Bidh fios aig luchd-leughadh cunbhalach gu bheil mi beò-ghlaicte le Loidhne a’ Chinn a Tuath eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa.
Chaidh mi air turas eile ann tràth san Iuchar airson a dhol gu stèisean Allt nam Breac ann an Gallaibh a tha air ùr fhosgladh às dèidh dha a bhith dùinte far còrr is bliadhna.

Agus fhad ’s a bha mi aig tuath, chuir mi turas air dòigh thairis air a’ chrìch ann an Cataibh gu Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fhors an-Àird, àite a tha air a bhith air an liosta-bhucaid agam fad bhliadhnaichean.
Thòisich an turas agam le moch-èirigh Dihaoine gus am bus a ghlacadh dhan bhaile aig 6:15 airson trèana 7:07 gu Inbhir Nis agus trèana 10:40 gu Allt nam Breac. Chuir mi crìoch air beagan obair eadar-theangachaidh a bh’ agam ri dhèanamh agus an uair sin bha norrag-chumhachd agam agus chan fhada gus an robh sinn ann an Inbhir Nis.
Dh’fhalbh sinn air an uair air loidhne a’ chinn a tuath. Tha mi air a siubhal oirre gu math tric bho chionn ghoirid ach chan fhàs mi sgìth dhì uair sam bith. Tha an loidhne air fad dìreach àlainn le seallaidhean nach gabh a chreidsinn, eadar talamh àiteachas còmhnard, beanntan, lochan, seallaidhean den mhuir agus na flobhaichean (the flow country).
’S e rud sònraichte leis an loidhne gu bheil i a’ dol a-steach dhan tìr ann an taobh tuath Chataibh is Ghallaibh air slighe eadar-dhealaichte bhon rathad agus gum faic thu àiteachan nach fhaicear bhon chàr no bus, nam measg stèiseanan Fors an-Àird agus Allt nam Breac.
Chaidh mi gu Allt nam Breac an tòiseach. ’S e stèisean beag is iomallach a tha seo. Chanar gu math tric gur e Coire Odhar air loidhne na Gàidhealtachd an Iar an stèisean as iomallaiche an Alba ach ged nach eil ceangal rathaid dhan àite, tha taigh-òsta spaideil ann. Ann an Allt nam Breac, chan eil ceangail rathaid ann nas motha agus chan eil ach 4 no 5 taighean sgaipte ann agus gun rud sam bith eile ann!
’S e stad air iarrtais a th’ ann. Feumaidh tu innse do stiùiriche na trèana gu bheil thu airson ’s gun stad an trèana ann agus ma tha thu airson an trèana a ghlacadh ann an Allt nam Breac, feumaidh tu do ghàirdean a chur a-mach mar a dhèanadh tu le bus. Mur a dèan thu sin, cha stad an trèana ann.
Cha deach an stèisean a thogail gus coimhearsnachd no fiù ’s taigh-òsta a fhrithealadh ach a chionn ’s gun robh feum air tùr-uisge do na trèanaichean smùid agus air lùb seachnaidh gus am faigheadh na trèanaichean seachad air a’ chèile. Chuir e rud beag iongnadh air stiùiriche an trèana gun robh mi gu bhith a’ tighinn far na trèana aig stèisean cho iomallach.
Bha mi caran draghail mu bhith a’ tadhal air an stèisean oir dhùin i fad 18 mìosan mar thoradh air eus-aonta eadar na daoine leis a bheil an taigh ri taobh an stèisein agus Network Rail mu bhith a’ faighinn dhan àrd-ùrlar airson obair càraidh. Tha cùisean sìobhalta agus cùisean eucoireach air a bhith ann mun chùis.
Cha robh duilgheadas sam bith agam, ge-tà. Chaidh mi a-mach às an stèisean agus shìos an rathad agus choisich mi sìos gu Loch Dubh. Bha mi air planadh coiseachd na b’ fhaide ach ’s ann a bha e anabarrach fhèin teth. Feumaidh gun robh e mu 28c agus cha robh fiù ’s oiteag gaoithe ann agus glè bheag de dh’fhasgadh. Cha do smaoinich mi air “grian-dìon” no suntan lotion a thoirt leum nas motha – oir mar as trice cha bhi feum air a leithid ann an Gallaibh.
Chunnaic mi gu leòr air an turas ge-tà, a’ gabhail a-steach taigh treigte brèagha agus loidse Loch Dhuibh agus eile.





Chaidh mi air ais dhan stèisean às dèidh uair no dhà oir bha e fada ro theth. Chaidh mi a-staigh gu bothan an stèisein ach bha e fada ro theth an sin cuideachd! Shuidh mi sìos fo chraobh le leabhar ach ged a bha e na b’ fhuaire an sin, bha fada chus chuileagan ann. ’S e an superpower agam nach bi meanbh-chuileagan gam bhìdeadh idir agus bha sin feumail ach gu mì-fhortanach, tha creithleagan nan each (clegs) a cheart cho dèidheil orm ’s a tha iad air a h-uile duine eile agus bha gu leòr aca ann…
Chan eil trèanaichean cho pailt ann an Allt nam Breac agus bha dà uair a thìde ri feitheimh gus an tigeadh an ath thrèana gu tuath.
Shuidh mi sìos air a’ bheing air san stèisean agus thàinig an tè a tha a’ fuireach ann an taigh an stèisean gus bruidhinn rium agus thug i deoch fuar dhomh is bha mi fada na comain.
Thàinig a cearcan a-mach airson bruidhinn rium cuideachd.
Às dèidh sinn, dh’èist mi ri podcast no dhà gus an tàinig an trèana.

Bha an trèana gu bhith ann aig 17:20 ach cha robh sgeul oirre. Bidh na trèanaichean gu tric air dhèireadh air loidhne a’ Chinn a Tuath ach bha mi ann an stèisean gun clàr fiosrachaidh no siognal airson fòn làimh. Gu fortanach, tha fòn ann gus fios a chur gu ScotRail agus thog mi e is thuirt iad gun robh an trèana mu 25 mionaidean air dheireadh. Bha mi toilichte cluinntinn gun robh i air an t-slighe oir cha bhiodh an ath thrèana ann gu 21:50!




Às dèidh oidhche ann an Inbhir Theòrsa, ghlac mi an 08:34 gu deas agus ràining mi Fors an-Àird aig 09:13.
‘S e stèisean gu math iomallach is beag a th’ ann ach tha e cudromach oir tha lùb seachnaidh ann agus ’s ann an seo a bhios na trèanaichean eadar tuath is deas a’ dol seachad air a’ chèile.
‘S e stèisean àlainn a th’ ann cuideachd, le taigh an stèisean a-nis na ionad tadhail airson Tèarmann Nàdair Nàiseanta Flobhaichean Fhors an-Àird agus tha flùraichean gu leòr ann.
Fhuair mi beachd airson còmhlan roc ann an Ionad an RBPB cuideachd:
“Hallò Cleveland, is sinne:

Agus seo a’ chiad òran bhon chlàr concept dùbailte againn:

Tha ionad nam Flobhaichean fìor mhath le gu leòr mu cho cudromach ’s a tha iad dhan àrainneachd agus mun obair a tha iad a’ dèanamh gus cur às do na craobhan a chaidh a chur ann sna 1980an a tha a’ drèanadh nam flobhaichean agus a’ leigeil CO2 a-mach.
Tha e fìor mhath ath-bheòthachadh nam flobhaichean fhaicinn.
Tha ceum-coiseachd ùr ann le tùr le seallaidhean matha den sgìre agus pannalan fiosrachaidh mu nàdar anns na boglaichean.




Aon rud a bhuail orm, ’s e nach robh Gàidhlig ri fhaighinn ann an soidhnichean no eadar-mhìneachadh ach a-mhàin ach a-mhàin an rud gu h-àrd (“Blazing knitting needles”).
Airson Tèarmann Nàdar Nàiseanta, tha e neònach nach eil soidhnichean Gàidhlig ann idir. Chan eil mi a’ utigsinn carson nach eil barrachd cuideam air a’ Ghàidhlig anns na tèarmainn nàdair nàiseanta. Dh’fhàg mi nòta ann an an leabhran an luchd-tadhail mu dheidhinn.
Chaidh mi airson srùbag ann an seòmar-tì Loidse Fors an-Àird agus nuair a thill mi dhan stèisean, chunnaic mi gun deach mo thrèana gu deas a chur dheth is gum biodh trì uairean gu leth ann dhan ath thrèana. Chuir mi fios gu ScotRail air a’ fòn aca air an àrd-ùrlar agus thuirt iad nach biodh e comasach còmhdhail eile a chur air dòigh. Leis gun robh e air leth teth agus gun robh mi ann na àite gu math iomallach gun ghioreasan, mhol iad gum bu chòir dhomh an ath thrèana gu tuath a ghlacadh gu Inbhir Ùige is air ais oir ’s e sin an ath thrèana a bhiodh a’ dol gu deas co-dhiù.
Mar sin, bha latha fada agam ach fhuair mi leisgeul a dhol air ais a dh’Inbhir Ùige air an trèana!
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean























