Oh the humanity! Trèanaichean hàidhdreaidein (agus bataraidh) aig COP26 #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Bha tòrr a’ dol ann an Glaschu a thaobh còmhdhail sheasmhach an t-seachdain seo rè COP26.

Tha gu leòr air a bhith ag ràdh nach robh ann an COP ach cop agus nach deach gu leòr a dhèanamh. Nuair a sgrìobh mi seo bha sinn fhathast a’ feitheimh ris an aonta mu dheireadh.

Ach bha COP26 math air co-dhiù aon rud – a’ taisbeanadh còmhdhail sheasmach den t-seòrsa a bhios a dhìth oirnn san àm ri teachd.

Tha an Riaghaltas ag amas air lìonra rèile na h-Alba air fad a dhì-charbonachadh ro 2035. Nì iad seo tro bhith a’ cur uèirichean dealain an àirde airson a’ mhòr-chuid de na loidhnichean ann an Alba. Ach gus an tachair sin, agus airson nam beagan loidhnichean far nach biodh sin prataigeach (Loidhne na Gàidhealtachd a Tuath, Loidhne a’  Chaoil is Loidhne na Gàidhealtachd an Iar), bithear a’ cleachdadh trèanaichean dealanach le bataraidhean agus trèanaichean hàidhdreaidein.

Clas 230 BEMU (‘Battery Electric Multiple Unit’), Crois mo Liubha, Glaschu

Bha an dà chuid trèana dhealanach agus trèana hàidhdeaidein gan taisbeanadh aig Stèisean a’ Mheadhain rè COP agus rinn iad tursan gach latha airson daoine aig COP26 airson sealltainn dhaibh mar a bha an teicneòlas ag obair.

Cha robh mi cudromach gu leòr gus cuireadh fhaighinn airson a dhol orra ach chaidh mi a-mach air safari rèile gus am faicinn.

Seo an trèana hàidhdeaidein “Hydroflex” air Cearcall Cathcart agus seo an trèana bataraidh (D-train – seann trèana tiùb Lunnainneach ’suas-chuairtichte’) ann an Crois mo Liubha.

Clas 799 (HMU – Hydrogen Multiple Unit)

Ann am meadhan a’  bhaile, bha tòrr bhusaichean dealanach rim faicinn, a’  gabhail a-steach busaichean shuttle gu COP26 agus am bus eadar na stèiseanan uile. Chaidh mi air a bhus eadar Stèisean a’ Mheadhain agus Stèisean Sràid na Banrighinn agus bha e samhach, luath is spaideil.

Tha e math adhartas fhaicinn. Thathar a’ dealanachadh loidhne Chille Bhrìde an Ear an-dràsta fhèin is tha an Riaghaltas dìreach air aontachadh loidhne Barrheid a dhealanachadh cuideachd. Agus tha busaichean dealanach air fàs gu math cumanta sa bhaile a-nis cuideachd. Thòisich busaichean dealanach aig First Bus gu Milton bho chionn cha mhòr dà bhliadhna agus sna beagan sheachdainean a dh’fhalbh tha iad air fàs tòrr nas cumanta le tòrr aca a-nis aig companaidh busaichean McGills ann an Glaschu is Schd Rinn Friù.

B’ fheàrr leam gun robh adhartas cho mòr is cho luath seo ga dhèanamh air a h-uile rud eile sa cho-labhairt!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week – Cothrom na Fèinne – a fair chance

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is Cothrom na Fèinne – a fair chance or fair … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week – Cothrom na Fèinne – a fair chance

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Change the world through Gaelic! Session for Gaelic learners 12/11/2021

Le Oifigear Gàidhlig

Are you learning Gaelic or interested in Gaelic? Would you like to make your voice heard in the Scottish Parliament? If so, why not come along to our session being held as part of Seachdain na Gàidhlig – Edinburgh’s Gaelic Festival which is taking place on November 12th from 2:00 pm – 3:30 pm The session aims … Leugh an corr de Change the world through Gaelic! Session for Gaelic learners 12/11/2021

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Atharraich an Saoghal tro mheadhan na Gàidhlig! Tachartas 12/11/2021

Le Oifigear Gàidhlig

A bheil thu airson an saoghal atharrachadh tro mheadhan na Gàidhlig? Bidh sinn a’ cumail seisean a sheallas dhut mar a nì thu sin mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig 2021 – Fèis Ghàidhlig Dhùn Èideann – nas fhaide air adhart an t-seachdain seo. Seallaidh an seisean seo mar as urrainn dhut do ghuth a … Leugh an corr de Atharraich an Saoghal tro mheadhan na Gàidhlig! Tachartas 12/11/2021

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Làraidhean-tràilidh a’ tighinn?

Le alasdairmaccaluim

Bidh fios aig daoine a tha a’ leughadh a’ bhloga seo gu tric gu bheil mi uamhasach deidheil air busaichean-tràilidh (trolleybuses).

 ’S e a th’ ann am bus-tràilidh ach bus dealanach a tha a’ ruith air dealain bho uèirean. B’ àbhaist dhaibh a bhith gu math cumanta san RA, a’ gabhail a-staigh siostaman ann an Glaschu, Caerdydd, Beal Feirste, Lunnainn agus tòrr shiostaman ann am meadhan agus thaobh a tuath Shasainn.

Ged nach eil siostam sam bith air fhàgail an seo a-nis, tha iad fhathast gu math cumanta ann am meadhan agus taobh an ear na h-Eòrpa.

Bus-tràilidh Ghlaschu, Sandtoft

Tha busaichean-tràilidh nas uine na busaichean dealanach àbhaisteach oir chan fheum iad bataraidhean troma.

Ach dè th’ ann an làraichean-tràilidh?

Anns a’ Ghearmailt, tha deuchainn a’ dol air adhart air làraidhean-tràilidh. ’S e a th’ annta ach làraidhean a tha a’ ruith air uèirean os cionn nan rathaidean-mòra. Is urrainn dhaibh ruith air an dealan agus bataraidhean a teàirrdseadh cuideachd.

Seo bhideo a rinn an YouTubaiche Tom Scott mun chuspair.

Tha mi an dòchas gun obraich an deuchainn seo agus gum faic sinn làraichean dealanach den t-seòrsa seo – agus gu dearbha busaichean-tràilidh an seo ann na Alba ann an ùine nach bi fada.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week – Net Zero – Cothromachadh Carboin

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we publish the text of our Gaelic Word of the Week podcast here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is Cothromachadh Carboin – net zero. At the moment the … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week – Net Zero – Cothromachadh Carboin

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

COP 26 – na bu toil leam fhaicinn

Le alasdairmaccaluim

Tha tòrr dhaoine air a bhith ag ràdh air na meadhanan sòisealta na bu toil leotha fhaicinn bho ChOP26. Seo na beachdan agam air na ceuman còmhdhail a bu toil leam fhaicinn.

Sa bhad:

  • Stad air togail rathaidean ùra
  • Casg air tursan-adhair taobh a-staigh na RA (ach a-mhàin do sgìrean dùthchail far a bheil feum air a leithid – m.e Eileanan na h-Alba, na h-Eileanan Scilly)
  • Còmhdhail ceangailte – siostam coltach ri Oyster do mhòr-sgìre Ghlaschu/meadhan na h-Alba air fad no is dòcha do dh’Alba air fad. Siostam le cosgaisean nas ìsle, cap laitheil is seachdaineil air na chosgas tu, agus seo a’ gabhail a-steach companaidh bus/rèile/subway/trama/aithisg ann.
  • Ath-leasachadh air fàraidhean airson tursan rèile fada gus am bi iad nas fhasa a thugsinn agus nas saoire
  • Stad air taic stàite sam bith do charbadan rathaid fèin-obrachail (autonomous vehicles) agus airgead a chur ri tramaichean, trèanaichean, busaichean agus teicneòlasan eile a tha air an dearbhadh mar-thà.
Bruach Thuaidh air loidhne nan Crìochan – tha an t-àm ann airson tòrr ath-fhosglaidhean eile!

Sa mheanan-ùine:

  • Casg air bhanaichean lìbhrigidh diosail agus bhanaichean dealanach nan àite
  • Prògram fosglaidhean/ath-fhosglaidhean rathaidean-iarainn gus beàrnan san lìonra rèile nàiseanta a lìonadh (Cill Rìmhinn, Waverley Route gu Carlisle, Ceangail Reile Port-adhairt Ghlaschu, Ceann Phàdraig agu Baile nam Frisealach) agus gus daoine fhaighinn às na càraichean aca
  • A’ dèanamh siostam meatro do mhòr-sgìre Ghlaschu coltach ris an London Overground a’ cleachdadh nan loidhnichean a th’ ann mar-thà le trac dùbhailte air gach meur-loidhne san sgìre agus *co-dhiù* 4 trèana gach uair air gach loidhne gus nach bi feum aig daoine air clàr-ama.
  • Busaichean a bhith air an riaghaladh gu teann leis an roinn phoblaich (mar a tha iad ann an Lunnainn) no leis an roinn phoblaich (mar a tha iad ann an Dùn Èideann/Èirinn a Tuath) gus an gabh an ceangal ri dòighean siubhail eile agus gum bi iad air an ruith airson maith a’ phobaill is na h-àrainneachd seach airson prothaid.
  •  Siostam thràmaichean do Ghlaschu agus leudachadh mòr air siostam Dhùn Èideann

Dè bu toil leat fhèin fhaicinn?

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Gwyliwch rhag y bwlch – Tiùb Lunnainn a’ ruigsinn na Cuimrigh mu dheireadh thall!

Le alasdairmaccaluim

Fad iomadh bliadhna, bha luchd-iomairt na rèile anns a’ Chuimrigh mì-thoilichte nach robh trèana dhealanach sam bith san dùthaich. Tha seo a-nis air atharrachadh le loidhne costa a deas na Cuimrigh a-nis air a dhealanachadh bho Chaerdydd chun na crìch le Sasainn agus le planaichean mòra gus na loidhnichean sna glinn a dhealanachadh cuideachd.

Agus mur a robh sin uile math gu leòr, tha an London Underground gu bhith a’ ruigsinn Sir Gaerfyrddin/Siorrachd Carmarthen a dh’aigthhearr. Seadh, Siorrachd Carmarthen!

Chan eil Transport for London gu bhith a’ leudachadh an Northern Line dhan Chuimrigh no dad mar sin, ach tha e coltach gum bi cothrom aig daoine a dhol air trèana tiùb an sin co-dhiù ann an ùine nach bi ro fhada.

Bidh fios aig leughadairean a’ bhloga seo gu bheil mi gu math deidheil air London Transport 1938 stock. Às dèidh beatha-obrach fada ann an Lunnainn, bha dàrna beatha aca ann an Eilean Wight eadar 1989 agus 2021.

Trèana 1938 Stock (BR Clas 483, Sandown, Isle of Wight)

Nuair a chaidh na trèanaichean a-mach à seirbheis às dèidh 80 bliadhna de sheirbheis na bu thràithe am-bliadhna, chaidh a mhòr-chuid aca a ghleidheadh agus tha dà sheata gu bhith a’ dol gu Rathad-iarainn Llanelli agus Mynydd Mawr. Tha iad gu bhith air an sgeadachadh agus tha dùil aig an loidhne a bhith gan ruith a’ cleachdadh cumhachd bho bhataraidhean.

’S e loidhne ghlèidhte gu math ùr is gu math lèirsinneach a th’ anns an Llanelli is Mynydd Mawr agus feumaidh mi a dhol ann latha de na làithean!

Agus chan ann a-mhàin anns a’ cheann a deas a bhios trèanaichean tiùb a’ dol – tha trèanaichean tiùb suas-chuairtiche (upcycled) gu bhith a’ ruith air an loidhne eadar Wrecsam agus Bidston cuideachd. Chaidh na ceudan de thrèanaichean D-stock bhon District Line a cheannach agus a sgeadachadh leis a’ chompanaidh VivaRail airson cleachdadh air an lìonra nàiseanta – dòigh shaor, uaine gus barrachd trèanaichean fhaighinn.

D-tràin (Seann D-stock bhon Undergound) air deuchainn, Bo’ness

Tha na trèanichean  rim faighinn ann an cruth diosail, dealanach no hybrid agus tha an fheadhainn sa Chuimrigh gu bhith hybrid. Bidh feadhann dealanach a’ ruith nan seirbheisean rèile ùra ann an Eilean Wight bhon ath-mhìos cuideachd.

Mar sin, an ath thuras a bhios tu sa Chuimrigh:

Thoir an aire gan bheàrn!  Gwyliwch rhag y bwlch!

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Beachdan gan sìreadh air àitichean-fuirich air mhàl fad ùine ghoirid

Le Oifigear Gàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse do Chomataidh Riaghaltais Ionadail, Taigheadais agus Dealbhaidh na Pàrlamaid gum bi e a’ cur dhreachd-laghan fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba a bheir air ùghdarrasan ionadail siostam-ceadachaidh a thoirt a-steach airson àiteachan-fuirich air mhàl san ùine ghoirid (Air BnB agus a leithid). Tha do bheachdan cudromach Tha a’ Chomataidh ag … Leugh an corr de Beachdan gan sìreadh air àitichean-fuirich air mhàl fad ùine ghoirid

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Turas air an Tam O’ Shanter Express #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Nuair a thòisich mi am bloga seo bho choinn fhada air an t-saoghal, b’ e an t-amas a bh’ agam a dhol air gach rathad-iarainn ann an Alba – beag is mòr.

Nis, tha e meadhanach furasta a dhol air gach rathad-iarainn mòr (ma tha an tìde agad) ach chan eil e idir cho furasta a dhol air gach rathad-iarainn beag. Bidh meanbh-rathaidean-iarainn (miniature railways) a’ tighinn is a’ falbh meadhanach tric agus tha e gu math doirbh fios fhaighinn mu na làithean is uairean fosglaidh aca cuideachd.

Bha mi air beagan meanbh-rathaidean-iarainn nach eil ann tuilleadh, mar eisimpleir Kerr’s Miniature Railway ann an Obar Bhrothaig agus Rathad-iarainn Mhuile ach tha gu leòr ann a tha gu math ùr cuideachd.

Dh’fhosgail trì loidhnichean ùra sa bhliadhna no dhà mu dheireadh. Air a’ Ghàidhealtachd, tha loidhne ùr ann am Baile nan Granndach ann an seann Stèisean Bhaile nan Granndach an Ear. Cha robh cothrom agam a dhol air fhathast, ach tha e air an liosta!

Seo bhidio a lorg mi den loidhne ge-tà:

Ann an Siorrachd Lannraig, tha loidhne ùr ann an Clyde Valley Family Park ann an Crossford. ’S e pàirc do theaghlaichean a tha seo le go-carts is àiteachan cluich is beathaichean is eile. Mus do dh’fhosgail a’ phàirc seo ann an 2019 no mar sin, b’ àbhaist dhan Valley International Park a bhith ann – làrach le bùitean beaga agus soft play is eile aig an robh rathad-iarainn. Dhùin a’ phàirc – agus an loidhne – mu 10 bliadhna air ais. Bha an loidhne ann an cruth “dumb bell” – loidhne dhìreach agus lùb tionndaidh aig gach ceann. Anns a’ phàirc ùr, chaidh cuid de làrach na loidhne a chumail ach a-nis ’s e cearcall a th’ ann. Rud eile a tha inntinneach, ‘s e gur e trèana bataraidh a th’ ann seach trèana diosail.

Mar a bha:

Mar a tha:

Agus ann an Siorrachd Air, dh’fhosgail loidhne bheag ùr anns an Heads of Ayr farm Park is mar sin, chaidh mi ann leis na nighnean agam gus sùil a thoirt oirre.

’S e pàirc do theaghlaichean a th’ ann le dreallagan is trampoilinichean agus bàtaichean is beathaichean gu leòr bho chaoraich is gobhairean gu emu-than agus càmhalan. Tha an rathad-iarainn ann an cruth lùb le stèisean mòr, drochaid agus bogsa-siognail. Coltach ri loidhne Clyde Valley Family Park, tha an loco dealanach seach diosail.

‘S e an Tam O’Shanter express an t-ainm a th’ air an trèana agus ged nach fhacas Auld Nick no Mons Meg no duine sam bith eile bhon dàn, ’s e turas snog a bh’ ann!

An Tam O’ Shanter Express
Drochaid Ghleann Fhionghain na Galldachd?

Agus tha mi dìreach air ionnsachadh gu bheil loidhne ùr gu bhith a’ fosgladh ann an Ayton sna Crìochan ann an ùine nach bi fada cuideachd. Tha sin a’ dol air an liosta cuideachd.

Is math gu bheil an uiread de loidhnichean beaga ùra ann.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico