Le Helena Gowan
Powered by WPeMatico
Tadhail air Guth Bhon Iar
Trusaiche blogaichean
Le Helena Gowan
Powered by WPeMatico
Tadhail air Guth Bhon Iar
Le Rody Gorman
Powered by WPeMatico
Tadhail air Gormanaich
Le lasairdhubh

Choimhead mi Dune 2 a’ chiad uair air an sgàilean mhòr aig a’ Highland Cinema anns a’ Ghearasdan na bu tràithe am bliadhna, agus nuair a thàinig mi a-mach às an taigh-dheilbh, bha mi air chrith. Cha chreid mi gun tug film eile an aon bhuaidh orm on a chunnaic mi a’ chiad Star Wars anns an taigh-dheilbh is mi nam bhalach bheag air ais an 1977. Cheannaich mi an DVD, agus choimhead mi a-rithist e thar an deiridh-sheachdain corra thuras, agus ged nach robh an aon bhuaidh aige air an sgàilean bheag, bha e fhathast uabhasach math.
Tha fios gun robh mòran iomagaineach, agus ’s e faochadh a th’ ann gu bheil e cho math ’s a tha e. Bha an leabhar cianail cudromach dhomh nuair a bha mi òg, agus easbhaidhean an dàrna taobh, tha mi cuideachd measail air a’ film aig David Lynch. Bha a’ chiad film anns an t-sreath ùr seo glè mhath, ach bha fios gum biodh an dùbhlan a bu mhotha ri thighinn anns an dàrna fear. An soirbhicheadh le Denis Villeneuve far nach do shoirbhich le Lynch no Alejandro Jodorowsky roimhe?
Ann am meadhan nan seachdadan, nuair nach deach e le Jodorowsky, dh’fhalbh George Lucas, agus rinn e Star Wars, a bha, gu h-ìre mhòr, na thionndadh faoin ach spòrsail air an sgeulachd aig Frank Herbert, agus leis an fhìrinn innse, is dòcha gum b’ e deagh rud a bha sin. B’ e film às na 70an a bh’ ann an Star Wars gu a chùl. Cha chreid mi gum freagradh an Dune aig Villeneuve air an linn sin, ach tha e a’ faireachdainn buileach iomchaidh dhan linn againne, le a chnuasachadh air cumhachd agus air a’ chunnart an cois ceannardais mhesiasaich.
’S e film dorcha gun dòchas a th’ ann, agus ’s ann mar sin a lorg mi an nobhail nuair a bha mi òg. Tha an saoghal aig Dune uile gu lèir Machiavellianach. ’S e deachdairean geur-chùiseach a th’ ann an teaghlach Paul Atreides, dìreach rud beag nas sìobhalta na an teaghlach Harkonnen, ach iad nan deachdairean fhathast. Agus còmhla ris na Bene Gesserit, an Spacing Guild, an Iompaire fhèin: tha iad uile a’ cluich an aon gheama chumhachd, geama gun iochd. “This world is beyond cruelty,” mar a chanas Paul anns a’ film, agus tuigear gu bheil e a-mach air an t-saoghal aige air fad, chan ann a-mhàin air Dune fhèin.
Tha Dune 2 dìleas dhan lèirsinn dorcha a thug buaidh cho làidir orm nuair a bha mi nam bhalach, agus nach do bhris e mo chridhe a-rithist, ceathrad ’s a chòig bhliadhna air adhart, air latha dorcha, fliuch, ann am baile beag, glas, fada on bhaile mhòr, uaine, làn dòchais far an d’fhuair mi m’ àrach òg.
Powered by WPeMatico
Tadhail air Air Cuan Dubh Drilseach
Le Gordon Wells
Talking to Coinneach MacÌomhair, Alexina Graham and Mal Macleod remember growing up in Vatisker.
With the support of CIALL, here’s another film from Comann Eachdraidh Sgìre a’ Bhac that has now been added to the Clilstore platform combining the YouTube video with a wordlinked transcript.
You can find the Clilstore unit here: https://clilstore.eu/cs/11981.
Powered by WPeMatico
Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean
Chan ann a h-uile seachdain a dh’fhosglas rathad-iarainn ùr, ach gu h-iongantach, dh’fhosgail dà loidhne ùr sa cho-latha-deug mu dheireadh agus fhuair mi cothrom a dhol air an dà chuid.
Dh’fhosgail an loidhne ùr gu Lìobhainn ann am Fìobha air 2 Ògmhios. Seo loidhne ùr bho Cheann Rèile Thornton gu Cameron Bridge agus Lìobhainn.
Bha an rathad-iarainn seo uair na phàirt de loidhne Costa an Ear Fhìobha eadar Lìobhainn agus Cill Rìmhinn taobh nam bailtean beaga air a’ chosta, leithid Peit na h-Uaimhe is Cair Ail.
Dhùin an loidhne eadar Lìobhainn is Cill Rìmhinn ann an 1964, ach chaidh ceann a tuath (Luacharas – Cill Rìmhinn) agus ceann a deas na loidhne (Thornton gu Lìobhainn) a chumail Fosgailte gu 1969.
Tha an eaconamaidh ann an Lìobhainn agus na sgìre làimh ris air a bhith ann an droch staid fad bhliadhnaichean agus b’ e Lìobhainn/mòr-sgìre Inbhir Lìobhainn an t-àite as motha ann an Alba aig nach robh stèisean rèile.
Às dèidh iomairt làidir bho bhuidheann iomairt ionadail le freumhan làidir sa choimhearsnachd, dh’aontaich an Riaghaltas an loidhne ath-fhosgladh.
Bha an iomairt fìor mhath is fìor phroifeiseanta, a’ ceangal na h-iomairt ri iomairtean eaconamach, sòisealta agus còmhdhail nas motha seach dìreach ris an rathad-iarainn fhèin. Saoilidh mi gun tug seo buaidh mhòr air a’ Chomhairle agus air an Riaghaltas agus tha iad air cuideam gu leòr a chur air leasachadh sòisealta is eaconamach agus air ceanglaichean bus is còmhdhail ghnìomhach mar phàirt den phròiseact.
Air latha an ath-fhosglaidh, rinn mi air Dùn Èideann gus a’ chiad trèana eadar Dùn Èideann agus Lìobhainn a ghlacadh. Bha trèana 09:14 trang agus bha deagh atmosphere ann air bòrd. Bha gu leòr trainspotters air bòrd, a’ gabhail a-steach gu leòr òigridh – rud a bha brosnachail.
Nuair a stad an trèana ann an Cair Challdainn, thàinig sguad mòr a-steach, a’ gabhail a-steach tòrr mòr YouTubaichean rèile ainmeil– SimOn Trains, Jen on the Move, David Badley is eile – gaisgich uile! Bha daoine a’ fiolmadh is a’ gaireachdainn air feadh na trèana. ’S e a bh’ ann ach cèilidh air cuibhlichean!
Goirid às dèidh sinn, dh’fhàg an trèana a’ phrìomh loidhne aig Ceann-rèile Thornton a Tuath agus bha fuaim gu leòr ann – daoine a’ bualadh am basan agus ag èibheach a-mach.
Tha an loidhne cha mhòr uile dà fhillte, a’ fàgail rùm gu leòr airson fàs agus a’ dèanamh cinnteach nach bi tuilleadh sa chòrr dàil air trèanaichean. Tha e coltach gu bheil na h-ùghdarrasan air leasan ionnsachadh bho loidhne nan Crìochan.
Anns na Crìochan, tha barrachd den loidhne aon-fhillte na chaidh a mholadh an tòiseach. Ged a bha seo math gus dèanamh cinnteach gun rachadh an loidhne a thogail le bhith a’ cumail cosgaisean aig ìre reusanta, cha robh e idir freagarrach san ùine fhada – cha ghabh barrachd thrèanaichean a ruith is tha dàil air tòrr de na trèanaichean a th’ ann mar-thà mar thoradh air seo.
Ach cha robh dàil sam bith oirnn air loidhne Lìobhainn co-dhiù agus chan fhada gun an robh sinn ann an Cameron Bridge. Bha pìobairean agus pàrtaidh fàilteachaidh ann gus coinneachaidh ruinn.
Goirid às dèidh sin, chaidh sinn seachad air Rathad-iarainn Glèidhte Fhìobha (Fife Heritage Railway) agus bha iad air einnsean smùid a chur a-mach gus fàilte a chur oirnn.
Às dèidh còig mionaidean, bha sinn ann an Lìobhainn fhèin.
Tha an loidhne air a cuairteachaidh le aibhnichean cha mhòr na slighe – leis an Abhainn Odhar air aon taobh agus an Abhainn Lìobhainn air an taobh eile.
Ann an Lìobhainn fhèin, tha dà àrd-ùrlar aig an stèisean agus tha iad fada gu leòr airson trèanaichean le 8 carbadan no mar sin. Mar sin, bidh e comasach trèanaichean charter – tursan rèile is a leithid – a thoirt dhan bhaile.
Abair gun robh pàrtaidh ann aig an stèisean – comhairlichean, luchd-iomairt bhon Levenmouth Rail Campaign, pìobairean, clann sgoile, trainspotters, YouTubaichean agus muinntir an àite.
Choinnich mi ri mo charaid is co-obraiche Michaela a tha a’ fuireach sa bhaile. Às dèidh cofaidh agus turas dhan tràighe le ar co-obraiche Ewan, rinn sinn air meadhan a’ bhaile far an robh fèill agus consairt ann gus an t-ath-fhosgladh a chomharrachadh. Tha mi an dùil is an dòchas gun cuir an rathad-iarainn ùr ri ath-bheothachadh na sgìre agus gun tèid a chleachdadh le muinntir an East Neuk a bharrachd air muinntir mòr-sgìre Lìobhainn.
Chaidh sinn gu Rathad-iarainn Ghlèidhte Fhìobha cuideachd, a tha dìreach taobh a-muigh meadhan a’ bhaile, agus fhuair mi cothorm a dhol air Shunter Àireamh 4, a bha ag obair air an Lochty Private Railway, nach maireann, ann am Fìobha nuair a bha mi nam bhalach bheag.
Seo e ann an 1986.

Agus seo e am-bliadhna – faic cò a th’ aig an stiùir!
Bha deagh latha agam ann an Lìobhainn agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhan loidhne ùir.
Dìreach deich latha às dèidh sin, bha mi a’ dèanamh air Sasainn far an do dh’fhosgail an loidhne trama ghoirid ùr ann am Blackpool eadar a’ phromanaid agus stèisean Blackpool a Tuath air 12 Ògmhios.
Bha Blackpool riamh ainmeil airson tramaichean.
Ged a bha na siotaman tramaichean uile san RA air dùnadh ro mheadhan nan 1960an, chùm Blackpool na tramaichean aca agus bha iad mar phàirt shuaicheanta de dh’iomhaigh a’ bhaile.
Bho 1963 a-mach, tha dìreach aon loidhne air a bhith ann am Blackpool – Fleetwood gu Starr Gate, taobh na Promanaid. Am measg nan loidhnichean a chaidh a dhùnadh, bha loidhne ann eadar a’ Phromanaid agus Stèisean Blackpool a Tuath – prìomh stèisean a’ bhaile.

Chaidh an loidhne sin ath-fhosgladh mar phàirt de dh’iomairt gus sgìre Cearnag Talbot a’ bhaile ath-bheothachadh. Ged nach eil an loidhne ach goirid (timcheall air ½ mhìle), tha i gu math feumail, a’ toirt daoine gu dìreach bhon stèisean dhan phromanaid agus do na taighean-òsta agus goireasan an sin. Bidh i math do dh’eaconamaidh a’ bhaile, lùghdaichidh i trafaig agus bidh i math dhan àrainneachd.
Dh’fhosgail an loidhne air 12 Ògmhios le trama sònraichte do dhaoine a bhuannaich co-fharpais gus “tiocaid òir” fhaighinn. Ged nach robh tiocaid agam fhèin, chaidh mi ann gus an latha mòr fhaicinn oir fhuair mi tiocaid trèana eadar Glaschu is air ais air £30. (Agus leis gun robh an trèana dhachaigh agam 15 mionaidean air dheireadh, fhuair mi £5 dhe sin air ais tro Delay Repay). Abair baragan!
Chaidh mi dhan stad trama ùr gus a’ chiad trama fhaicinn agus an uair sin, chaidh mi air an trama gu Fleetwood agus an sin gu ceann eile na loidhne ann an Starr Gate.
Tha mi air a bhith ann am Blackpool dà thuras roimhe – ann an 2010 gus na seann tramaichean uile fhaicinn mus deach an siostam ùrachadh agus ann an 2012 gus na tramaichean ùra agus an loidhne ùraichte fhaicinn. Bha am baile ann an droch staid aig an àm – tòrr bhùithean is taighean-òsta dùinte agus toglaichean falamh a bha a’ dol a dholaidh. Bha cuid de na sràidean a bha dìreach sràid air falbh bhon promanaid a’ faireachdainn caran salach is cugallach cuideachd.
Tha trioblaidean mòra air a bhith aig a’ bhaile bho na 1960an nuair a thòisich saor-làithean package dhan Spàinn is eile air prìsean gu math ìosal. Agus tha tòrr dhaoine a’ faicinn Blackpool mar àite air leth tacky cuideachd. Chanainn ge-tà gur dòcha gu bheil am baile air beagan adhartas a dhèanamh bho bha mi ann mu dheireadh. Bha nas lugha de thoglaichean trèigte ann, bha meadhan a’ bhaile nas glaine agus nas spaideile na bh’ ann roimhe agus bha barrachd nithean ann do luchd-turais nach eil beò ghlaichte le candy floss, chips agus variety performances.
Agus chanainn gu bheil an loidhne trama ùr air cur ri ath-bheothachadh a’ bhaile.
Mar a thuirt an sàr YouTubaiche rèile Geoff Marshall, “trains make everything better”! Tha fios gum bi feum aig Lìobhainn agus Blackpool air barrachd na dìreach rathaidean-iarainn ùra ach ’s e deagh thoiseach tòiseachaidh a th’ ann gun teagamh.
Alasdair
Powered by WPeMatico
Tadhail air Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Le Gordon Wells

Select any video clip in this landscape format, or use the phone-friendly portrait layout.
Shetlander Christie Williamson is the focus of this third “poets in exile” collection in our experimental extension of the Island Voices “capture and curation” model into new contexts and languages. This follows on from Jamaican in Wales with Audrey West, and Gaelic in Shetland with Donald S Murray, all supported by CIALL.
As the documentary reveals, while Christie has been a resident of Glasgow for over twenty years, he has also travelled extensively to present his poems around the world, while keeping a firm grip on his Shetland roots from which he derives so much inspiration. The documentary also presents snatches from his poetry and a conversation with Chris Stout. Lengthier examples are presented in additional video clips.
In the first poetry clip, Christie recites a selection of his Shetlandic poems from his collection “Oo an Feddirs”. In the second clip he reads from “Doors tae Naewye”. The third clip features contributions to the collections “Break in Case of Silence”, and “What Winter Wants”.
The examples of unscripted speech are from a conversation in which Christie talks to fellow Shetlander Chris Stout, who is also now a Glasgow resident.
In Part 1 the topics covered include Shetland schooldays and hostel living, ferry journeys to the mainland in student days, and what living in Glasgow is like for Shetlanders.
In Part 2, they talk about what it’s like to go home to Shetland for visits, and how mobile phones, particularly in the wake of Covid, have enabled Shetlanders to keep in closer contact.
All films in the collection (including additional versions of the documentary in Gaelic and English) can be accessed through the above poster in either landscape or phone-friendly portrait layout.
Powered by WPeMatico
Tadhail air Island Voices – Guthan nan Eilean
Le Helena Gowan
Powered by WPeMatico
Tadhail air Guth Bhon Iar