrinn a th’ ann gur e loidhne anabarrach brèagha a th’ innte agus gum biodh i air gach sanas TBh is catalog aig VisitScotland mur a robh loidhne na Gàidhealtachd an Iar againn mar-thà. Chanainn gu bheil i nas fheàrr na loidhne sam bith ann an Sasainn no sa Chuimrigh mar eisimpleir – ged a tha an Settle and Carlisle agus an Cambrian Coast aca.

Tha a h-uile rud aig Loidhne a’ Chinn a Tuath –  bailtean snoga ri taobh na mara, An Caol Catach, na Flobhaichean (the flow country) agus tòrr a bharrachd. Tha na seallaidhean gu math Gàidhealach ach caran eadar-dhealaichte ri taobh siar a Gàidhealtachd oir tha na beanntan agus na seallaidhean eile a chithear nas coltaiche ris a’ Chuimrigh no ri Èirinn. Tha a’ phàirt mu dheireadh den loidhne a-staigh dhan tìr agus air falbh bhon rathad agus tha na Flobhaichean dìreach air leth. Cho còmhnard, cho lom agus cho eadar-dhealaichte ri rathad-iarainn sam bith eile.

Agus nuair a ruigeas tu ceann na loidhne, tha Taigh Iain Ghròt, Rubha Dhunait (an t-àite as fhaide a tuath air tìr mòr na h-Alba), Arcaibh agus tòrr a bharrachd.

Ach na gabh ris an rud a thuirt mi – rach air loidhne a’ Chinn a Tuath! Agus èist ri B.A.D!

San dealachadh, ’s e rud eile mu B.A.D gu bheil iad a’ sìor bhrosnachadh ioma-chultarachd – a’ measgachadh ceòl Shasainn, Ameireagaidh agus Iameuga. Tha Gallaibh caran mar sin – a’ toirt còmhla cultar ioma-chànanach na Gàidhlig, na Lochlannais agus na Scots!

“Sodom and Gomorrah? This is Thurso governor!”

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Digital Fèis Re-run

Le Gordon Wells

DigFeisPosterThe second Digital Fèis for Aire air Sunnd is now scheduled for 11th and 12th August, taking the place of the May event which had to be postponed. Here’s the updated programme. Island Voices will be represented again, with new video playlists, and there will be additional Gaelic representation from the “Gaelic Crisis” writing team in the interdisciplinary forum on the Friday.


Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Dè na prìomh chùisean a tha mu choinneamh seirbheisean slàinte is cùram sòisealta na h-Alba?

Le Oifigear Gàidhlig

Thathar ag iarraidh air muinntir a’ phobaill fios a chur chun na Comataidh Slàinte, Cùram Sòisealta agus Spòrs  a mholadh cheistean agus chùisean a bu toil leotha a thogail le Rùnaire a’ Chaibineit airson Slàinte is Cùraim Shòisealta. Chaidh cuireadh a thoirt do Mhìcheal MacMhathain BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Ath-bheothachadh NHS, Slàinte agus Cùraim Shòisealta … Leugh an corr de Fios naidheachd: Dè na prìomh chùisean a tha mu choinneamh seirbheisean slàinte is cùram sòisealta na h-Alba?

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

35 bliadhna bho Earrann 28 – agallamh le Jim Whannel

Le Oifigear Gàidhlig

Bidh an Fhèis Phoileataigs a’ tòiseachadh ann an ùine nach bi fada. Mar phàirt den phrògram, bidh Jim Whannel, neach-foghlaim a tha dìreach air a dhreuchd a leigeil dheth mar Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, a’ gabhail pàirt ann am pannal beachdachaidh mun bhuaidh aig Earrann 28. Chuir sinn beagan cheistean air Jim mun … Leugh an corr de 35 bliadhna bho Earrann 28 – agallamh le Jim Whannel

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: Beachdan gan sìreadh air eadar-gluasad cothromach dhan Ear-thuath agus do Mhoireibh

Le Oifigear Gàidhlig

Tha comataidh aig Taigh an Ròid ag iarraidh air a’ phoball an cuid bheachdan a thoirt seachad air dè an coltas a bu chòir a bhith air eadar-gluasad cothromach dhan an Ear-thuath agus do Mhoireibh.  Tha Comataidh Eaconamaidh agus Obair Chothromach Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh bheachdan a chluinntinn bho air feadh na sgìre gus an taic … Leugh an corr de Fios naidheachd: Beachdan gan sìreadh air eadar-gluasad cothromach dhan Ear-thuath agus do Mhoireibh

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Ath-bheothachadh nan Rathaidean-iarainn air faire an Èirinn?

Le alasdairmaccaluim

Chaidh sgrìobhainn gu math cudromach fhoillseachadh an-diugh: Lèirmheas Ro-innleachdail Uile-Èirinn airson Rathaidean-iarainn.

Chaidh seo a sgrìobhadh mar thoradh air aonta ann an 2021 eadar Riaghaltasan Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath gus coimhead air rathaidean-iariann air feadh na dùthcha.

Stèisean Mòr-Shràid Bhictoria. Beul Feirste

Carson a bha feum air lèirmheas mar seo?

Ma choimheadas tu air mapa den lìonra rèile ann an Èirinn, chì thu carson. Seo 1920 an taca ri 2020. Chaidh tòrr rathaidean-iarainn a dhùnadh, a’ fàgail suideachadh far a bheil beàrnan mòra air a’ mhapa.

Tha an suidheachadh gu sònraichte dona ann an Èirinn a Tuath agus sa phoblachd faisg air na crìochan. Rinn dealachadh na h-Èireann ann an 1921 cron mòr air na loidhnichean a bha a’ dol tarsaing air a’ chrìch. Agus a bharrachd air seo, taobh a-staigh Èirinn a Tuath, cha robh an riaghaltas idir taiceil do rathaidean-iarainn co-dhiù agus dhùin iad a’ mhòr-chuid de na loidhnichean aca.

Ann an taobh deas na poblachd cuideachd, tha cha mhòr a h-uile loidhne a’ dol gu Baile Atha Cliath gun cheanglaichean gu leòr eadar bailtean eile air a’ chosta an iar.

Agus chan eil mòran trèanaichean dealanach ann nas motha – dìreach siostam DART ann am mòr-sgìre BAC. Chan eil na trèanaichean eadar-cathrach dealanach agus chan eil trèanaichean dealanach sam bith ann an Èirinn a Tuath. Chan eil ceanglaichean matha ann leis na puirt-adhair nas motha.

Tha an dà riaghaltas ag obair còmhla air an Enterprise – an trèana eadar Beal Feirste agus BÀC ach tha na trèanaichean sean is slaodach agus chan eil iad ro luath – no ro thric. Mar thoradh air seo, tha na h-àireamhan a tha a’ cleachdadh na seirbheis air a bhith a’ sìor chrionadh.

Seo mapa de na molaidhean a th’ anns an Lèirmheas ro-innleachdail.

Tha tòrr leasachaidhean air am moladh airson Uladh – an dà chuid ann an Èirinn a Tuath agus sa Phoblachd – bhiodh ceangal rèile aig Tìr Chonaill aon uair eile cho math ris an Omaigh, An Srath Bàn, Dún Geanainn, Àrd Mhacha, Muineachán is eile. (Chan eilear a’ moladh rathad-iarainn gu Fear Manach gu mi-fhortanach….)

Bhiodh ceanglaichean nas fheàrr eadar tuath agus deas air taobh an iar na dùthcha cuideachd.

Agus thathar a’ moladh stèiseanan aig Port Adhair na Sionainne, Bheul Feirste agus Bhaile Atha Cliath.

Chosgadh seo uile còrr is £30 billean ach is fhiach a h-uile sgillinn nam bheachd!

Ach mus dèanar adhartas leis a’ phlana lèirsinneach, ro-chudromach, feumar Seanadh agus Riaghaltas Èirinn a Tuath ath-steidheachadh.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Comataidh a’ sireadh bheachdan air cùram-slàinte ann an sgìrean dùthail is iomallach

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Comataidh Slàinte, Cùraim Shòisealta agus Spòrs a’ feuchainn ri faighinn a-mach dè na prìomh cheistean a tha mu choinneamh sheirbheisean cùraim-shlàinte ann an sgìrean iomallach agus dùthchail na h-Alba. Tha a’ Chomataidh airson cluinntinn bhon phoball agus bho luchd-obrach mu na dh’fhiosraich iad de sheirbheisean cùraim-shlàinte iomallach agus dùthchail. Tha iad airson tuigsinn dè … Leugh an corr de Comataidh a’ sireadh bheachdan air cùram-slàinte ann an sgìrean dùthail is iomallach

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico