Bidh Glaschu coltach ri seo an ceann 10 bliadhna! Turas dhan Chuimrigh 1

Le alasdairmaccaluim

Mar as trice, chan e ruith ach leum dhomh a dhol dhan Chuimrigh ach an turas seo, bha mi a’ dol gu Caerdydd air adhbhar gu math brònach.

Chaochail Adey Neilly, sàr einnseineir sòlais (lighting engineer), agus bràthair mo dheagh chàraid is co-obraiche Mark Mac an Fhìlidh bho chionn ghoirid aig aois fada ro òg agus bha mi air an t-slighe gu Tìr nam Beann, nan Gleann is nan Gaisgeach (eile!) airson cuirm comharrachaidh dha.

Ach bha beagan tìde gu bhith saor agam san dàrna dùthaich as fheàrr leam agus shaoil mi gum biodh e math beagan trèanachais a dhèanamh fhad ’s a bha mi ann. Bha an tachartas air an Dòmhnaich agus dh’fhaodainn a bhith air a dhol ann air an latha fhèin, agus dhachaigh tràth an ath latha, ach leis an fhìrinn innse, tha na rathaidean-iarainn cho mì-earbsach aig an àm seo is gun deach mi ann tràth an latha roimhe is gun deach mi dhachaigh aig meadhan latha an ath latha dìreach airson a bhith cinnteach!

Agus gu dearbha, bha mi glic – ged a bha na trèanaichean agam uile a’ ruith is air an uair, bha gu leòr ann nach robh is a chaidh a chur dheth buileach glan. Gu dearbha, chaill cuideigin an cuirm-cuimhneachaidh fhèin a chionn ’s gun robh na trèanaichean uile dheth air an loidhne aige.

Nis, thòisich mi am bloga seo gus a h-uile rathad-iarainn ann an Alba a dhèanamh, ach às dèidh dhomh sin a dhèanamh, chuir mi romham gun robh mi airson a h-uile rathad-iarainn anns a’ Chuimrigh a dhèanamh cuideachd. Ged a rinn mi iomadh loidhne sa cheann a tuath – agus Loidhne nan Crìochan eadar taobh agus deas na dùthcha, cha d’ rinn mi mòran de na loidhnichean sna glinn.

Seo na loidhnichean a rinn mi sa Chuimrigh gu ruige seo.

Tha tòrr loidhnichean anns na glinn agus mòr-sgìre Caerdydd (Cardiff)/Casnewydd (Newport) mar a chithear sa mhapa gu h-ìosal – sgirean far a bheil sluagh mòr a’ fuireach. Chaidh tòrr dhiubh ath-fhosgladh às dèidh Beeching – loidhne Aberdare ann an 1988, Maesteg ann an 1992, Loidhne Vale of Glamorgan ann an 2005, loidhne Ebbw Vale ann an 2008 agus chaidh stèiseanan a chur air loidhne bathair Cardiff City airson a’ chiad turas riamh ann an 1987.

Bha mi air cuid de na loidhnichean mar-thà – Cardiff City, Coryton, Cardiff Bay, Penarth, Barry Island agus Vale of Glamorgan ach bha gu leòr ann nach d’ rinn mi.

Cho-dhùin mi gun robh mi a dhol a dhol air an loidhne ùr eadar Casnewydd agus loidhne Ebbw Vale an tòiseach. Ged is e Casnewydd am baile mòr as fhaisg air a’ ghleann, cha robh e practaigeach a dhol ann air an trèana roimhe oir bha na trèanaichean uile a’ dol gu Caerdydd agus a’ seachnadh Casnewydd buileach glan. Bho chionn ghiorid, chaidh seo a chur ceart le ath-fhosgladh na loidhne eadar Casnewdd agus loidhe Ebbw Vale.

Chithear an loidhne ùr ann an uaine gu h-ìosal.

Mar sin, an àite a bhith a’ dol fad na slighe gu Caerdydd, chaidh mi far na trèana ann an Casnewydd – agus is math sin, oir bha an trèana loma-làn de dhaoine às Y Fenni (Abergavenny) air an robh deoch mhòr a bha a’ dol a-mach airson splaoid mhòr na Nollaig! (Agus a bha air tòiseachadh air an deoch mar-thà, saoilidh mi!)

B’ e am plana agam a dhol gu Ebbw Vale air an trèana agus an uair sin, a’ dol air a’ bhus air rathad ceann nan gleann gu Rhymni agus an trèana a ghlacadh eadar sin agus Caerdydd.

Cha robh sgeul air an trèana agam ge-tà! Agus gu dearbha, fhuair mi a-mach gun robh na trèanaichean eadar Casnewydd agus loidhne Ebbw Vale uile dheth fad an latha. Mar sin, bha plana ùr a dhìth. Cho-dhùin mi gun robh mi a’ dol a dhol gu Maesteg, ann an sgìre Bridgend/Pen-y-Bont. Mar sin, chan b’ e ruith ach leum dhomh an ath-thrèana fhaighinn gu Maestag taobh Caerdydd Canalog – Cardiff Central.

Soidhne sgoinneil ann an Casnewydd!

Nis, tha trèanaichean Maesteg caran neònach. Ged is e meur-loidhne shuburbach a th’ ann, a tha na loidhne shingilte airson tòrr den t-slighe, tha na trèanaichean uile nan seirbheisean eadar-chatharach a tha a’ dol fad na slighe bho Mhaesteg gu Cheltenham Spa. Ann an dòigh tha e coltach ri trèanaichean bho Mhanchester a bhith a’ tighinn gu crìch ann an Cille Bhrìghde an Ear no trèanaichean bhon Chaisteal Nuadh a’ crìochnachadh ann an Springburn! Saoilidh mi gum bi sin a’ tachairt seach ’s gur e “stèiseanan dhol troimhe” (through stations) seach termini a th’ anns na stèiseanan mòra ann an Caerdydd – (’s e Queen Street agus Central a th’ orra coltach ri Glaschu) – agus nach eil rùm gu lèor ann airson mòran thrèanaichean a bhith a’ stad ann airson tionndadh air ais.

Bha loidhne Maesteg sgoinneil – bha e fìor mhath a bhith a’ sreap air loidhne rud beag cas gu ceann a’ ghlinne agus a’ faicinn nam beann agus nan taighean uile.

Stèisean Maesteg

Air an t-slighe air ais, mhothaich mi ceann-rèile Tondu. ‘S ann às a seo a biodh an loidhne a’ dol gu Pontycymer. Tha an loidhne dùinte aig an àm seo ach thathar ga h-ath fhosgladh ceum air cheum mar rathad-iarainn glèidhte – Garw Valley Railway – Rheilffordd Cwm Garw – agus bu toil leam a dhol ann latha de na làithean.

An uair sin, chaidh mi air ais gu Caerdydd agus air loidhne Ebbw Vale. Bha mi air mo dhòigh glan a bhith a’ dol ann oir bha ùidh riamh agam ann an Ebbw Vale mar thoradh air …. yoghurt, seadh, yoghurt! Nuair a bha mi beag, cha robh mi deònach mòran ithe ach a-mhàin yoghurt teoclaid, rud a bhiodh a’ cur mo phàrantan droil.

B’ e Ebbw Vale an t-ainm air a’ chompanaidh yoghurt agus bha mi a’ smaoineachadh gur e àite sgoinneil, draoidheil, sònraichte a bhiodh ann. Uill, sin na shaoil mi co-dhiù – fhuair mi a-mach nuair a bha mi a’ rannsachadh na cùis gur e Eden Vale an t-ainm a bh’ air is nach robh ceangal sam bith ann ris a’ Chuimrigh. Ach bi mi measail air Ebbw Vale gu brath siorraidh tuilleadh, yoghurt ann no às!

Ged nach fhaca mi yoghurt sam bith – seoclaid no eile – bha an turas sgoinneil agus ged a bha e a’ fàs dorcha nuair a ruig mi am baile, fhuair mi dealbh no dhà mus deach mi gu deas a-rithist.

Clas 170, Tref Glyn Ebwy
Stèisean Ebbw Vale ann an ciaradh an fheasgair

Nuair a ràining mi Caerdydd, bha e air fàs dorcha agus rinn mi air an taigh-òsta agam. Bha am baile a’ cur thairis le daoine a bha a-muigh airson deochag na Nollaig ach bha mi toilichte a dhol dhan leabaidh tràth le leabhar mu sheanadh na Cuimrigh!

Nuair a bhios mi sa Chuimrigh, bi farmad cànain daonnan orm gu bheil Cuimris sa h-uile àite, bho na clàran-fiosrachaidh sna stèiseanan gu soidhnichean rathaid gu clàran-bìdh. B’ àbhaist dhomh a bhith brònach mu dheidhinn seo – ach a-nis, bidh mi dìreach a’ smaoineachadh “bidh Glaschu coltach ri seo ann an 10 bliadhna.” Agus bidh!

“Great Western Railway” – Caerdydd Canalog – prìomh stèisean na Cuimrigh

Ri leanntainn…

Alasdair

Air m’ fòn: Hawkwind, Levitation1980, 10/10 (Chunnaic mo charaid Mark cluicheadair-giotàr Hawkwind beò ann an Ebbw Vale nuair a bha e na dheugaire agus thug sin orm èisteachd ris a’ chlàr sgoinneil seo airson a’ chiad turas ann am bliadhnaichean!).

A’ leughadh: Wales Says Yes: Devolution and the 2011 Welsh Referendum; Richard Wyn Jones.


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

An do chaill thu an deasbad air #Gàidhlig is #Scots an-dè?

Le Oifigear Gàidhlig

Chaidh deasbad aig Riaghaltas na h-Alba a chumail an-dè mun Ghàidhlig agus mun Scots san àm ri teachd. Mur a robh thu ann an-dè, faodaidh tu an deasbad air fad a leughadh ann an Aithisg Oifigeil na Pàrlamaid. Seo an gluasad a chaidh aontachadh aig deireadh an deasbaid. Faodar coimhead air bhidio na Pàrlamaid air … Leugh an corr de An do chaill thu an deasbad air #Gàidhlig is #Scots an-dè?

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Deasbad mun Ghàidhlig is mun Scots san àm ri teachd

Le Oifigear Gàidhlig

Thèid deasbad Riaghaltais a chumail sa Phàrlamaid an-diugh (Dimàirt 15 Samhain) mu Ghàidhlig agus Scots san àm ri teachd. ‘S e seo an gluasad: Chithear an gluasad agus na h-atharrachaidhean a chaidh a mholadh air làrach-lìn na Pàrlamaid. Tòisichidh an deasbad san t-Seòmar aig 2:25f. Faodar coimhead beò (agus às dèidh làimh) air Scottish Parliament … Leugh an corr de Deasbad mun Ghàidhlig is mun Scots san àm ri teachd

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Gaelic word of the Week blog – Mun Cuairt mun cuairt! #gaidhlig

Le Oifigear Gàidhlig

Each week we record our Gaelic Word of the Week podcast and post the text here with added facts, figures and photos for Gaelic learners who want to learn a little about the language and about the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. This week our word is – Mun cuairt mun cuairt! If you are … Leugh an corr de Gaelic word of the Week blog – Mun Cuairt mun cuairt! #gaidhlig

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Fios naidheachd: ‘Lèirsgrios’ ionmhasail a’ bagairt air roinn chultarail na h-Alba #gàidhlig #cleachdi

Le Oifigear Gàidhlig

Tha ‘lèirsgrios’ ionmhasail a’ bagairt air roinn chultarail na h-Alba. Seo an rabhadh bho Chomataidh Bun-reachd, Roinn Eòrpa, Cùisean Taobh a-muigh agus Cultair Pàrlamaid na h-Alba. Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ Chomataidh a’ coimhead air thoiseach gu buidseat 2023-24 Riaghaltas na h-Alba agus a’ bhuaidh a bhios aig co-dhùnaidhean buidseit air … Leugh an corr de Fios naidheachd: ‘Lèirsgrios’ ionmhasail a’ bagairt air roinn chultarail na h-Alba #gàidhlig #cleachdi

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

London’s Burning (with boredom now) – turas Lunnainn 2!

Le alasdairmaccaluim

Dh’aithris mi bho chionn ghoirid gu bheil mi air dùbhlan a chur romham – sin a bhith a’ dol dhan a h-uile terminus rèile ann an Lunnainn ann an aon latha – a’ cleachadadh an lìonra rèile nàiseanta (agus mo chasan) a-mhàin.

Tha mi air an clàr agam atharrachadh às dèidh dhomh deagh chomhairle fhaighinn bho anaragan rèile eile.  An àite a bhith a’ dol gu Essex agus Hertfordshire, tha mi a’ dol a dh’fhuaireach taobh a-staigh mapa rèile Lunnainn airson an latha air fad.

Uile gu lèir thug e mu sheachdain dòigh obrachadh a-mach gus tadhal air gach terminus.

Seo mapa den turas agam.

Air m’ fhòn: The Clash – London’s Burning.

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

An Cadalaiche a’ tighinn dhan roinn phoblaich? #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Sgrìobh mi post-bloga greiseag air ais mun trèana-caidil – the Caledonian Sleeper – no “an leabaidh-trèana” mar a th’ aig mo nighenean air’! 

Thuirt mi gu bheil mu uamhasach deidheil air an t-seirbheis seo ach nach eil e cho math ’s a bu chòir dhi a bhith agus gun robh an t-àm ann a thoirt a-steach dhan roinn phoblaich mar a thachair le ScotRail. 

Lunnainn 400 mìle – an cadalaiche ann an Stèisean a’ Mheadhain

Dh’fhoillsich an Riaghaltas bho chionn ghoirid gu bheil cùmhnant Serco gus an Cadalaichte a ruith a’ tighinn gu crìch an ath-bhliadhna. Chanainn gur e deagh naidheachd a tha seo.

Tha mi an dùil is an dòchas gun tachair na rudan a leanas:

  • Gun tèid a chur air ais san roinn phoblaich agus gun tèid in-fhilleadh le ScotRail
  • Gun tèid na prisean ìsleachadh gus am bi an cadalaiche ag amas air luchd-siubhail àbhaisteach a-rithist agus gum bi e farspaiseach le plèanaichean a-rithist.
Aig deireadh na slighe, Lunnainn Euston

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Na rach seachad air tòisich – na cruinnich £200! A h-uile terminus Lunnainneach ann an latha #gàidhlig

Le alasdairmaccaluim

Bidh mi a’ dol air safari rèile gach bliadhna eadar an Nollaig agus a’ bhliadhna ùr. Anns an 10 bliadhna mu dheireadh, chaidh mi dhan Chaisteal Nuadh gus am meatro a dhèanamh ann an aon latha, gu Sheffield gus na tramaichean fhaicinn, dhan Dùn gus an aon rathad-iarainn ghlèidhte ann an Èirinn a Tuath fhaicinn agus fiù ’s gu Eilean Wight airson a dhol air na trèanaichean ùra.

Am-bliadhna, bidh mi a’ dol gu Lunnainn. (Agus Southend on Sea cuideachd – ach fàgaidh mi sin airson bloga eile).

Tha rathaidean-iarainn ùra ann an Lunnainn a bu toil leam fhaicinn. Tha an loidhne ghoirid ùr gu Barking Riverside agus nas cudromaiche Crossrail no Loidhne Ealasaid. Tha mi cuideachd airson Rail Mail fhaicinn – an rathad-iarainn fo-thalamh a b’ àbhaist a bhith a’ giùlan post fo shràidean Lunnainn agus a tha air ath-fhosgladh do luchd-turais le cothrom aig luchd-subhail a dhol air an trèana a-nis airson a’ chiad turais riamh!

Tha sin uile glè mhath – ach tha mi cuideachd air dùbhlan a chur romham – sin a bhith a’ dol dhan a h-uile terminus rèile ann an Lunnainn ann an aon latha. Tha sinn uile eòlach air cuid aca – Paddington bhon mhathan, Fenchurch Street, Marylebone, Liverpool  Street agus Kings Cross bho Monopoly, Kings Cross agus St Pancras bho Harry Potter – agus do mhuinntir Ghlaschu, ’s e Euston an stèisean a chleachdas sinn airson a dhol gu Lunnainn.

Sin stèiseanan gu leòr – ach tha barrachd ann. Uile gu lèir, tha 14 ann.

Seo mapa dhiubh (chan eil Mòorgate, an terminus as lugha san dealbh seo – ach tha e faisg air Liverpool Street).

Nis, tha e furasta gu leòr a dhol eadar gach stèisean air an tiùb – ach tha sin ro fhurasta dhomh. Tha mi airson a dhol eadorra uile air trèanaichean na lìonra-nàiseanta a-mhàin. Chan eil e cho furasta sin oir chaidh na diofar stèiseanan mòra a thogail le diofar chompanaidhean a bha a’ co-fharpais an aghaidh a chèile.  

Gabhaidh e dèanamh, ach tha e a’ toirt ùine mhòr agus feumaidh tu tòrr thursan rèile a ghabhail!

Seo na riaghailtean a th’ agam:

  1. Trèanaichean na lìonra-nàiseanta a-mhàin
  2. Tha e ceart gu leòr coiseachd eadar stèiseanan a tha faisg air a chèile mur eil dòigh phractaigeach ann ri dhol eadar termini ann an dòigh sam bith eile.

Chuir mi seachad trì no ceithir làithean le glainne-mheudachaidh, mapa de rathaidean-iarainn Lunnainn agus pìos pàipeir a’ cnuasachadh air a’ phlana agus mu dheireadh thall, chruthaich mi plana a bha a’ gabhail a-steach gach stèisean. Cha robh e idir furasta, gu h-àraid le Stèiseanan Marylebone agus Paddington (airson a dhol eadar an dà stèisean, saoilidh mi gum biodh agad ri dhol gu Oxford is air ais!)

Seo am plana agam mu dheireadh thall.

Ma tha duine sam bith an sin mìon eòlach air rathaidean-iarainn Lunnainn – no ma nas fheàrr air logistics na tha mi fhèin –  bu fhìor mhath leam do bheachdan a chluinntinn!

1 Charing Cross
2 Waterloo East
3 London Bridge
4 Cannon Street
London Bridge
5 Blackfriars
6 St Pancras
West Hampstead Thameslink – Coisich gu::
West Hampstead
Willesden Junction
Wembley Central – Coisich gu:
Wembley Stadium
7 Marylebone
Wembley Stadium
Wembley Central
8 Euston
Watford Junction
St Albans Abbey – Coisich gu:
St Albans City
St Pancras
Finsbury Park
9 Kings Cross
Finsbury Park
10 Moorgate
Highbury and Islington
Hackney Central – Coisich gu:
Hackney Down
11 Liverpool Street
12 Paddington
  Farringdon
Herne Hill
13 Victoria
Herne Hill
Liverpool Street
Romford
Upminster
14 Fenchurch Street
(Agus an uair sin, air ais gu Euston airson an trèana-caidil air ais a Glaschu!)

Chan eil mi buileach cinnteach an gabh na tursan rèile seo uile a dhèanamh ann an aon latha ge-tà – eil beachd sam bith agaibh?

Alasdair


Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week – Falkirk East

Le Oifigear Gàidhlig

This week we continue our journey around the different sgìrean – constituencies – of the Scottish Parliament – Pàrlamaid na h-Alba. We are back in the Central Belt for Falkirk East – An Eaglais Bhreac an Ear. Falkirk is an interesting name. In Gaelic An Eaglais Bhreac means the speckled kirk. This doesn’t make too … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week – Falkirk East

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico

Gaelic Word of the Week – East Lothian – Lodainn an Ear

Le Oifigear Gàidhlig

This week we continue with the our series on Scottish Parliament constituency names with a trip to East Lothain – Lodainn an Ear.  Gaelic place-names are thinner on the ground in this area than they are in other parts of Scotland – Alba – but there are still more than enough for us to look … Leugh an corr de Gaelic Word of the Week – East Lothian – Lodainn an Ear

Tadhail air Blog Pàrlamaid na h-Alba

Powered by WPeMatico